12
Bha Murchadh MacÌomhair, air an robh ‘An t-Èildear’ mar fhar-ainm, ana-mhòr. Bha a cholann cho leathann ’s cho tiugh ’s gu robh e na iongnadh gum b’ urrainn dha na casan aige, a dh’aindeoin cho tiugh ’s cho fèitheach ’s a bha iad, taic a chumail rithe. Anns an taigh-bìdh aig a’ Phort-adhair ann am Bail’ a’ Mhanaich ann am Beinn a’ Bhadhla, choisich e gu slaodach chun a’ bhùird far an robh Mairead na suidhe. Bha aodann, le sùilean beaga donna mar rèiseidean, cadalach.
“Mhairead,” thuirt an t-Èildear. Bha guth àrd, biorach aige, mar a bhios gu math tric aig daoine a tha air buille no dhà fhaighinn san sgòrnan nuair a tha iad air a bhith sabaid.
“A Mhurchaidh,” thuirt Mairead. “Cofaidh?”
“Cha ghabh,” thuirt an t-Èildear. “ ’Eil càil a theans ann gum faigh sinn deoch cheart?”
“Chan eil e ach leth-uair an dèidh a deich,” thuirt Mairead.
“Chan eil fhios a’m a bheil am bàr fosgailte fhathast.”
“Dè ghabhas sibh?” thuirt an tè-freasgairt, nighean bhàn anns na deugan a sheas rin taobh.
“Dìreach dà bhotal leanna,” thuirt Mairead.
“Uh-uh,” thuirt an t-Èildear.
“Dè tha thu ’g iarraidh?” thuirt Mairead.
“Ruma dubh – glainne mhòr,” thuirt an t-Èildear.
“Cha chreid mi gu bheil sinn a’ reic deoch-làidir fhathast,” thuirt an nighean òg. “Nì mi mar as fheàrr as urrainn dhomh.”
“Dèan thusa sin, m’ iadail,” thuirt an t-Èildear, “agus ’s mathaid gun toir mi dhut àireamh na fòn agam.”
“Mhurchaidh!” thuirt Mairead. “Tha i siud a’ dol dhan sgoil fhathast.”
“ ’S ann as fheàrr,” thuirt an t-Èildear. “An t-ionnsachadh òg – sin an dòigh as fheàrr orra.”
“Bheil thusa air do rothaigeadh, a Mhurchaidh?" thuirt Mairead.
“Bha drama agam air a’ phlèan,” thuirt an t-Èildear.
“ ’S dòcha barrachd air aon tè,” thuirt Mairead.
“Uill,” thuirt an t-Èildear, “ ’s mathaid gun do ghabh mi dhà no trì.”
“An do dh’ith thu fhathast?” thuirt Mairead.
“Air a’ phlèan,” thuirt an t-Èildear, “cha do dh’ith mi snap dhen bhiadh a thug iad dhuinn. Bha an fheòil cho amh, cha mhòr nach cluinneadh tu i a’ comhartaich nuair a bheireadh tu glamhach aiste. Ghabh mi briosgaid teòclaid air a’ phlèan.”
“Bu chòir dhut roile a ghabhail an seo,” thuirt Mairead.
“Chan eil an t-acras orm,” thuirt an t-Èildear. Thionndaidh e a cheann chun a’ chunntair. “Cà ’n deach an òinseach ud?” thuirt e. Mhothaich e dhan nighinn a’ tighinn thuca le deoch. “Hoigh,
“Sin sibh,” thuirt an nighean bhàn. “Cha robh Aonghas deònach an toiseach am bàr fhosgladh, ach dh’aontaich e mu dheireadh thall.”
“Càit an robh agad ri dhol a bhruidhinn ri Aonghas?” thuirt an t-Èildear. Cha do fhreagair an tè-freasgairt e. “Dh’fhaighnich mi dhut,” thuirt an t-Èildear ann an guth ìseal, “càit an robh agad ri dhol airson gum bruidhinneadh tu ri Aonghas còir. Tha fhios a’m gur ann air taobh a-muigh an àite seo a bha e. ’S mathaid gun do leum thu air an sgutair bheag agad, no gun do ghabh thu bus. Bha mi dìreach a’ wondraigeadh.”
