[55]

9

Gill-fhonaidh a th’ ann,” thuirt Mairead. “Neo-ar-thaing nach eil e carach, ach ’s e gill-fhonaidh a th’ ann.” Bha i fhèin is MacAsgaill nan suidhe anns an Land Rover air oidhche fhiadhaich, fhliuch air taobh a-muigh na h-eaglais ann an Clachan na Lùib an Uibhist a Tuath.

Tha mi fhìn seòlta aig amannan,” thuirt MacAsgaill. “Chan urrainn dhut a bhith onarach ri daoine fad an t-siubhail.”

O, tha fhios a’m, a Mhaighstir MhicAsgaill,” thuirt Mairead. “ ’S bidh fhios aig Màiri do bhean air a sin mura cùm thu do làmhan air a’ chuibhill.”

Tha mo làmhan air a’ chuibhill,” thuirt MacAsgaill.

Fuiricheadh iad oirre,” thuirt Mairead. “Sin thu, laochain. Tha thu ’g ionnsachadh. Neist, Tinycha bhi esan ag ionnsachadh ann. Ged a bhiodh do theanga a’ tanachadh ag innse dha carson nach eil còir aige rudeigin a dhèanamh, chan èist e ri duine a chunnaic e riamh, agus ’s ann a thèid e air adhart agus e an dearbh rud.”


[56]

Uill,” thuirt MacAsgaill, “cha bhi sinn uile a’ cumail ris an t-slighe dhìrich fad an t-siubhail, bheil fhios agad?”

Bidh mise,” thuirt Mairead. “Agus bidh thusa, fhad ’s a tha thu còmhla riumsa. Ach Donnchadh MacCormaig, chan ann mar sin a tha e. e slaightearachd air choreigin agus gheibh daoine a-mach mu dheidhinn. An àite a bhith air a nàrachadh, tha e ’s de dh’aghaidh air ’s gum feuch e ri cleas ùr a chluich làrna-mhàireach. Daoin’ eile, an dèidh dhaibh a bhith ri miastadh, ghabhadh iad tàmh greis gus am biodh gnothaichean air sìoladh sìos rud beag. An aithne dhut an t-Èildear?”

Chan aithne,” thuirt MacAsgaill. “Cha chreid mi gun cuala mi riamh mu chuideigin air an robh an t-Èildear mar ainm.”

Tha an t-Èildear na dheagh dhuine,” thuirt Mairead. “Cuideigin as aithne dhomh. Duine còir gasta à Leòdhas a th’ ann. Bidh e ’g obair dhòmhsa an-dràsta ’s a-rithist an uair a bhios feum agam air cuideigin a tha coimhead fiadhaich, borb. Can gun do chuir mi a-mach cunntas agus tha an gaisgeach a’ diùltadh mo phàigheadh, ’eil thu tuigsinn?”

Tha eagal orm gu bheil,” thuirt MacAsgaill.

Uill, gheibh a bhean fòn bhon Èildear aig an taigh,” thuirt Mairead. “Cuiridh an t-Èildear eagal a beatha oirre. Saoilidh tu nuair a bhios e bruidhinn gu bheil droch thùchadh air. ‘ bheil e fhèin? Dh’fheuch mi an oifischa robh e staigh. An aon rud aig an taigh. Tha e fuireach ann an teantan e sin e? Iarr air fòn a chur thugam,’ canaidh e. An còmhnaidh, cuiridh iad fòn thuige. An dèidh dhaibh bruidhinn ris an Èildear, tuigidh iad gum feum iad mo phàigheadh. Bheir e greis, ach beag air bheag thig iad chun a’ bheachd nach eil àrach air, agus gheibh mise seic.”

Tha thu airson an t-Èildear a tha seo a chur air fhastadh, a bheil?” thuirt MacAsgaill.


[57]

Math dh’fhaodte,” thuirt Mairead. “A bharrachd air Tiny, tha dithis eile ceangailte ris a’ ghnothach. Tha fear òg às Baghasdal a tha na sgalag aig Donnchadh MacCormaig ’s a bha còmhla ris an Èirinn air sploidhd bho chionn greis. Tha mi meadhanach cinnteach às an fhear sin. Am fear eile, chan eil mi cho cinnteach mu dheidhinn. Chan eil sgeul air an-dràsta. Ach ’s e fear de Chlann Dòmhnaill a th’ ann.”

Sin am fear a phòs dhe na h-igheanan Ruiseanach?” thuirt MacAsgaill.

Tha mnathan Ruiseanach aig an dithis aca,” thuirt Mairead.

A’ chiad fhearDaibhidh a th’ airtha esan pòst’ aig Tamara, an mhòr chnàmhalach, ach tha eagal orm nach bi e a’ dol na còir ro thric an dèidh na thachair aig an Registry.”

thachair?” thuirt MacAsgaill.

