4
Riach
Bha mi air an t-sràid, air an allaban. Cha d’ fhuair mi cuidhteas còta an Airm; bha m’ èideadh-cinn fhathast aona-chluasach. Ach bha mi a-mach às an uabhaltas fàrdaich ud, toilichte an cabhsair cruaidh a bhith fom bhrògan, agus gaoth mar fhaobhar na sgithinn a’ tighinn bhon Linne Dhubh gam ath-nuadhachadh ’s a’ glanadh bhuam boladh an sgadain loibht a bha air crochadh rium eadhon gu bàrr nam meòir. Thug mi leam am pocaboozea dhìochuimhnich an tè gharg sa chabhaig. Bha dà chanaSuper Lagerann agus botal gin falamh chun nan gualainnean. Lorgainn being ’s thigeadh blàths dhan mhionach.
Bha e fada dhan oidhche, mìos marbhadh nam mult. Cha robh duine mun cuairt, cha robh cù no madadh-ruadh. Choisich mi.
Bha cairt agam na mo stocainn leis am faighinn airgead agus chaidh mi gu uinneag banca agus thog mi ceud not. Chuir mi fichead nam phòcaid ’s an còrr dhan stocainn stopte sìos gu caol na cois, a’ còmhdach nan cuislean beaga purpaidh briste a
bh’ ann an sin. Bha fèithean cnapach ann cuideachd, agus patan buidhe agus dubh air gach lurgainn. O-hì. Choisich mi.
An dèidh mhìltean, ràinig mi àite a chuimhnich dhomh raointean is mòinteach a bha agam uair, ’s nach do theich ro fhada bhuam a dh’aindeoin nam bliadhnachan a dh’ith an lòcast, a’ chnàmh-bhèist agus a co-chreutairean. Aite fosgailte fiadhaich, ged nach robh fiadh anns a’ chamhanaich ri fhaicinn. Bha cnoc ann, agus leig mi dhìom an t-eallach air cùl a’ chnuic, a’ coimhead sìos air loch agus a’ faicinn solais shràid is thaighean na b’ fhaide air falbh ann an ceàrnaidh dhan bhaile nach tadhlainn gu bràth. Bhiodh iad a’ dùsgadh a-nis, ag èirigh, a’ dol an ceann an gnothaich. ’S thug mise an ceann às a’ bhotal gin, a’ dol a cheann mo ghnothaich fhìn, nuair a thàinig an cruth sin eadar mi is fànas. Cha dèanainn dheth an e tannasg no tamhasg notrampa bh’ ann, ach cha robh feagal no fiamh orm a’ glugadaich gin. Mu dheireadh tharraing e fagas dhomh.
—Fhir na faire, arsa mise, ciod mun oidhch’?
Shuidh e: bragadaich ghlùin, glamhadh droma.
—Aaaa! a’ tighinn bhuaithe teann cràidhteach, a shùilean a’ sruthadh. Sheall e rium mar a sheallas cù roilleach ri duine a’ cagnadh feòil aig bòrd. Chuir mi a-null an gin. Agus ag amharc air an dìol-dèirig, rinn mi beagan meòrachaidh air m’ uilinn air an t-sliabh ud, a’ ghaoth a’ sèideadh far am b’ àill leatha. An toiseach, gun thuisleachadh, ann am bailcean dubh na braich, an t-iongnadh a chuir e a-riamh orm mar a thogas am misgear ràtar fear eile: an duine air an robh an dubh-Liath aca – cha bu mhaireann – a nochdadh aig an doras air a’ chiad latha dhan t-slòpraich:
Thàinig plathaig dhan ol’ -ungaidh thugam bhon ear, chanadh
e. Bhiodh ruma dubh aige – rud nach biodh aig Niosgaid MhicÀdam, a’ liùgaireachd leis an aon ghàire ’s a’ sitrich an siud ’s an seo thall ’s a-bhos.
Harry Beag Eanraig a’ guidheachdan agus guidheachdan Sheonaig, a thigeadh sa mhoch-mhadainn, uaireannan tron oidhche, ’s a chuireadh am botal air a ceann:
An diabhal ormsa, an diabhal ormsa.
Calum Crois a’ Mhargaidh fo iormaidh a’ biorgadaich:
Eee, bhalaich. What a country.
Agus an Giullan, agus a phiuthar a bhiodh a’ seinn: ‘Bheir Mi O’ agus às dèidh sin ‘Show Mi Àirigh’, faobhar na sgithinn air glainne. Uile marbh. Air an càradh fon ùir an cois na tuinne ’s a-nis a’ tilleadh thugam, duine bho dhuine – ‘Murmur mildly to me now’.
—Whasat, Jimmy?
—Tranter Reuben, arsa mise. Sìn a-nall am botal, fhir chaoil. Cha robh e air dad dheth a dhèabhadh. Bha e na shuidhe le a làmhan paisgte mu ghlùinean, car na cheann gam choimhead.
—Tha mi ’n dòchas gun aithnich thu rithist mi, arsa mise.
Thuirt e rium gu robh mi ann an suain, a’ bruidhinn broileis a choreigin nach robh e a’ tuigsinn agus, na bheachd-san, nach tuigeadh duin’ eile na bu mhò.
—Tha do bheachd-sa, arsa mise, cho suarach agam ri sgeith a’ chait ghlais, sgàrd na bà sgàrdaich.
Thuirt e gu faodadh e bhith ceàrr, ach gur e broileis na bids a bh’ ann, say what you like.
Rinn mi durrghan dubh-dorch. Thuirt mi ris gu robh e air ‘broileis’ a dh’ràdh dà thriop a-nis.
—Shite ,ars esan, a-rèisd.
—Dè?
—Shitea-rèisd a-rithist. An sgrìobh mi sìos e?
Cha tigeadh diochuimhn’ aig’ air, am madadh. Dhùisg spiorad na murt annam.