“ ’S e Aonghas an gafair,” thuirt an nighean òg.
“Mhurchaidh, leig leatha,” thuirt Mairead.
Thog an t-Èildear a’ ghlainne agus thràigh e i. “Tè mhòr eile dhòmhsa,” thuirt e, “ ’s a bheil thu fhèin ag iarraidh càil, a Mhairead?”
“Chan eil,” thuirt Mairead. “Tha mise taghta.” Chrom i a ceann mar gum biodh i a’ coimhead airson a baga, agus thuirt i fo h-anail, “Ach cha chreid mi gu bheil thusa.”
“Bidh siud a’ dol air an nèarbh agamsa,” thuirt an t-Èildear.
“Clann-nighean òg le cìochan mòra ’s a h-uile càil – cha dèan iad car obrach mura cùm thu sùil orra. Tha iad – cha toir iad hò-rò dha na daoine tha feitheamh air seirbheis. Chan eil càil air an aire ach boyfriends.”
“Rinn i fàbhar dhut,” thuirt Mairead.
“Aidh,” thuirt an t-Èildear, “ruith i a Chreag Ghoraidh a dh’fhaighinn drama dhomh.”
“Cha b’ àbhaist dhutsa a bhith cho titheach air an deoch,” thuirt Mairead. “Bheil thu fhathast a’ comanachadh?”
“Chan eil,” thuirt an t-Èildear. “B’ fheudar dhomh sin a leigeil seachad. Chùm na h-èildearan eile bhuam an comanachadh. Chaidh mo dhìteadh air beulaibh èildearan a’ Bhac – buidheann cho cumhachdach ’s a tha sna h-Eileanan Siar.”
“Carson a chaidh iad nad aghaidh?” thuirt Mairead.
“Bha an nighean òg a bha seo,” thuirt an t-Èildear, “ ’s bha i caran diadhaidh ... agus bhithinn-sa ga cuideachadh le Leabhar Aithghearr nan Ceist is rudan mar sin. Bheil fhios agad dè rinn iad? O, tha iad oillteil. Bheil fhios agad dè bhios na Bacaich ag ràdh?”
“Chan eil,” thuirt Mairead.
“Bidh iad ag ràdh, ‘Chan ith sinn a’ chlann againn fhìn air a’ Bhac. Ithidh sinn a’ chlann agaibhse.’ Co-dhiù, bha iad a’ liùgadh oirnn fhad ’s a bha sinn sa chàr taobh a-muigh taigh Ailig a’ Ghrass. Ceart gu leòr, bha e anmoch ’s bha ’n sgoil aicese sa mhadainn, ach ... cha robh e ceart an rud a thuirt an deucon rium aig an t-Seisean. ‘Thoir seachad an ad bhog agad, a Mhurchaidh. Chan e eaglais mhòr a’ Bhac t’ àite.’ Tha mi air an‘out of work’ ,’s bidh mi air prògram Choinnich Mhòir an-dràsta ’s a-rithist.”
“Shìorraidh,” thuirt Mairead, “cha shaoilinn gum faigheadh tu cus aige sin.”
“Chan eil mi faighinn sgillinn,” thuirt an t-Èildear. “ ‘Ceud mìle taing’, ma bhios mi fortanach. Ach gheibh mi rudeigin.”
“Uill,” thuirt Mairead, “tha gnothach agam dhut an seo.”
“Taing dhan Chruthaighear,” thuirt an t-Èildear. “Tha cruaidh-fheum agam air an airgead an-dràsta. Tha e duilich obair mar seo fhaighinn a-nis. Tha daoine air a bhith gam sheachnadh bho chionn ghoirid.”
“Chan eil thu ’g ràdh?” thuirt Mairead.
