[47]

8

Tha seann chuaraidh letheach slighe eadar Dalabrog is Fròbost ann an Uibhist a Deas. Anns an dorchadas, stiùir Donnchadh MacCormaig an Lexus gu cùramach a-steach, solais a’ chàir air an cur an-àird. Stad e ri taobh carabhan a bha air a pheantadh buidhe. Bha cùrtairean air na h-uinneagan. Chunnaic e leus air an cùlaibh.

Chuir Donnchadh dheth na solais agus an t-einnsean. Choisich e gu cuagach gu doras a’ charabhan agus ghnog e ceithir tursan. Bho oir a shùla mhothaich e do mhotair-rothair na sheasamh aig ceann na fàrdaich.

Dh’fhosgail Daibhidh an doras agus rinn e gàire. “A Dhonnchaidh, a charaid,” thuirt e, “nach tig thu staigh?” Lean Donnchadh e agus fhuair e e fhèin ann an seòmar beag, seasgair, blàth.

Dh’fhosgail Daibhidh chanastair leanna is thug e fear do Dhonnchadh.


[48]

Slàinte, a Dhaibhidh,” thuirt Donnchadh. “ ’S fìor thoigh leam an taigh ... an, umh, Camper a th’ agad an seo ... ”

Modified Winnebago, ”thuirt Daibhidh. “ ’S e Modified Winnebago a chanas tu ris a’ charbad a tha seo. Tha e agam air màl.”

Gabh mo leisgeul,” thuirt Donnchadh. “Tha e snog. ’S tha thu fhèin a’ coimhead nas fheàrr cuideachd. ’S toigh leam a’ bhriogais ghlogach agus an lèine-spòrs a th’ ort cuideachd. CK?”

Calvin Klein,” thuirt Daibhidh, is pròis na ghuth.

Aodach nan truaghan bochda,” thuirt Donnchadh. “Tha fèill mhòr air an stuth a tha sin ... anns an South Bronx agus ... ann am Possilpark. Tha mi faicinn gun d’ fhuair thu motair cuideachd.”

Suzuki Bandit,” thuirt Daibhidh. “Còig cheud gu leth aig ceàrd an Inbhir Nis. Tha e dol math, ge-tà.”

Tha gnothaichean a’ dol rud beag nas fheàrr,” thuirt Donnchadh.

Tha gnothaichean tòrr mòr nas fheàrr,” thuirt Daibhidh.

Bha mi muigh a-raoir, mi fhìn ’s an nighean a bha seo, agus bha àit’ agam dhan rachainn agus bha cuibhlichean agam leis an toirinn dhan àit’ i. Tha e dìreach sgoinneil.”

Tha thu gu math sunndach dhìot fhèin,” thuirt Donnchadh, “ ’s tha sin math.”

Tha gu dearbha fhèin,” thuirt Daibhidh.

Chan eil thu a’ coimhead mar gum biodh cuideigin às dèidh an cuilean agad a mharbhadh le tractar,” thuirt Donnchadh. “ leis a tha an carabhan seo?”

aige tha brath?” thuirt Daibhidh. “Le tidsear ann an Glaschu no àiteigin. Dh’fhàgadh pìos fearainn aigechì thu


[49] tobhta a-muigh an sin ’s an latha geal annnuair a bhàsaich bràthair a sheanar, ’s cha tig e dhachaigh gus an leig e dheth a dhreuchd, agus thuige sin, tha mise nam sub-tenant. Tha iad coma, muinntir a’ Choimisein.”

Tha iad gu math luideach gun teagamh,” thuirt Donnchadh. “Bheirinn fhìn fianais air a sin.”

Tha sin ceart,” thuirt Daibhidh. “Bha mi riamh a’ gabhail iongnaidh mar a fhuair thu a’ chruit ud mu Thuath ... far a bheil na h-igheanan Ruiseanach ... far a bheil mo bhean ... Tamaranighean an Diabhaila’ toirt seachad aromatherapy,mas e sin a chanas tu ris.”

Na dèanadh e dragh sam bith dhut,” thuirt Donnchadh. “ tha thu ris, a Dhaibhidh?”

Uill,” thuirt Daibhidh, “bha mi dol a bhruidhinn riut mu dheidhinn sin, nam b’ e ’s gun tigeadh tu nuas, bheil fhios agad?”

Tha an taigh anns an t-Sruth Mhòr sgràthail fhèin trang,” thuirt Donnchadh.

Tha boireannach air choreigin ... nighean a’ Bhàillidh sa Cheann a Tuath ... air a bhith gu math trang cuideachd, tha mi cluinntinn,” thuirt Daibhidh.

Tha ise dèanamh aromatherapy cuideachd?” thuirt Donnchadh.

