[C] [C] [1] [2] [3] [4] [5] [6]
[7]

1 Donati’s

Càit eile, saoileadh tu, ach aig cuntair abhàir atràghadh nam bourbons. Très bon! Ach greis na bu tràithe gu robh Eòin Iosèphus Mac-a- phì aig mo tholl-cluaise, mo tholl-claisneachd, le torman muladach aspùtadh achianalais all over the doddamn shop, Fatsboy Donati na shruthanan fallais acumail glainne bho ghlainne ris.

Nam bithinn-san-dràsd aig baile, arsa Eòin Iosèphus, an t-sròin aige làn smuig chuireadh iongnadh oirre leis abhroileis a bha na cheann? –nam bithinn aig dachaigh, ars esan, acluinntinn ceòl na smeòraich air Àirigh Mhic aPheadarain. .. Bha sin math gu leòr leamsa nam fanadh e aig Mac aPheadarain, a shuidheadh na dhrathars ann an doras an taigh-mòintich, atachais a ghobhails amarbhadh chuileagan.

Siuthad, thuirt mi riss mi alasadh corona, bruidhinn air Mac aPheadarain, a chaill a bhriogais ann am Boulogne, a chaidh ceàrr ann am Buenos Aires. Ach am bruidhneadh.


[8]

Air acheathramh doublar thòisich am pure bull: na glinn agus na mullaich, sruthain is lòin agus òban agus òsan, fraoch à Rònaigh agus fàileadh na mònach; crodh, caoraich agus fèidh, ’s bidh sprèidh againn air àirigh; aghrian adol sìoss aghrian atighinn suasbloighean òrain air dhroch chagnadh air an tilgeadh thugam mar bhìdeagan hamas ugh a thigeadh frasach o bheul bràthair mathars e lachanaich an ceann abhùird. Bfheàrr cluais na buidhreachd a bhith riutha.

Than t-slighe dubhs an t-alltan dubh,
’S chan urrainn mi dol thairis air, sheinn Eòin Iosèphus.

A Dhia, ars esan, eh? Le bhagairtichs a bhùirich. ’S an aithne dhut am fear seo:

Thèid mi NULL gu tìr mo rùin,
Thèid mi NULL thar an aiseig ...

Easy now,thuirt Fatsboy Donati, a chunnaic Eòin Iosèphus asileadh nan deur, ’s cha bann aon uair. Cha mhòr nach do chuir e fhèin suas bèic, Fatsboyaig Dia tha fios carsona chaidh a thogail air Obair Opera, Eine Kleine Nachtmusik agus an gaisgeach ud, Caruso. dhàsan gu faiceadh Mac-a- phì O thì nam mòr-bheannan, ’s gu robh sac air a chridhe nach dèanadh lighiche eutrom?

n dfhuair Eòin Iosèphus na h-òrain gun dòchas sin ach bho sheanmhair, thuirt e. Bha sin ceart gu leòr leamsa nam bruidhneadh e air a sheanmhair, a thug a-mach na h-iseanan fo bhlàths na plangaid an latha a thachdadh achearc-ghuire ris an goirte MacGovaran.

Bruidhinn air do sheanmhair, thuirt mi ris. Am


[9] bruidhneadh. Dhfhalbh e aig 19.27 as dèidhBràighe Loch Iall’, far an robhcearban nan stùc gu lùthmhor langanagus, adol a-mach an doras, ‘Tog orm mo phìobs mi leam fhìn, thèid mi dhachaigh a Chrò Chinn Tàile’.

Dheigheadh siud! Bhiodh e an ceartuair anns aBhlack Bull còmhla ri Beatrice agus aChailleach Bheag, an còmhradh salach thar creideis agus tlachdmhor thar tomhais, gus an dìobradh Beatrice, gus an dìobhradh aChailleach, Eòin Iosèphus aseinn:

Am port a bhaig na feadagan
Dol seachad air Dùn Èideann ...

Oidhche Haoine, tràth fhathast. Cha robh a-staigh ach an àbhaist, cho sgràthails a chaidh a-riamh am briogais chorduroy no a chòta mahogany. Na shuidhe aig achuntair le shròin anns aphàipear bha an Sasannach. Agus na sheasamh aig acheann shuas an duine a bha agleidheadh na h-òige fhads nach fhaiceadh tu na casan aige. Duine sàmhach a bhanns an t-Sasannach. Uaireannan chanadh e, “Good evening” no “Good morning” ,agus aon uair thuit e bhon stòl an comhair a chùil chun an làir agus bha na speuclanan tòin-screwtop aige tarsainn cam mu mhaoils e ga fhaighinn fhèin ag amharc suas ceathramhan Ella a’ Special Vat.

