[37]

3

Dosser

Chuidich Murphy agus an dràibhear mi a-mach às an tagsaidh agus a-steach clobhsa agus a-steach doras a bha air falbh bho na cùl-cheanglaichean agus tarsainn seòmbar-suidhe – chamber of horrors – far an robh triùir ann an ceò air sòfa agus fear fraochanach ann an oisean ga sgròbadh fhèin.

—Bugger this,ars an dràibhear, adèanamh às. Agus chaidh Murphy leam sìos cùis-uabhais de staidhre gu seòmar ìosal agus bobhstair rubair air ùrlas fuar cloich. Dhfhàg e mi air mo dhruim nam shìneadh, gun chomhdach gun chlaidheamh, sgìth agus lag.

Nuair a dhfhàs mo shùilean cleachdte ris an dorchadas, thog mi mo cheann asireadh poit-mhùin, agus chunnaic mi gu robh bobhstair eile tarsainn bhuam, ùpraid de phlaideachan odhars am pailteas phiullagan nan sprùilleach air uachdair. Ghuidh mi ris an as àirde gun e duine mar an sgarbh a chur orm a-rithista bhràthair no a mhàthair no duine sam bith a bhuineadh dha


[38]no duine le drèin na mòrchuis a dheanadh mo mhoblaigeadh lemental arithmetic – no fear le fliuichead sròine, anail gheur uinneanachno idir an dìobhairt, no idir an dìobhairt.

Dhfheumainn èirigh agus uisgeachadh. Mar a thuirt an t-seann : feumaidh duine a mhùn a dheanamh ged a bhiodh crùn aige san latha. Dhearc mi air peile plastaig anns achùil bu duirche agus dhfheuch mi gu mo chasan. An ùine a thug mi, an osnaich. Bha guth mo mhàthar na mo cheanns mi afalbh dall ris abhalla: , a bhalaich, a rinn thu ort fhèin?

Sheinn mi anns achùil bu duibhe, acinnteachadh air apheile:

An rud a bhaig achoileach-fraoich,
Thug an naosg am bàrr dheth…

Ach seach nach robh agam ach siud dheth, sheinn mi fear eile:

…ann an geòlIain Thormoid, geòlIain Thormoid…

Cha robh cuimhne agam a-nis air mòran dheth, ach gu robh na deargadan uimhir ri na geòidh anns agheòla:

Bha na deargadan uimhir ri na geòidh
An geòl Iain Thormoid, geòlIain Thormoid…

agus gu robh am fonn rudeigin colach ri mi ma shèideas aghaoth?’

Shèid aghaoth le fead fann caol, ’s gun fhios nach robh cuideigin san èisteachd thòisich mi feadalaichThe Flowers of Edinburghagus às dèidh sin ‘Kate Dalrymple’. Aighearachs gu robh iad, cha do chùm iad am fuachd air falbh. Bha mi air chrith.



[39]

Chaidh mi air mo ghlùinean, ’s gun facal ùrnaigh dhfhalbh mi air mo spògan a-null chun nam plaideachan. Tharraing mi s thàinig na bhann nan aon ultach thugam. Bha nighean chaol, cho seang ri seileach, na laighe an sin. Bha stud na sròin, fàinne òir na h-ilmeag.

Leig i sgreuch.

Leig mise sgreuch.

Thàinig sgreuch bho gu h-àrd.

Shad mi na plaideachan oirre agus theich mi air ais. Thàinig ise gu luath an uachdair. Cha do dhfheòraich mi bu leis i.

—Hell ’s teeth,thuirt i, an sgeun a bha na sùil air a sùil fhàgail. Who the hell are you?

Thuirt mi rithe gu robh i a-nis air ‘Hell’ a dhràdh uair, agus carson? Agus thuirt i:

—How the hell do I know?

Well, chan e a h-uile rud a tha ag iarraidh freagairt, agus ghabh mi taobh eile le mo rannsachadh.

Robh sin goirt, dhfhaighnich mi, an stud sin agus an rud a tha nad ilmeag?