Chan eil,” thuirt Daibhidh. “ ’S e -lagha a th’ innte ann an Dùn Èideann. Ach chan eil a h-athair a’ cumail gu math, tha e coltach, ’s mar sin tha i na tacsa dha màthair aig an taigh. Tha i air a bhith tadhal air cailleach air choreigin ann an Trianaid gu math tric, ga ceasnachadh’s a’ cur sìos a h-uile facal a chanas i.”

’S dòcha gu bheil i a’ dèanamh documentary airson


[50] telebhisean,” thuirt Donnchadh. “Bheil fhios agad, fear dhe na prògraman damainte sin a tha sinn a’ faighinn ro thric? ‘Mo Shùil ad DhèidhnoLathaichean nach Till’ – sgudal mar sin.”

Cha chreid mi gur e sin a tha i a’ dèanamh,” thuirt Daibhidh.

Chan e bana-choigreach a th’ innte. Tha pailteas Gàidhlig aice.”

Rinn Donnchadh lachan gàire. “An cuala tu mun phrògram a tha iad a’ cur a-mach anns a’ gheamhradh?” thuirt e. “ ‘Thèid Sinn Air Ais’? Bidh e a’ tòiseachadh aig uair sa mhadainn, ’s bidh e ullamh aig leth-uair an dèidh uair.”

Tha mi dìreach ag innse dhut na tha mi air a chluinntinn,” thuirt Daibhidh. “Chan eil còir againn a bhith iomagaineach mu dheidhinn na seo, a bheil?”

Chan eil, a leabhra,” thuirt Donnchadh. “An aon rud a tha dèanamh dragh dhòmhsa, ’s e na companaidhean mòra a tha às mo dhèidh.”

na companaidhean?” thuirt Daibhidh.

MasterCard, Visa. American Express, ”thuirt Donnchadh.

O ... tha mi tuigsinn,” thuirt Daibhidh. “Seo na fiachan a bh’ ort, an e?”

Tud, ’s fhad’ on a phàigh mi iad sin,” thuirt Donnchadh. “Tha caothach tioram orra gus airgead air dhàil a thoirt dhomh.”

Nach buidhe dhut!” thuirt Daibhidh. “Seo an rud a bha mi airson bruidhinn riut mu dheidhinn nan tigeadh tu nuas, bheil fhios agad?”

an rud?” thuirt Donnchadh.

Bha mi smaoineachadh,” thuirt Daibhidh: “bheil sìon eile fa-near dhut?”

Ìosa, Dhaibhidh, chan eil fhios a’m, ” thuirt Donnchadh. “Tha


[51] thu deònach pòsadh a-rithist, a bheil? Nach ann annad a tha ’n rùda!”

Chan eil mi fhìn ’s an ùslaig mhòr ghrànda pòst’ ann,” thuirt Daibhidh. “Bha mi smaoineachadh: ’s e b’ adhbhar gun deach a h-uile sìon cho siùbhlach rèidh an turas mu dheireadh gu bheil thu fhèin sgràthail fhèin math gu cur ghnothaichean air dòigh.”

Tha rudeigin air a bhith ag at air chùl m’ inntinn gun teagamh,” thuirt Donnchadh.

Tha mise deiseil airson rud sam bith,” thuirt Daibhidh.

Bheil thu math air a bhith ag atharrais air daoine?” thuirt Donnchadh. “Uill, gu sònraichte air boireannaich?”

Bheil fhios agad air a seo, a Dhonnchaidh?” thuirt Daibhidh. “Latha geal air choreigin bristidh mise do ghiall.”

Gabh orra shocair, ’ille,” thuirt Donnchadh. “Cha ruigeadh tu leas a bhith air do phònaigeadh mar bhoireannach ... ged a bhiodh e na chuideachadh nam biodh tu fo làn-uidheam ... ’S e tha dhìth orm ach cuideigin a bhruidhneas mar gum biodh boireannach.”

Bhruidhinn Daibhidh ann an guth beag, bìogach: “Bheil thu ’g iarraidh orm bruidhinn mar seo?”

Uill,” thuirt Donnchadh, “ ’s dòcha le beagan cleachdaidh ... shaoileadh amadan air choreigin gur ann boireann a bha thu. Shaoileadhsin nam biodh e air deich bliadhna a chaitheamh ann a Hiort. Chan eil e gu diofar. Bhiodh tu air a’ fòn co-dhiù.”

Tha mi gus a bhith a’ bìogail air a’ fòn?” thuirt Daibhidh. “ ris a bhios mi bruidhinn?”

Tha daoine a’ toirt cus urraim dhan òigridh anns an t-saoghal a th’ ann,” thuirt Donnchadh. “Bheil fhios agad na daoine nach eil diù againn dhaibh an-diugh?”


[52]

Chan eil,” thuirt Daibhidh.

Bodaich,” thuirt Donnchadh.

Bodaich?” thuirt Daibhidh.

Is toigh le na bodaich a bhith air am buaireadh le boireannaich fhathast,” thuirt Donnchadh. “Ach chan eil an cothrom aca a-nis. Bu chòir dhuinn loidhnichean cracaireachd a bhith againn dha na bodaich.”