—Air do chasan, arsa mise ann an trom-fheirg, a’ feuchainn gu mo chasan lapach fhìn. Sheallainn-sa dha – fuil agus feòil agus smior nan sonn a fhuair an àrach agus a sheas san àrach gu smiorail treun. An èighinn ‘Cruachan! ’? An èighinn ‘Cabarfèidh! ’? Chaidh sinn an glaic a chèile agus fhuair mi an ceann aige eadar an dà shùil – ceann mar chlach ’Ain Geàrr. Chunna mi planaidean ùra, fras shradagan. Tharraing mi sìos leam e anns an dol sìos. Bha e ag èigheachd: Mo dhruim! Mo dhruim! gam bhòdhradh gu bàs. Cha robh air ach am botal gin a thoirt dha mun chnuacan, ged nach biodh ann ach gun dùineadh e a chab. Agus dhùin. ’S bha sìth air an t-sliabh, dithis nan sìneadh ’s na sgàilean a’ teiche. Latha glas eile.
Thill mi gu meòrachadh.
B’ an-èibhinn mo latha air an talamh. Ach thuig mi nach robh e gu math sam bith dhomh a bhith air mo shlugadh aig m’ aois ann an sloc an eu-dòchais, eu-còirich, sloc na mì-mhisneachd agus, na bu mhiosa buileach, an t-sloc uamhainn. Cha b’ fhiach iad, na slocan. ’S cha bu luach. Taigh Uilleim orra, taigh Raghnaill.
Sheall mi ris an t-slocaire a bha ri mo thaobh na chadal. Bha fiamh a’ ghàire air aodann agus shaoil leam nach b’ e droch isean a bh’ ann idir. Dh’fhaodadh gun cuidicheadh e mi. Às dèidh corraich, càirdeas. Ach dh’fheumte a bhith modhail, agus umhail dha gach-a- chèile, ged nach cuirinn mo lèine air a’ gheall.
Dh’fhosgail e sùil. Bha sgeun innte.
—Latha glas eile, arsa mise.
Thuirt e gun bhris mi an druim aige; thuirt mi nach do bhris na bloigh ’s an robh e ag iarraidh bracaist, canaSuper Lager. Thuirt e gun cuireadh sin às a chiall e; thuirt mi gum b’ fheàirrde duine a dhol às a chiall aig amannan, agus air dha seo a chothromachadhhiom - hawagushiommm, chaidh e leam agus ghabh e an cana. Dh’fhosgail mi fhìn an cana eile agus dh’òl sin iomadh deoch-slàinte, a’ toiseachadh leinn fhìn agus leis a’ bhaile agusSir Walter ScottagusJimmy Shand and his band.Sheinn mi:
Deoch-slàinte chabair fèidh seo
Gur h-èibhinn ’s gur h-aighearach!
Ge fada bho thìr fèin e,
Mhic Dhè greas g’a fhearann e;
Mo chrochadh is mo cheusadh
Is m’ èideadh hiom-haram e,
Hìream haram hò-rium
Nuair dh’èireadh do chabar ort!
Dh’innis mi dha gur e òran cogaidh Gàidhealach a bh’ ann mu dheidhinn duine le fèileadh air an robh adhaircean a’ fàs. Dh’fhaighnich e dhomh carson nach robh fèileadh ormsa, duine
fraoich às na boglaichean.
—Socair a-nis, arsa mise ris, air do shocair, fhir mhaoil.
Thug mi balgam às a’ bhotal agus balgam às a’ chana. Rinn mi òraid mun èideadh Ghàidhealach, a’ togail trì puingean mar bu ghnàth leinn:
Puing a h-aon – saltair fo na casan e;
puing a dhà – bruich e;
puing a trì – ith e.
Salchar aodaich, thuirt Dòmhnall Iain Dhòmhnaill Duinn,
a bh’ anns an Fhraing sa chlàbar. Am poll na leacan cruaidh air chùl nan glùinean againn, ars esan, a’ sracadh a’ chraicinn. Na bi dol ga innse dhomh.
Balgaire rud, ars Alasdair Mhurchaidh Mhòir. Bha na mialan ag àlachadh anns na pleataichean, clann an diabhail, a’ buntainn ri mo rian ’s mo reusan. Na bi dol ga innse.
—Mar sin dheth, ’ille chrùbaich, arsa mise sa cho-dhùnadh, taigh na galla leis a’ bhreacan ùr agus suas leis a’ bhriogais uallach, O hinim-ì, agus gu seachd àraidh an trusgan as fheàrr a thàinig a-riamh a thìr nam bealach: to wit, amboilersuit – cò eile?
Thug mi balgam às a’ chana.
—John Riach, thuirt e, a’ sìneadh a làimh thugam.
— ’Ain Mac Fhearchair, arsa mise, cràidhteach tinn agus sgìth làn dochair.
—Anne?
Dhùin mi mo shùilean.
An ceann greis, sheinn e. Bha a ghuth binn, mar an smeòrach sa mhadainn le na h-uimhir dhan tùchadh. Bha an t-òran aige cianail, tiamhaidh:
Martinmas wind, when wilt thou blaw,
And shake the green leaves off the tree?
O gentle death, when wilt thou come?
For of my life I am weary.
—Tha guth agad, arsa mise, ag iargain na bha bhuam.
—A bheil?
Thuirt mi ris nach cualas air cruit-chiùil no fiù ’s air an t-saltair ghrinn ceòl cho taitneach.
—Inneal-ciùil nan teuda deich, arsa mise.
Cha robh e ga mo thuigsinn; cha robh mi fhìn ga mo thuigsinn, ach chòrd e ris gun chòrd e rium. Chaidh e dhan a’ cheann aige, mar a thachair dha Murphy aig leabaidh fhuar O’Reilly.
—Great , eh?arsa Seonaidh Riach. Thug e steallag às an gin agus sheinn e trì eile.
A’ chiad fhear, ‘Crazy Heart’leHank Williams.
