[36]

6

Air oidhche Haoine, 29 Dàmhair 2004, aig leth-uair an dèidh aon uair deug, sheall Mairead NicThòrcadail, an taic geata a bha a’ dol suas gu taigh a h-athar ann an Greunatobht ann an Uibhist a Tuath, air solais Land Rover a bha a’ sìor dhlùthachadh. Bha i deich bliadhna fichead a dh’aois, meadhanach àrd, ’s bha ochd clachan de chuideam innte. Bha falt ruadh oirre air a ghearradh gu goirid. Os cionn briogais dhearg theann is brogan àrda dubha bha geansaidh tiugh geal oirre.

Stad an Land Rover.

Tha an t-àm agad, a mhic an Tearaich,” thuirt Mairead.

Dh’fhosgaileadh uinneag. “Mhairead?” thuirt an dràibhear. “Mairead NicThòrcadail?”

B’ e seo MacAsgaill. Bha e goirid, mu chòig troighean gu leth, caolcha robh ach naoi clachan ann. Bha e a’ streap ri fhichead bliadhna dh’aois. Cha robh mòran air fhàgail dhen ghruaig dhuinn a bh’ air, agus na bha ann dhith, bha i air fàs liath.


[37]

eile bhiodh ann mun àm seo dhen oidhche?” thuirt Mairead. “Shania Twain? ’S mise nighean a’ Bhàillidh.”

Dh’fhosgaileadh doras air an làimh chlì. “Leum a-steach dhan toiseach,” thuirt MacAsgaill.

Chaidh Mairead dhan Land Rover is shuidh i ri thaobh. “Tha thu fadalach,” thuirt Mairead. “Tha e gus ’ith faisg air meadhan-oidhche.”

Tha mi duilich, a Mhs NicThòrcadail,” thuirt MacAsgaill. “Dh’fhalbh a’ fòn dìreach mus do dh’fhàg mi an taigh.”

Tha sin taght’ ,” thuirt Mairead. “Cha chuir mi prìs air m’ ùinean turas seo.”

Agus a’ phrìs a tha thu a’ cur air do thìde mar as trice?” thuirt MacAsgaill.

Còig nota fichead san uair,” thuirt Mairead.

Bheil sin ceart?” thuirt MacAsgaill. “Còig nota fichead?”

Sin a’ phrìs,” thuirt Mairead. “Fireannaich na bu ghràinde na thusa, dh’fheumadh iad trì fichead a phàigheadh.” Sguir i a bhruidhinn airson dioga agus choimhead i air bus ri bus. “Chan eil mi ach a’ tarraing asad.”

Tha thu ... Right,” thuirt MacAsgaill gu sgagach. “Bheil thu engaged? Pòsta?”

Shìorraidh bheanaichte, chan eil,” thuirt Mairead. “ mu do dheidhinn-sa? Pòsta? Clann?”

Tha, gu -fhortanach,” thuirt MacAsgaill. “Tha mi minigeadh ... tha mi pòsta, ach cha d’ fhuair Màiri clann riamh.”

’n aois a tha thu?” thuirt Mairead.

fhichead,” thuirt MacAsgaill. “ ’S tu fhèin?”

Nas òige,” thuirt Mairead.


[38]

Uill,” thuirt MacAsgaill, “ ’s mise Ailig MacAsgaillrùnaire pearsanta an Tighearna Granville.”

Chan eil thu ’g ràdh, a laochain. Abair tiotal.” thuirt Mairead, a’ leigeil oirre gu robh an naidheachd air drùidheadh oirre. “ ’S mise Mairead, nighean Alasdair ’ic Dhòmhnaill.”

Tha rudeigin neònach ... ” thuirt MacAsgaill, “tha dol-air-adhart caran annasach a’ gabhail àite anns an t-Sruth Mhòr.”

Chuala mi sin,” thuirt Mairead. “Ostraitsean is boireannaich Ruiseanachrudeigin mar sin, nach e?”

Uill,” thuirt MacAsgaill, “ ’s e na boireannaich ... mar a tha iad gan giùlain fhèin, bheil fhios agad? ’S iad as motha a tha dèanamh dragh dha fhèin.”

Thuirt Mairead, “Tha na h-igheanan a’ ruith mar a chuireas mi e? ’S e droch chlann-nighean a tha ag obair san taigh tha seobheil mi ceart?”

Tha thu ceart,” thuirt MacAsgaill. “Agus ’s iad a tha shuas gu ... tha iad shuas gu an ugannan ann an obair. Cho luath ’s a thig an dorchadas tha càraichean is busaichean làn bhalach is fhireannach a’ falbh ’s a’ tighinn gun sgur.

Bheil seo a’ tachairt a h-uile h-oidhche?” thuirt Mairead

Uill,” thuirt MacAsgaill, “bha e a’ tachairt a-raoir nuair a bha mis’ ann.”

bha thusa a’ dèanamh ann?” thuirt Mairead.

O,” thuirt MacAsgaill, “tha fhios agad, eadar a h-uile càil a bh’ ann, bha e fhèin air nuadalmar a chanas sib’ fhèin an Uibhista chluinntinn gu robh a leithid a’ tachairt. Dh’inns e dhomh gu robh e iomagaineach, agus, seadh, chaidh mi fhèin ann.”

