[42]

7

Ann an Càirinis, an Uibhist a Tuath, tha àite-còmhnaidh do bhodaich ’s do chailleachan air a bheil Trianaid mar ainm. Air madainn Disathairne bha Mairead agus Sìne, cailleach chrùbach is bata na làimh agus tuilleadh ’s a’ chòir de rìomhadh air a h-aodann, a’ bruidhinn ri banaltram.

An ann a-staigh anns an lounge a tha i?” thuirt Mairead. “O, tha mi ga faicinn. Tapadh leat.”

’S e ur beatha,” thuirt a’ bhanaltram. Thionndaidh i air a sàil agus choisich i air falbh.

Thugainnibh, a Shìne,” thuirt Mairead, “ ’s gun can sibh hello ri Ciorstaidh.”

Chan eil mòran agam mu dheidhinn an àite seo,” thuirt Sìne. “ ’S cha toigh leam Ciorstaidh nas .”

Chan fhan sinn fad’ ann,” thuirt Mairead.

Tha sin math,” thuirt Sìne, agus nuair a ràinig i taobh na caillich a bha na cnap ann an sèithear, leig i glaodh aiste:


[43]

Chiorstaidh! ’S mi tha toilichte d’ fhaicinn. Ciamar a tha thu, a luaidh mo chridhe?”

Tha mi an uchd a’ bhàis,” thuirt Ciorstaidh. “ th’ agam an seo co-dhiù?”

Sìne Thormoid Bhig às na Ceallan,” thuirt Mairead. “Bha sibh nur nàbaidhean uair dhen robh saoghal.”

Na Ceallan?” thuirt Ciorstaidh. “Chaithinn smugaid na b’ fhaide na sin. ’S thusa?”

Nighean Alasdair ’ic Dhòmhnaill,” thuirt Mairead.

Am Bàillidh,” thuirt Sine.

Chan aithnich mi e,” thuirt Ciorstaidh.

Tha fhios gun aithnich,” thuirt Sìne. “ ’S ann dha a bheir thu màl na cruite a h-uile bliadhna.”

Chan eil mise a’ pàigheadh sgillinn a-nis,” thuirt Ciorstaidh.

Ciamar?” thuirt Mairead.

“ ‘Chan fhaighear fuil às fàd mònadh’ ,” thuirt Ciorstaidh.

Sin a thuirt an gille Deasach a bh’ agam ri ràdh nan iarradh iad airgead orm.”

’S e fàd mònadh a tha sa ghille à Deas?” thuirt Sìne. “ thug sin air?”

Coma leibh dhen mhòine, an dithis agaibh,” thuirt Mairead.

am fear tha seo às a’ Cheann a Deas a tha toirt comhairle dhuibh, a Chiorstaidh?”

Cha do dh’èigh mis’ ach Tiny air riamh,” thuirt Ciorstaidh.

’S e MacCormaig an cinneadh a th’ aige, tha mi smaointinn.”

MacCormaig?” thuirt Sìne. “ ’S e ainm gu math neònach tha sin.”

Neist, a Shìne,” thuirt Mairead, “nach leig sibh leam bruidhinn ri Ciorstaidh?”


[44]

Cha leig Miss Macdonald no Miss Maclean leat bruidhinn san sgoil idir,” thuirt Ciorstaidh.

Huh?” thuirt Mairead.

Tha fhios a’m, ” thuirt Sìne. “Nuair a bha mise dol a Sgoil Chàirinis ’s e cabag eagalach a bh’ annam agus chuir Miss Maclean mi nam shuidhe eadar dithis bhràithrean à Cladach a’ Bhaile Shear ... Camshronaich a bh’ annta, mas math mo chuimhne ... Agus cha robh mise ach a’ sìor choimhead orra le uabhas ’s a’ gabhail iongnaidh nach robh iadsan a’ bruidhinn idir ... ”

Nach beag an t-atharrachadh a thàinig oirbh, a Shìne,” thuirt Mairead. “Neist, dùinibh ur beul mionaid gu faigh mi a-mach mu Tiny.”

O, ’s e tha laghach,” thuirt Ciorstaidh. “Thàinig e a dh’iarraidh an autogram agam as t-earrach, agus tha mi coma ged as ann de mhuinntir a’ Phàp a tha eair m’ onair, sheall e barrachd coibhneis is bàidh dhòmhsa na ... ”

Tha feadhainn dhiubh math gu leòr gun teagamh,” thuirt Sìne. “Tha cuimhn’ a’m air fear à Èirisgeigh a b’ aithne dhomh mun do phòs miIagan an t-ainm a bh’ air, ’s ann aig muir a bha e. Shìorraidh, ’s e bha brèagha ... falt dorcha is sùilean donna. ’S nuair a dhèanadh e gàire bha e cho diùid dheth fhèin ri balach òg ... beilleagan dearga timcheall air fiaclan mòra geala ... agus a theanga cho tiugh ’s cho fliuch nuair a dh’imlicheadh e a bheul ... ”

Tha fhios againn uile, a Shìne,” thuirt Mairead, “gun deach sibh thro na fireannaich mar ... mar ... mar lawnmower. Nist, leigibh le Ciorstaidh innse dhuinn mun Deasach.”