—Go on and break your crazy heart,sheinn e le glug agus glacadh anail, bhon a’ chridhe, dìreach bhon a’ chridhe. Nuair a chrìochnaich e, thuirt e ann an guth sòlamaichte gun do bhris cridheHank Williamsagus gur e sin a thug bàs dha. Agus thuirt mise rium fhìn ‘Bollocks’ agus risesan gun theab mo chridhe fhìn briseadh cuideachd ag èisdeachd ris an òran. O Lord…
Sheas e. Dhùin e a làmh chlì agus chuir e gu bheul i mar gum biodh micreafòn innte; bha e a’ gluasad na tèile le ruithim a-null ’s a-nall:
B -dù, b-dum,
B-dum, b-dum,
South of the Border, down Mexico way,
That’s where I fell in love
When stars above came out to play…
Dh’fhaighnich mi dha an eFrank Sinatraa bh’ ann. Thuirt e nach b’ e achUncle Eddie, gur e siud a bhiodh e fhèin ’s na pals a’ seinn air a’ bhus bhoBathgateoidhche Shathairn:
And now as I wander
My thoughts ever stray
South of the Border
down Mexico way!
’S mus d’ fhuair mi air èigheachd ‘Hurrah !’ bha e a’ stialladh air dàn spioradail le iolach shuilbhir ait: ‘I will cling to the old ragged Cross’.
—Rugged Cross,arsa mise.
—Eh ?
—Rugged. Cross.
—Ragged Cross.
—Rugged.
—Ragged! ‘Ragged’a bh’ aig m’ uncail Eddie, ’s mas e ‘ragged’ a bh’ aig Eddie, ’s e ‘ragged’ a th’ ann.
‘I will cherish the old ragged Cross! ’sheinn e. Oh , bollocks.Bha mi ’n impis a toirt dha mun pheirceall nuair a chuimhnich mi air gliocas Hotchak: Cleachd foighidinn ’s na can ach ‘Well’.
Ach cha do leig mi leis an còrr a sheinn.
—Fòghnaidh na dh’fhòghnas, thuirt mi ris. The appetite, arsa mise, le uaill agus ùghdarras, may sicken and so die.Agus a’ bruidhinn air ‘appetite’, nach robh a làn-thìdepork pieno slaighse spam a chur air an stamag; rionnach smocaig, bonnach bruich. Bha am botal falamh; cha robh driog sa chana. Nach b’ fheàrr togail oirnn a-nis?
Thug mi dha an còta mòr’ an àit’ a’ chasaig a bha mu dhruim agus choisich sinn Gall-Gàidhealach a chum a’ chath.
—Tha thu fon choill, thuirt e.
—Tha.
Thuirt e gu robh rùm a bha falamh anns an togalach san robh esan.
—Glè mhath, arsa mise.
Thuirt e gum bruidhneadh e fhèin ris a’ bhoireannach leis an robh an togalach.
—Glè mhath, Seonaidh, boy.
—Mrs Armstrong, ars esan. Bho na Crìochan. Down Mexico way.
Chuir mi an liomaraidh sìos air a’ bhòrd a bha ris an uinneig; bòrd le sgiathan, air a losgadh aig na h-oirean le fags, air a chomharrachadh le na làraich a dh’fhàgas mugannan sruthanach cofaidh, copanan còco fòs a’ cur thairis. Gheibhinn clobhdan-sgùraidh, chuirinn rusp ri na h-oirean.
Bha an rùm fuaraidh; an uinneag dùinte, dubh le stùr na sràid, spùtail dhruidean. Fhuair mi air a fosgladh agus leigeil a-steach àile gheàrrta Chabhairn nam Bò.
Bha dà shèithearagam, preas, preas-aodaich, ciste-dhràthraichean. Tha mi sgàigeach ’s chaidh mi an sàs annta. Cha do dh’fhàg mi cùil: cùl a’ phris, broinn a’ phris; tharraing mi a-mach gach drathair, tharraing mi air ais an t-aodach-leap ’s chuir mi car dhan bhobhstair. Cha robh sniodh, cha robh sneaghan. Cha robh laomainn no breabadair-ladhrach no cuileag ghorm, cuileag shalach na cadal fada geamhraidh. Bha an t-àite agam dhomh fhìn.
Rud a b’ fheàrr idir, bha sinc agam, agus teine – gas a’ Chuain a Tuath. Chuir mi thuige an teine gas: leig e brag mar gum burstadh tu poca pàipeir, ’s chaidh e bàs. Chuir mi car dhan tap: thilg i sglongaidean trom tombaca, ’s an dèidh cartadh a slugan, thàinig steall brais a las gu frasach nam aodann, a’ drùdhadh tro mo lèine ’s a’ dol na lèig air an làr. Leig i ràn aiste, an tap, nuair a gheàrr mi dheth i, agus leig mise asam sruth coimheach de chainnt nach b’ fhonnmhora fonn.
Chaidh mi chun nam pocannan a bh’ air a’ bhòrd; dh’fhosgail mi am botalJack Daniels, ghlan mi an aona chopan a bh’ ann agus dh’òl mi. Leis an treas tarraing dh’fhairich mi na b’ fheàrr, a’ sìoladh sìos, am bourbon a’ sgaoileadh a choibhneis trom bhodhaig. Agus bheachdaich mi an uair sin air na rudan a fhuair mi anns na bùithtean, Riach gam stiùireadh ’s an cùrsa rèidh.
Bha stuth ann am botal airson m’ fhalt a ghlanadh. Agus an fheusag, a bha odhar riabhach.
Bha stuth ann am bogsa airson m’ fhalt agus m’ fheusag a dhath. Mo mholan agus mo rasgan mar an ceudna, nam b’ e sin mo thoil. Bhithinn marO ’ Reillynach bu bheò, cafach ruadh.
Bha glainneachan ann le glainne phurpaidh.
Agus aodach ùr à bùth Strachain: bonaid-snàth le putan air fhuaigheal na mhullach; còta gorm pòcaideach le coilear bian, agus briogaiskhakiteann mu na h-iosgannan. Cha robh mi glè chinnteach mun bhriogais – bha e a’ tighinn gu làidir a-steach orm gum b’ ann le seannStrachana bha i ’s gu robh i air ann an Cogadh Afraga, e a’ bramadaich innte ann an dian-theasBhloemfontain .
Fhuair mi paidhir ùr bhròg, ’s ged nach robh bucaill gan dùnadh, shiùbhlainn fada leotha.