An do chòrd e riut?” thuirt Mairead.


[39]

Chò ... uill, cha do chòrd,” thuirt MacAsgaill. “Tha an t-àite ro bheag. Bha e làn Leòdhasach. Agus cha do dh’fhàg iad deur againne. Dh’òl iad a h-uile càil.”

Ach,” thuirt Mairead, “cha b’ e deoch làidir a bha gad tharraing chun an àite.”

Uill,” thuirt MacAsgaill, “bha bhidiothan agus CDs aca gan cluich.”

chunnaic thu?” thuirt Mairead.

Bha e caran èibhinn, a dh’innse na fìrinn,” thuirt MacAsgaill.

Bha iad supposed film a shealltainn dhuinn le boireannach Sasannach. Mary Poppins? ”

Tha teagamh agam,” thuirt Mairead, “an e Mary Poppins a chunna sibh.”

Feumaidh gur e cuideigin eile a bh’ ann rèist,” thuirt MacAsgaill. “Mar a tha mi ag ràdh, chan eil cuimhn’ a’m air a h-ainm. Titanic? Launching the Titanic? ”

Titanic Toni?” thuirt Mairead.

Chan eil fhios a’m, ” thuirt MacAsgaill. “Ge b’ e air brith an a bh’ ann, chan fhaca mise mòran dhith. Bha na Sgitheanaich nan seasamh ag èigheach agus bha na Leòdhasaich a’ seinn còmhla ris an fhear air an CD.”

an seinneadair?” thuirt Mairead.

Murdani Mast,” thuirt MacAsgaill.

Aidh, aidh,” thuirt Mairead. “ thachair an uair sin?”

Thàinig Tanya is Tamara a-mach,” thuirt MacAsgaill, “agus thug iad dhuinn ... umh, ‘show’.”

tha sashow’, a Mhaighstir MhicAsgaill?” thuirt Mairead.

Thighearna!” thuirt MacAsgaill. “Tha fhios agad, ’s e show a bh’ ann is dithis bhoireannach còmhla ri chèile.”


[40]

Chan eil fhios agam,” thuirt Mairead. “Innis dhomh ris a bha e coltach. An e rudeigin a tha mi ag ionndrainn?”

Uill,” thuirt MacAsgaill, “bha Murchadh Daniel a’ cur a sheanar às a’ dalladh air anAnchor Bar’ ,agus bha tuba mhòr aca air cuibhlichean ’s i làn puill. Leum na boireannaich a-steach innte agus theann iad ri carachd.”

Chan eil iad ach a’ carachd?” thuirt Mairead. “Pàighidh fireannaich airgead airson sin fhaicinn?”

A Mhs NicThòrcadail,” thuirt MacAsgaill, “cha robh stiall aodaich orra.”

Okay, ”thuirt Mairead. “Neist tha mi air do phort a thogail. Tha na boireannaich dearg rùisgte.”

Chan fhaca mi fhèin mòran,” thuirt MacAsgaill. “Bha mi nam shuidhe anns a’ chùl, faisg air an doras, bheil fhios agad? Bha iad rùisgte. Chunna mi sin.”

’S fheàrr dhut an aire a thoirt,” thuirt Mairead. “Oidhche bhrèagha air choreigin gabhaidh mise smùid agus bheir mi gliong do Mhàiri ’s innsidh mi dhi nach eil thu a’ gluasad à Dacha Mo Ghaoil anns an t-Sruth Mhòr.”

’S e rannsachadh a bha mi a’ dèanamh,” thuirt MacAsgaill. “Uill, an ath cheum? tha thu smaoineachadh?”

Chan aithne dhomh gu leòr mun ghnothach fhathast,” thuirt Mairead, “airson a bhith smaoineachadh air.”

Tha ceangal air choreigin,” thuirt MacAsgaill, “eadar iad fhèin ’s fireannaich às Uibhist.”

Chì sinn,” thuirt Mairead. “An toiseach, tha mi dol a bhruidhinn ris an neach aig a bheil a’ chruitCiorstaidh Aonghais ’ic Ailein. Tha i ann an Trianaid an-dràsta. Bheir mi Sìne, piuthar mo sheanar, còmhla rium, ’s thèid sinn a choimhead air Ciorstaidh a-màireach.”


[41]

Dh’fhosgail Mairead doras an Land Rover,leum i a-mach agus dhùin i e le brag.

Chuir MacAsgaill an t-einnsean ri dhol. Dh’fhosgail e an uinneag air a làimh cheàrr. “A Mhairead?” thuirt e.

thuirt Mairead.

Bheil thu coma,” thuirt MacAsgaill, “ma chanas mi rudeigin riut?”

Siuthad,” thuirt Mairead.

Chan e a-mhàin gu bheil thu brèagha,” thuirt MacAsgaill, “ach tha deagh bharail agad ort fhèin cuideachd.”

Tha fhios a’m, ” thuirt Mairead. “Agus tha mi coma ged a chanas tu e.”

title6. Sùgradh no Gnothach?
internal date2005.0
display date2005
publication date2005
level
reference template

MacGill-Eain Dacha mo Ghaoil %p

parent textDacha mo Ghaoil
<< please select a word
<< please select a page