Thuirt i gu robh e gu dearbha goirt gan cur ann, ach nach robh e a leth cho goirt ris an dul a bha innte shìos far am biodh an othails an imcheist.

Cha robh fios am seallainn.

Mu dheireadh, dhfhaighnich mi dhi an robh fios aice bhann an dìth na nàire. Cha robh. Cùis-mhaslaidh? Cha robh a bharrachd, mura be an stiùpaire a riaraich e fhèin sa pheile agus a bha a-nis asnagardaich os a cionn, a spèithear fosgailte.

Las an fhuil a bha nam cheann. Bha mo ghèillean abiorgadaich nuair a labhair mi:



[40]

Tha e soilleir, arsa mise, gu math soilleir, nach do dhionnsaich thusa mòran ris aghlùin, ris aghualainn, arsa mise, ach -mhodh.

Tha do bhàdaidh, ars ise, fosgailte.

Na mo latha-sa, arsa mise, bhiodh i ort mun tòin, a leadaidh, mark my words, Diluain abhreabain.

Oo! ars ise, lovely .

Buail do chù, ’s ann thugad a ruitheas e.

Woof!

Dhfhairich mi an droch nàdar asileadh air falbh, agus na àite bha gàireachdainn alìonadh mo mhionaich. Chan fhaodadh i sin fhaicinn. Laigh mi sìos air abhobhstair, ameòrachadh mun ghinealach sinsìol na nathraiche nimhenach tug urram dhan aois; agus ameòrachadh mun fheirg a bha ri teachd, nuair a chuimhnich mi air anDetective -sergeant (retired) ,fhiaclan agus meud a dhùirn.

Dhfhàg siud falamhachd nam bhroinn.

Dhfhàg siud acain nam cheann.

Mìle marbhphaisg air aghràisg a rinn an -bheart.

Bhiodh iad fo rùm a-nis, ‘the Emperors drunken soldiery’ ,Donatis dùinte airson oidhch’.

Thàinig i a-nall le plaide thugam.

Sae luely, luely…ged a bha a casan caola casa-gòbhlaganach air an làr, le tionaGolden Virginiana h-uchd. Rinn i fag a bha fada, le craiteachan math dhan amhara-tiugh-hàna.

—Want some, you old grump?

Thug i dhomh gearradh dheth a stob mi fom fhiacailchow, mar a bhaig na maraichean o shean, ach gur e an tombaca dubh a bhacasan, am betel ann amBombay . Sglong!



[41]

Chuir i thuige coinnlean agus chuir i ceòl san àit’ -èisdeachd:

Sitting in the morning sun
And watchinall the birds passing by…

Bha i toilichte, nighean nan geug.

Ann an solas nan coinnlean, thug mi fa-near agus fa-niar staid na fàrdaich. Cha robh lìnigeadh air na ballachan; achlachs achrèadh le liacradhdistemperagus drùis ruadh asileadh troimhe. Bha an làr lom, fàsgadh às fo do chasan; daolagan gu leòr agus bògaisean an ceann an gairm, agus na treubhan a bha sìolachadh fon bhobhstair, am measg nam plaideachan, uimhir ri na geòidh, uimhir ri na geòidh? Chuimhnich mi airKeating ’s PowderagusParazone, dheigheadh an nighean gan iarraidh mus deigheadh ar n-ithe beò, lotan is lobhadh. Dhfheumainn innse dhi. Ach bha i cho toilichte adannsa, deàlradh na sùilean agus na gàirdeanan biorach bioranach aice an-àirde, meòir abragadaich.

Chunnaic mi am peile plastaig ri taobh sinc ri taobh clòsaid. Gu h-àrd aig bàrr abhalla os cionn na sinc bha uinneag chaol chumhang. Bha solas na sràid oirre orains. Bha an t-uisge oirre. Dhfheumainn faighinn chun na sràid agus falbh. Dhèanainn plana, planaigeadh. Agus an nighean seo, seileach an cois aibhne, chuidicheadh ise mi.

