[front] [back] [1] [2] [3] [4] [5] [6] [7] [8] [9] [10]
[11]

1

Aig crois-rathaid Àsgairnis ann an Uibhist a Deas tharraing Calum Dòmhnallach, sia troighean gu leth air àirde, còig thar fhichead bliadhna dh’aois, gu làidir gu a làimh chlì air cuibhle-stiùiridh na bhana bige aige. Bha e còmhdaichte bho bhrògan àrda chun a’ churraic aige ann an aodach breug-riochdach. Ghabh e lùb na h-ùtraid aig astar deich thar fhichead mìle san uair. Bha na fiaclan ris agus bha a ghuailnean air an cromadh chun na cuibhle. Stamp e air a’ bhrèig mu dheich troighean air falbh bho dhoras-aghaidh taighe a bha gun mhullach air.

Dia bhith timcheall oirnn,” thuirt Daibhidh MacÌosaigfichead, caol, robach na chuid aodaicha bha na chnap air an t-suidheachan-aiseig ri thaobh. Shìn e a làmh a-null is dhùin e sìos an t-einnsean. Thilg e na h-iuchraichean an uchd a chompanaich. “Thugainn,” thuirt e. “Tha Donnchadh a’ feitheamh rinn.”


[12]

Ghnog Daibhidh air doras an taighe. Sheas e gu stobach ag èisteachd ri fuaim ùird a’ bualadh air meatailt agus guth boireannaich a’ bruidhinn ann an cainnt choimhich agus fireannach ga freagairt. Dhà no trì throighean air a chùlaibh bha Calum na shuidhe casa-gobhal air baidhsagal leanaibh. “A Dhaibhidh,” thuirt e, “ ’n Diabhal tha dol air adhart a-staigh an sin?”

Thionndaidh Daibhidh is rinn e snodha-gàire. “Tha boireannach còmhla ris,” thuirt e.

Ghlaodh Calum gu làidir: “Fosgail an doras, a shalchair bhig tha thu ann.”

’S dòcha gur e droch àm a tha seo do Dhonnchadh,” thuirt Daibhidh.

Chaidh an doras fhosgladh, agus siud Donnchadh, òrd na làimh. ’S e duine beag reamhar, stuidearra a bh’ ann, a’ streap ri leth-cheud bliadhna, muinchillean na lèine gile aige air an truiseadh os cionn uilnean. Bha briogais dhungairidhe air a bha fada ro theann dha. Bha min-sàibh timcheall air a ghobhal. Bha sgall air a ghruaig thana dhuibh. Thàinig plìonas gu aodann an uair a chunnaic e Daibhidh. “A ghràidhein nan daoin’ ,” thuirt e, “ ’s math t’ fhaicinn.” Dh’fhàs e stuirceach an uair a mhothaich e do Chalum. “Agus ... thug thu am fear seo còmhla riut?” thuirt e. “ ’S fheàrr dhuibh tighinn a-staigh.”

A rèir na trealaich a bha sgapte air feadh an rùimpìoban copair, uèirichean, dèileanbha e soilleir gu robh Donnchadh an teis-meadhan an t-àite ath-nuadhachadh. Bha an triùir aca nan seasamh gu cearbach a’ coimhead ri chèile.

’S e Calum a chanas iad riumsa,” thuirt Calum, ’s e ga bhruthadh fhèin seachad air a chompanach. “Cà’ il am boireannach?”

Am boireannach?” thuirt Donnchadh. “O, seadh. ’S e teip


[13] a chuala sibh. Tha mi feuchainn ri beagan de chainnt nan Ruiseanach ionnsachadh.”

sin feum dhut, Tiny,” thuirt Calum, “ ’s tu feuchainn ri carry-out a cheannach ann an Creag Ghoraidh aig àm sgaoilidh oidhche Shathairne.”

“ ‘Donnchadhtimcheall air a seo,” thuirt Donnchadh. “Faodaidh tuDonnchadhèigheachd orm a-staigh an seo. ’S eMr MacCormacka chanas na balaich a tha ’g obair dhomh, ach faodaidh tusaDonnchadha chleachdadh. Bidh sin taghta.”

Feuchaidh mi ri sin a dhèanamh, Tiny,” thuirt Calum. “ mi mo dhicheall.”

Dh’fhaodadh tu a bhith air cuideigin eile fhaighinn, a Dhaibhidh,” thuirt Donnchadh. “Tha ’m fear seo a’ dol air an nèarbh agam. Bheil agam ri cur suas ri cac mar seo?”

