[32]

5

Aig uair feasgar ann an seòmar brèagha ann an togalach ann am Park Circus an Glaschu, bha deannan dhaoine, fireann agus boireann, nan suidhe gu comhartail air sèithrichean leathair. Bha iad a’ bruidhinn gu socair ri chèile, feadhainn dhiubh ann an cainnt nan Ruiseanach, agus iad bho àm gu àm a’ toirt sùil air an dithis annasach a bha nan seasamh ’s an cùlaibh ris a’ choitheanal.

An taca ri Tamara, a’ bhan-Ruiseanach mhòr bhàn, air an robh briogais dhubh agus peitean geal a bha sealltainn ghuailnean leathann agus ghàirdeanan fèitheach, bha Daibhidh MacÌosaig, sia òirlich na bu lugha is fada na bu chaoile, mar ghille beag aois-sgoile.

Chaidh a h-uile duine balbh tostach nuair a dh’èirich bodach beag reamhar is sgall air gu chùl agus a choisich e le ceumannan critheanach gu nàdar de chùbaid, far an tug e aghaidh orra air fad. Bha e uidheamaichte le deise bheag shaor a bha fada ro


[33] theann dha, agus Bìoball. Theann e ris a’ ghairm-pòsaidh. Mu dheireadh, thuirt e, “And by the powers invested in me ... I pronounce you, David, and you, Tamara, ... husband and wife. ”

Bhrùchd sùilean a’ ghille. Thàinig tuainealaich air. Chuir Tamara a gàirdean mu mheadhan agus thog Daibhidh làmh gun lùths airson a cumail air ais. Rinn e miathalaich lag agus thuit e le glag chun an làir. Leig boireannach sgread aiste.

Bhruidhinn am Fear-clàraidh beag reamhar: “You may now ... well, pick your husband up off the floor.”

Give him air!bha Calum a’ glaodhaich. “Give him air!Bha grèim teann aige air làimh Tanya, a’ bhean ùr aige. Rinn iadsan pòsadh ro-làimh.

Nyet, ”thuirt Tamara, ’s i air a ghlùin a’ feuchainn ri bann na lèine fhosgladh. “Wodka, wodka. ”

Bha daoine ag èigheach ’s a’ sgiamhail ann an Ruiseanais ’s ann an cainnt muinntir Ghlaschu.

Good thinking,Tamara,” thuirt Calum. “I’ll have a large one. ” Choimhead e timcheall. “Somebody give me a hand here? Any able-bodied volunteers to carry my friend over to the dressing room?

No need, ”thuirt Tamara ann an guth tùchanach. “I carry my hosband. ” Chuir i a gàirdean thro achlaisean an duin’ aice agus le othail is srannartaich theann i ri shlaodadh tarsainn air an ùrlar fhiodha, sàiltean brògan Dhaibhidh a’ dèanamh srann.

Mhoire Mhàthair,” thuirt Calum, ’s e gan leantainn ’s a bheul fosgailte, “nach i a dhèanadh an sgioba buain-mhònadh!”

Chualas snag nuair a chaidh doras an t-seòmair-sgeadachaidh a dhùnadh. Gu fann, air taobh a-staigh rùm na bainnse, bha


[34] fuaimean dhaoine ag èigheach agus a’ gluasad mun cuairt ri chluinntinn.

A Dhaibhidh,” bha Calum a’ sainnsireachd, “Dhaibhidh, dùisg, a dhuine.”

Chrùb Tamara sìos agus thug i sglaisean do ghruaidhean Dhaibhidh.

Theann Daibhidh ri gearain mar gum biodh e a’ tighinn thuige fhèin.

Mmmmm thachair?” thuirt e. “ bheil mi?” Bha dàil de dhà dhiog ann. “Aaaaaaaaargh! Aaaaaaaaaaargh!”

’n Diabhal tha ceàrr ort?” thuirt Calum.

Siud i, siud isiùrsach an Diabhail!” dh’èigh Daibhidh, ’s e a’ toirt spochadh gu Tamara. “Cuir a-mach ia-mach i! B’ fheàrr leam an dengue fhèin a bhith orm seach a bhith coimhead air a h-aodann grànda. Faigh cuidhteas i, Chaluim. Tha mi guidhe riut.”

Air do shocair, ’ill’ òig,” thuirt Calum. “Ist, ist. Bidh thu taghta, Dhaibhidh.”

I go now, ”thuirt Tamara. “Sign documents. ”

Cha robh ri chluinntinn ach fuaim cnapan a sàiltean a’ gluasad air falbh.

An turas mu dheireadh a chunnaic mi tòn mar sin,” thuirt Calum, ’s e coimhead às a dèidh, “ ’s ann bho chùl na cairte aig Seumas Phàdraig a bha mi ’s Rosie an Clydesdale ga draghadh.”

Ach am faca tu an t-aodann a th’ oirre idir?” thuirt Daibhidh. “Ìosa, chuireadh e an t-eagal air an dearg mhèirleach!”

’S e cho àrd ’s cho tapaidh ’s a tha i a chuireadh an t-eagal ormsa,” thuirt Calum. “Nach i bhiodh math a’ putadh na cloiche aig geamaichean a’ Chinn a Deas air machair Àsgairnis?”


[35]

Dia bhith timcheall orm,” thuirt Daibhidh, “tha gaoisid air cùl nan làmhan aice.”

Coma leat an-drasta cho ifhreannaichte ’s a tha i coimhead,” thuirt Calum. “ ’S i do bhean, agus feumaidh sinn a toirtfeumaidh sinn an dithis aca a thoirt dhachaigh a dh’Uibhist.”

Mar as luaithe ’s ann as fheàrr,” thuirt Daibhidh.

Nist, ’ille,” thuirt Calum, “feumaidh tu a dhol a-staigh dhan Registrar an ath doras agus t’ ainm a chur ri na pàipearan a th’ aige dhut.”

Cha tèid mo chas,” thuirt Daibhidh. “Chan eil mi airson gun laigh mo shùil air a’ ... air an ùslaig ghrànd’ ud gu bràth tuilleadh.”

mhìle not, a Dhaibhidh,” thuirt Calum.

Chaidh an doras fhosgladh, ’s an uair sin chaidh a dhùnadh. Chualas fuaim nan cnapan àrd a’ tighinn na bu dlùithe agus an uair sin a’ stad buileach.

Die-vee?” thuirt Tamara.

Mmm, mmm, mmm,thuirt Daibhidh, is cnead guil na ghuth.

Come, ”thuirt a’ bhan-Ruiseanach, “with Tamara. ”

Leig Daibhidh osna is thuirt e, “Okay. ” Dh’èirich e le duilgheadas is lean e Tamara, Calum às an dèidh.

title5. Tubaist aig Pòsadh Neònach
internal date2005.0
display date2005
publication date2005
level
reference template

MacGill-Eain Dacha mo Ghaoil %p

parent textDacha mo Ghaoil
<< please select a word
<< please select a page