21
Air madainn Disathairne, is gaoth an ear a’ beothachadh, shuidh Mairead air cloich ri taobh geata taigh a h-athar agus chùm i faire air MacAsgaill, a bha a’ sìor dhlùthachadh air baidhsagal.
Nuair a ràinig e far an robh i, thuirt e, “Duilich gu bheil mi fadalach.” Smèid e chun a’ bhaidhsagail mar gum b’ e sin a leisgeul. “Tha e doirbh a bhith strì an aghaidh na gaoithe.”
“O, aidh,” thuirt Mairead. “Mar a tha e a’ cantail san t-seanfhacal, ‘Thugainn, ars an Righ; fuirich, ars a’ ghaoth. ’”
“ ’S ann agam a tha fios!” thuirt MacAsgaill. “Tha lapadh air mo làmhan a’ tighinn an seo.”
“ ’S math an rud ris am bi dùil,” thuirt Mairead.
“Tha a h-uile càil mar bu ghnàth a-nis, mar a tha mi tuigsinn,’ thuirt MacAsgaill. “Mu dheireadh thall.”
“Bheil fhios agad air a seo, a MhicAsgaill?” thuirt Mairead.
“Do dhuine a tha mi feuchainn ri chuideachadh, tha thu gu math
“Dè tha ceàrr an Glaschu?” thuirt MacAsgaill. “Cogadh air bristeadh a-mach eadar muinntir Ghlaschu agus muinntir Dhùn Èideann?”
“ ’S e rud gu math sìmplidh a th’ ann,” thuirt Mairead. “Duine ’s a bhean, seinneadairean a th’ annta – Na Politicians a chanas iad riutha – rinn iad CD an-uiridh fo bhratach companaidh ann an Glaschu, agus ged a tha iad air faisg air mìle gu leth a reic thuige seo, chan fhac’ iadsan sgillinn ruadh fhathast. Chuir mi litir mhòr bhrèagha a Ghlaschu ag ràdh gun toirinn na fiaclan-deiridh asta mura cuireadh iad seic gu Murchadh is Anna sa bhad. Agus nan gabhainn sgrìob sìos a Ghlaschu, bhiodh an t-aithreachas orra. ’S toigh leam a bhith dèanamh fàbhar do dhaoine an-dràsta ’s a-rithist.”
“Dèan fàbhar dhòmhsa,” thuirt MacAsgaill. “Fhad ’s as beò mi, na dèan fàbhar eile dhòmhsa. Chunnaic mise mar a tha thu ’g obair.”
“Innsidh mi dhut dè nì thu,” thuirt Mairead. “Thoir dhomh an t-airgead.”
Thug MacAsgaill cèis thiugh do Mhairead agus dh’fhàs a shùilean cruinn nuair a dh’fhosgail i a’ chèis agus a theann i ri cunntadh an airgid. “Thighearna,” thuirt e, “chan ann ris a’ chunntais a tha thu a-muigh an seo?”
“Ist!” thuirt Mairead, ’s i a’ dèanamh brunndail fhad ’s a bha i a’ cunntadh.
“Toilichte?” thuirt MacAsgaill.
“Chan eil,” thuirt Mairead. “Chan eil an seo ach còig mìle.”
“Uill,” thuirt MacAsgaill, “bha e fhèin ag ràdh, a chionn ’s gun tug thu seachad an Land Rover gun chead ... agus nach robh gnothach aigesan ris an Èildear ... uill, mar sin, shaoil mi gum biodh e iomchaidh ... trì a chumail air ais ... gus ... uill, umh, gus am faighinn cothrom bruidhinn riut fhèin.”
Bhruidhinn Mairead ann an guth cruaidh: “Thoir dhomh dà mhìle dhe na th’ agad ann am pòcaid an taobh a-staigh na seacaid agad.”
“Ach, a Mhairead,” thuirt MacAsgaill, “chan eil sin a’ fàgail ach ... ”
“Mìle,” thuirt Mairead. “Mìle airson mise bhith babhsgaideach. ’S mi a chuir an t-Èildear air fhastadh, agus cha b’ fhiach e am poll. Mo choire-sa a bha sin. ’S tha mi pàigheadh air a son.”
“Ach an Land Rover ...?” thuirt MacAsgaill gu tiamhaidh.
“Dh’fhaighneachd Tommy do chuideigin aig Clann Ruairidh Fhearchair shìos am Bail’ a’ Mhanaich dè b’ fhiach e,” thuirt Mairead, “agus thuirt am fear a bh’ ann nach toireadh e cassette de dh’Iain MacAoidh air. Dhomh dà mhìle.”
Gun truas sam bith na sùilean, choimhead Mairead air MacAsgaill. Mu dheireadh, thug e seachad cnap de notaichean dhi.
“Tha e doirbh do riarachadh, a bhoireannaich,” thuirt MacAsgaill.
“Tarraing a-mach às mo shealladh, a bhriogadair a tha thu ann,” thuirt Mairead, “ ’s bidh mi riaraichte an uair sin.”
“A Mhairead,” thuirt MacAsgaill gu cianail, “bha mi smaoineachadh gu robh sinn gu math dàimheil dha chèile. Bha mi dhen bheachd gu robh rudeigin eadarainn.”
“ ’S dòcha gu robh,” thuirt Mairead. “Airson greis.” Rinn i snodha-gàire. “Cha dèan math dhuinn a bhith gearain. Sin cor an t-saoghail, a Mhaighstir MhicAsgaill. Bidh rudeigin againn. Ach dìreach airson treiseag.”
Leum MacAsgaill air a’ bhaidhsagal agus rinn e deiseil airson falbh. “An toir mi dhut lift a bhadeigin?” thuirt e.
Bha fiamh gàire air a h-aodann nuair a chrath i làmh ris ’s i ga chur air falbh. “Ma bhios mise ag iarraidh lift,” thuirt i, “fònaidh mi airson tagsaidh. Thalla, ’s bi guidhe ri Dia nach fòn mi gu Màiri às dèidh sin.”
title | 21. ’S e Dealachadh a b’ Fheudar |
internal date | 2005.0 |
display date | 2005 |
publication date | 2005 |
level | |
reference template | MacGill-Eain Dacha mo Ghaoil %p |
parent text | Dacha mo Ghaoil |