Thàinig Riach a-steach. Bha botal braich aige – a’ Chearc-Fhraoich – agus dà chopan sìonaidh.
—Càite, arsa mise, an d’ fhuair thu na copananfine - bonedpristealach bristeach sin?
—Pax, arsa Riach.
—Pax, arsa mise, gu dearbha. AgusRadoxagus cadal suaimhneach air do chluasaig.
Dh’òl sinn.
—Chunna mi uair, arsa mise a’ dol air sgèith, muga seipeinn sìonaidh air bòrd ’s mi a’ dùsgadh à droch chadal. Thàinig duine sàmhach a-steach dhan rùm san robh mi. ‘Have some juice, ’thuirt e, ‘when you’re better. ’Agus dh’fhalbh e, agus sheall mi. Bha am muga an sin, rianail agus reusanta mar an duine. Ach cho fada fada bhuam. Chuala mi ceòl san t-seòmar àrd. Lacrimosa .
—Harmony ,arsa Riach.
—Tàmailt, arsa mise.
Thog Riach am bucas anns an robh an dath a chuireadh dreach is coslas nuadh ruadh air m’ aogais.
—Harmony ,ars esan. Ye right then, Jock?
Cha robh cuimhne agam cuine a fhuair mi a leithid a thaosnadh, uimhir a dh’fhàsgadh. An latha a thug mi ’n daoibhe a dh’òcrach Mhurchaidh Bhig? Oidhche nan ochd mialan deug? Biodh sin mar a bhitheas mar a bhà. Bha spuirean cruaidhe Riach an sàs nam cheann, a’ sgrìobadh a’ chraicinn, a’ liacradh stuth nam botal a-null ’s a-nall. Bha e a’ seinn‘D’ ye ken John Peel?’ ,mise ri mionnan agus an gaorr ud a’ dol na shruthanan nam shùilean sìos cùl m’ amhaich. Ann am meadhan na spàirn, aig àird na h-uspairtich, dh’fhaighnich e dhomh dè thachair, dè an gnìomh a rinneadh ’s gu robh luchd nam putanan faileasach cho mòr an tòir orm.
Cha tug mi dha mòran.
—Bha sabaid ann, thuirt mi. Stramash .
—Cuine? dh’fhaighnich Riach.
—Càite? dh’ fhaighnich Riach.
—Ann an talamh-toll.
Sìos gun tàinig an ceann aige bun-os-cionn taobh an fhuaraidh dhìom. Sheall mi dhan a’ chuinnlean, air a sgiolladh aig cus
pioclaidh, cuislean briste. Thug mi sùil air an t-sùil, biorach agus domhainn dubh na cheann. Bha an ceann fada agus caol agus liorcach, cluais bhuidhe lìtheach a’ feitheamh orm.
—An deach duine a mharbhadh? A mhurt?
—Teich leis an aghaidh sin, thuirt mi. Bha fàileadh dheth, gus mo thachdadh gu bàs.
—Na mharbh thu duine?
Pyorrhoeaa bh’ ann, am fàileadh, as opposed to diarrhoea, ach a cheart cho grabhail, leagadh e an t-each.
—Robh sgian agad? dh’fhaighnich e.
—Robh gunna? Smith & Wesson .22, eh? .375?
—Pu! arsa mise, clìoraig.
Rug e air poca plastaig, a tharraing e sìos mun cheann agam. Chuir e poca eile mun fheusaig, agus dh’iarr e orm a bhith furachail fad leth-uair a thìde fhad ’s a bhiodh esan a’ meòrachadh air mo staid chaillte. Shuidh e sìos an uair sin air bonn na leap leis a’ bhotal bourbon. Bha e mar an radan. Sleekit, biorach.
Cha robh mi glè chinnteach dè bha fa-near dha Riach, carson a bha e cho fritheilteach ’s a bha e.
—Hoigh, arsa mise, nuair a bha mi ruadh mu choinneamh, innis dhomh carson, mar a thuirtFaustusris an t-Sàtan, a tha thu cho math dhomh?
Thuirt e gu robh cridhe mòr ann, taobh nan Logans.
—Seòrsa de Chrìosdaidh? arsa mise. Samaratanach?
—An dearbh rud, ars esan. Samaratanach, taobh Logain.
B’ e na Logans agus Eddie bràthair a sheanar a dh’ionnsaich na h-òrain dha: We are na fou, we’re nae that fou’ ,a sheinn e cho àrd ’s gun tàinig gnogadh air a’ bhalla agus gurmalaich na dhèidh sin.
—Agus dè a-nis, arsa mise, mu do dheidhinn fhèin, ’ille chaoil? Do dhol a-mach agus do theachd a-steach?
Mu dheidhinn fhèin bha e dùinte. Bhiodh e a-muigh tron oidhche agus a’ cadal feasgar.
Aon fheasgar, chaidh duine dhan rùm aige agus phronn e Riach. Fhuair cailleach nan Crìochan e, na laighe air an làr, gun bhliam. Bha an fhuil ris agus bha e air a shalach fhèin. Thàinig i thugamsa agus chaidh mise dhan fhàileadh le uisge goileach agus TCP.
—Cò bh’ ann? dh’fhaighnich mi.
—Carson? dh’fhaighnich mi.
Cha tug e dhomh mòran.
—Big shite, thuirt e. Bha drèin air aodann, saoghal na pèine.
— ’N e d’ asnaichean a th’ ann?
—M’ asnaichean, ars esan, agus mo dhubhagan agus mo ghobhal. Cha dèan mi ’n còrr a-chaoidh.
Lìon a shùilean le deòir, an duine bochd nach deanadh an còrr. Fhuair mi bann dha na h-asnaichean aige, bourbon dha na dubhagan agus acfhainn dhan ghobhal. ZincagusCastor Oil.Dh’innsinn dha mun chastar-oidhle: pronnasg agus lèirsgrios, sradagan ann am poit! Ach bha an truaghan ann an èiginn gu leòr.
