20
Leum an Land Rover a-mach às an àite-parcaidh aig Sgoil Lìonacleit, a’ dol seachad air na lùban air an rathad gu Tuath aig astar, ’s na taidhrichean a’ sgreuchail. Air a’ chabhsair eadar Beinn a’ Bhadhla is Uibhist a Tuath, thuirt Mairead, “Tha thu a’ dol ro luath, a Dhaibhidh.”
“Ìosa,” thuirt Daibhidh, “an robh thu a’ dol a dh’innse dha na poilis mu dheidhinn dha-rìribh?”
“Bha,” thuirt Mairead. “Ach cha leig mi leas innse ortsa. Beiridh fear dhiubh oirnn ma chumas tu ort a’ dràibheadh aig an astar sin.”
“Tha thu fuireach ann a Bhàlaigh, a bheil?” thuirt Daibhidh.
“Gu math faisg dha,” thuirt Mairead. “Neist, gabh air do shocair.”
“Chan urrainn dhomh,” thuirt Daibhidh.
“Trobhad, ’ille, cuir maill air a’ chàr seo – ’eil thu tuigsinn?” thuirt Mairead.
“Chan urrainn dhomh,” thuirt Daibhidh. “ ’N fhìrinn ghlan a th’ agam.”
“Tha ùine gu leòr againn,” thuirt Mairead.
“Bheil thusa deònach dràibheadh?” thuirt Daibhidh.
“Tha,” thuirt Mairead.
Stad an Land Rover gu cas. Dh’fhosgaileadh dorsan, chualas ceumannan a’ ruith timcheall air a’ charbad, agus dhùineadh na dorsan. Thog iad orra, ach an turas seo aig astar na bu shlaodaiche.
“Tha mi ’n dòchas,” thuirt Mairead, “gum bi thu air sìoladh sìos nuair a bhios agad ris an Land Rover a thoirt suas gu Deas.”
“O, bheil agam ri seo a thoirt air ais?” thuirt Daibhidh.
“Tha,” thuirt Mairead. “Tha thu dol suas a Loch Baghasdail.”
“A bheil?” thuirt Daibhidh. “Dè nì mi leis a’ mhotair agam?”
“Fàg e far a bheil e an-dràsta,” thuirt Mairead.
“ ’S dè mar a chuireas mi an Land Rover air ais thugad?” thuirt Daibhidh.
“Chan eil mi ga iarraidh air ais idir,” thuirt Mairead.
“Dè thuirt thu?” thuirt Daibhidh.
“ ’S e preusant a tha mi toirt dhut, a Dhaibhidh,” thuirt Mairead.
“An-asgaidh?” thuirt Daibhidh.
“Cuir do làmh sìos dhan phoca a tha ri cliathaich an dorais,” thuirt Mairead. “Gheibh thu na pàipearan – MOT, Certificate of Insurance, Registration Document is rudan mar sin. Faodaidh tu a reic nuair a bhios tu deiseil dhed cheann-gnothaich ma thogras tu.”
Dh’fhosgail Daibhidh cèis phlastaig agus rinn e sgrùdadh air na bha na broinn.
“O, ceud mìle taing,” thuirt e. “Tha mi fada nad chomain ... umh, dè bha thu ciallachadh nuair a thuirt thu ‘deiseil dhed cheann-gnothaich’? An ann nuair a ruighneas mi Loch Baghasdail a tha mo cheann-turais ullamh?”
“O, chan ann, a Dhaibhidh,” thuirt Mairead. “Tha eagal orm gu bheil thu dol fada nas fhaide na Loch Baghasdail.”
“Dè cho fada?” thuirt Daibhidh.
“Gu ruige Hamburg,” thuirt Mairead.
“Chan aithne dhòmhsa mo shlighe a Bhàgh a’ Chaisteil, gun luaidh air Hamburg,” thuirt Daibhidh.
“Chan eagal dhut” thuirt Mairead. “Bidh deagh fhear-iùil agad.”
“Cò?” thuirt Daibhidh.
“Tommy, an gill’ aig mo phiuthair,” thuirt Mairead.
“Ach chan aithnich mi am fear sin ann,” thuirt Daibhidh. “Bidh e doirbh ... umh, cha bhi e furasta còmhradh a dhèanamh ri coigreach air turas cho fada sin. Chan e slighe tac an dorais a th’ ann eadar Uibhist is a’ Ghearmailt, bheil fhios agad?”
“O, tha fhios agam,” thuirt Mairead. “Tha ’s aig Calum. Nach robh esan ’s Tommy thall bho chionn cola-deug?”