“Bheil thu coma,” thuirt an t-Èildear, “ged a dh’òlainn balgam dhen leann agad fhad ’s a tha mi feitheamh gus an till a’ phiseag ghrànda à Loch Baghasdail?” Cha do dh’fhuirich e airson a cead, agus dh’òl e an dàrna leth dhen ghlainne aig Mairead.
“Dhia,” thuirt Mairead, “nach ann ort a tha ’m pathadh, a dhuine!”
“Bha mi air mo chois fad na h-oidhche,” thuirt an Èildear.
“Chan fhaigh mi norradh ma tha mi falbh air a’ phlèan làrna-mhàireach. Tha plèanaichean gam fhàgail frionasach. Nuair a bhios sinn ullamh an seo, thèid mi innte cho luath ’s a ruighneas sinn an taigh-òsta.”
“Dè mar a tha Peigi ’s a’ chlann?” thuirt Mairead.
“Diabhalt,” thuirt an t-Èildear. “Tha Dòmhnall air a dhol na bhlaigeard. Dh’fhàg e an sgoil as t-earrach, ’s chan eil e a’ sgur a smocadh an stuth a tha sin. Tha boyfriend aig Kylie. Tha i ceithir bliadhn’ deug a dh’aois, ’s tha i air a’ phile.”
“O, nach ist thu!” thuirt Mairead.
“Cha ghabh e creidsinn,” thuirt an t-Èildear. “Thuirt mi ri Peigi, ‘An ainm a’ Chruthaigheir, nach inns thu dhomh dè tha tachairt anns an taigh a tha seo?’ ’S e thuirt ise, ‘Dè ’n dragh a th’ agadsa? Lùigeadh tu – b’ fheàrr leatsa – gum biodh i trom.’ Cha b’ urrainn dhomh a chreidsinn. ‘Pheigi; thuirt mi, ‘tha i ceithir bliadhn’ deug a dh’aois. Cha chreid mi nach do thòisich i caran tràth. ’”
“Tha mise dhen aon bharail,” thuirt Mairead.
Thàinig an nighean bhàn agus chuir i glainne ruma air a’ bhòrd. “Ruma dubh – tè mhòr,” thuirt i.
“Cuiridh mi geall nach tug thu leann dhìse,” thuirt an t-Èildear.
“Cha tug,” thuirt an nighean gu modhail. “Cha robh thu ’g iarraidh ach an ruma – sin a shaoil mi.”
“Shaoil thu ceàrr,” thuirt an t-Èildear. “Thalla ’s faigh botal leanna dhìse. Dh’òl mi an leann aice.”
“Chan eil mi ’g iarraidh a’ chòrr, a Mhurchaidh,” thuirt Mairead. “Tha e taghta.”
“Thoir thuice leann,” thuirt an t-Èildear. Ghabh e balgam ruma. “Seadh,” thuirt e, “tha Kylie ro òg.”
“Tha mi ag aontachadh leat,” thuirt Mairead.
“Eil fhios agad dè thuirt Peigi rium?” thuirt an t-Èildear. “Thuirt i, ‘Dè ’n aois a bha Natalie nuair a bha thu falbh leatha? ’”
“Dè ’n aois a bha Natalie?” thuirt Mairead.
“Sia bliadhn’ deug,” thuirt an t-Èildear, “rud a tha gu math diofaraichte.”
“Tha mi gad chreidsinn, a Mhurchaidh,” thuirt Mairead.
“Thèid a h-uile càil dhan donas ma dh’fhuiricheas tu fada gu leòr,” thuirt an t-Èildear. Stad e a bhruidhinn, mar gum biodh e air cuimhneachadh air rudeigin. “ ’S tha toyboy aig Peigi,” thuirt e. “ ’S aithne dhomh cò e ’s a h-uile càil, ach fàgaidh an stuth a tha sin cho sgìth thu ’s nach urrainn dhomh bhith air mo bhuadraigeadh seasamh air mo chasan ’s rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn.”
“Dhia, seall orm,” thuirt Mairead.