Christ! thuirt e, don’t move me!

Hic! leig an duine a bha agleidheadh na h-òige, apriobadh orm, agnogadh a chinn, abreabail a mholan. Ella aSpecial Vat gu socrach agluasad a casan bho chèile.

Hic! Esan leis an othail, an aon othails a bhiodh air a h-uile h-uair a thigeadh boireannach chun achuntair. Nam biodh tu ri thaobh, bhiodh na h-uilnean ort: Eh? An sin ...


[10] cìochan ... ? ’S dheanadh e slòpraich iongantach sa phinnt. Nam bruidhneadh ris, dheigheadh e air mhiathapadhs cha burrainn dha a phinnt òl leis achrith a bhiodh na làmhan. Nuair a dhfhalbhadh i, dhòladh e làdach Johnnie Walker agus an uair sin dhinnseadh e mar a gheibheadh e i fon chuibhrig mus biodh an oidhche a-mach. Mus biodh an oidhche a-mach, bhiodh esan a-mach.

Sin co-dhiù na bha aig achuntair. Triùir. Agus Fatsboy a-nulls a-nall mu ar coinneamh. Aseinn ‘Arrivaderci Roma!’ agus ‘I Wanna Be Bobby’s Girl’ .

Thug mi sùil mun cuairt. Bha dithis aig abhòrd a bfhaide shuas air mo làimh dheis: an Uireasbhaidh Gnùis agus Murphy. Bha an , Rastus, na shuain fon bhòrd mar bu nòs, plastered.Bha iad asgrios am maoin air na h-eich, an dithis ud; luideag de phàipear aca agus bloigh pinseil a bhann an cluais taisgeil na h-Uireasbhaidh a bhiodh Murphy afliuchadh le slabaid de theanga air an robh broth buidhe na -stiùireachd. Cha robh achonnspaid fadàs uair sam bith, ’s cha do shoirbhich leotha a-riamh bhon latha a bhuannaich Owen Anthony rus nan trì uairean aig Haydock, suas ri deich bliadhna fichead bhuaithe, deich nota ficheads a trì.

Chaidh Murphy a lorg ann an cladh, air uachdar na talmhainn, gun chòta, gun bhròig.

dhfhosgail an Uireasbhaidh a shùilean trom silteach anns an Infirmary,gu math infirm.Bha snàthadan anns gach gàirdean, pìoban caola afalbh bho gach taobh dheth gu botail a bha aglugadaich os a chionn abrùchdail mu bhonn na leap. Bha iad acur fuil agus uisge saillt dhan chlosaich. Sheall mi ris achairt aige.


[11]

Well, ars esan. Well, then?

A’ haemoglobin agad, arsa mise, na mo ghuth taigh-fhaire. Tha en taigh achoin.

Haemogoblin? ars esan. Ach mus dfhuair mi air a fhreagairt thàinig luchd nan trusgan geala le tiùb rubair, a stob iad suas a shròin agus sìos chun na stamaig aige. Stamag a bha na cùis-iongnaidh, mar an t-iarann.

Two nips! dhèigh Murphy. On the double!

Two doubles! dhèigh an Uireasbhaidh Gnùis. Dhfhosgail Rastus sùil, agus dhùin.

Cha robh duine aig an bhòrd a bha eadar iad agus uinneag na sràide. Na shuidhe anns an uinneig, a ghlùinean ri chèile, a shùilean sgleòthach ag amharc air neoinitheachd, bha William C.B.W. Robertson.

Tha thu an siud, a Mhicdhonnchaidh! arsa mise.

Yeah,ars esan, atogail làmh, shit, man.

