14
Charaich Calum Dòmhnallach e fhèin air suidheachan-dràibhidh a’ Mhorris Minor aige, a’ bhana bheag a’ ruith gu luath tron oidhche, na beanntan is na lochan a’ nochdadh anns na solais fada roimhe agus a’ dol à sealladh cha mhòr sa bhad anns an dorchadas.
Gu h-obann, ’s e dìreach a’ tighinn gu ceann rathad an Iochdair, ’s e gu bhith aig an Fhadhail a Deas, chual’ e caoineadh càr nam poileas air a chulaibh. Stad Calum a’ bhana, chuir e air a’ bhrèig-làimhe agus thionndaidh e dheth an t-einnsean.
Stad càr nam poileas mu thrì slatan air a chùlaibh agus thàinig dithis a-mach. Ghnog fear dhe na poilis air uinneag an dràibheir. Sheas am fear eile aig cùl na bhana.
“Fosgail an uinneag,” thuirt am poileasman.
Rothaig Calum sìos an uinneag. “Dè tha ceàrr?” thuirt e.
“Reckless driving’ ,a Chaluim,” thuirt am poileasman.
“Uill,” thuirt Calum, “nach mi tha gòrach! Shaoil mi gur ann
“Tha fios againn air tòrr mu do dheidhinn, a Chaluim,” thuirt am poileasman. “Nam bharail-sa, duine sam bith a th’ air an rathad mhòr le seann chranàitseach de bhana Morris Minor, tha e na chulaidh-nàire, na chulaidh-thruais is na chulaidh-mhagaidh.”
“Agus càite,” thuirt Calum, “ann an leabhar a tha ’g innse dhut dè mar a bhios tu nad phoileasman a bheil seo sgrìobhte?”
“Chan eil e sgrìobhte am bad sam bith,” thuirt am poileasman. “Tha e agam nam cheann.”
“Bheil sin ceart?” thuirt Calum.
“Thig a-mach às a’ bhana,” thuirt am poileasman.
“Hoigh!” thuirt Calum, ’s e tighinn a-mach as a’ bhana ’s a’ dùnadh an dorais le glag.
“Cuir do làmhan air mullach na bhana,” thuirt am poileasman. “Gluais do chasan pìos beag air ais. Na caraich.”
“Dè an Diabhal tha tachairt an seo?” thuirt Calum.
Dh’èigh am poileasman ri chompanach, “A Dhòmhnaill, fosgail an doras-cùil.”
“Bheil barantas agaibh?” thuirt Calum.
“Chan eil,” thuirt am poileasman, “ach tha geimhleag aig Dòmhnall. Dall ort, a Dhòmhnaill.”
Chuala Calum a’ ghlagadaich a nì meatailt air meatailt nuair a thug Dòmhnall ionnsaigh an toiseach air an doras ’s an uair sin air glasan nan ceasaichean. Bha coltas iargalta air aodann. “Hoigh,” dh’èigh e, “chan urrainn dhuibh sin a dhèanamh!”
“Tha sinn ga dhèanamh, ’ille,” thuirt am poileasman.
Choisich e seachad air Calum is chaidh e gu cùl na bhana. “ ’S dè th’ againn an seo?” thuirt e. Bhruidhinn e gu socair ri Dòmhnall: “Cia mheud pacaid a th’ ann, a Dhòmhnaill?”
Thaom Dòmhnall na pacaidean air làr na bhana is bhruidhinn e gu slaodach: “Aon ... dhà ... trì ... cha chreid mi ... tha faisg air ceithir fichead unnsa aige, Sheòrais.”
“Tha mi gad chur an sàs,” thuirt Seòras. “Mun tòisich sinn gad cheasnachadh, tha sinn airson gun tuig thu na còraichean a th’ agad.”
“ ’S aithne dhòmhsa mo chòraichean,” thuirt Calum.
“Bi sàmhach is èist ris an duine,” thuirt Dòmhnall.
“Chan fheum thu freagairt a thoirt do cheist sam bith,” thuirt Seòras. “Tha cead agad a bhith nad thosd. Ma fhreagras tu ceist sam bith, faodaidh sinn na chanas tu a chur gu feum mar fhianais sa Chùirt. ’Eil thu tuigsinn na tha mi air a chantail riut?”
“Tha mi tuigsinn ro mhath,” thuirt Calum. “ ’Eil thu smaoineachadh gur e gill-fhonaidh an Diabhail a th’ annam?”
“Thug thu na dearbh fhaclan às mo bheul,” thuirt Dòmhnall.
“Tha còir agad air seirbheis neach-lagha,” thuirt Seòras. “Bheil neach-lagha agad?”
“Ìosa, chan eil,” thuirt Calum. “Ciamar a bhiodh fear dhiubh sin agam? Chan eil mionaid bhon a chuir sibh an sàs mi.”
“Ma tha thu ’g iarraidh neach-lagha,” thuirt Seòras, “chan eil agad ach a ràdh, agus bheir sinn ùine dhut los gun cuir thu neach-lagha air fhastadh agus gum faigh thu comhairle bhuaithe. Faodaidh tu bruidhinn ris an neach-lagha agad mum freagair thu ceist sam bith. ’Eil thu tuigsinn na tha mi air a chantail riut?”
“Tha mi tuigsinn,” thuirt Calum.
“Mura bheil agad na phàigheas neach-lagha,” thuirt Seòras, “bidh neach-lagha air a shuidheachadh dhut leis a’ Chùirt. An tuig thu sin?”
“Tuigidh,” thuirt Calum.
“Faodaidh tu,” thuirt Seòras, “ma tha thu deònach, na còraichean sin a chur gu taobh agus freagairtean a thoirt do cheist sam bith a chuireas sinn ort. Am freagair thu na ceistean?”
Bhruidhinn Calum gu tàireil: “Ged a shealladh tu do thòn dhomh, gu dearbha fhèin cha fhreagair.”
“Thalla a-staigh dhan bhana agad,” thuirt Seòras. “Dhan t-seat-chùil. Dhòmhnaill, thalla thusa a-staigh còmhla ris. Cùm grèim teann air. Ma ghluaiseas e, thoir sgailc dha leis a’ gheimhleig agad.”
Thug Seòras a-mach am fòn agus cha do rinn e fiù ’s a chorrag a chur oirre. Theann e ri bruidhinn sa bhad: “Iain?” Dh’fhan e greiseag gun bhruidhinn, is an uair sin thòisich e a-rithist. “Seòras an seo. Inns dhan t-sàirdseant gun d’ fhuair sinn grèim air an fhear a th’ ann, ’s gu robh an stuth aige ann an ceasaichean ann an cùl na bhana. Tha sinn a’ tighinn a-staigh a-nis.”
title | 14. Am Fear a Bhios a’ Sìor Bhiogaireachd, Thèid e Leis a’ Chreig Uaireigin |
internal date | 2005.0 |
display date | 2005 |
publication date | 2005 |
level | |
reference template | MacGill-Eain Dacha mo Ghaoil %p |
parent text | Dacha mo Ghaoil |