Mu thimcheall na leap, na leid aice, bha a caiseart, a còta agus a cleòca, a gùintean sìodas a bann-broillich agus an ita bhann an stiùir achoilich. Chuireadh i uimpiad uile agus rachadh i mach a dhfhaicinn an robh an t-slighe còmhnard glan, aghaoth soirbheachail. Bhithinn air a cùlaibh na mo bhrògan breòite, còta mòr an Airm. Agus dhfhalbhadh sinn mar na h-eòin a dhfhalbhas, gu siùbhlach caithreamach.



[42]

Dhinnsinn dhi. Be sin achiad cheum.

Ach an toiseach, dhfheumainn am peile fhalmhachadh agus a ghlanadh. Lysol. An toiseach dhinnsinn dhi mu dheidhinnLysolagus am peile-sinc a bha againn anns an sgularaidh nam òige. Dheigheadh fhalmhachadh na steall dhan drèana a bha aig an doras. Agus na miasan le bùrn an t-siabainn, RinsoagusSunlight, iadsan cuideachdfras bho fhras a bha cur deann às an talamh, nan tigeadh siud sìos mud chlaigeann, cha dèanadh tun còrr a-chaoidh. Bha lìth ghorm air uachdair na drèana agus as t-samhradh bha am feur afàs taisealach mun cuairt dhith agus bha am fàileadh gorm lìtheach, marseptic - tancAlasdair Mhurchaidh Smiot, ort mun amhaich. An uair sin a’ Lysol .

Dhinnsinn dhi. Dheigheadh i a dhfhaighinn botal beag donn dheth, agus an stuth a thachdadh an dubh-shnàigeach, a chlàbhadh na deargadan nan cadal.

An toiseach, ge-, dhfheumte èirigh agus gluasad.

…gotta pick myself up,
Dust myself off
And start all over again…

Be sin car amhì-thalamh: ‘start all over again’, Mrs Car-mellors.

Thuit i na clod ri mo thaobhs chaidh a h-uilinn, a bha mar bhior giuthais, a-steach nam chliathaich.

Leig mi èighe.

Leig ise èighe.

Thàinig èighe bho gu h-àrd.

Aw, thuirt i, tha ceàrr?

Chuir i a làmhan tana orm agus dhfhairich i am bann a bha teann mum asnaichean.



[43]

Aw, thuirt i, thachair?

Am bruthadh a lèir mi, arsa mise, tha mi cur feum air cobhair.

Aw.

Bha mi san t-sloc uamhainn.

—Dearie me.

An clàbar crèadha tiugh.

—You poor soul.

Ach an toiseach am peile. An toiseach, arsa mise, Lysol. NoParazone .NoPine Disinfectant.

Right,ars ise. Thug i tarraing às an fhag agus dhòmhsa grèim eile a chagnainn.

An tugainn iomradh air an drèana ghorm lìtheach agus am feur gorm a dhfhàsadh aiste nach cliobadh caora, nach reubadh no each nan treun-neart samhraidh?

Am peile sinc a bhanns an sgularaidh, an toirinn luaidh air gus soilleireachadh dhi mar a chaidh mi chun apheile aicese, plastaig ann no às?

— ’S fheàirrde ceàrd fras, thuirt mi. Cha be siud a bha dùil agam a dhràdh achAn t-ionnsachadh ògnoAn car a bha san t-seana mhaide’ – briathran iomchaidhach siud a thàinig a-mach: “S fheàirrde ceàrd fras’, agus an uair sin dhinnis mi dhi mun dìobhairt a dhìobhair mi os cionn apheile, mo làmh teann ri mo bheul adol sìos seachad air rùm mo mhàthar agus tron chidsin, ann an dorchadas Dùbhlachd, amhadainn ud a bhurst mo mhionach.

Spùt e bhuam, arsa mise, aig160 miles an hour.

Projectile,thuirt i, anns acheò.

Bha i ag èisdeachd.



[44]

Bfhada bho nach dfhuair mi èisdeachd. Dhinnsinn an sgeula bho thùs gu èis, toilichte sin a dhèanamhmar Iain bràthair mo mhàthar an Ceann Loch Mòr: ‘Làidir, an duirt thu? Tha cuimhn’ agamsa… ’ – daoine amèaranaich, daoine ateiche.

