[94]

16

Sheas an t-Èildear am meadhan an t-seòmair aige anns an taigh-òsta, An t-Eilean Dorcha, am Beinn aBhadhla, agus a rèir cho deargs a bha aodann, bha caothach tioram air. Eadar làmhan mar spaidean chrath e am botal uisge-bheatha.

Tha seo falamh,” thuirt e. “Tha fear eile am badeigin.” Thog e cluasag a bha air an leabaidh agus ghabh e grèim air botal slàn Grouse. “Seo e. Bheil thug iarradh bheag, a Mhairead?” Cha tug e fiathachadh dhan gille òg philleagach a bha na sheasamh san doras. Chuir e car de mhullach abhotail agus lìon e glainne leth-phinnt leis an uisge-bheatha.

Tha e ro thràth dhòmhsa,” thuirt Mairead, ’s i na suidhe air sèithear tiugh ri taobh an telebhisean.

Ro thràth?” thuirt an t-Èildear. “Tha e gus a bhith cairteal gu deich.”

Tha e fhathast ro thràth,” thuirt Mairead. “Siuthad thusa ma tha thug iarraidh drama, ge-.”


[95]

Gabh mo leisgeul, a bhean chòir,” thuirt an gille. “Bheil thusa dol gam phàigheadh airson ... uill ... umh, an stuth?”

Chan eil,” thuirt Mairead.

Choimhead an gille oirre san shùil. “Nach ann annad a tha abhanaicheard!” thuirt e. “Bha dad am gu robh thu toirt a chreidsinn orm.”

Cha bhi mise toirt a chreidsinn air duine uair sam bith,” thuirt Mairead. “Iarr an t-airgead air an Leòdhasach.”

Tha an troich beag ud ag iarraidh airgead, a bheil?” thuirt an t-Èildear. “Bastar. Ma bheir mise làmh ort, cha bhi càil dhìot ach na brògan.”

Mhurchaidh,” thuirt Mairead, “ge brith reic e dhut, feumaidh tu a phàigheadh.”

Leth-chairteal a thug mi dhut,” thuirt an gille. “Còig nota deug, a dhuine.”

Tha an stuth agad gun fheum, a bhalaich,” thuirt an t-Èildear. “Bhiodh barrachd kick ann an Oxo cube.Nuair a smaoinicheas mi, ’s dòcha gur e Oxo cube a thug thu dhomh.”

Cha be, cha be,” thuirt an gille.

Mhurchaidh,” thuirt Mairead, “pàigh e.”

Air an dreasair,” thuirt an t-Èildear. “Tha mo mhàileid-phòca air an dreasair.”

Leig leis falbh,” thuirt Mairead. “Tha mi airson bruidhinn riut.”

Hoigh, bhalaich,” thuirt an t-Èildear. “Tha fhicheads a trì innte. Nuair a dhèireas mi bidh min dòchas gum bi trì-deug thar fhichead innte. Tuigsinn?”

Choisich an gille chun an dreasair, thog e amhàileid-phòca agus thug e a-mach deich notaichean.


[96]

Okay,” thuirt an gille. “Nach eil mi faighinn tip idir?”

Chan eil,” thuirt an t-Èildear.

Thionndaidh an gille a cheann agus choimhead e air an Leòdhasach mar gum biodh e air a leamhachadhs air a sgreamhachadh aig an aon àm. Thuirt e, “Cha be sin an duanag a bhagad aig leth-uair an dèidh còig sa mhadainn an-diugh.”

Bheir mi dhut tip,ma-thà,” thuirt an t-Èildear. “Faigh obair cheart.”

Tha seo nas fheàrr na bhith abuain na mònadh,” thuirt an gille.

Chan aithne dhomh càil mu dheidhinn sin,” thuirt an t-Èildear. “ ’S e oil-fired central heating a thagainne air aBhac.”