Bha an rùm aige grod: eadar biadh loibht agus bainne goirt, leann a chaidh a dhòrtadh, currya chaidh fhàgail, fags air an ditheadh dhan t-soitheach ime a’ seòladh anns na mugannan cofaidh. Ach b’ ann aig na brògan briste breòite a bha an t-urram a b’ àirde. Agus aig na stocainnean a bha air an làr a’ lobhadh – bha rudan beò annta, an dearg-phlàigh. Bha clobhd agam teann ri mo shròin a’ dol dhan chath.
B’ ann aon latha Luain ri uchd blàir a laigh mo shùil air a’ phàipear-naidheachd. Bha e air a thilgeadh air falbh, ma b’ fhior coma-co-dhiù, ach fosgailte aig na facail‘Vicious Attack’ ,agus dealbh, a chur crith fuachd tromham, deWalter ‘Shrapnel’ Anthony Watson. Thuit m’ aigne gu làr, thrèig mo neart mi gu tur, agus marBhelshazzaro shean, bhuail mo ghlùinean an aghaidh a chèile. Ach thog mi am pàipear agus leugh mi gu robhWalter Anthony Watson, 63, ‘struggling for his life’an dèidh dha duine an sgian a chur ann. Bha am poileas ga fhaicinn mar‘attempted murder’agus bha duine an grèim aca a bhiodh iad a’ ceasnachadh a dh’aithghearr.
Sheall mi ri Riach na shìneadh ’s a shùilean letheach dùinte gam choimhead. Bha mo cheann na bhrochan. Chuir mi am pàipear fo shròin.
—Dè tha seo? arsa mise, a’ putadh sròin anDetective - sergeantle corrag iomagaineach. Cò às a dh’èirich e? Carson a bha thu ag iarraidh ormsa fhaicinn?
Cha robh mi agam fhìn, cop rim bhus, agus sùilean Riach a’ sioftadh slaodach gu pàipear eile a bha anns an sprùilleach air uachdair na leap. Chaidh e ga thogail ach spìon mi às a làmhan e, agus sheall mi ris an dealbhidentikita bha ’n teis-meadhan na duilleig, m’ fhuil na leum. Leugh mi‘Suspect Escapes!’ ,ag àithne dha daoine gun a dhol ro dhàn air, gum faodadh sgian a bhith aige. Sheall mi ris a-rithist: bha na h-uimhir a dh’ìomhaigh aige rium gun teagamh, ged a bha na sùilean ro fhada bho chèile, na bu choltaiche ri Iain Bull, mac piuthar mo sheanmhar a dh’fhalbh air an long-chogaidh. A thuilleadh air a sin, bha an t-sròinflat ’s cha robh an làrach a dh’fhàgWilliam James Smith, geal fon t-sùil, buileach ceart.
— ’S tu th’ ann, arsa Riach.
Thug mi leum asam agus rug mi air sgòrnan air. Chaidh e balg-shùileach, bolgach. Leig mi às an sgòrnan aige.
—A mhastaig, arsa Riach, a’ slugadh.
—Carson, arsa mise, a ghlèidh thu na pàipearan sin?
Thòisich e a’ casdaich: Adh, adh… adh! Cha b’ e casdaich a bh’ ann. Rug mi air shròin air.
—Carson? arsa mise.
— Adh…
Dh’fhàisg mi air an t-sròin. Thàinig smuig.
—Okay! dh’èigh e. Leig às mi!
Le na beannachdan. Bha i sleamhainn fallasach, an t-srùp ud. Shuath mi mo mheòir air briogais Afraga.
—Okay, ars esan. Bha e mar seo: bha mi a’ feuchainn ri cuimhneachadh cà ’m faca mi thu. Agus chuimhnich: an duine a choisich a-mach às an ospadal. Photo - recall – sin mise. Fhuair mi na pàipearan, agus sin iad.
— ’S carson am frithealadh, a’ fuss?
—Buggered if I know.
Chaidh mi chun an sgàthain. Chan aithnicheadh iad gu bràth mi. Ach a dh’aindeoin sin, cha robh mi saorsainneil – bha cuislean a’ breabail, sgeun an fhir-mhillidh annam.
Thill mi gu Riach. Chùm mi an dealbhidentikitan-àirde ris, m’ aodann ùr fhìn os a chionn agus cho faisg air aodann-san ’s a leigeadh ampyorrhoeadhuinn.
— ’Eil mise colach ri sin?
Thàinig sitrich bhuaithe.
—Dè mu dheidhinn comharradh an t-Sàtain? Fon t-sùil? Thàinig snòtraich.
—Dè bu chòir dhomh a dhèanamh?
Rinn e gàire cruaidh, amh.
—Aon nì fìor: cha dean thu do bhiadh dheth às m’ aonais.
Ha!
Mharbhainn mac a’ choin.
* * *
Bha mi air an t-sràid, mìos marbhadh nan lus, a’ dol fo sgafailean. Choisich mi na mìltean cruaidhe concrait, mìltean air mhìltean, a’ seachnadh thaighean-òsta, cùiltean agus còsan san robh làrach mo cheum. Corr uair ruiginn cùl a’ chnuic, a dh’òl na gaoithe agus a choimhead ri na h-eòin a bha air an loch, air an rathad, anns an fheur; a’ glocadaich mu na casan, gun eagal gun fhiamh, ag iarraidh biadh. Cha b’ e siud na geòidh ghlasa a ghànraich Buaile na Crois, no tunnagan fiadhaich Dhìbeadail. ’S e bha seo ach glamaisearan a dhiùlt an nàire; spìonadh iad na molan asad. Ach bu chaomh leam iad, gu h-àraid na faoileagan beaga, na ruideagan len casan dubha, bha mi duilich nach robh an còmhnaidh anns na cladaichean àrd. B’ fheàrr gu robh mo chòmhnaidh fhìn ann – bothan àirigh eadar a’ Ghil agus Dùn Othail, a’ cagnadh an arain agus a’ cluinntinn fuaim bith-bhuan na mara. À, well, nan tigeadh e gu h-aon ’s a dhà…
Bha àiteachan eile air mo thriall a bhithinn tric a’ tadhal: an stèisean a bha shìos fon t-sràid, shìos ann am maodal mhòr a’ bhaile – glambar agus cabhaig gun chiall – shuidhinn stòlda, dh’òlainn cofaidh mus rachainn suas a mheasg an t-sluaigh, sàbhailte air Sràid MhicNeacail, a’ greasad mo cheum air Sràid a’ Chlèirich mar dhuine ris an robh dùil ’s gun dùil ris, agus a’ stad
aig an Leabharlann nuair a thigeadh i gu neimheil bhon ear le fuachd is frasan, ’s cha b’ ainneamh sin – leugh miOld Mortalitybho cheann gu ceann, 523 duilleag, bha dùil a’m gun cuireadh e a’ chlach-mhullaich ormHabakkuk Mucklewrathle rachd a’ glaodhaich sgrios agus sgàrdadh chinn, agus sheasainn ann an Cladh nam Fear Glasa far an do chuireadh na Cùmhnantaich fo chuing; ’s bha e uabhasach agus iongantach leam an neart a bha nan creideamh: ‘They have shot at thee, my husband, but they could not reach thy soul… ’Thar mo thuigse.
