[60]

Uibhist a Deas

Tobar na Cròic NF 739455

Bha i seo aig aChròic, an Aird aMhachair aig achladh ùr. Bhiodhte atoirt botail dhen uisge aiste airson leigheas. Tha ri ràdh gun deach an tobar seo fon t-siaban, ach tha fios fhathast aig muinntir an àite càit a bheil i.

Tobar Crò Naomh

Bha i seo an Druim Mòr. Tha cunntas oirre aig Carmichael (1900): “A well at Drimore, in South Uist, is calledTobar Cro Naomh’ , Well of the Holy Heart. All who drank of its refreshing and curative waters placed a votive offering in the cairn beside the well. ” (260).


[61]

Tobar Beinn Ghòit

Tha an tobar an Uisinis eadar Beinn Ghòt agus aBheinn a Tuath, mu mhìle on taigh-sholais. Bhiodhte adol thuice airson slàinte, agus bhiodhte afàgail airgid innte.

Tobar Easbaig Eòghainn NF 804402

S ann a-muigh anns amhonadh aig bonn Beinn an Tairbeirt agus aig ceann an ear dheas Loch nan Sgeireag a tha i seo. ’S e tobar slàinte a bhinnte. Bhiodh an t-Easbaig Eòghainn agabhail anail aice, ’s ag òl deoch aiste.

Tobar Aonghais Ruaidh

Tha i seo a-muigh eadar Corodal agus Hecla. Bhiodh muinntir Dhramasdail adol thuice, ’s bhiodh iad afàgail sgillinnean ann.


[62]

Tobar Creag an Fhìon

S ann glè fhaisg air Uamh aPhrionnsa a tha an tobar seo. Dhòl am Prionnsa Teàrlach deoch aiste agus mhol e an t-uisge, ’s thuirt e gur e seo Tobar Creag an Fhìon agus lean an t-ainm. Bha uisge glan ga mheas mar fhìon; dhainmich Donnchadh Bàn, ‘fìon Allt na h-Annaid’.

Is coltach gur e seo an a tha aig anOrdnance Surveymar Tobar aPhrionnsa: “This name given to a spring well of very pure water, which lies at the northern base ofBeinn Sgreadhan.The name arose from Prince Charles visiting it when on the island. It means Princes Well. ”

Tobar Aird Mhaoil NF 718299

Bha ri ràdh gum biodh daoine adol thuice airson deoch nuair a bha iad bochd. Tha i seo ann an cladach a tuath na h-Airde. Tha amhuir ga lìonadh le clachan agus gainmheach.


[63]

Tobar an Dèididh NF 7534

Tha i seo am baile Shnaoisebhal, agus tha fios aig daoine oirre fhathast.

Tobar an Donnain NF 730278

Tha i seo an Cill Donnain air achruit aig Iain DhòmhnaillIc Iain, faisg air làrach teampall Chill Donnain (NF 731282). Bhiodh iad atoirt uisge aisteairson bochdain’. Tha clachaireachd mhath oirre agus mullach fiodh oirre, ’s bhathas acleachdadh an uisge mar uisge coisrigte.


[64]

Tobar Thiobartain NF 7415

Tobar Thiobartain nam buadh, i air iomall an Domhain Mhòir.”

Bha an tobar iomraiteach seo ann an Smercleit, ‘seachd iomraichean o rathad an rìgh’. A rèir aithris, bha i seachd iomairean an ear air an rathad a tha suas ris achladach: tha i an-diugh fodha anns amhachair.

Bha ri ràdh anns an àite gun tàinig cailleach chun na tobrach le each le sùil cham, gus uisge slàinte na tobrach a shuathadh rithe. Ri linn seo, chaill an tobar a cumhachd. Dhùin i suas on uair sin. Tha cunntas math aig Carmichael (1900):

Tobar Thiobartain nam buadh
A chasgas gach falc is fual.
An eilean iomartach achuain
Am fìor iomall an domhain mhòir.

According to tradition, the well of Tiobartan was famous in olden times, pilgrims resorting to it from afar. Then a man brought his sick horse to it, and the spirit of the well fled, shrieking, and never returned. The well is in the machair, near the sea, and is now filled with drift sand. ”(286)


[65]

Tobar Adhratobhta NF 796200

Tha i seo faisg air Cill Choinnich an ear-thuath air Loch Baghasdal. Chaidh clach na cill a chur dhan fhaing, agus tha an fhaing air làrach achlaidh. Tha an tobar fhèin am measg chonasg. Tha ri innse gum biodh iasgairean adol thuice air an t-slighe air aiss air adhart gu iasgach.

Tobar na Reulaig NF 783096

Tha i seo an Eirisgeigh: toll ann an leac mhòr chiar eadar Uamh na Lice Ruaidhe agus Sloc Ruadh, an iar air Reulaig. Tha an toll mu ochd òirlich de dhoimhnead anns achloich, ’s glacaidh e mu phinnt de dhuisge. Bhiodh na h-iasgairean tric ag òl aiste.

titleUibhist a Deas
internal date2000.0
display date2000
publication date2000
level
parent textTobraichean sláinte anns na h-Eileanan an Iar
<< please select a word
<< please select a page