10
“Cia mheud siùcar a tha thu a’ gabhail, a Chaluim?” thuirt Daibhidh. Bha Daibhidh trang anns a’ chidsin a bha ri taobh doras a’ charabhan aige air madainn fhionnar. Bha Mòrag Dhòmhnallach a’ bruidhinn gu socair air rèidio air cunntair ri taobh an t-sinc. Bha Calum a’ seinn ann am fras-ionnlaid a bha suidhichte ann an oisean aig a’ cheann thall.
“A dhà gu leth,” thuirt Calum, ’s a ghuth mùchte le fuaim an uisge.
Chaidh an fhras a chur dheth. Dh’fhosgaileadh cùrtair.
“Tha do bhracaist air a’ bhòrd,” thuirt Daibhidh. “Cha chreid mi nach sgioblaich mi na ceasaichean agad.” Chaidh e a-null gu meadhan an rùim, far an robh dùn de mhàileidean is de cheasaichean, agus theann e rin cruinneachadh ri chèile. Thuit baga nach robh air a dhùnadh gu ceart chun an làir le glag.
“O, Dia bhith timcheall orm!” thuirt Daibhidh is anail na uchd. “Cò às a thàinig na tha seo de pharsailean?” Thog e gu
Thàinig Calum na ruith far an robh Daibhidh agus dh’èigh e àird a chlaiginn, “Thàinig bho J.D. Wiliams, a ghloidhc ghrod tha thu ann!” Bhuail e ann an Daibhidh agus theann iad ri carachd air an làr. Nuair a fhuair e Daibhidh air a dhruim-dìreach ’s a cheannsaich e am fear beag, bha an caothach na ghuth nuair a thuirt e ris, “An rud ... nach buin dhut ... na bean dha.”
“Bha mi dìreach a’ feuchainn ri do chuideachadh, a dhuine,” thuirt Daibhidh.
“B’ shuarach orm tamair a thoirt dhut,” thuirt Calum, “a dh’fhàgadh tu air an làr gu sìorraidh.”
Dh’èirich Calum agus shìn e a-mach a làmh. Rug e air gàirdean a’ ghille agus chuir e air a chasan e.
“Carson a tha thu cho fiadhaich?” thuirt Daibhidh. “Tha fhios a’m taghta dè tha sna pacaidean. Chan eil ùidh fon ghrèin agam anns an stuth tha sin. Hoigh, a Chaluim?”
“Dè?” thuirt Calum.
“Nach cuir thu ort badan aodaich, a dhuine?” thuirt Daibhidh.
“Chan eil sìon agamsa a dh’fheumas mi fhalach,” thuirt Calum, ’s e a’ gàireachdainn aig an t-seann sgeulachd. Chuir e air briogais gu cabhagach. “Umh, cò dh’inns dhut mu na bh’ agam sa cheas?” thuirt e.
“Cha do dh’inns duine!” thuirt Daibhidh. “Bha sibh ann an Amsterdam!”
“Tha thu ’g innse bhreugan!” thuirt Calum. Rinn e an gàire beag, aithnichte air feadh an t-saoghail, an t-sliop aige
“Cha tuirt e facal riumsa,” thuirt Daibhidh. “Chan aithnich mi an gille. Bugair de Thuathach a th’ ann. Chan eil earbsa agamsa às na daoine tha sin. Cha bhi aca ach teanga leam is leat, agus tha iad cho beannaichte, mas fhìor.”
“ ’S dòcha nach eil thu ’g innse bhreugan,” thuirt Calum. “Chan eil fhios a’m. Tha mi cho sgìth ri seann chù an dèidh an turais ud.”
“Dè mar a chaidh dhuibh?” thuirt Daibhidh.
“Bha e mar gum biodh òran math Gàidhlig,” thuirt Calum.
“Dh’fhalbh sinn air a’ chiad aiseag madainn Dimàirt, ’s bha sinn a’ gabhail tarraing mu seach a’ dràibheadh sìos gu Newcastle. Dh’fhan sinn air bòrd oidhche Mhàirt ’s ràinig sinn an Òlaind anmoch Diciadain.”