Bha dà aitreabh air an toirmeasg dhomh:
an taigh-tasgaidh dhan deacha mi a shireadh eachdraidh mo dhaoine; thug fear nam putanan aon sùil orm – ‘No, no,’ ars esan, leis a’ chumhachd a bh’ aige, ‘out!’ – agus Gailearaidh Nàiseanta na h-Alba, dhan deacha mi a shireadh blàiths agus a dh’fhaicinn MaighstirWalker, an t-Urramach treun, a’ siubhal saor-chlèireach air an deigh. Thàinig fear a’ bhonaid bhilich, a bhrògan le aghdarras a’ dìosgail – ‘No, no,’ arsa esan, ‘off ye go!’ Thog mi mo ghuth ris: thuirt mi gu robh e càirdeach dhomh, Maighstir Raibeart, a’ dol air ais gu deireadh na h-ochdamh linn deug ’s na b’ fhaide. ‘My ancestor! ’arsa mise. ‘Aye,’ ars esan, ‘that’ll be right, ’agus sheall e an doras dhomh. Bha i a’ cur an t-sneachd.
Bha cur is cathadh ann nuair a chaidh mi air ais chun àite san robh m’ acarsaid agus mo dhaingneachd uair, greis mus tàinig na droch làithean, mus do dhruid na neòil fo ghruaim. Dhìrich mi an staidhre, sheas mi aig an doras, chuir mi an iuchair dhan ghlas. Dh’fhosgail doras an taobh shuas dhìom; dh’fhosgail doras na b’ fhaide shuas, agus fear eile shìos. Sheall daoine a-mach rium agus sheall mi air ais riutha. Cha tàinig iad
faisg orm ’s chan fhaicinn ceart cò bh’ ann – direach an cumadh, dorch anns na dorsan. Bha e mar rud a thachradh ann an trom-laighe. Dh’fhuirich mi gus am bruidhneadh cuideigin. Cha do bhruidhinn.
—Well , good evening!arsa mise gu h-àrd lem ghuth. Fuar a-nochd an oidhche!
Cha tàinig aon diurra-mhig bhuapa. Theich iad agus dhùin iad na dorsan. Chaidh na glasan a ghlasadh, agus na claimhein a bhualadh a-null.
’S chaidh mise dhan rùm.
Bha e mar a dh’fhàg mi e: am pana buntàta agus am poca salainn; a’ phoit-teatha agus a’ phoit-mhùin dam b’ ainm a’ Heavy Bomber; an lamp-ola air a’ bhòrd agus am bòrd-arain. Bha am bòrd-arain cruinn, agus bha facail air an gearradh grinn mun oir aige: Tabhair dhuinn an diugh ar n-aran làitheil. Thàinig leann-dubh air mo chridh’ a’ coimhead nan rudan sin a bh’ agam: mo leabaidh air a càradh, mo phyjamas Damart air a pasgadh, agus an leabhar a bha mi a’ leughadh – An Gille-Ruith Nèamhaidh le Mr. Iain Buinean – air a bheul-fodha fosgailte air a’ chluasaig. B’ ann an uair sin a dh’aithnich mi nach robh an taigh mar bu chòir dha: cha bhithinn air ’Ain Buinean fhàgail gu bràth mar siud. Chaidh mi chun nan dràthraichean – a dhà dhiubh – agus chunnaic mi gun deach ruith orra: bloody hell,movestagus mo shiomat agus mo dhrathars thada chlòimh le na putanan-bàdaidh, bloody hell, rape!Cha robh sgeul air a’ chèis anns an robh na pàipearan agam: na sgrìobhaidhean pearsanta a bha ag innse gun tàinig mi dha-rìribh chun an t-saoghail seo, gun chòir-breithe gun bheannachadh; teisteanas bhon mhinistear GillÌosa ag ràdh gu robh mi onarach agus dìleas agusupstanding
– cò chuireadh a’ bhreug air? Bha litrichean ann cuideachd: litir à Santiago bhom Uncail Bàrnaidh; tè à Montana bho Thormod Spàinnteach; litrichean bhon taigh, nuair a bha an taigh ann. Air chall.
Sheall mi mun cuairt agus, gun iarraidh, ghrad-bhuail an t-eagal mi. Chuimhnich mi air an fheadhainn a bh’ anns na dorsan – dheigheadh iad chun a’ fòn ’s bhiodh am poileas a-nis le ràn air an t-slighe! Chuir mi am bòrd-arain a bhroinn mo chòta agus, a’ leigeil soraidh leis a’ Bhomber, thug mi mo chasan leam.
Bha iad anns na dorsan gam fhaicinn a’ falbh.
—Well , goodnight!dh’èigh mi le mo ghuth gu h-àrd.
—Murderer, thuirt fear dhiubh, agus dh’fhairich mi falt cùl mo chinn ag èirigh ’s mi na mo dheann sìos an staidhre mar an donas a-mach an doras.
Cha do shocraich mi mo cheum gus an d’ fhuair mi a mheasg an t-sluaigh a-rithist air an t-Sràid Rìoghail agus às a sin gu Cabhairn nam Bò agus cailleach nan Crìochan.