Cha robh math a dhol na chòmhradh. Bha e fada, fadair falbh. Ach bhiodh lathaichean math aigecha bann tric, ach bhiodh iad annagus air aon dha na lathaichean sin, cho fuar ris aphuinnsean ann an Dùbhlachd agheamhraidh, ’s gun ann ach an dithis againn air amhinestrone, dhinnis e dhomh beagan mu dheidhinn fhèin. Thug e dhomh sealladh air saoghal eile. Fosgladh sùl dhòmhsa, nach deach na bu mhiosa ann an tùs a lathaichean na briseadh trì copanan geala, còig copanan donna pòla na teileagraf, agus clach a chur tro uinneag Anna Bùrn, agus làn a chròig a mhorghan a thoirt dha Iain nan Loch an clàr an aodainn, agus sealltainn suas sgiorta chlò na leadaidh-miseanaraidh agus sìos dhan ghleann a bha fo liberty-bodice m’ antaidh Mèireag, agus na rudan aig cruach-mhònach Ailig


[12] còmhla ri Margaret Mary Mackinnon ... Cha robh iad sin ach naomh an taca ri eachdraidh C.B.W.

Conn, Bauld, Wardhaugh, thuirt e. Athar a rinn an gnìomh, esan a dhfhuiling. Cha robh e glè fhada san fhoghlam san Àrd-Sgoil nuair a thàinig iad an tòir air: cnapanach cafach ruadh gun amhaich dam bainm OReilly agus, na chois, a dhà bhràthair agus cùis-uabhais air an robh Wee Slash agus nighean chnàmhach air an robh dreach abhàisBetty Colquhoun, a casan suas gu h-achlaisean, agus Veronica McVie, acagnadh gums atilgeadh smugaidean. Bhiodh iad ga thogail às an sgoil agus afalbh leis tro shràidean-cùil gu cùiltean dorcha a bha uair nan taighean-còmhnaidh, a-nis fuaraidh aog, air an gànrachadh le botail is canaichean, pocannan plastaig, pacaidean fags, crisps, condoms nan gaorr fo do chasan, còinneach a’ sgaoileadh na ghaorr bog air na ballachan, am pàipear ’s am plasterboard a’ falbh na stiallan dheth. Bhiodh iad gan riarachadh fhèin ann agus bha fàileadh geur an dubh-shalchair aglacadh danail.

Turns me on, chanadh Betty Colquhoun, a’ tarraing na briogais dheth.

Ach OReilly bu mhiosa. OReilly, air a riaghladh leis an diabhal, a bha riaghladh.

Conn, Bauld, Wardhaugh, ya toss!

Cheangladh iad e agus stopadh iad a bheul le ragaichean.

Bha pliers aig OReilly.

Bha sgian aig Wee Slash.

Bha an dàir air an nighean.

Agus dhfhosgladh na h-OReillys bheaga na zips aca, aleigeil làn an aotromain na steall teth air aodann.

Lean seo tro mhìosan oillteil agheamhraidh, agus an ath


[13] gheamhradh cuideachd. Thàinig e gu làidir a-steach air e fhèin a chrochadh, a thilgeadh fhèin bho dhrochaid sam bith, a cheann a shìneadh air an rèile dhan trèana bu luaithe a thigeadh à Lunnainn. Ach cha leigeadh an t-eagal dha. Thuirt OReilly gu marbhadh esan e: gun gearradh e an ceann dheth agus na casan; gun cuireadh e na pìosan ann am pocannan plastaig ann am pàipear ruadh air aphost gu mhàthar. Bha e coma. Co-dhiù, cha robh màthair aige, no athair. Agus dhùisg sin truas no rudeigin annta, agus aon latha soilleir do-thuigsinneach earraich ghabh iad ris le càirdeas agus blàths, le snàthadan agus spàinean agus an leigheas ro ionmholta sin a shlànaicheadh a chreuchdan, a bheireadh fuasgladh agus furtachd dha na fheum.

Oh, ya poor wee soul! Betty agal.OReilly acur a ghàirdeanan timcheall air, ga chlàbhadh.

Ye’re one of ours, Willie.Wee Slash air an làr aclàbhadh Veronica agus na balaich bheaga air faomadh seachad.

Às dèidh sin, thug e mach a cheàrd na mhèirleachs bha e na bealanta air an obair na duine aca. Brains, ye ken.

Agus an-diugh, bha iad mòr.

Agus OReilly, bha e marbh.