Thàinig an tè bhàn agus chuir i botal air a’ bhòrd le gliong.
“Meal do naidheachd, a ghràidh,” thuirt an t-Èildear. “Rinn thu a’ chùis mu dheireadh thall. Bha ’n trafaig dona, ’s cinnteach.”
“Chan eil thusa dol a ghabhail a’ chòrr,” thuirt Mairead.
“Thèid bara-fairis ort.”
Theann an t-Èildear ri òl, an ruma is an leann, fear mu seach. “ ’S ann agam a tha ’n comas air òl. Dè tha sinn a’ dol a dhèanamh?”
“Tha dithis nighean Ruiseanach againn agus dithis ghillean,” thuirt Mairead. “Uill, tha triùir fhireannach ann, ach tha fear dhiubh a dhìth an-dràsta agus bha mi fhìn am beachd faighinn cuidhteas dithis dhiubh. Dh’fhàgadh sin na h-igheanan agus Donnchadh MacCormaig agadsa.” Choimhead i suas nuair a thàinig an nighean òg le cunntas na làimh. “Dè th’ agam ri thoirt dhut, a nighean?” thuirt i. Thug i a-mach a sporan is a MasterCard agus shìn i a’ chairt dhan tè-freasgairt.
“Air do shlighe air ais,” thuirt an t-Èildear, “ma tha thu smaoineachadh gum bi thu anns an dùthaich a-rithist am-bliadhna, faodaidh tu tèile a thoirt thugamsa.”
“Chan fhaod thu, a nighean,” thuirt Mairead. “Òlaidh mi fhìn seo, ged nach eil mi ga iarraidh. Tha esan ag òl cofaidh. Thoir cofaidh dubh dhan duine.”
“Hoigh,” thuirt an t-Èildear, “gabh air do shocair e.”
“Hoigh,” thuirt Mairead, “gabh fhèin air do shocair e. Cofaidh dhutsa, a bhalaich.”
“Chan fhaigh mi cadal,” thuirt an t-Èildear, “ma ghabhas mi cofaidh.”
“Leugh Leabhar Aithghearr nan Ceist,” thuirt Mairead.
“Cha chreid mi gun dèan mi sin idir,” thuirt an t-Èildear. “Tha thusa dol a dh’fhaighinn cnap beag dhen stuth sin dhomh.”
“Bheil feum agad air a sin cuideachd?” thuirt Mairead.
“Tud, chan eil mi ’g obair a-nochd, a bheil?” thuirt an t-Èildear.
“Chan eil,” thuirt Mairead.
“Chan eil coltas ann gum bi mi ’g obair an ath-oidhch’ nas mò,” thuirt an t-Èildear. “Cò an latha th’ ann an-diugh co-dhiù?”
“Dimàirt,” thuirt Mairead.
“ ’S beag orm fhìn a’ chabhaig a tha seo,” thuirt an t-Èildear. “Seo Dimàirt: thèid mi a bhruidhinn ri na Ruiseanaich oidhche na Sàbaid. Sin an oidhche a tha mi dol a chur an cac asta. Tha sibhse cho mì-fhoighidneach an Uibhist. Chan eil sibh a’ cosg tìde a’ smaoineachadh air cùisean. Bithidh mise.”
“Tha e an còmhnaidh math coinneachadh ri duine a dh’fhaodas mi ionnsachadh bhuaithe,” thuirt Mairead
“ ’S fhada bhon a thòisich mise air an obair seo,” thuirt an t-Èildear. “Bidh mi saor a-rèist fad còig oidhcheannan. Cò tha dol a thighinn dhan taigh-òsta leis an stuth a-nochd?”
“Chan eil fhios a’am,” thuirt Mairead. “Nì mi mo dhicheall. Thig cuideigin.”
title | 12. Sùilean Gobhair an Ceann an Eildeir |
internal date | 2005.0 |
display date | 2005 |
publication date | 2005 |
level | |
reference template | MacGill-Eain Dacha mo Ghaoil %p |
parent text | Dacha mo Ghaoil |