Tha cuimhnagamsa, arsa mise, asgaoileadh a-mach, bann air an t-samhradh roimhe sin a thòisich e.

An spùt, ars ise.

Cha be, cha be! Èisd rium.

Rinn i mèaran.

An grèim-mionaich. Na bu mhiosa nan dèideadh. Ach bha piuthar mathar ann, bean-eiridinn a bhann am Burma, bha ise aig an taigh à Glaschu, cha chreid mitìdaChogaidh a bha i ann am Burmaboireannach aig an robh ùghdarras agus comas: robh mi?

—Ah , you poor soul,thuirt nighean nam meangan.

Gar bith an leigheas a bhann co-dhiù, fhuair mi seachad air, ’s bha mi cho fallain ri fiadh nam bràighean siùbhlach a-rithist, breac na linne. Aidh.

—Hi, thuirt i.

Rug mi air làimh oirre.

Gus an tàinig Dùbhlachd gharbh agheamhraidh, arsa mise, ’s cha be sin an t-àm bu ghann ar spòrs. Bha sinn mìle bho bailes cha burrainn dhomh cumail ri càch, abeatadh an aghaidh na gaoith, acall manail. Chaidh mi gu fasgadh balla cloich ri taobh taigh mòr lestorm windows.

Chunnaic agus dhfhairich mi e dìreach mar a bha e an uair sin: aghairbhseach, beul na h-oidhche, eagal gun tuiteadh am balla orm, lamp adol thuige san taigh mhòr.

Chaidh mi chun dorais agus ghnog mi.



[45]

Thug mi sùil air an nighean.

Ghnog mi, arsa mise ann an guth ìosal, grìs tron fheòil.

Well? ars ise, ateannadh suas rium.

Cha duirt mi dùrd. Chrath mi mo cheann, ag osnaich trom shròin. Pregnant pause.

Well? Well?

Thàinig guth bho staigh, guth aosd caillich: ‘ thann?’ ‘Mise,’ arsa mise. Agus dhfhosgail e fìogair, agus an uair sin gu chùl, nuair a chunnaic iad an t-ànrach bochd a bha muigh sa ghailleann. Bha dithis dhiubh ann, agus thug iad chun teine mis thàinig iad le mias bùrn teth dhan cuirinn mo chasan agus deoch a bhlàthaicheadh mo thaobh staigh.

Do mhionach.

Mo mhionach.

Do mhionach a bhurst.

Yup.

Leis an spùt.

Yup.

Thàinig sin ormsa, ars ise.

N e nach tigeadh…

Thàinig, ars ise, eadarDubaiagus Bandar Abbas.

Thuit an cùrtair air dràma mòige: mantaidh Peigi a bhann amBurma, na cailleachan dubha agus am peile-sinc; nurs Dhànaidh agus an dotair dotty MacEanraig – villain of the piece – agus an lannsairJamiesonagus an nurs bheag bhòidheach a bha gam choimhead nuair a shaoradh mi à màg an leòmhainn agus mar an ceudna à màg amhath-ghamhainn. Thriall iad, mar shneachd an earraich. Exeunt .

Leig mi às a làmh agus ghluais mi air ais air abhobhstair gus sùil cheart a thoirt oirre.



[46]

Bha a falt cho dubh ris an fhitheach; bha a sùilean, air chùl speuclanan, làn dhan donas.

Càit, a chreutair, an duirt thu an robh thu?

Air bàta, ars ise, nàdar dhow. Twenty -four hours,adol guBandar Abbas.

Leig i gàireafaicinn maodainn-sa, ’s iongantach, balbh le iongnadhagus thuit i air a druim air abhobhstair, a casan fada an-àirde. Nuair a thill is a ghlan i na glainneachans a shèid i a sròin, dhinnis i dhomh nach robh taigh-beag idir air an iùbhrach.

Basgaid gun thòin, ars ise, crochaichte ri deireadh.