O Rowan Tree, O Rowan Tree, sheinn C.B. W. mus deach an duslach gu duslach. Guth briste. Thàinig sitrich bho Fatsboy, ’s bfheudar dhomh abhròg a thoirt dha mun lurgainn. Thuirt mi ris a bhith duineil: Be a man! thuirt mi ris. Bu dìomhain dhomh. Nuair a leig Murphy ràn às: O Danny boy, the pipes, the pipes ... thàinig ràn bho Fatsboy mar an ceudna. ’S chuir sin Murphy suas chun nan àrd-speuran, a shùilean dùinte, a bhroilleach a-mach, cha do smaoinich e a-riamh gum biodh a leithid a bhuaidh aig a ghuth-san air duine no ainmhidh.


[14]

And you will KNEEL! dhèigh Murphy le cridhe cràidhteach.

Jesus Christ,thuirt an Sasannach, fineach bhon bhroinn.

S an robh iad acaoineadh aig tòrradh OReilly? O, bha. Achlann-nighean chaol agus na balaich chafach ruadh. Agus Wee Slash.Agus Wee Billy Boagan creideadh tu? Billy Boag, le sruth bho shròin, acaoidh OReilly, ged nach robh eatarra san t-saoghal chaochlaideach seo ach droch cainnt, tàir is toibheum. ’S thuirt bean Boag nach robh ann ach gin, gun dhòl e fhèin agus Bella Strachan botal Beefeaters n còrr a-rèisd a dhiarradh tu agus co-dhiù nach robh ann am Billy ach am bloody hypocrite mar a mhàthair roimhe!

Edna Boagalaidh. What a woman!

Bha i na suidhe aig acheann shìos anns an t-sèithear aice fhèin aig abhòrd aice fhèin, an teaghlach aice fhèin mun cuairt dhith. Cha robh Billy Boag ann, cha be sin teaghlach. Cha be sin fiùs duine, ged a bha i pòsdaige trì bliadhna deug thar fhichead, ochd mìosan agus còig latha chun an latha a thòisich e aspliutaireachd ri Marlene Broun“See thon?”acrògalais ann am boilersuit na Caillich Bhig, agus ag òl a h-uile diardaoin còmhla ri Bella Strachan.

Timcheall mun bhòrd aice, bòrd Edna, bha a piuthar agus an duine; a piuthar eile agus an duine aicese; a bràthair leis an làrach air a mhaoil; a bràthair John Tom, a chaill an t-sùil; a bràthair a bòige leis abhoireannach leis achat; agus am bràthair fionnachfàinneachan is grìogagans a lèine fosgailte chun na h-ilmeiga bhiodh aseinn ‘Sixteen Tons’ agus ‘River, Stay Away from Ma doh’ .

Cuideachd, bha cuid dha na càirdean a-staigh: dithis mhac


[15] le bràthair a h-athar, acluiche pool; am bràthair-athar nach do phòs a-riamh, cha be bhaige ri dhèanamh; agus oghaichean agus dubh-oghaichean le ainmeannan mar Ryan, Denise, Shane agus Shelley, agus gille a bhuineadh dha na Boags air an robh Alex Roddy Boagcha chreid mi nach ann le leth-phiuthar dha Billy a thuit le eilthireach a chaill a chùrs.

Càil a dhfhios, arsa mise, nach ann le Mac aPheadarain a tha e.

? arsa Eòin Iosèphus, air tilleadh. , ma-? Who, what? Wherefore although the earth be moved.

Bha aghràisg adòrtadh a-steach. Thàinig Maria Carlotta, màthair Fatsboy, a-steach bhon chidsin le na pizzas a bhiodh i fhèins an duine aice, Francesco, adeanamh. Fat Frank.

Bha òraid aige:

You drink, drink, drink, nothing but drink all the time and kill yourself – liver, kidneys, all pickled, yes.And the ulcers, ah, amico mio! The indigestion! Now, you eat – I teach you – you eata pizza, my pizza, eat one, two, eat three!Why not? Liver an’ all that okay, right as rain eh? – drink till the fuckin’ cows come home!

Bonnaich bheaga a bhannta, a ghleidheadh tu na do bhois. Bonnaich-boise, le liacradh math de thomàto agus càis. Mura biodh sin a rèir do mhiann, bha ravioli aca, agus bolognaise, agus làn do bhroinn a mhinestrone nuair a thionndaidheadh i gu fuachd.

You eat now,thuirt Maria roly-poly Carlotta ri Eòin biorfuilt Mac-a- phì. Eat a pizza, you skinny teuchter man. Always drunk, you die soon – phssst!