Dh’fhaodainn cuideigin eile fhaighinn,” thuirt Daibhidh. “Ach dh’iarr thu orm duine fhaighinn, tha fhios agad, nach leaghadh an t-eagal. Tha Calum an seo gu math bragail, ach, an fhìrinn, rachadh e thro thaigh teine ma thig e gu sabaid.”

Air mo shon fhìn,” thuirt Donnchadh, “b’ fheàrr leamsa cuideigin a chitheadh gu robh an taigh na theine ’s a choisicheadh timcheall air.”

Tha mo fhradharc air leth math, Tiny,” thuirt Calum. “Chì mi troich beag air mo bheulaibh an-dràsta, agus b’ shuarach orm sgailc a thoirt dha an toll na cluaise.”

’N fhìrinn, cha toigh leam am preig a tha seo,” thuirt Donnchadh. “Nach teirg thu dh’Èirisgeigh, a Dhaibhidh, feuch am faigh thu gille brèagha le gruag dhorcha? Tha an gill-fhonaidh seo cho -mhodhail ’s nach eil mi airson innse dha tha dhìth orm.”


[14]

An ainm a Dhia, a Chaluim,” thuirt Daibhidh, “nach dùin thu do chab gus an cluinn sinn ’n obair a tha e toirt dhuinn?”

An rud a tha fa-near dhomh,” thuirt Donnchadh, “an dithis a thaghas mi airson an obair seo a dhèanamh, gheibh iad mhìle not an duine. Ach am fear seo, chan eil mi ga iarraidh.”

Bheil cuimhn’ agad air MacIlleathain?” thuirt Daibhidh.

MacIlleathain ’m fear dhiubh?” thuirt Donnchadh. “Somhairle, am bàrd? A’ ghloidhc ud, Tormod MacIlleathain? Tha na ceudan dhiubh sin mun cuairt. MacIlleathain?”

Killer MacLean,Sgoil an Ìochdair,” thuirt Daibhidh.

Am bastarseadh,” thuirt Donnchadh. “Am fear a theab mo mharbhadh nuair a ghlac e sinn a’ smocadh.”

Chan eil e ’g obair innte nis,” thuirt Daibhidh.

’S math leam sin a chluinntinn,” thuirt Donnchadh. “Tha mi ’n dòchas gun do bhàsaich e.”

Cha robh an còrr ann,” thuirt Daibhidh. “Chunnaic mi e air cidhe Loch Baghasdail an oidhche mun do dh’fhàg e Uibhist. Bha cluas a dhìth air ’s bha a dhà ghairdean ann am plaster of Paris. ”

Wow!” thuirt Donnchadh.

Esan,” thuirt Daibhidh.

Nach ist thu,” thuirt Donnchadh.

Bha e ga bhreabadh, ga shaltairt ’s ga dhochann,” thuirt Daibhidh.

Thug mi glamhach às a chluais le m’ fhiaclan cuideachd,” thuirt Calum.

’N tug e sràc dhutsa cuideachd?” dh’fhaighnich Donnchadh.

Dh’fheuch e,” thuirt Calum. “Bha mi air Secondary Two aig an àm. An latha bha seo, bha mi fhìn ’s mac Phadraig ’ic Mhicheil


[15] nar suidhe air cùl an rùim a’ deothal às botal ruma a cheannaich sinn aig àm dìnnearach sa Cho-operate. Thàinig an glaodh: ‘MacDonald, MacKinnon, out to the floor.’ Dh’iarr e orm mo làmh a chur a-mach bas gu mullach an taighe, ach nuair a thug e an t-sràc sìos rug mi air agus shlaod mi am bugair a-mach dhan ghàrradh. Cha deach e riamh air ais dhan rùm mhòr, ge-tà.”

Sin agad an duin’ agamsa,” thuirt Daibhidh. “ ’S e buamastair a th’ ann, ach chan eil duine eadar Càirinis s an Lùdag a sabaid coltach ris.”

Bu mhòr an t-atharrachadh a thàinig air MacIlleathain còir às dèidh na sabaid a bh’ againn,” thuirt Calum. “Tha e ann an Nursing Home an Glaschu a-nist, tha e coltach. Cha bhi cuimhne aige, ’s dòcha, càit an do dh’fhàg e na speuclairean air neo an t-ainm a th’ air anns na lathaichean a th’ ann, ach a h-uile turas a dh’fheumas e fuaim an telebhisean a chur nas àirde a chionn ’s gu bheil e cho bodhar, bidh cuimhn’ aige air Calum Dòmhnallach.”

