13
Nuair a ràinig Mairead agus Tòmas MacMhathain, mac a peathar, Dacha Mo Ghaoil anns an t-Sruth Mhòr anns an Land Rover,stad iad agus choimhead iad air Tanya, a bha a-muigh a’ biathadh nan ostraitsean.
“Dhia, nach i tha mòr!” thuirt Tòmas, balach brèagha bàn mu naoi bliadhna deug a dh’aois.
“An tè ud a tha biathadh nan ostraitsean an-dràsta, sin Tanya,” thuirt Mairead. “Fan gu faic thu an tèile.”
“Tha ’n tèile nas motha na Tanya?” thuirt Tòmas.
“Fada nas motha,” thuirt Mairead.
“Dhia seall orm,” thuirt Tòmas, “nam faiceadh tu i siud aig an diosgo, chanadh tu, ‘Feumaidh mi dhol dhan taigh-bheag grunn thursan leis an leth-bhotal.”
“Nach buidhe dhut!” thuirt Mairead. “Tha thusa dol a choinneachadh riutha ’s cha bhi feum agad air leth-bhotal ann.”
“Dè tha sinn a’ dol a dhèanamh, a Mhairead?” thuirt Tòmas.
“Tha thusa dol a shuidhe sìos,” thuirt Mairead, “ ’s cuiridh tu bus ort los gum bi thu coimhead seagsaidh.”
“Dè bhios tusa dèanamh?” thuirt Tòmas.
“Coma leat smaoineachadh air dè bhios mise dèanamh,” thuirt Mairead. “Smaoinich thusa air na bhios tu fhèin a’ dèanamh. Feuch gum bi thu dèanamh gàire tric cuideachd.”
“Am faigh mi airgead?” thuirt Tomas.
“Dà cheud,” thuirt Mairead. “Agus gheibh thu càr cuideachd.”
“Dè seòrsa?” thuirt Tòmas.
“Land Rover,” thuirt Mairead. “Am fear seo.”
“Ach ’s ann le MacAsgaill a tha am fear seo,” thuirt Tòmas. “Buinidh e dhan oighreachd.”
“ ’S ann leatsa a tha e a-nis,” thuirt Mairead.
“Okay, ”thuirt Tòmas. “Ach carson a tha thu cho fialaidh? Tha thu a’ toirt orm a bhith smaoineachadh.”
“Sin an laigse a th’ annad, a Thòmais,” thuirt Mairead. “Na bi smaoineachadh idir. Dìreach dèan mar a tha mise ’g iarraidh ort, ’s cha bhi dad a dh’iomagain ort.”
“Dhia, seo i tighinn,” thuirt Tòmas.
“Greetings, comrades, ”thuirt Tanya, tè mhòr le craiceann dorcha, aig doras a’ chàir. “You want to enter Dacha? Show not begin until twenty-three hundred hours, but mother and son welcome to have glass of vodka. ”
“Tha i smaoineachadh gur tu mo mhàthair,” thuirt Tòmas, ’s e a’ gàireachdainn.
“Thank you, ”thuirt Mairead. “We follow you. ”
“Come,, ”thuirt Tanya. “You meet my friend Tamara. ”
Rinn doras-aghaidh an taighe dìosgan nuair a dh’fhosgail Tanya e. Chaidh an triùir aca a-steach.
Bha Tamara, briogais ghoirid ’s peitean oirre, na seasamh an teis-meadhan an t-seòmair. Bha i a’ dèanamh eacarsaich le cèise-ball mòr is bha braon fallais oirre. Theann Tanya is Tamara ri glagadaich nan cainnt fhèin. Mu dheireadh, thionndaidh Tamara is bhruidhinn i ri Mairead: “Wodka for you? ”
“Yes, please, ”thuirt Tòmas.
“Tommy!” thuirt Mairead. “No, thank you. I want to talk to you both ... Me, Tanya and Tamara ... we talk, okay? ”
“Okay, ”thuirt Tamara.
“You like working in Scotland? ”thuirt Mairead.
“Is okay, ”thuirt Tamara.
“Better in Germany, no? ”thuirt Mairead. “Many roubles there. ”
Fhreagair Tamara gu dìoghrasach, “Yes, yes, yes! ”
“You like to go work in Germany? ”thuirt Mairead, ’s i ag imlich a beilleagan le teanga.
Chaidh an dithis aca nam boil. “Da, da, da!” thuirt iad còmhla.
“You like to go with ... him? ”thuirt Mairead.
Bha Tanya is Tamara air an togail gu mòr. “Da, da, da!” thuirt iad.
“Fuirich mionaid, a Mhairead,” thuirt Tòmas. “Cha toigh leam ... ”
“Dè thuirt mi riut?” thuirt Mairead. “Dùin do bheul.”
“How old your son? ”thuirt Tamara.
“Nineteen, ”thuirt Mairead.
“Younger than husband of Tamara, Die-vee, ”thuirt Tanya. “What his name? ”
“Tommy,” thuirt Mairead.