Bonnach flùir, a meudail, arsa Eòin Iosèphus, atogail fonn:


[16]

... le ìm is gruth is bàrr,
Am biadh air an robh sinn eòlach
An tìr nam beanntan àrd!

Leòdhas nam beann àrd, arsa mise.

Sheall e rium le car na cheann agus chrath e corrag nam aodann.

Stapag, thuirt e. ’Eil fhios agad bha sin? Hah!

Rug mi air bhroilleach air, thog mi bho chasan e, chuir mi mo dhòrn ri bhus.

Na bruidhinn riumsa, arsa mise, fhads as beò thu, air stapag no air stiùireag no air sgudal sam bith eile a bhaig do sheanair ann an taigh do sheanar. Chan eil diù daing agam bhannta, nach robh annta. Thoireadh iad taigh mòr na galla orra, agus tu fhèin leotha!

Leig mi sìos e. Sheall e rium fo na mùdan, car na cheann.

Bonnach-iomaineach, ars esan.

Chaidh mi dhan taigh-mhùin mus dèanainn call. Mus caillinn e.

Chunnaic mi, anns an dol seachad dhomh, aChailleach Bheag acur dhith ri Edna Boag. Dhaithnich mi air coltas nan càirdean gu robh a còmhradh a-mach a àite mar a bàbhaist. Cha be nach cumadh Edna ceann amhaide rithe latha sam bith nuair a thogradh i fhèin. Chunnacas oidhcheannan: Ah, theireadh an Sasannach, apasgadh air falbh a’ phàipeir, it’s cabaret time.

Hic!

A-nochd, ge-, cha robh Edna agabhail abhiathaidh, ach bha am fear ùr aiceretired Detective-sergeantair a ghrad-uabhasachadh, aghaidh air sèid. Balg-sèid.

Sheas mi eadar Billy Boag (dongalair) agus Murphy (faochag)


[17] agus bheachd-smuainich mi air an Detective-sergeant seo, retired. Thàinig earrainn thugam:

A bhuidheach, na tig,
No idir an dìobhairt!

Ach thàinig e a Dhonatis, an aon àite san robh mo cheòl-gàire, far am bàthainn mo mhulad le bourbons,’s nam bfheudar, le mescal agus crême de meth.Carson nach robh e mar a leithidean eile, a fhuair am peinnsean aig aois apheinnsein: na chàrdagan ag obair anns aghàrradh; ann am meadhan pàirce air being abiathadh dhruidean; no atuiteam marbh air an trìtheamh gath-cridhe, an grèim ud a thig gu grad? Sin mar bu chòir, ’s cha be a bhith bòstaireachd anns an aon taigh-òsda a bha dhòmhsa mar dhachaigh.

Ach bha a sheòrsa a-riamh ann, air mo chuairt-sa co-dhiù. Nuair a shaoilinn a bhiodh gach a rèir mo mhiannceòl air mo bhilean, mo cheum aotromdhfheumadh cuideigin, a choreigin, ceann a thogail. Agus mus seallainn rium fhìn, bhiodh gach saorsainn is sòlas a bhagam ann asileadh air falbh mar an fheamainn ris achloich. Chuimhnich mi air cuid dhiubh anns an t-seasamh ud:

William James Smith, leis aghàiredùirn agus uilt agus gob na bròigeO mo chorp, mo chreuchdan!

An Gad-droma, sùil amhurtair;

am boireannach ruadh a bha gam leantainn, abuntainn ri mo chialls mo reusan;

Clegg biorach nam briathran mìn, bior am thaobh, bior am thaobh ...

Guidheam sgiolladh craicinn dhaibh uile, lotan dubh san fheòil agus teasach cinn.


[18]

Agus a-nis fhathastmo lathaichean nan ruith orman deuchainns an t-eu-dòchas seo. Bha sporan aige, ’s bhiodh e aceasnachadh Fat Frank mu phrìs nam pizzas aige, prìs na dibhe, ’s carson a fhuair Billy Boag barrachd bolognaise airsan, carson achruaic ud air beulaibh an t-Sasannaich? Bhiodh e aceasnachadh agus agabhail gnothaichs cha bann le rùn math sam bith. Agus na bu mhiosa na sin, bha e làidir agus cunnartach. Aon fheasgar, an dèidh sruth de cheistean -mhodhail mun Incapacity Benefit aige, thuirt Eòin Iosèphus ris e taigh na bidsa thoirt air.