Bha i a’ feitheamh rium, Mrs Armstrong.
Cha do leig i seachad mi. Bha mi ag iarraidh suas dhan rùm agam – Riach fhaicinn, mo cholas atharrachadh aon uair thuaireapach eile. Bu dìomhain dhomh. Dh’fheumadh i bruidhinn rium, bha rud no dhà aice ri dh’ràdh, agus lean mi i mar an damh chum a’ chasgraidh a-steach dhan flat aice.
Chuir i thuige an teine, a tòin an-àirde agus a casan bho chèile. Chithinn suas na sliasaidean na b’ fhaide na b’ fheàirrde mi. Agus nuair a sheas i agus a shad i a còta, bha an dà chìoch aice a’ lìonadh a lèine agus na bu mhotha na maragan a’ bhuachaille a’ toirt bhuam mo chiad-fàthan.
Chuir i thuige fag agus dh’fhaighnich i dhomh an gabhainn
uisge-beatha, agus gun feitheamh ri freagairt thàinig i thugam le glainne a bha làn gu beul. Rug mi air a’ ghlainne le mo dhà làimh agus dhòirt mi a’ chuid mhòr dhith sìos mo shlugan. Chaidh an còrr suas mo shròin agus na shruthanan sìos mo smiogaid. Cha do leig i oirre nach robh sin nàdarrach gu leòr ’s chaidh i a’ lìonadh na glainne a-rithist, ag ràdh ann an guth domhainnLauren Bacallgum bu chaomh leatha duine ceart, a real man,ars ise, who can take a real drink.
Dh’fhairich mi na ballachan a’ dòmhlachadh orm.
—Cà ’ilArmstrongfhèin?
Cha do leig i oirre gun cual’ i siud. Bhruidhinn i air Riach. Cha bu chaomh leatha an duine sin, cha robh e ceart. Cha robh e idir mar mise, ars ise, a’ leasachadh mo ghlainne agus a’ toirt ceum air ais gus sùil cheart a thoirt air duine ceart.
—Upstanding, arsa mise, a’ cuimhneachadh air facail a’ mhinisteir.
—Is it? Thilg i bhuaipe am botal ’s gun sùil na dhèidh leum i orm. Thuit mi an comhair mo chùil air a’ bhrat-ùrlair ’s thàinig i sìos orm le iolach àrd, a’ sèideadh teine a’ tarraing aon chas às a drathars agus a’ stialladh air mo chòta, mo bhriogaiskhaki. Shad i am bòrd-arain gu a cùlaibh, what the hell’s that?Tabhair dhuinn ar n-aran làitheil, arsa mise rium fhìn, a’ dùnadh mo shùilean agus a’ cluinntinn fuaim na sràid a’ tighinn ’s a’ falbh, a’ tighinn ’s a’ falbh. Agus ma stadas an anail, smaoinich mi, ma dhìobras an cridhe – mas e seo an deireadh, O Dhè, maith dhuinn ar peacaidhean!
* * *
Cha do stad na bloigh, ’s gu dearbha cha do dhìobair. Nach duirt Ailean a’ Ghàrraidh rim athair gu robh cridhe an ailbhein ann; nach siùbhladh mo mhàthair na bòtannan agus na beannag mìltean mòra mòintich gun aon anail?
Bha mise a-nis a’ siubhal shràidean a’ bhaile seo, a’ togail cùrsa air Lìte ’s anDeep Blue Sea Café.Bha mi a’ dol a choinneachadh Riach, gnothaich cudromach aige rium aig ochd uairean air andot. Dh’fhàg e fios aig Mrs Armstrong a lìbhrig i dhomh nuair a thàinig mi thugam fhìn air mo dhruim air a’ bhrat-ùrlair a’ spleuchdadh suas dhan aodann aice.
—Dorothy.
—Dorothea.
—Na teirig ann, thuirt i.
—B’ fheàrr dhomh.
— ’S fheàrr dhut a-rèisd, ars ise, do ghlanadh fhèin. Ach geall dhomh gun till thu.
—Cho cinnteach ’s a tha ’m bàrr-gùc air do shròin. Cà ’il mo bhriogais?
Ach dh’fheumainn a dhol dhan amar an toiseach, suas gu mo chluasan ann anRadox Eucalyptus, agus an fheusag a ghearradh agus m’ fhalt a nighe fon fhrasadair agus m’ fhiaclan a sgùradh agusSoft Muska spùtadh na stùr geal fom achlaisean.
—Tillidh tu, ars ise ann an guth ìosalMarlene Dietrich.
O, thilleadh, ’s bhiodh an leabaidh cùbhraidh le mirr, àlo agus caineal, all the perfumes of Arabia,agus ghabhadh sinn ar sàth de ghaol ’s gun fear an taighe aig baile. Agus rug i orm agus thug i pòg dhomh.
—Cuimhnich a-nis gun till thu. ’S na bi ro fhada.
Agus sin agad mise, air m’ ath-nuadhachadh, ann an aodach agus còta clò Armstrong, a’ dol chunDeep Blue Sea.
Bha mi rudeigin tràth, ach fhuair mi bòrd dha dithis air falbh bhon doras far am faodainn amharc gu dòigheil air mo cho-chreutair: a dhol a-mach agus a theachd a-steach, a chruth agus ìomhaigh gum b’ iongantach leam. Chan fhàsainn gu bràth sgìth dheth.
Bha iad òg, a’ chlann-nighean a bha a’ frithealadh nam bòrd. Bha iad bòidheach, baindidh, banail.
—What would you like, sir?A falt cuaileach dualach rìomhach. Agus, O, mar a las a sùilean nuair a rinn i gàire rium. Togarrach a dh’fhalbhainn.
—Bourbon, a ghràidh, dha seann sgrath.
Bha an t-àite na chabhaig: fàileadh anlasagne , pizzasagusketchupaguschips, tiùrr nan creach air gach truinnsear; fàileadh na h-adaig ròst agus ceò nam fags.