“Bheireadh an dràibheadh an diog asaibh,” thuirt Daibhidh.
“Och,” thuirt Calum, “cha b’ e an dràibheadh a shàraich mi ach Tomaidh, ’s e a’ gabarsaich gun sgur mu choimpiutairean is gigabytes. Agus an samh.”
“Tha samh às Tommy?” thuirt Daibhidh.
“Ged a bhiodh e cho pure ris a’ phure nuair a dh’fhalbh sinn,” thuirt Calum, “gu dearbha fhèin bha fàileadh dheth a leagadh a’ mhuc mun do ràinig sinn Hamburg. An robh thu riamh glaiste ann a bhana Morris Minor is faisg air tonna de dh’fheòil a’ sìor dhol a dholaidh anns a’ chùl?”
“Cha robh,” thuirt Daibhidh. “Ach tha mi air a bhith sa bhàr ann an Creag Ghoraidh mun deach sinn dhan bhàl am Bail’ a’ Mhanaich latha nan Geamaichean.”
“Chan eil annad ach am buigleag,” thuirt Calum. Ghabh e
“Ach choinnich sibh ris na Gearmailtich mu dheireadh thall?” thuirt Daibhidh.
“Choinnich, a leabhra,” thuirt Calum. “Reic mi an t-sitheann air deagh phrìs agus ... ”
“Dè na fhuair thu oirre?” thuirt Daibhidh.
“Cùm do shròn às,” thuirt Calum. “Fhuair mi gu leòr. Agus anns an airgead againn fhìn cuideachd.”
“Dè ’n diofar a rinn sin?” thuirt Daibhidh.
“A Dhaibhidh, a Dhaibhidh,” thuirt Calum, “dè tha mi dol a dhèanamh leat? An aithne dhut dad idir mu exchange rate? Dè an t-eòlas a th’ agad air tomhas meatrach?”
“A dh’innse na fìrinn,” thuirt Daibhidh, “chan aithnichinn cileagram bho chois mairt.”
“Sin a shaoil mi,” thuirt Calum. “Trobhad, bidh fiach an airgid againne a’ dol sìos is suas. Nuair a tha an not àrd, canaidh sinn gu bheil e shuas. Nuair a bhios e ìseal an taca ris an deutschmark no ris a’ ghuilder, canaidh sinn gu bheil e shìos. Suas is sìos, làidir no lag ... chan eil ann ach physics.”
“Physics? ”thuirt Daibhidh. “Cuin a dh’ionnsaich thusa physics – duine a bh’ air a chumail air ais san sgoil cho tric ’s nach rachadh tu innte gu Clas a Ceithir gun an fheusag a thoirt dhìot sa mhadainn le siabann is ràsar?”
“Cuiridh mi geall cuideachd,” thuirt Calum, “nach aithne
“Chan aithne, agus ’s mi tha coma,” thuirt Daibhidh. “Ach tha mi faireachdainn gu bheil thu dol a dh’innse dhomh.”
“Can gu bheil thu ann an Amsterdam,” thuirt Calum, “ ’s tha thu a’ dol a cheannach ... umh, stuth. Thig na Duitsich thugad ’s bidh seòrsa de mhenu aca: Nepalese aig còig notaichean gach gram; Black Afghan,trì notaichean gach gram; Moroccan,dà not gu leth – ’s mar sin air adhart. Seachd gramaichean meatrach, sin agad cairteal a dh’unnsa san tomhas againne. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil ochd grama fichead chun an unnsa anns an tomhas againne, ach anns an tomhas meatrach – agus sin a bhios na Duitsich a’ cleachdadh – chan eil ach còig grama fichead chun an unnsa. Mar sin, nuair a cheannaicheas tu cnap anns a bheil naoi unnsaichean – ’s e‘Nine-Bar’a chanas iad ris a sin – feumaidh tu bhith faiceallach nach bi unnsa a dhìth. Bheil thu tuigsinn?”