Get stuffed,arsa Eòin Iosèphus.

Rug e air, ma-tha, fon achlais. Agus dhfhàisg e. Agus dhfhosgail beul Eòin Iosèphuss thàinig torghan bàis bhuaithe. Thàinig e a-steach orm fhìn atoirt dha mu chùl na h-amhaich, ach thionndaidh e thugam. Chuir e an aghaidh phlaosgach suas rim aodann:

Don’t even think about it, sonny, ars esan, a’ sealltainn dhomh fhiaclan buidhe-uaine gun aon bheàrna.

Tha mo ghàirdean buggered, arsa Eòin Iosèphus. Saoil an caochail mac an diabhail a dhaithghearr?

Cha chaochladh. Cha bhi mastaig dha sheòrsa abàsachadh ann. Agus smaoinich mi gur e Edna Boag, an tràill, a bha ga fhàgail ann an DonatisEdna adìoladh air Billy Goat. ’S thàinig earrainn thugam dha Edna: ’S fheàrr an t-olc eòlach nan t-olc aineolach. Agus smaoinich mi an uair sinspriotagan agus crathadh làimhegur h-iongantach gun deach uimhir a smaoineachadh a dhèanamh a-riamhs a rinn mise sa ghreiseag ud ann an aona steall.

Mach leam.


[19]

Mach leam dhan t-sionagog!

S gann gun drinn mi an doras dheth nuair a dhaithnich mi gu robh an diabhal anns an teant.

Cabaret time!

Cha tug na thachair glè fhadacòig mionaidean air achar a bfhaideach thachair gu leòr.

Chunnaic mi am bonnach-boise ateàrnadh thugam, mar an t-slige. Chrùb mi agus chaidh e na sgiodar ri ursainn an dorais air mo chùl. Air mo bheulaibh bha aChailleach Bheag, a gàirdeanan an àirdes i ga dìon fhèin bhon sprùilleach a bha iad afrasadh oirreEdna atoirt nan òrdugh, na Traceys agus na Waynes atuiteam mu chèile leis aghàireachdainn.

By chove! thuirt aChailleach, atogail a cinn. Agus an ath rud, bha i atreabhadh tromhpas adèanamh air sgòrnan Sixteen Tons.Chaidh na bùird thairis air Ednas na peathraicheans am boireannach leis achats an cat. Dhòirt pinntean nam bràithreans nam bràithrean-cèile air sgiortaichean polyester,geansaidhean acrylic lace-effect air am baisteadh le G&T air an còmhdach le stùr aLambert and Butler .Bha glainneachan nan sgàrd air an làr, bìdeagan bolognaise,slisneagan lemon a’ seoladh ann an lòn de leann a bha asgaoileadh na chop mu na brògan a bfhearr a bhaca.

Bids! dheigh Edna. Leum an cat oirre. Rug an Detective-sergeant air a’ chat air ghoic amhaich agus shad e air falbh e. Leum am boireannach leis an robh an cat air an Detective-sergeant. Fat bastard! Chuir esan a chròg mhòr hama air a broilleach agus phut e i agus thuit i gu cùl a dhuchd Edna. Thuit Edna. Pictures for nothing.

Sliasaidean, eh? thuirt an duine a bha agleidheadh na h-òige.


[20]

Christ! thuirt an Sasannach.

Sheinn Fatsboy: Dilegua, o notte Tramontante, stelle!

Sheinn Murphy: All’alba, vincerò! Vincerò!

Sheinn an : A-hùù! Vibrato. dhiarradh brosnachadh ach siud! Dheighinn dhan chath, bheirinn dha i mu chùl na h-amhaich once an’ for all beatha no bàs, amèn.

Ach bha am bràthair a bòige, pòsdaig achait, ann romham. Chuir e a chorrag ann an sùil an Detective-sergeant. Leig an Detective-sergeant mothart às: OEUF! Shil an t-sùil. Ann am priobadh na sùla eile, bha Billy Boag mar am muncaidh casa-gòbhlagan air dhruim air. Chuir am bràthair a bòige a chorrag dhan t-sùil aigesan cuideachd. Cha be achòir ach an eucoir.

Thuirt an t-òranaiche Iosèphus gu feumadh e dhol dhan eadraigeadh. Thuirt e gu feumadh esan cobhair a dhèanamh air a charaid, aChailleach Bheag. Agus chunnaic mi an sruth iorghallach afalbh leis. Chaidh a thogails a chrathadh, a thulgadhs a spadadhs a shadadh air ais gu tìr.