Bha an dà ròcais aig a’ bhòrd ri mo thaobh a’ blastadh orra gun abhsadh. Agus bha mòran casdaich eatarra agus còmhradh sgòrnanach muvaricose veinsagus lighichean gun fheum, ’s bha an dàrna tè – aon sùil dùinte agus fag ann an oisean a beòil – a’ sgapadh na deathaich gus am faiceadh i ceart an tèile, òirleach de luath air an fhag aicese: ridiculous , so it is, ’s gun e fhathast ach ochd uairean.
Ruith mi air na bùird eile. Sìos ris a’ bhalla air mo làimh chlì: an teaghlachpolyester: esanturquoise, iselilacagus an dà bhalach ann anshellsuits, fiadhaich agus a-mach à rian. Cha b’ urrainn dhaibh suidhe, cha b’ urrainn dhaibh ithe – hamburgersagus beans, bha barrachd dheth air a’ bhòrd agus fon a’ bhòrd na bha air an truinnsear. Agus ancoke, bha iad a’ baisteadh a chèile leis, an tèlilacag èigheachd, For fuck’s sake, do something!agus an duineturquoise – ceann lom, tattooair
amhaich – a’ compàirteachadh le uaill an gliocas a fhuair e: They ’re boys, Lynda. Boys!
Bu shuarach leis an fhear a bha air an taobh shìos. Bha a chùlaibh riutha ’s a dh’aindeoin na glòir ’s na gleadhraich, cha do thionndaidh e aon uair. Fiù ’s nuair a thàinig am manaidsear a thoirt rabhadh dhaibh – “Yellow card, boys” – cha do thionndaidh e. Fiù ’s nuair a thàinig am manaidsear agus an còcaire agus duine le sguab gan rotadh chun na sitig, cha do charaich e. Duine dha fhèin, le ad ghlas trilby agus còta glas mar chòta an demob, ag òl leann agus a’ leughadh anEvening Times.
Tarsainn bhuaithe, agus ris a’ bhalla air mo làimh dheis:
an duine aosd gaberdine agus an cù aosd aige, mongrel, solt aig a chasan ag ithesausage .Nuair a chaidh naPolyestersàrd, sheas an cù agus shìn e a cheann agus sheinn e òran-coin nach do chòrd ri duine ach ris an duine aosda gaberdine.
—Hee , hee, thuirt e. Hear him!Tha’sRobbie . Singing, aye.
Aon nì fìor, cha d’ fhuair e èisdeachd bhon dithis air a thaobh shuas, nighean agus a màthair, nach robh a’ cluinntinn no a’ faicinn sìon seach balach beag roilleach reamhar a bha ceangailte aca mar uircean ann an sèithear àrd. Bha iad a’ feuchainn biadh air agus dh’aithnicheadh tu gu robh còmhstri dhearg-loisgeach eadar an dithis:
—Come on now, Barry, nice yum-yum goodgie-goodgie-goo.
Bha beul Barry cho dùinte ri slige strùbain.
—Let me try, Sharon,ars an t-seann tè.
Goodgie -goodgie,ars an nighean. Yum -yum-yum.
—Gie’s the spoon, Sharon.
—Come oan!
Dh’fhosgail Barry a bheul agus leig e ràn. Dh’fheuch an
nighean ri làn na spàin a chur sìos a ghoile, ach spùt Barry a-mach e agus leig e an ath ràn, na b’ àirde.
—Wee shite!thuirt an nighean.
Thòisich an cù aosd a’ rànail.
Thionndaidh an t-seana bhean air an duine aosd gaberdine.
—Gonnae tell that dog o yours, ars ise, tae bloody shut up!
Chuir sin an duine aosd troimh-a- chèile agus leum e gu chasan, air chrith agus a’ bìogail. Cha robh ciall aig càil a thubhairt e, agus rinn e uimhir a chron air fhèin ’s gum b’ fheudar dha falbh. Chaidh dà Shìonach, a bha a’ feitheamh, na àite. Agus thàinig dà bhoireannach òg, ullamh nan culaidh-sràide, chun a’ bhùird a b’ fhaisge dhomh. Shuidh iad agus dh’òrdaich iadMartinis .Cha robh an oidhche fhathast ach òg, ach bha na dubhain air am biathadh ’s iad a’ feitheamh ri muir-lìonaidh, muir-làn.
Bha mi air an trìtheamh bourbon – daoine a’ falbh ’s a’ tighinn – ’s cha robh sgeul air Riach. Agus fhuair mi mi fhìn, a dh’aindeoin ’s na bha a’ tachairt timcheall orm, a’ tilleadh chun an duine leis an trilby. Bha rudeigin mu dheidhinn… an toiseach smaoinich mi gur e an ad agus an còta, an leud a bha na dhruim, a’ cuimhneachadh dhomh maraichean na h-Àirde – Calum Crois a’ Mhargaidh air lìobha air an t-slighe dhan Bhlack Bull, Aonghas Mòr Iain ’ic Sheumais. Ach cha b’e: rudeigin eile a bha seo, a’ buntainn rium. ’S cha b’ fhiach e. ’S chan fhaighinn air teiche bhuaithe.
Agus an uair sin – rud a bha neònach, mar bhruadar – shaoil leam gun dh’fhalbh a h-uile duine bha staigh: an dà ròcais, na Sìonaich, an nighean agus a mathair agus Barry beag uirceanach; clann-nighean na h-oidhche agus a’ chlann-nighean bhòidheach a bha a’ frithealadh dhuinn. Dh’fhalbh iad – le eagal nan sùilean, theich iad uile.
’S cha robh air fhàgail ach mise agus an duine seo. Agus mar gum biodh fios aige, mar gum b’ ann ri seo a bha e ri feitheamh fad a bheatha, chuir e sìos am pàipear agus thionndaidh e.
Cha do sheall e taobh seach taobh, ach dìreach riumsa.
Bha na sùilean aige fuar, marbh.
Na fiaclan a sheall e dhomh: buidhe-uaine, gun aon bheàrna.
title | Riach |
internal date | 2006.0 |
display date | 2006 |
publication date | 2006 |
level | |
reference template | Caimbeul Shrapnel %p |
parent text | Shrapnel |