Robh iad gad fhaicinn?

Bha thu acrùbadh sìos innte, ach bha do cheanns do ghualainnean an-àirde.

Chitheadh iad thu a-rèisd, dearg aditheadh.

Cha leiginn a leas ditheadh. Bha e afalbh na shruth, dhan aPhersian Gulf.

Thighearna.

Cha deigheadh mo phalBella Jessidir dhan bhasgaid. Leig i mothar eile aiste, ’s an àite a h-aodainn bha mi acoimhead nan casan a-rithist. bhròg iallach, siubhal frìthe, dìreadh mhonaidhean. An toirinn abheinn orm? Agus tilleadh le sgeulachdan mòra? Bandar Abbas.

Thill i.

Tha mi cho duilich, thuirt i, atilgeadh a làmhan mum amhaich. Bha thu dol a dhinnse dhomh…

—Never mind!

Do mhionach, nach e, my poor darling.

Ist!



[47]

Chagainn mi gu cabhagach.

Mus do dhruid an dorchadas gu buil, dhinnis i dhomh gu robh i ann anRabat , IstanbulagusBeirutcuideachd. À, nan robh mi air a bhith ann, mise nach robh an àite, smaoinich orm an uair sin aig cuntair abhàir asgaoileadh a-mach, asgaoileadh!

Mus do dhruid an dorchadas, dhinnis i dhomh mu rud a thachair ann amBeirutanns a’ Hotel de la Revolution.

Nuair a thig a’ revolution, arsa mise gun fhios carson, ciamar no càite.

Inshallah, ars ise, apasgadh a làmhan.

Cha robh ach rùm anns a’ Hotel de la Revolution.Bha rùm aig an dithis bhalach a bha còmhla ritheFrangach agus Austrianachach cha burrainn dhi a dhol an sin seach gu robh Èipheiteach air gluasad a-steach. Dheigheadh i dhan rùm eile. Bha leabaidh ann: dha aon duine agus a ghabhadh dithis, triùirnam bfheudar, seisear.

Cha robh ach dithis anns an rùm: nigheans a màthair.

Chuir Ali Marout, an t-òstair, air an solas agus ruaig e an nighean às an leabaidh chaol a-null dhan leabaidh dhomhainn san robh Aosta nan Làithean. Bha i diombach, an nighean. Rinn i mòran osnaich.

— ’S chaidh mise dhan leabaidh aice, fhathast blàth agus tachaiseach fo aona phlaide. Cha dfhuair mi cadal, asmaoineachadh air deargadan.

Deargadan! Bruidhinn air deargadan! Chunna mise…

Co-dhiù, bha agam ri falbh aig ceithir gus am beirinn air abhus4.30 guAleppo .Dhèirich mi air mo shocair agus chuir mi orm maodach agus chuir mi mo ghùn-oidhche agus na trealaichean eile, T - shirtsagus rudan, air mo shocair sàmhach



[48]

dhan abhaga. Nuair a dhfhairich mi gu robh cuideigin gham choimheadsùilean orm – ’s nuair a sheall mi, bha iad nan suidhe an-àirde anns an leabaidh taobh ri taobh mar chailleach-oidhche. Cha do leig mi sgreuch, mus dùisginnAli Baba.

Ali Bali.

Thug mi dhaibh pacaid fags, ’s bha iad toilichte, agus dhfhalbh mi. Good riddance.

Seachd siubhal sìdhe.

Yeah, yeah.

Cho luaths a bhiodh i às an t-sealladh, bheireadh an t-seanabhun abhròg dhan òg a-mach às an leabaidh.

—Vamoose !chanadh i, alasadh fag.

[Arabais] , chanadh i.

—Well, an riabhach ormsa, arsa mise, ag amharc gu sgleòthach air an nighean dhubh air an robh am falt agus aig an robh an stud na sròin agus a bha atighinns afalbh agus afalbhs atighinn. Agus tha cuimhnam gu robh mìle ceist agam nach do dhfhaighnich mi agus planaichean nach do phlanaig mi, ’s gu robh i adannsa a-rithist, bragadaich nan òrdag ris acheòl a bhaice air an teip-reacòrdair:

If you just put your hand in mine
Were gonna leave all that troubles behind,
Gonna walk
And dont look back.. .

