Leòdhas
Fuaran Stoth NB 523659
Tha e seo an Nis, air taobh an iar an rathaid os cionn bàgh Stoth, faisg air Rubha Robhanais. ’S e fuaran le bùrn an iarainn a tha seo, ’s bha e na chleachdadh aig daoine a bhith a’ dol thuige airson leigheas stamaig no airson faireachdainn na b’ fheàrr annta fhèin an dèidh deoch òl às. Chan eil buileach fada bho sguir daoine a dhol thuige le muga agus sileagain.
Fuaran an Dèididh NB 535650
Tha e seo ann an Geodha a’ Chruidh anns a’ chladach anns a’ Chnoc Ard, mu choinneimh aghaidh a tuath Dhun Eisdein. ’S e tè de thobraichean an dèididh a bha seo, ’s daoine a’ dol thuice airson faochadh fhaighinn bhon dèideadh. Bhiodh iad a’ toirt seachd balgaman às an fhuaran agus a’ spùtadh sia dhiubh sin air lic a bha ri taobh na tobrach, agus ag òl an t-seachdamh balgam.
Tha MacPhàil a’ toirt cunntas eadar-dhealaichte, “At Duneistein, near the Butt of Lewis, there is a well at the base of a high rock quite close to the sea, which goes by the name of‘Fuaran an dèididh’ ,Toothache Well, and which is supposed to cure the toothache. The cure consists in taking in succession three mouthfuls of the water in this well, which are to be kept in one’s mouth as long as convenient. Then each mouthful is to be spurted out on a large stone in a cave close at hand, on which the sun never shines. People afflicted with toothache still resort toFuaran an Dèididhfor cure. The writer, in the sixties (1860s), was persuaded to do so. ” (445-446). (B’ ann à Siabost a bha MacPhàil: bha e ann an Nis na fhear-teagaisg Gàidhlig aig an àm ud).
Anns na bliadhnaichean bho dheireadh tha a’ mhuir air an tobair seo a dhùnadh agus air falbh leis an lic.
Tobar Rònain/Tobar an Teampaill NB 518649
Tha i seo ris an rathad an Eòropaidh agus bha an sluagh a’ faicinn ceangal eadar i agus dà theampall - Teampall Mholuaidh agus Teampall Rònain - a bha faisg air làimh.
Chleachd iad a bhith toirt daoine le tinneas inntinn gu Teampall Mholuaidh. Bha creideamh ann gum faigheadh daoine mar seo leigheas nan caidleadh iad oidhche ceangailte ri altair an teampaill. Bha aig an duine ri thighinn chun an Teampaill an tuiteam na h-oidhche agus a dhol mun cuairt air seachd uairean deiseil. Bha aige an uair sin ri uisge na tobrach seo òl, agus a bhith air a bhaisteadh le uisge a thigeadh aiste. Bha an t-uisge air a ghiùlan ann an soitheach beag, ’s bha an soitheach sin an cùram teaghlach a bhuineadh do ‘chlàrcaichean an teampaill’.
Tha am fiosrachadh air tighinn thugainn am beul-aithris agus ann an leabhraichean. Sgrìobh Arthur Mitchell (1862) a bha na fhear-dreuchd, air feadh Alba, os cionn dhaoine le tinneas inntinn: “Lunatics are brought from many parts of the north-west of Scotland to this ruin. One man who
Bha MacPhàil na thidsear òg ann an Nis, ’s ghlac e dealbh sònraichte air a’ chleachdadh: “One of my earliest recollections in connection with the temple was one day, hearing people remarking that a young man, whose mind happened to be unhinged at the time, had been seen passing through the district in which I lived, in the custody of his friends, on his way to ‘Teampull-Eoropie’. I was slightly acquainted thirty-five years ago with the individual in question. He was then quite sane. ”
Fuaran nam Maoim NB 556568
Tha e seo air mòinteach Nis. Chur dithis bhràithrean à Lìonal mullach samant air.
Sgrìobh Murchadh MacIlleathain à Tàbost, Nis: “Rud beag a-mach air Gil Sgioba Gearraidh bha Airigh nam Maoim, agus bha fuaran an sin às am biodh daoine ag òl, is iad a’ smaoineachadh gu robh e math airson siud agus seo. Bha e làn iarainn.”
Fuaran a’ Ghròdhair NB 510637
Tha e seo ri taobh Abhainn Shuaineaboist, am broinn gàrradh an tac, faisg air tràighean is machraichean.