Dhia beannaich mi, ars esan, briste brùite atilleadh. Curaidh nach robh ullamh acfhainneach.

Faca tu aChailleach air do thriall? dhfheòraich mi dheth. Chan fhaca. Bha i anns an taigh-cartaidh leis an fhear fhionnach. Bhan doras glaiste.

Agus glòir na gràisg ud adol na bàirdecha be siud an ceòl a bàill leam, a chaidh a thogail air Jimmy Shand agus pìobaireachd Dhòmhnaill Duibh.

Bastard!

Wanker!

Away, ya pishpot, ya slag, ya grotty ould hoor, ya!

An duine a bfheàrr air guidheachdan a chunna mi a-riamh


[21]Harry Beag Eanraig, Benview, Na h-Alltan Starrach: cha chuireadh e maide nam pàirt. Dhinnsinn dhuibh mu Harry Beag nan ceadaicheadh an tìde dhomhHarry Beag Bod-Eanraig, mac an ànraidh ... Ach àm eile, ’s dòcha, bourbonics eile. An ceartuair bha i air tionndadh doineannach, dùbhraidh: cuthalaich mo chrìchs mo lèirsgrios, mìle marbhphaisg air gach balgaire a bhacann!

Bha Alex Roddy Boag air a shaltairt fo na casan aca. Bha ceann Wee Slash acoimhead a-mach bho achlais an fhir nach do phòs a-riamhfuil ri shròin, toileachas na ghnùis. Bha Bella Strachan atarraing sìos briogais bràthair-cèile Edna, pòstaig a piuthar bu shine. Bha i air ruighinn clais na tòine. Bha duine nach do dhaithnich duine atachdadh am bràthair-cèile eile. Thàinig Fat Frank a-mach bhon chidsin le peile agus mop. Thàinig Maria Carlotta le clìobhair na feòla.

I will kill them! thuirt Maria Carlotta.Agus riumsa: Come on, you help.

Sheall mi rithe. Sheall mi riutha. Bha Fatsboy a’ seinn:

... All’alba vincerò!

Rinn mi ùrnaighan ùrnaigh a rinn bodach Chinn Tàile ro Bhlàr Chùil Lodair:

Deònaich, a Dhè, mura bi thu leinn,
nach bi thu nar n-aghaidh.

Sheall Maria Carlotta suas, aguidhe ri gar bith bha shuas:

-What he say, the crazy man?

Spaghetti. Bha mi ann an spaghetti agus ise, Maria Carlotta, gam stiùireadh. Thilg mi sìos am bourbon mu dheireadh ud


[22] agus chuir mi aghaidh orra, caol cunnartach na mo chòta fada saighdeir, buidhe glas sìos gu sàil mo dhà bhròig. Chan fhaiceadh iad mo shùilean a bha falaichte fo bhil astetsoins mi ri lasadh maidse le ìne na h-òrdaigs acur thuige bloigh coròna a bhann an còrnair mo bheòil.

Chan eil fhios am bhuail mi.

Tha mo chuimhne gam thrèigsinn.

Tha fios am gun dhèirich corraich ro iongantach anns an duine John Tom, an t-sùil a bha na cheann air dùsgadh mòr agus iargaltaa bhràthair leis an làrach afeuchainn ri shocrachadh, asuathadh ravioli bho dhruim a sheacaid mhòilisginn. Ach cha bann riutha a bha mo ghnothaich.

Rug mi air stòl agus chaidh an làmh eile chun na sgithinn.

Sabatier gun ghob, a bha agam na mo stocainn mhoban.

Yeah, yeah, yeah, yeah,thuirt Eli Wallach. Don’t take no shit from nobody.

C.B. W. gam choimhead le tiamhaidheachd, a shùilean alìonadh.

Tha cuimhnam air sgreuchail nam boireannach, sgiamhail a’ chait ... Maria Carlotta, an t-eagal na guth, agul nam chluais: Santa Cielo! Santa Cielo!

Agus an uair sin a’ bhuille.

Agus an uair sin na solais a’ dol dheth.

titleDonati’s
internal date2006.0
display date2006
publication date2006
level
reference template

Caimbeul Shrapnel %p

parent textShrapnel
<< please select a word
<< please select a page