Agus chluinninn an gàire aice.

Agus an ceòl.

Agus thàinig an cadal mu dheireadh thall; dhfhalbh an



[49]

t-slacadaich a bha na mo cheann, na mo chorp, thàinig fois. Cha robh an gadaich cho feumach air achroich.

* * *

Chan eil fhios agam cho fadas a thug mi anns an uaigneas ud. Chaill mi latha; lathaichean adol nan oidhcheannan. Bha cuimhne agam air duine aig bonn na staidhre gun fhiaclan aguidheachdan. Guidheachdan gun fhiaclan; bog fliuch, roileach.

tha cur ort? Thàinig mo ghuth bhon bhobhstair fon phlaide. Theab e tuiteam. Dhfhosgail a bheul:

ÀÀÀÀ! Agus thàrr e às.

Uair eile thàinig biast de chanastair brot-oxtail sìos, cruinn donn aroiligeadh. Cha tàinig duine às a dhèidh ach chuala mi osnaich aig bàrr na staidhre. Sheall mi ris achanastair. Cha duirt e facal. Bu mhath nach dubhairt.

Cha do thill an nighean.

An-dràstas a-rithist chluinninn bruidhinn os mo chionn, uaireannan brunndal adol gu bòilich agus glainneachan gam briseadh agus botail agus brunndal a-rithist, agus nam biodh boireannach ann, bhiodh an diabhal anns an teant an uair sin, all hell let loose. Cha deach mi faisg orra a dhaindheoin acras, ’s cha tàinig iad faisg orm. ’S cha do thill Murphy. Bha mi na mo laighe ag èisdeachds bha mo chreuchdan aslànachadh. Agus a dhaindeoins na thachair, ghlèidh mi mo chiall, mo chialls mo reusan, bha iad agam ge boil le bourbon agusdopeagus tachais. ’S thuirt mo chiall rium gum bu mhithich dhomh a-nis èirigh agus falbh. Co-dhiù, bha an t-acras gha mo tholladh cho mòr, dhithinn .



[50]

Thòisich mi le sgàig asgioblachadh, ’s an uair a bha mi an impis rùchd mo chaolanan a chur a-mach, sguir mi. Bha an nighean air na plaideachan aice a phasgadh; cha do dhfhàg i aon làrach no comharradh gu robh i a-riamh ann. Bhiodh i air an imrich a dhèanamh tron oidhche, càch nan cadal. Sae luely was she gaen,am bus aig 4.30 guAddis Ababa.Bha mi duilich gun dhfhalbh i.

Chuir mi boiseag air maodann aig an t-sinc agus dhfhairich mi an fheusag a bha air ùr-fhàs le bàrr mo mheòir agus, ged nach robh mi ga faicinn, chunnaic mi gu robh i maiths gum biodh i na teàrnadh dhomh anns na lathaichean ri teachd. Cha robh mi cho cinnteach mun bhonaid-chluasach, aona chluais Shìonach a dhìth air. Bhiodh an sgarbh air fhaicinn anns an ospadal, agus dhinnseadh e orm, an . Cheangail mi gu teann barrallan nam bròg, agus leis achanastair brot fom achlais, dhìrich mi an staidhre.

Cha robh a-staigh ach dithis, ’s bha iad air fuarachadh ris an t-sòfa afeitheamh rium.

il càch? arsa mise gu càirdeil, mar bu ghnàth sin dhomh agus dhaibhsan a ghin mi.