Bhiodhte a’ toirt bùrn às airson dèideadh.
Tobar Chliamain NB 490624
Bha i seo an Dail bho Thuath, faisg air far an robh Teampall Chliamain, deas air Arnaistean. Chan eil fiosrachadh aig duine an-diugh oirre, ís cha deach dad a chur sìos ann an sgrìobhadh.
[28]Tobar Bhrìghde NB 411574
Tha i seo faisg air Cladh Bhrìghde ann am Mealabost Bhuirgh. Tha i air a dèanamh an-àirde le samant agus tha daoine fhathast a’ toirt uisge aiste. Tha an doras aice cumhang ach leathainn gu leòr airson peile caol a’ cheàird. Bha an t-uisge aice math airson faochadh bhon bhuidhich.
Tobar an Dèididh NB 4056
A rèir Phàdraig Mhic a’ Ghobhainn à Borgh bha an tobar seo a-staigh faisg air a’ chladach air an lot as fhaisg air Abhainn Bhuirgh air an taobh an iar dhith. Bhiodhte a’ dol thuice a’ chiad char anns a’ mhadainn agus chan fhaodadh duine d’ fhaicinn ri dol thuice. Thuirt e gur e tobar bheag a bh’ innte.
Tobar Anndrais NB 384554
’S e seo te de thobraichean fhìor-ainmeil nan Eileanan an Iar.
’S e Màrtainn Màrtainn a thug cunntas mìorbhaileach oirre an toiseach:
“St Andrew’s well, in the village of Shader, is by the vulgar natives made a test to know if a sick person will die of the distemper he labours under. They send one with a wooden dish to bring some of the water to the patient, and if the dish, which is then laid softly upon the surface of the water, turn round sun-ways, they conclude that the patient will recover of that distemper; but if otherwise, that he will die: ” (90).
Tha an tobar ainmeil seo an-diugh air a lìonadh le clachan agus post feansa.
Fuaran an Dèididh NB 381554
Tha e seo shìos anns a’ chladach an iar-thuath air Teampall Pheadair. Tha a’ bhruthach air tuiteam air a-nis is chan eil lorg air.
Tobar Mhoire NB 382550
Canar cuideachd an Tobar Mhòr agus Tobar Eire ris an tè seo.
Tha i ris an rathad faisg air Mol Eire. Ged a tha mothachadh aig daoine fhathast gu bheil i ann, chan eil cuimhne air leigheas a bhith na cois.
[32]Fuaran Bhìogair NB 347519
Tha e seo an sgor creige ann an cladach Bhìogair am Barabhas.Tha uisge blasta, fuar anns an fhuaran seo fad na h-ùine.
Bha e airson dèideadh agus cuideachd air a chleachdadh gus cobhair a thoirt do dhaoine le tinneas inntinn.
Fuaran Bhuinnisgro/Ghuinnisgro NB 355483
’S ann anns a’ mhòintich a tha e seo, an iar air Abhainn Bharabhais, mu mhìle an iar-dheas air a’ bhaile. Tha e mòr: mu throigh a leud ’s mu dhà throigh a dh’fhaid, le cliathaichean buidhe/dhonn. The leac bhrèagha gheal na seasamh ri thaobh.
A rèir Phàdraig Mhicleòid à Barabhas, bhiodh daoine le tinneas an t-siùcair no le stamaig ghoirt a’ tighinn thuige: bhiodh daoine a’ cur a-mach na dh’òladh iad, ’s bha seo a’ toirt faochadh dhaibh. Bhiodhte cuideachd a’ dol thuige airson siataig.
Fuaran an Talaimh Mholaich NB 305485
Tha am fuaran seo anns na lotaichean, aig Cnoc an Ois, an iar air baile Arnoil.
Bha ainm aig an fhuaran seo feum a dhèanamh do dhaoine le stamaig ghoirt. Bhiodh an Dr Ross a’ toirt an uisge aige do dhaoine le stamaig ghoirt.
A h-uile Sàbaid chleachd balaich a’ bhaile a bhith dol thuige le flasg nam pòcaid.
Fuaran Buaile Dhòmhnaill NB 289486
Bha e seo anns na lotaichean am Bradhagair, am measg nan claisean coirce is eòrna, mu dhà cheud slat deas air Teampall Eòin. Dh’fhaodadh gur e an tobar a bhiodh aig muinntir an Teampaill uair dhan robh an saoghal. Bha e ann an sloc am measg an fheòir, mu thrì troighean a leud. Bha sùil bheò uisge ag èirigh an-àirde na meadhan, ’s bha lì mar ola air uachdar an uisge.