Bheil am fear seo fhathast ag òl?” thuirt Donnchadh. “Bheil an dithis agaibh a’ gabhail smùidean?”

O, tiormaich m’ fhallas!” thuirt Calum. “A Dhaibhidh, bheil thusa air a bhith ri na shandies?”

Mhoire Mhàthair,” thuirt Daibhidh, “nach dùin thu do chraos, a Chaluim! Chan eil, chan eil de dh’airgead agam a cheannaicheas pinnt.”

Seachainibh an t-òl,” thuirt Donnchadh. “Dhaibhidh, dh’iarr mi ort cuideigin fhaighinn a chionn ’s gu bheil obair agam do dhithis, agus chan eil sìon aca ri dhèanamh ach a dhèanamh, ’s gheibh sinn deagh chnap airgid. Chan ann a’ cluich a tha sinn an seo, tha fhios agaibh. ’S e an t-airgead a tha dhìth orm. Sin an rud a tha mi feumachdainn.”


[16]

Tiny, ”thuirt Calum, “tha mise air a bhith ’g òl on a bha mi sa chreathal. Nuair a bha mi a’ gearradh m’ fhiaclan, bhiodh a’ chailleach a’ toirt dhomh na sine-deothail ’s i air a tumadh ann an uisge-beatha. Bha mi nam shìneadh sa phram: cha robh fiacail nam chàirean, ach bha mi toilichte.”

O, bha,” thuirt Donnchadh. “Ach chan eil mi deònach thu bhith toilichte air an sgrìob a tha seo. Tha mi deònach gum bi sibh sòbarra.”

Bidh e taghta, Dhonnchaidh,” thuirt Daibhidh.

’S dòcha,” thuirt Donnchadh. “Tha mi airson a bhith cinnteach. Chan eil mi deònach an gnothach seo a dhèanamh gu cas.”

Tiny, ’s ann air sàillibh airgid a tha thusa dèanamh seo, nach ann?” thuirt Calum.

’S ann gu dearbha fhèin,” thuirt Donnchadh. “An gaol, tha mi a’ faighinn sin aig an taigh. Uill, tha. Aig amannan.”

A Dhonnchaidh,” thuirt Daibhidh, “tha mise a’ feumachdainn airgid. Tha bliadhna ann bhon a dh’fhàg mi an t-oilthigh. Cha do choisinn mi sgillinn on uair sin. An rud anns an tèid dàil, thèid dearmad.”

A charaid,” thuirt Donnchadh, “an tha còmh’ rium: Isa. Bha ise san oilthigh. Roinn na Beul-aithris, bheil fhios agad? Bha i ag obair innte fad ochd bliadhna. Bha i air a bhith shìos an sin an Dùn Èideann còig bliadhna mun do phòs sinn. Dh’fhaighneachd mi dhi turas b’ adhbhar nach do chuir i a-mach leabhar dhen bhàrdachd aig Aonghas mac Dhòmhnaill Aileinbha i air a bhith cruinneachadh stuth on a dh’fhàg i an sgoil. Dh’inns i dhomh: thuirt i, ‘Dhonnchaidh, bheil fhios agad cho fada ’s a thug Eàirdsidh Ailig Sheonaidh, ceannard na


[17] roinne, agus Màiri an Tàilleir, ban-Bharrach nach tug seachad barrachd air dusan òraid sa bhliadhna dha na h-oileanaich riamh na beatha, mun do chuir iad a-mach teip dhe na h-òrain aig Màireag Sheumais? Ceithir bliadhna fichead!’ Mar sin, ’s e cleas nan sgoilearan a bhios agam an turas seo. Tha mi dol a dh’fhuireach gu foighidneach. Cuir fòn thugam Diciadain. Bidh fhios a’m Diciadain. Innsidh mi dhuibh an uair sin.”

Thionndaidh Donnchadh air falbh is chuir e a dhol snìomhaire-dealain.

Thog Daibhidh is Calum orra chun an dorais, agus bu trom ceumannan an casan air an ùrlar.

title1. Am Bodach ’s an Dithis Amadan
internal date2005.0
display date2005
publication date2005
level
reference template

MacGill-Eain Dacha mo Ghaoil %p

parent textDacha mo Ghaoil
<< please select a word
<< please select a page