Cha do fhreagair. Bha iad ga mo choimhead agus bha mise gan coimhead-san. Cha robh sin furasda taobh seach taobh. Bha iad mar dhithis a chuireadh muir-geamhraidh a-steach ann am beul fuar na h-oidhche. Bha na làmhan gorm-phurpaidh, spuireanach mu chana leannSuper Lager, atoirt ùine nan creach adèanamh fag.

mise sin dhut, arsa mise gu bàidheil mar bu chòir, atoirt achanastairOld Holbornbhon fhear bu chnàmhaiche, fàileadh amhùins an t-salchair, rùchd rùchdail. Cha tug mi



[51]

diog, agus bhuail e thuca an uair sin nach be idir tàbharnadh a bhannam, samhla no manadh, agus ghrad-thionndaidh am fuachd gu blàths agus na sùilean a bha sgeunach a-nis asnàmh nan ceann agus fuaimean atighinn bhuapa mar iorghallaich a thigeadh à broinn lèig-chruthaich.

Sssghlomh!

Ach cha be an toil-inntinn no eadhon an ceòl-gàire a bha air maire-sa. Ach suaipeadh: bonaid na h-aonaflapairson bonaid snàth; còta mòr an Airm airson anarag. Shaoileam gu robh an anarag beò le biastan beaga biorach, gath nan tòin; bha sracadh sìos aona chliathaich, an cop glas a bhanns an lìnigeadh air a sgeith a-mach. Ach n diofar, , ghràidh, an diofar: bha mo bheatha an crochadh ris aphlàigh ud a bhith crochaichte air mo dhruim.

Suaip, arsa mise. An anarag sin air còta mòr an Airm.

— Tioch…

Do bhonaid air mo bhonaid Sìonach a thaguaranteed .

Ch-ich!

Ghluais iad an sin gu cabhagach do-riaraichte bho chèile, asmèideadh rium mar gum bithinn fadàs. Le slugadh leanna chaidh mfhàilteachadh eatarra air an t-sòfasin a rinn mi dheth co-dhiù, cha thuigeadh an cànanaiche bu ghrinne claisneachd an dranndan dubh dùbhghallach a bha aca, ach rinn mi dheth mar a thubhairt mi agus shuidh mi eatarra agus thug mi tarraing às achana agus thog mi an cuspair a thog mi anns achiad dol-a- mach, adol gu dòchasach nan còmhradh.

Suaipeadh, arsa mise. Cha dfhuair mi na bfhaide na sin. Thàinig gàirdean an fhir bu chnàmhaiche mar spàg stàilinnn gun iochd mum amhaichs chaidh mo cheann a tharraing a-null



[52]

fo smiogaid far an robh na roillean agus cuimhneachain làidir air seann dìobhairt.

Cha mhòr gun creidinn mo chluasan nuair a thàinig ràn tro shròin a thug air mo chraiceann èirigh. Bha e aseinn:

Y ’ aaalways hurt
thwaan
ylove,
thwaan
yoo shouldnt
hurt
at aaal!

Chuir e car nam cheann, dìosgail an cùl mamhaich.

Aobh!

Chl-ich.

Bhris air acasdaich, ach thog fear na h-anarag am fonn: bu cho math dhut sgiamhail chat oidhche na gealaich ùir:

So , daaahling, if I
hurt yooo last night(adol na òran-càraid a-nis) ,
it was because
I loved yoo
most
of
aaaaal!

Chaidh mo shadadh air falbh agus thuit iad an gàirdeanan a chèile:

It was because
I loved yoo
most
of
aaaaal!



[53]

Agus thàinig às dèidh sin, mar a bha dùil, sileadh shùl, snighe sròine.

Thàinig cuideachd boireannach mòr cogaidh air an robh aghaidh mar sgona le beilleagan fliuch agus tiugh agus sopan fuilt an siuds an seo, chaidh amhòr-chuid dheth dha na tuill na dhlòthan. Briseadh-cridhe. Dhinnis i dhomh mu dheidhinn ann an làdachlageragusgin .

—The bastard,thuirt i. I could uv strangled him wi they two hands, son.Chuir i na làmhan salach an-àirde; na h-ìnean air am bìdeadh chun aghiorra, pluc -chneasta pinc air chùl an dùirn taisgeil. Bha iad agreimeachadh mu amhaich an duine aice agus afàsgadhs afàsgadh gus na thuit na fiaclan uachdrach aiste.