Bhiodhte a’ toirt a’ bhùirn aige gu daoine bha tinn; uaireannan daoine bha anns an ospadal an Steòrnabhagh. A rèir Aonghais Phàdraig à Bradhagair, bha iad ga cleachdadh cuideachd airson dèideadh.
Mu 1980 chaidh a spealgadh às a chèile le JCB.
Fuaran Gharson NB 264485
Tha e ann am bàgh chlach aig Garson ann an Siabost: tha am fuaran ann an sgor aig bonn stiogha agus air an làimh chlì mar a chromas tu. Tric le gairbhseach bidh e a’ lìonadh le clachan-muile.
Chleachd daoine a dhol thuige airson an slàinte.
Tha anOrdnance Survey Word Bookag ràdh: “Apparently a kind of spa. ”
Tobar ’ic Thòmais/ Tobar Bhalabhair
NB 198446
Tha an dà ainm air an tobair seo. Tha i anns a’ mhòintich, gun chlachaireachd, an ear air baile nan Geàrrannan. Tha aol innte. Tha aithris air daoine a bhith dol thuice seo airson bùrn a bheireadh iad do dhaoine a bha tinn. Bhithist a’ toirt botail dhen bhùrn gu luchd an àite nuair a bha iad anns an ospadal. Tha cunntas air a’ bhùrn aice bhith air a thoirt do dhaoine a bh’ air leabaidh am bàis: gum biodh miann a’ tighinn orra.
Bha ri ràdh nan dèanadh bò buachair faisg air an tobair gum briseadh an tobar a-mach an àite eile.
Tobar Chiarain NB 185426
Tha i seo shìos ann an Laimsiadar, an ear air luib anns a’ bhalla a tha a’ ruith tarsainn air amhaich an rubha.
Thug Màrtainn Màrtainn cunntas oirre cuideachd: “ (A well) at Loch Carlvay, that never whitens linen, which hath often been tried by the inhabitants. ” (90).
Bha Teampall Chiarain faisg air làimh, agus cuideachd Stiogha Chiarain a’ cromadh sìos faisg oirre.
Bha e air aithris gum biodh daoine a’ tighinn ’s a’ dol air an glùinean aig Càrn a’ Bheannaich, a tha faisg air làimh, agus gum biodh an sagart gam beannachadh le uisge à Tobar Chiarain. Bhiodh iad an uair sin a’ cur an ceann air cloich agus ri cadal an dèidh dhaibh a bhith air am beannachadh mar seo, agus gur e clach shònraichte a bh’ innte.
Sgrìobh MacPhàil anns an Oban Times (1898): “Anyone with a lingering disease was taken to Ciaran’s shrine. Walkeddeiseil (sunwise) round the temple. Whatever the ailment, if he could be induced to sleep in the temple he was sure to begin forthwith to improve. ”Tha seo glè choltach ri cunntas Mhàrtainn Mhàrtainn air Teampall Mholuaidh an Eòropaidh.
Tobar Chiarain NB 194428
Gu h-annasach ’s e seo an dàrna tobar an Càrlabhagh air a h-ainmeachadh às dèidh Chiarain. Tha i seo anns na lotaichean, agus ged a tha ainm an naoimh oirre chan eil lorg an-diugh gu robh daoine a’ dol thuice airson leigheas.
Tobar Càrn an Dòbhrain NB 342207
Tha i seo ann an Aird a’ Chaolais an iar thuath air Cliacabhagh an ceann a tuath Chalanais. Tha i anns a’ mhonadh agus coltas oirre gur e tobar iarainn a th’ innte. Bhiodh daoine a’ dol thuice airson slàinte: mar as àbhaist bha iad a’ samhlachadh an uisge aice ri uisge Strathpeffer (An Tobar).
Fuaran Tràigh Theinis NB 117353
Canar cuideachd Fuaran an Dèididh ris.
Tha e ann an sgor mu throigh a leud anns a’ chreig bhos cionn a’ chladaich, air aghaidh an iar Rubha a’ Chaolais, deas air an Stung, agus faisg air Tràigh Theinis air an Rif, ann an Uig. Uaireannan tha e air a lìonadh le feamainn-dubh, ach aon uair ’s gu bheil e air a chartadh tha an t-uisge geal glan. Tha aol mun cuairt air.