“Tha mo cheann na bhrochan agad, a Chaluim,” thuirt Daibhidh. “Dìreach mar fhacal, cia mheud ‘Nine-Bar’ a cheannaich thu fhèin?”
“Ochd,” thuirt Calum. “Nepalese. Aig dà mhìle not.”
“Is dè na gheibh thu orra?” thuirt Daibhidh.
“Ma reiceas mi iad ann am pìosan leth-chairteil unnsa,” thuirt Calum, “gheibh mi fichead not air gach bìdeig. Dèan fhèin cunntas orra air fad.”
“Cha chreid mi gun tèid agam air sin a dhèanamh,” thuirt Daibhidh.
“Tha e furasta,” thuirt Calum. “Dà fhichead not airson cairteal. Ceud is trì fichead airson ùnnsa. Mìle ’s ceithir cheud agus dà fhichead not airson gach ‘Nine-Bar’ .”
“ ’S tha ochd dhiubh sin agadsa,” thuirt Daibhidh. Tharraing e anail. “Bheil fhios agad air a seo?” thuirt e. “Tha gràin an uilc agam air drogaichean, a Chaluim. Chan eil mi airson an còrr a chluinntinn mun deidhinn. Tràth ’s gu bheil e, tha mise feumachadh drama.” Choisich e gu dreasair agus thug e a-mach botal. “Dè do bharail air seo?” thuirt e. “Glenfarclas, dè? Nach ann dhomh fhìn a rinneadh an saoghal?”
“‘Physics’ ,ille,” thuirt Calum.
“Dè tha thu ciallachadh, ‘physics’?” thuirt Daibhidh. “Na tòisich air searmonachadh a-rithist.”
Bhruidhinn Calum ann an guth ìseal: “Am prìomh lagh ann am‘physics’ : ‘An rud a thèid suas, thig e a-nuas.”
“Dè?” thuirt Daibhidh.
Thuirt Calum: “Tha thusa smaoineachadh gun do rinn sinn uabhasach math às a’ phòsadh ud, nach eil?”
“Uill,” thuirt Daibhidh, “ ’s e Tiny a thug comhairle dhuinn agus chaidh an gnothach gu math leinn.”
“Dèan mar a dh’iarras Tiny ort,” thuirt Calum gu searbh, “ ’s cha tèid thu fada ceàrr.” Chagainn e air feòil na muice agus ghabh e balgam de chofaidh. Rinn e brùchdail. “Dhan ospadal, ’s dòcha,” thuirt e gu ciùin, “ach cha tèid thu fada ceàrr.”
Shluig Daibhidh cnap de mharag gheal agus thuirt e: “Dh’obraich e a-mach dìreach eireachdail.”
“ ’N e sin tha thu smaoineachadh?” thuirt Calum. “Seadh, tha iad a-nis às ar dèidh, ach dh’obraich e a-mach dìreach eireachdail. Mi fhìn ’s tu fhèin, ille, chan e an aon chiall a th’againn air eireachdail.”
“Dè an Diabhal a tha thu a’ ciallachadh?” thuirt Daibhidh.
“Thusa, mise agus Tiny,” thuirt Calum. “Tha iad air faighinn
“Carson a dh’fheumas tu teicheadh?” thuirt Daibhidh.
“Sguir dhen phrablais a th’ ort, a Dhaibhidh,” thuirt Calum. Chaidh dà dhioga seachad. “Airson Dacha Mo Ghaoil,” thuirt e.
“Dè an Diabhal a tha ceàrr ort?”
“Dè an Diabhal a tha ceàrr ortsa?” thuirt Daibhidh. “Cò às a thàinig an sgeulachd ghòrach, co-dhiù? ’Eil thu air a bhith feuchainn an Nepalese?”
“Dhaibhidh,” thuirt Calum ann an guth sèimh, “tha an t-Èildear a’ tighinn.”