Agus ma dh’fhònas seann salchar suas is cop mu bheul,” thuirt Daibhidh, is glug na ghuth, “bidh agam ri còmhradh a dhèanamh ris?”

Bhiodh an dithis agaibh ann,” thuirt Donnchadh. “Saoil an dèan Sealgair nam Fiadh guth boireannaich?”

Cha do dh’fhaighneachd mi dha, a dh’innse na fìrinn,” thuirt Daibhidh. “Cha b’ e siud ceist a thàinig an-àird riamh eadarainn. Ach co-dhiù, tha Calum air falbh, e fhèin ’s an gille Tuathach a bhios a’ marbhadh nam fiadh còmhla ris. Nuair a gheibh e an t-airgead às a’ Ghearmailt tha e dol a cheannach ... stuth ann an Amsterdam.”

e fortan às a sin,” thuirt Donnchadh.

’S dòcha gun dèan,” thuirt Daibhidh, “agus ’s dòcha gum beir iad air cho luath ’s a thòisicheas e ga reic anns na taighean-òsta timcheall air Uibhist. Bidh barrachd dhaoine a’ coimhead air na bhios air Trevor McDonald. ’S e ciùird glè chunnartach a tha siud. B’ fheàrr leamsa a’ fòn fhathast. Chan e drabastachd a bhios agam, an e?”

Chan e, chan e, a ghràidhein,” thuirt Donnchadh. “Bidh sgriobt agad. Cha bhi agad ach a leughadh ... ann an guth boireannaich.”

Tha sin furasta gu leòr dhutsa a ràdh,” thuirt Daibhidh.


[53]

, ged a bhios sgriobt agamsa, ma bhios sgriobt eile aig a’ bhodach?”

Feumaidh tu an car a thoirt asta,” thuirt Donnchadh. “Fhad ’s a tha sibh a’ bruidhinn, cuiridh tu conn fo gach facal. Mar shamhla, bidh am bodach a’ bruidhinn gu fann ’s crith na ghuth. Mar seo: ‘ th’ agam an seo? ’N e Còmhradh gun Chrìochan a tha seo? ’” Ghleus Donnchadh a ghuth na b’ àirde. “ ‘’S e, ghràidhein,’ canaidh am boireannach.” Rinn e guth a’ bhodaich a-rithist. “ ‘Uill, tha mise nam chnap an seo air mullach an teine, ’s chan eil duine beò a bhruidhneas rium. ’” Rinn Donnchadh guth a’ bhoireannaich. “ ‘Bheil sibh airson gun tig mi air chèilidh oirbh? Beiridh mi air ur làimhThèid am bodach na bhoil. ‘O, Thighearna! Tha! ’”

Thòisich Donnchadh air bruidhinn mar bhoireannach a-rithist. “An uair sin, beiridh mi air a’ gheansaidh agaibh agus cuiridh mi e timcheall air bhur guailnean los nach fairich sibh sradag gaoithe.’ Bidh am bodach air a thogail gu mòr. ‘O, Thighearna! Siuthad, siuthad. ’” Bhruidhinn Donnchadh mar bhoireannach: “ ‘Agus an uair sin, tha mi dol a bhruidhinn ribh mu dheidhinn a’ Chogaidh Mhòir, iasgach na muice-mara ann an South Georgia agus mar a chaidh am Poilidh air na sgeirean am Fuidheigh.’ Aig an ìre seo bidh am bodach a’ dol thar a chinn. ‘Dia glèidh mi! Cùm ort, cùm ort. Na stad idir. ’” Bhruidhinn Donnchadh gu nàdarra: “ ’S e airgead air shaor-chosnadh a bhios ann dhut, a Dhaibhidh.”

’S ann a tha seo a’ sìor chòrdadh rium, Dhonnchaidh,” thuirt Daibhidh.

Cuimhnich, chan fhaigh thu an t-airgead na chnap slàn an turas seo,” thuirt Donnchadh. “Bidh thu air do phàigheadh a rèir nan uairean a bhios tu ’g obair, bheil thu tuigsinn?”


[54]

Fhad ’s a bhios sgillinn robach no dhà a’ tighinn a-staigh gu cunbhalach,” thuirt Daibhidh. “Tha e èibhinn, rud mar seo. Dìreach mar an rud mu dheireadh a rinn sinn, tuigidh tu sa bhad gun tèid e gu math leat. Bha deagh fhaireachdainn agam mu dheidhinnDacha Mo Ghaoilagus tha deagh fhaireachdainn agam mu dheidhinn seo.”

title8. Tha ’n Saoghal aig Daibhidh air Sheot
internal date2005.0
display date2005
publication date2005
level
reference template

MacGill-Eain Dacha mo Ghaoil %p

parent textDacha mo Ghaoil
<< please select a word
<< please select a page