Choisich am fear òg chun an dorais. Stad e. Thionndaidh e is chuir e aghaidh ris an Leòdhasach. “Uill,” thuirt e, “chan eil e mòran nas fheàrr na bhith buain na mònadh, aig amannan. Ach tha e, tha e achuid as motha dhen ùine nas fheàrr na sin. Corra uair, bheil fhios agad, coinnichidh tu ri cruadhlag, agus an uair sin tha e dìreach nas slaodaiche.”

Bheil fhios agad air seo, a bhalaich?” ’s e acur na glainne sìos air bòrd gu faiceallach. “Latha brèagha air choreigin bheir cruadhlag dhut buille a leabhailigeas tu, ’s tu bruidhinn mar sin. mar a chòrdadh sin riut?”

Saoil an cuireadh e barrachd gaoir annam nan t-Oxo cube? ”thuirt an gille.

Tarraing, a mhic na mallachd,” thuirt an t-Èildear.

Thoir grunnd ifhreann ort,” thuirt an gille, is dhfhalbh e gu luath, ’s e dèanamh brag nuair a dhùin e an doras.

Lion an t-Èildear a ghlainne a-rithist agus ghabh e balgam.


[97]

Bhruidhinn e ri Mairead le mulad na ghuth: “Sin an dearbh àite far a bheil mi air a bhith bhon a ràinig mi an t-eilean seo. Tha mi air a bhith glaiste a-staigh an seo bho Dhimàirt seo chaidh, ’s chan eil mi faicinn ach mèirlich. An dàrna fear nas miosa nam fear eile. ’S tha mi air fortan a chosg air ... air Oxo.”

Am bi thusa taghtairson Latha na Sàbaid?” thuirt Mairead.

“ ’S e Diardaoin a thann an-diugh. Chan eil cus ùine agad.”

Tha mi cho fiot ri fiadh an-dràsta fhèin,” thuirt an t-Èildear. “Thighearna, nach leig thu leam?”

Tha mi air minntinn atharrachadh,” thuirt Mairead. “Seachain na h-igheanan Ruiseanach. Chan eil iadsan an lùib aghnothaich a-nis ann. ’S e a thu, thèid thu as dèidh an duinud, Tiny MacCormaig, ’s nuair a bhios tu ullamh, cuiridh tu eagal a bheatha air Daibhidh. An urrainn dhut sin a dhèanamh? Cha gheàrr mi dairgead idir.”

Tha sin math gu leòr dhòmhsa,” thuirt an t-Èildear.

Trobhad, a Mhurchaidh,” thuirt Mairead. “An-diugh feasgar thig triùir a-nuas dhan rùm agad an seo agus bruidhinnidh iad riut mu dheidhinn thagad ri dhèanamh. Thèid thu air sgrìob còmhla riutha.”

n Diabhal a bheil iad?” thuirt an t-Èildear. “Iarr orra tighinn suas an seo.”

Thusa,” thuirt Mairead, “innsidh mi dhut tha thusa dol a dhèanamhceart? Tha thu dol innte.”

Chan eil mi sgìth,” thuirt an t-Èildear.

Tha coltas ort gu bheil thu cho sgìth ri seann chù,” thuirt Mairead. “Theirg dhan leabaidh, amadain. Chan eil e aon uair deug fhathast. Thig na daoine a choimhead ort timcheall air trì uairean, aguss fheàrr dhut bhith air do chois, oir mura bi,


[98] bheir mi fòn a Steòrnabhagh agus cuiridh na daoine shuas an sin smùid às na h-itean agad.”

Okay, ”thuirt an t-Èildear.

Chan fhaigh thu deoch,” thuirt Mairead, “chan fhaigh thu dad a smocas tu, chan fhaigh thu dad idir. Gabh shower agus theirg dhan leabaidh. Tuigsinn?”

Cha ghabh mise òrdughan bho neach sam bith,” thuirt an t-Èildear, “gun luaidh air do leithid-sa, a phlàigh.”

title16. Onfhadh an Eildeir
internal date2005.0
display date2005
publication date2005
level
reference template

MacGill-Eain Dacha mo Ghaoil %p

parent textDacha mo Ghaoil
<< please select a word
<< please select a page