“To-mee is pretty boy, no? ”thuirt Tamara. Thàinig an uair sin spreaghadh dhen chainnt Ruiseanach eatarra.
“Dè tha a’ ghlogaidh-homh ag ràdh?” thuirt Tòmas.
“Tha iad ag ràdh nach mill a’ ghràndachd idir thu,” thuirt Mairead. “Cha chreid mi nach eil Tanya air nòisean a ghabhail dhìot.”
“Dia bhith timcheall orm!” thuirt Tòmas is cnead guil na ghuth.
“You go to Germany with Tommy? ”thuirt Mairead. “He has good car and knows the way to Hamburg. ”
Bhruidhinn Tanya is Tamara còmhla: “Da, da, da! Hamburg is good! To-mee is good! ”
Thug Mairead cnap notaichean a-mach às a sporan. “Seo,” thuirt i ri Tamara ’s i a’ toirt an airgid seachad, “a little money for you. ”
Cha robh ri chluinntinn ach siosarnaich nan notaichean agus sainnsireachd ann an Ruiseanais mar a bha Tanya is Tamara a’ cunntais. Mu dheireadh, bhruidhinn Tamara: “You no want show?”
“Give show to Tommy on the road, ”thuirt Mairead.
“Da, da, da, ”thuirt na Ruiseanaich còmhla. “Is good, ”thuirt Tamara. “When we go? ”
“O, Mhairead!” thuirt Tòmas ann an guth cianail.
“Dùin do chab!” thuirt Mairead ti Tòmas. Thionndaidh i ris a’ chloinn-nighean: “You go Friday night, ”thuirt i. “Ferry sails from Loch Boisdale at ten ... at twenty-two hundred hours. You meet Tommy there at the pier at twenty-one hundred.”
“Nyet, nyet, nyet, ”thuirt Tanya. “To-mee stay here. We entertain him. ”
“A Mhairead, tha mi guidhe riut,” thuirt Tòmas. “Na fàg mi còmhla riutha idir.”
Rinn Mairead dòrn le làimh cheart agus thug i sgailg dha bois cheàrr leis. “Tommy comes with me, ”thuirt i. “You meet him Friday night at Loch Boisdale.”
“Okay, ”thuirt Tamara, mar gum biodh i a’ feuchainn ri Tòmas a thoirt a thaobh. “To-mee, Friday night I let you feel my muscles, eh? ”
“Thugainn, a Mhairead,” thuirt Tòmas. “Trobhad, an toir thu dhomh iasad dhen mhobile agad? Feumaidh mi fònadh gu cuideigin mum falbh mi ... ma dh’fheumas mi falbh.”
“Seo,” thuirt Mairead, ’s i a’ toirt seachad na fòn. Thionndaidh i ri na Ruiseanaich. “Tommy make call on telephone, ”thuirt i.
Choisich Tòmas a-mach air an doras. Cha bu luaithe rinn e sin na chual’ e Tanya is Tamara ag èigheach on taobh a-staigh, “We want To-mee, we want To-mee. ”Choisich e pìos air falbh on taigh-cruite agus thòisich e air bruthadh phutanan. Nuair a fhuair e troimhe, theann e ri bruidhinn gu cabhagach.
“ ... No, I shan’t care to leave my name. Pick up a pen and stop faffing around. ”Bha dàil bheag ann. “Sheòrais,” thuirt e, “ ’s math gun d’ fhuair mi a-staigh thu. Dè tha thu ciallachadh, cò tha seo? Tomaidh a th’ ann. Bheil cuimhn’ agad gu robh thu ’g iarraidh ainm? Uill, seo e: Calum Dòmhnallach à Geàrraidh Sheilidh ... Seadh, bhana Morris Minor, àireamh CI47 ZSC, ochd‘Nine-Bars’.” Chaidh dà dhioga seachad. “Dè fios a th’ agamsa cò tha dol ga cheannach,” thuirt e. “Ma leanas sibh e, gheibh sibh a-mach, tha mi creidsinn ... ” Dh’èist e airson deagh ùine. “ ’S e do bheatha, Sheòrais,” thuirt e. “Tha e math fàbhar a dhèanamh do charaid aig am bi deagh chuimhne.”
Dh’fhosgaileadh doras an taighe agus thàinig Mairead a-mach. Dh’èigh i thar a guailne, “By-ee, by-ee. ”
“By-ee, by-ee”dh’èigh Tamara is Tanya bho bhroinn an taighe. Nuair a ràinig Mairead far an robh Tòmas na sheasamh, shìn i a-mach a làmh a dh’fhaighinn a’ mhobile.
“Seo, a Mhairead,” thuirt Tòmas, ’s e ga toirt seachad. “Tapadh leat. Cha robh e staigh.”
“Tha a h-uile duine cho trang sna lathaichean a th’ ann,” thuirt Mairead. “Nach eil, To-mee?”
title | 13. Air Chèilidh an Taigh nan Ostraitsean |
internal date | 2005.0 |
display date | 2005 |
publication date | 2005 |
level | |
reference template | MacGill-Eain Dacha mo Ghaoil %p |
parent text | Dacha mo Ghaoil |