’S e an sgeul gu robh ri dhol thuige air chiallaidh, a’ chiad char anns a’ mhadainn. Dh’fheumadh cuideigin a bhith còmhla riut ach chan fhaodadh sibh bruidhinn ri chèile a’ dol thuige no a’ tighinn air ais. Bha thu a’ toirt trì balgaman às; bha thu a’ cur a’ chiad dhà sìos dhan mhuir agus ag òl an treas fear.
Tobar a’ Bheannachaidh NB 038378
Bha i seo faisg air Taigh a’ Bheannaich, an iar air baile na h-Airde, an Uig. Tha T.S. Muir a’ dèanamh luaidh oirre, ach chan eil beul-aithris a-nis a’ dèanamh inneas sam bith oirre.
Fuaran an Dèididh NB 037334
Tha e seo an Crabhlastagh, aig Creag Reithamul, faisg air Poirt Bhasdair. Tha e ann an sgor creige bhos cionn na tràghad.
Bhiodhte a’ dol thuige airson leigheas dhan dèideadh.
Fuaran Bhaile na Cille NB 047338
Bha teampall anns a’ chladh air an robh Teampall Chrìosd; bha e aig Màrtainn mar‘St Christopher’s Chapel in Uge’ .Agus tha T.S. Muir (1885) ag ràdh mun fhuaran: “At Uig, 8 miles north of Mealastadh, there is a well called Tobar Nec Cieres, but no remains of the ancient church which was dedicated to Saint Christopher. ” (40-41).
Fuaran Gheòdabrigh NB 542462
Tha am fuaran seo anns a’ chladach, deas air a’ chidhe, ann an Tolastadh.
Chleachd daoine a bhith dol thuige airson leigheas airson sùilean gort. Bhiodh iad a’ suathadh an uisge rin sùilean.
Tobar Chùisdein
Tobar Chùisdein NB 514337
’S e Màrtainn Màrtainn a thug inbhe dhan tobair seo: “St Cowsten Church. The well there never boils meat of any kind though it be kept on the fire all day. ” (90). Bha seo caran coltach ris a’ chunntas a thug e air Tobair Chiarain ann an Laimsiadar.
Thug an OSOriginal Name Bookcunntas fada oirre, agus nasappersaice air 30 An Gearran, 1876: “St Cowstan’s Well. A spring of excellent water between Garrabost and the shore. The water gushes out beneath the bank with considerable force and falls into the sea. On the farm of Garrabost. In ancient times the well was held in great esteem. Tradition is that all manner of diseases used to be cured by placing the patient under the cliff where the water falls to the shore. ”
Chan eil teagamh nach e àite coisrigte bha seo, leis an teampall agus an tobar làmh ri chèile, ’s àite aig daoine dha thoirt dhaibh.
Tobar na Claich Glais NB 5225335
Tha i seo anns a’ mhòintich deas air Allt na Muilne ann an Garrabost. Tha clach os a cionn. Bhiodhte a’ dol thuice gus leigheas fhaighinn airson stamaig ghoirt.
An Tràiseachadh NB 4433
Tha i air taobh tuath Shandabhaig. Bhiodhte a’ cluinntinn ceòl pìoba innte, agus a rèir beul-aithris thug na sìthichean leotha nighean a bha dol dhan tobair.
Fuaran Shòbhal NB 348247
Tha e seo os cionn an rathaid, tuath air Loidse Shobhal. Fuaran brèagha tha seo le grunnd de chriadh ghorm. Tha an t-uisge air leth fuar, agus mar gum biodh pronnastan ann. Bhiodh daoine a bha a’ dol an rathad tric a’ tadhal aige. Gu fortanach, tha fear Fionnlagh MacIomhair ga glanadh is a’ gabhail a cùraim: ’s bochd nach eil barrachd dhe sheòrsa mun cuairt.
Fuaran an Dèididh NB 415171
Tha e seo am baile Chalboist, ach chan eil cuimhne aig daoine ach air an ainm. Theireadh cuid ‘Fuaran a’ Chapaill’ ris. Tha e faisg air an Tobair Mhòir. Tha e air a lìonadh le clachan gus bith carson.
Fuaran an Dèididh NB 3915
Tha e seo aig Loch Fuaran an Dèididh, an Grabhair. A rèir Mhurchaidh MhicMhathain à Grabhair, bhiodh daoine a’ dol thuige nuair a bha iad air an lèireadh leis an dèideadh.
title | Leòdhas |
internal date | 2000.0 |
display date | 2000 |
publication date | 2000 |
level | |
parent text | Tobraichean sláinte anns na h-Eileanan an Iar |