Tubaist air choreigin,” thuirt Mairead. “Na bi faighneachd. Chlisg e. ’S beag an t-iongnadh. ’S aithne dhan ud cuinnseachannam biodh Màiri agadsa eòlach orra, rachadh i sìos dhan phoilis-stèisean agus dh’iarradh i orra a cur an grèim.”

Hmmm,” thuirt MacAsgaill. “Tha cùisean air a dhol a Thaigh Iain Ghròt. Chan eil e fhèin air a dhòigh idir.”

Creididh mi sin,” thuirt Mairead.

Mar a tha fios agad,” thuirt MacAsgaill, “tha Ealasaid a’ Bhanrighbha i fhèin is Bodach Granville sna h-oghaicheana’ tighinn a Bhàlaigh air an ath mhìos, ’s tha e coltach nach leig i le Philip tighinn còmhla rithe ann. ‘Nach e na daoine ann an Uibhist a tha air a dhol bhuaithe gu mòr!’ thuirt i ri Lord Granville air a’ fòn a’ bhòn-raoir. Tha a’ chùis air tighinn teann-ri-teann.”

’S fheudar gu bheil,” thuirt Mairead. “Mas e an Teaghlach


[58] Rìoghail a tha ga ràdh. ’S iad an fheadhainn a tha eòlach air teann-ri-teann.”

Chan ann ri fealla-dhà a tha mi,” thuirt MacAsgaill.

Shìorraidh, chan ann gu dearbh,” thuirt Mairead.

Feumaidh sinn faighinn cuidhteas a’ chlann-nighean,” thuirt MacAsgaill.

Gabhaidh sin a dhèanamh,” thuirt Mairead.

mu dheidhinn Tiny?” thuirt MacAsgaill. “ ’S e as miosa dhiubh air fad nam bharail-sa.”

Chan eil thu fada ceàrr,” thuirt Mairead. “An taca ri Donnchadh MacCormaig, cha robh ann an Rob Ruadh MacGriogair ach balach beag casruisgte. Smaoinich, ghabh e brath air Ciorstaidh bhochd. Ach cha tèid sinn na aghaidh fhathast. Fuirich gus am faigh sinn cuidhteas na h-igheanan. Bidh e nas fhasa às dèidh sin. Ach sinn e gun teagamh.”

mar a tha thu dol ga dhèanamh?” thuirt MacAsgaill.

’S dòcha gum feum mi gliong a thoirt a Steòrnabhagh,” thuirt Mairead. “Cuiridh mi fòn gu mo charaid, an t-Èildear.”

Chan eil Lord Granville airson gum bi cogadh ann air sàillibh seo,” thuirt MacAsgaill.

Tha mi cinnteach,” thuirt Mairead. “Thalla thusa, a Mhaighstir MhicAsgaill, is bruidhinn ris. Can ris gum feum sinn na Ruiseanaichagus na h-ostraitseana sgiùrsadh a-mach à Uibhist a Tuath. Aontaichidh e leat.”

Mar sin, fàgaidh sinn na balaich an-dràsta?” thuirt MacAsgaill.

Biomaid a’ smaoineachadh air na h-igheanan an-dràsta,” thuirt Mairead. “ an t-Èildear an gnothach orra. ’S fhada bhon a thòisich e air an obair a tha seo. ’S e fear dhen fheadhainn as fheàrr a th’ ann.”


[59]

Ach thèid agad air a h-uile càil a tha seo a dhèanamh, ge-ta?” thuirt MacAsgaill.

Ma tha luach ciatach ceangailte ris an obair,” thuirt Mairead, “thèid aig duine sam bith air rud sam bith a dhèanamh.” Sguir i a bhruidhinn airson tiota. “O, tha sin a’ toirt nam chuimhne rudeigin.”

tha sin?” thuirt MacAsgaill.

Feumaidh mi iasad fhaighinn bhuat,” thuirt Mairead.

tha thu ag iarraidh?” thuirt MacAsgaill.

Èist,” thuirt Mairead. “Tha mi fhìn ’s tu fhèin a’ fàs gu math eòlach air a chèile, nach eil?”

Tha,” thuirt MacAsgaill, ’s plìonas air aodann.

Thoir dhomh an Land Rover airson dhà no trì lathaichean,” thuirt Mairead.

Thàinig sgraing air aodann an Tearaich. “Ach ... ach ... ” thuirt e gu sgagach.

Leum a-mach,” thuirt Mairead.

dh’fhosgail MacAsgaill a bheul mar gum biodh e a’ dol a ràdh rudeigin, ach cha tàinig bìc no bèic às. Dh’fhosgail e an doras agus chaidh e mach. Theann e ri coiseachd air rathad Loch nam Madadh. Bha uisge trom ann agus stoirm gaoithe.

title9. Bi air t’ Fhaiceall, a MhicAsgaill
internal date2005.0
display date2005
publication date2005
level
reference template

MacGill-Eain Dacha mo Ghaoil %p

parent textDacha mo Ghaoil
<< please select a word
<< please select a page