“Cha chuala mi guth mu dheidhinn sin idir,” thuirt Daibhidh.
“Nach tu a dhèanadh an deagh fhear-lagha, a Dhaibhidh!” thuirt Mairead.
“Ciamar?” thuirt Daibhidh.
“Tha thu ’g innse bhreugan mar nach biodh tu smaoineachadh air,” thuirt Mairead.
“Uill,” thuirt Daibhidh, “feumaidh mi ràdh nach eil mi às mo chiall mu dheidhinn sgrìob dhan Ghearmailt còmhla ri bug – umh, còmhla ri cuideigin nach aithne dhomh.”
“Cha bhi sibh leib’ fhèin idir,” thuirt Mairead. “Bidh feadhainn air a bheil thu gu math eòlach a’ falbh còmhla ribh.”
“Cò ’n fheadhainn?” thuirt Daibhidh.
“Uill,” thuirt Mairead, “bidh a’ bhean agadsa a’ dol ann.”
“A’ bhean ... agamsa?” thuirt Daibhidh.
“Seadh, Tamara,” thuirt Mairead. “Bheir i fhèin ’s a companach Tanya aoigheachd is bàidh dhuibh air an t-slighe.” Stad Mairead aig taigh a h-athar. Cha do bhruidhinn aon seach aon aca airson greis mhath.
Mu dheireadh, labhair Daibhidh is coltas air gu robh Mairead air gabhail air: “Bheil agamsa ri seo a dhèanamh dha-rìribh?”
“Tha,” thuirt Mairead. “ ’S e sin mura bheil thu airson a bhith còmhla ri do charaid Calum anns a’ phrìosan, agus ma tha thu airson ciùird ùr ionnsachadh an Dùn Èideann. Cuiridh tu clann-nighean a’ bhaile mhòir nam puins, a Dhaibhidh. Bidh Land Rover agad. Agus a chionn ’s gu bheil thu fada ro bhrèagha do dh’fhireannach, feumaidh mi sabaid riutha mum faigh mi a-staigh dhan oifis agam fhìn sa mhadainn.”
Bha Daibhidh gluasadach air an t-suidheachan-aiseig. “Gun teagamh, tha thu ceart,” thuirt e. “Nuair a chuimhnicheas mi air na thubhairt thu, tha e ... uill, tha blas eile a’ tighinn air a’ ghnothach.”
“Tha sin math, a Dhaibhidh,” thuirt Mairead. “Nis, feumaidh mi t’ fhàgail. Tha tòrr fònaidh agam ri dhèanamh a-nochd fhathast.” Thàinig i a-mach às an Land Rover,a’ leigeil le Daibhidh sleamhnachadh a-null gu suidheachan an dràibheir. “Tha fhios agad dè th’ agad ri dhèanamh, a-nis,” thuirt i.
“Tha,” thuirt Daibhidh gu goirid. “Tha mi a’ dèanamh air Loch Baghasdail. Chun a’ chidhe. Bidh an fheadhainn eile
“ ’S mi gun dèan sin, a laochain,” thuirt Mairead. “Tha thu taghta nis, a bheil?”
“Tha,” thuirt Daibhidh.
“Tha mi dìreach a’ dèanamh cinnteach,” thuirt Mairead. “Cha b’ urrainn dhut dràibheadh ceart an uair ud.”
“Tha dà uair an uaireadair agam airson faighinn suas,” thuirt Daibhidh. “Gabhaidh mi air mo shocair e.”
“Bidh cuimhn’ agad air a h-uile dad, nach bi?” thuirt Mairead.
“Bithidh, bithidh,” thuirt Daibhidh gu mì-fhoighidneach. “Cidhe Loch Baghasdail. Togaidh mi Tomaidh agus ... na siù – umh, na h-igheanan Ruiseanach – agus togaidh sinn oirnn dhan Ghearmailt.”
“Seo,” thuirt Mairead, ’s i a’ toirt cèis dha. “Gabh seo.”
“Dè th’ ann?” thuirt Daibhidh.
“Beagan airgid,” thuirt Mairead. “Ach am facal a chleachdas daoine mar a tha sinne – luchd-lagha, bheil fhios agad? – ’s e‘retainer’.”
Chaidh doras an Land Rover a dhùnadh le gliong. Ghluais Daibhidh air falbh, ’s e a’ seinn na dùdaich gu dìoghrasach.
title | 20. Cruaidh-Leum gu Tuath |
internal date | 2005.0 |
display date | 2005 |
publication date | 2005 |
level | |
reference template | MacGill-Eain Dacha mo Ghaoil %p |
parent text | Dacha mo Ghaoil |