—But I couldnae, son,thuirt i gu liotach, spiorad na murt ga trèigsinn – I loved the bastard, you know.

Thuirt mi rithe anns an fhreagairt nach bu chòir dhi leigeil dha na rudan cac sin a stampadh fo na casan, boireannach treun mar i fhèin a ghlèidh an calpanam biodh i agam sa pholl-mhònach, nach sinn a dhèanadh an sgapadh, theireadh nach dèanadh?

Sheall i rium.

—Yer a nice boy,thuirt i. They peats, where are they?Agus rinn i mar gum biodh i dìreach afalbh dhan bhlàr gun ullachadh gun ugh bruich.

Och, och, arsa mise, och, och.

—Wha ’ the fuck is och och?

Bha an chadàbhar air an t-sòfa ga mo choimhead, ’s cha bann le rùn math sam bith.

Thuirt mi rium fhìn: An diabhal ort, an urrainn dhut idir srian a chumail air do theanga? Agus riuthasan gur h-ann as t-earrach



[54]

a bhiotar agearradh na mònach nuair a thigeadh an ola innte toiseach an t-samhraidh, ariachadh, arùsgadh, aglanadh, am barrfhad chun druim, an gàrradhs an caoran. ’S bha iad air an casan atighinn thugam:

—Wha ’ a load oshite.

Bha an mhòr adubhadh an dorais orm.

Dhèigheadh achasaid ann an droch cainnt is toibheum: thuirt fear na h-anarag gun ghoid mi an anarag aige; thuirt am fear bu chnàmhaiche gun dhfhalbh mile bhonaid; thuirt fàth amhulaid a bhaig an ursainn gur e cealgaire agus fìor bhastard a bhannam.

S mar sin chaidh mo dhìteadh: mar sin, breitheanas.

—Where the offence is, arse mise rium fhìn, let the great axe fall.

Bha mi làn braich, cha robh diù Fhionnlaigh Ruaidh agam.

Thàinig am fear cnàmhach le glaodh botail. Tharraing e an gàirdean stàilinneach gu chùlaibh, dòrn mar chlach-theinenam biodh an ud air bualadh, bhiodh mo chùrsa tron bhalla. Ach tharraing e air ais i le uimhir a nearts gun chuir e fhèin car, agus thuit e an comhair a chùil, cùl a chinn atoirt brag air an làr. Leig e osann agus chaidil e.

Thàinig fear na h-anarag le spàirn eagalach, a cheann crom atoirt ionnsaigh aig 60° ris achòmhnard, theab mi a dhol à cochall mo chridhe. Ach bha dìon iongantach a choireigin orm: theich mi às a rathads chaidh e seachad aig 60 mph sìos leis an staidhre air acheann-dìreach.

Leig amBouille de Soeufsgreuch, ’s mus do sheall mi rium fhìn bha mi air mo ghlacadh aice air sgòrnan.

—I ’ll show ya, ya bastard!



[55]

Ist dhabastard’, arsa mise gu fann.

—Ya trash, ya bastard,gam chrathadh, gam thachdadh.

Cha robh air ach leigeil orm gun mharbh i mi, mar a rinn Alasdair Mhurchaidh Thormoid ann amMesopotamiaacogadh nan Turcach.

Sheall mi rithe le sùilean claon, an teanga atuiteam a-mach às oisean mo bheòil mus do lùb mo ghlùinean, mus do dhaom mi thuice cho trom ri closach mairt.

—Oh , ma Goad!thuirt i le goiriseachadh, gam thilgeadh bhuaipes adèanamh às aig peileir a beath’ – balg-sèid na bochdainn, dhfhalbh braidhm oirre a-mach an doras.

Agus dhfhan mise nam shìneadh greis mhath foetal air an làr ag èisdeachd. Silent night.Marbhanachd na h-oidhche. Dhfhalbhainn a-nis. Dhfhalbhadh. 4.30 guAlabama .

titleDosser
internal date2006.0
display date2006
publication date2006
level
reference template

Caimbeul Shrapnel %p

parent textShrapnel
<< please select a word
<< please select a page