Ma tha thu dol a phòsadh, a nighean,” thuirt Ciorstaidh,


[45]dèan cinnteach gun tagh thu fear a bhios car grànda. An fheadhainn a tha meadhanach brèagha, tha iad a’ smaoineachadh gur e fìon a tha sa mhùn aca.”

Mo nàir’ oirbh!” thuirt Mairead. “Sguiribh a bhruidhinn air fireannaich. Cha do rugadh am fear ceart fhathast.”

Tha Tiny agamsa na dhuine ceart, ge-tà,” thuirt Ciorstaidh.

Carson a bha e ag iarraidh an auto’ – umh, autograph agaibha Chiorstaidh?” thuirt Mairead.

Bha e airson dearbhadh a bhith aige,” thuirt Sìne, “gun deach i dhan sgoil, tha mi creidsinngun do dh’ionnsaich Miss Maclean dhi mar a sgrìobhadh i, nuair a bha i a’ dol a Sgoil Chàirinis.”

Dh’fhosgail Mairead a màileid-làimhe agus theann i ri rùrach air feadh na bha na broinn.

Carson a tha thu a’ rùrach sa bhag’ agad, a nighean?” thuirt Ciorstaidh. “ ’N ann a’ coimhead airson leabhar nan autograms a tha thu?”

Paracetemol,” thuirt Mairead. “À, seo iad.” Thug i mullach a’ bhogsa-stòraidh dheth le brag agus cha robh i ach ag othail ’s a’ plosgadh mar a bha i a’ feuchainn ri feadhainn dhe na pileachan a shluigeadh.

Uill,” thuirt Ciorstaidh, “a bheil an dithis agaibhse dol a shuidhe an seo fad an latha mar gum biodh sibh nur buill air diùraidh ann an cùirt Loch nam Madadh? Sin e. Tarraingibh a-mach às mo shealladh. Cha chuir mise m’ ainm ri pàipear do dhuine sam bith ach do Dhonnchadh. ’S fheàrr dhuibh falbh mun till Miss Macdonald.”

Thugainnibh, a Shìne,” thuirt Mairead. “Chan eil fhios agam fo thalamh gu bu chiall dhi.”


[46]

Sin thu, a Chiorstaidh, a ghalghad,” thuirt Sìne, agus thug i pòg làidir, fhliuch do Chiorstaidh. “Is duilich leam a bhith gad fhàgail, tha an sgaradh cho fìor ghoirt ... ” Thòisich i air caoineadh. “Tha mi, tha mi fo leann-dubh ... ”

Fòghnaidh na dh’fhòghnas, a Shìne,” thuirt Mairead. “Tha sibh gam fhàgail frionasach.”

An e rud ùr a tha sin?” thuirt Sìne.

Sguiribh a dhol far a chèile,” thuirt Ciorstaidh. “Cha toigh le Miss Maclean trod san sgoil.”

Bidh sinn gur faicinn, a Chiorstaidh,” thuirt Mairead. “Canaidh mi ri Donnchadh gu robh sibh ga fhaighneachd nuair a chì mi e.” Bhruidhinn i ann an guth ciùin. “ ’S gu dearbha fhèin cha chreid ni nach bi mi a’ tadhal airsan an ùine nach bi fada.”

Dhealaich iad, agus ann am mionaid bha Mairead agus Sìne a-muigh.

Bheil fhios agad air a seo, a Mhairead?” thuirt Sìne. “Chòrd mo thuras rium glè mhath.”

Uill,” thuirt Mairead, “cha do chòrd e riumsa.”

Chan eil an t-àit’ ud dona idir,” thuirt Sìne. “Nan robh mis’ air cantail riut bho chionn deich bliadhna, ‘Hoigh, mar a chòrdadh riut, a nighean, sgrìob a ghabhail a Chàirinis a bhruidhinn ri na seann daoine ann an Trianaid? ’, bha thu air smaoineachadh gu robh mi gun toinisg. Tha eile ann a-nis, ?”

Chan eil, a Shìne,” thuirt Mairead, “chan eil eile ann. Bha mise riamh a’ smaoineachadh gu robh thu gun toinisg. Is tha fhathast.”

title7. Cha Tig an Aois Leatha Fhèin
internal date2005.0
display date2005
publication date2005
level
reference template

MacGill-Eain Dacha mo Ghaoil %p

parent textDacha mo Ghaoil
<< please select a word
<< please select a page