“An t-Èildear?” thuirt Daibhidh, is crith na ghuth. “Dia bhith timcheall òirnn! Cò dh’inns seo dhut?”
“Tommy,” thuirt Calum.
“A Chaluim,” thuirt Daibhidh, “ ’s ann air Tommy Lachlainn Bhàin a tha sinn a’ bruidhinn an seo, ceart?”
“Ceart,” thuirt Calum. “Bha Tommy ag innse dhomh.” Leig e osna. “Tha sinn a’ bruidhinn,” thuirt e. “Tha samh às a’ bhana ’s tha an t-uisge ann ’s tha an turas a’ toirt cho fada ’s a h-uile sìon, agus tha e ag innse dhomh gu bheil piuthar athar, nighean a’ Bhàillidh mu Thuath, air brath a chur a Steòrnabhagh a dh’iarraidh fuamhaire.”
“Dè mar a bha fios aige air sin?” thuirt Daibhidh.
“ ’S e chuir an e-mail thuige,” thuirt Calum. “Tha e cho eòlach air an eadar-lìon ’s a tha athair air an rathad dhan taigh-òsta
Sheall Daibhidh air Calum le sùilean eadar a bhith eagalach is cianail. “Chuala mise gun do bhàsaich na h-ostraitsean,” thuirt e.
“Chuala mise gun do bhàsaich bodach à Caolas Fhlodaigh shìos an sin cuideachd,” thuirt Calum. “Dh’fhàillig a chridhe no rudeigin.”
Chrath Daibhidh a cheann, an toiseach gu ’n làimh chlì, ’s an uair sin gu ’n làimh dheis. “Coma leat dhen sin,” thuirt e. “Agus dè thuirt thusa, eagal ’s nach bi fios aig an Èildear cà’il sinn uile a’ fuireach nuair a thig e air chèilidh?”
“Cha do dh’fhosgail mi mo bheul,” thuirt Calum. Bha dàil bheag ann. “Uill, ’s dòcha gun tug mi iomradh air a’ bhanais shìos an Glaschu,” thuirt e. “Bha e cho èibhinn nuair a chaidh thu ann an seachd neòil ’s a thog Tamara thu.” Sguir e bhruidhinn airson dioga. “ ’S thug sinn greis a’ bruidhinn air Tiny.” thuirt e. “ ’S e Tommy a chuir na‘circuits’dhan taigh as an t-Sruth Mhòr, ’s cha d’ fhuair e phàigheadh air a shon fhathast bho Dhonnchadh. Coma leat, ill’ òig, cha do dh’ainmich mi thusa. Cha tuirt mi ’n còrr. ’S e an aon rud a bh’ air m’ aire faighinn dhachaigh airson an stuth a reic agus an uair sin a-mach à seo.”
“Tapadh leatsa, a Chaluim,” thuirt Daibhidh. “ ’S mòr an cliù dhut, ille. Cha mheall thu air duine idir. Leatsa, ’s i an fhìrinn a sheasas. Tha do chàirdean ann an cunnart agus cha chan thu, ‘Iosa, Dhaibhidh, tha an t-Èildear dol a bhristeadh nan
“ ’S fheàrr dhomhsa falbh,” thuirt Calum. “Tha tòrr agam ri dhèanamh mum faigh mi ’m plèan.”
“Bidh an caothach tioram air Donnchadh nuair a gheibh e a-mach mu dheidhinn seo,” thuirt Daibhidh.
“Biodh aige,” thuirt Calum. “Dè ged a bhios caothach air Tiny? ’S beag mo dhragh. Dè dhèanadh esan orm? O, ’s dòcha nach leig e leam a bhith coimhead Pàdraig Post air an telebhisean. Taigh na galla dha.”
title | 10. An Rud a Nì Thu sa Chùil, Thig e dh’Ionnsaigh an Dorais |
internal date | 2005.0 |
display date | 2005 |
publication date | 2005 |
level | |
reference template | MacGill-Eain Dacha mo Ghaoil %p |
parent text | Dacha mo Ghaoil |