5
Shrapnel
Mar Lebhiatan, borb agus uabhasach a’ tighinn gu uachdair na fairge: Walter ‘Shrapnel’ Anthony Watson – cò sheasadh na làthair? Às cuinnleanan a shròine thig deatach a-mach, mar à poit air ghoil, no coire. Bha iad ga choimhead a’ tighinn timcheall, na lighichean agus na mnathan-eiridinn. Thug anoperationuair a thìde agus trì-chairteil.
Chaidh a dhroch leòn: òirleach eile – cm gu leth eile – ’s bhiodh gob na sgithinn air a dhol tro chridhe, ged a bha an cridhe sin cruaidh mar chloich. Rinn an sgian milleadh agus reubadh gu leòr an dèidh sin. B’ ann dhan taobh chlì a chaidh a sàthadh, agus dh’fheumte cuislean a losgadh gus an fhuil a chasg agus dh’fheumte a sgamhan a tholladh agus pìob phlastaig a chur ann. Bha a’ phìob ceangailte ri uidheam anns an robh motair a’ srannail, a’ toirt faochadh dhan sgamhan bho teannachadh-gaoithe – amhail ’s mar a bheir braidhm faochadh agus aotromachadh dhan mhionach às dèidh rùbrub, pacaideanLiquorice Allsorts.
Bha iad a’ cumailoxygenris, masg ri aodann nuair a thigeadh saothrachadh air an anail.
Bha pìob aca a’ dol suas a shròin agus sìos chun na stamaig, a’ glanadh a-mach an t-salchair a bha innte, rùchd sleamhainn uaine mar lìonaraich.
Chunnaic iad air a’ mhonitor gu robh an cridhe làidir, a’ bliobadaich mar bu chòir. ’S an uair a dhùisg e, anns an ICU, chuir iad fuil ann. Chuir iad pinnt ann, às poca. Cò às a thàinig i, an fhuil sin? Dè bu ghnè dhi, bu threubh dhi? Cha dubhairt iad. Agus dhruid an dorchadas mun cuairt dùmhail dallanach, ga iathadh, chualas durrghail shìos na amhaich.
Dè nam b’ e fuilpoofa chaidh ann, pimpnopaedophile , perverta choreiginHIV -positive?
Chaidh a’ bhliobadaich luath.
Dè nam b’ e fuil an duine dhuibh – Mahommed MohametnoJomo MbòkoaMombasa ?
Chaidh a’ bhliobadaich na bu luaithe.
Dè nam b’ e fuil cùis-eagail de Ghàidheal, fineach fionnach fraoich a-nuas às na beanntan!
Chaidh a’ bhliobadaich a-mach à rian. Chunnacas an diabhal dubh na shùilean, a dhùirn a’ dùnadh. B’ fheudar dha triùir a chumail sìos gus am faigheadh tèile – cò ach Mavis – air an t-snàthad a stobadh na thòin. Chuir sin na thàmh e, a’ toirt dhaibh cothrom am poca-saline a chrochadh far an robh am poca-fala, boinne bho bhoinne a’ dol sìos tiùb chun t-snàthaid a bha na ghàirdean. Driob. Biadh dhan chorp. Beathachadh.
Mar am beathach – O, fada na bu mhiosa: mar an donas fhèin ag èirigh a sloc na h-uamhannachd – chrath e dheth an t-òpar agus sheall e riutha. Bha ceathrar dhiubh ann ann am beul na
h-oidhche, agus dà nighean agusAlsatian. Thàinig iad air gun fhiosd, ach bha e air a chasan a-nis air sràid nach robh a’ dol a dh’àite, balla àrd aig a ceann. Sheall e riutha. Gràisg, eadar a còig-deug agus a h-ochd-deug – am fear ruadh gun amhaich, bhiodh esan a h-ochd-deug. Bha làmhach aige agus làn dùil a’ cur gu feum. Bha slacain iarainn aig an dithis òg agus sgian aig an fhear shalach.
Cha robh teans aca.
Sheall e ris an dithis nighean. Bha iad caol, a’ cagnadh. Thuirt an dàrna tè gu robh ise ga iarraidh an toiseach agus leig i osnaich na h-ana-miannachd aiste, a h-anail na h-uchd. Bha an cù aig an tèile air iall.
Cha robh teans aig a’ chù.
Bha e air a chasan agus choisich e an coinneamh a chùil gus an d’ fhuair e a dhruim ris a’ bhalla. An uair sin smèid e riutha, gam fiathachadh thuige. B’ e seo an seòrsa suidheachaidh a b’ fheàrr leis, toileachas na chom, an fhuil a’ seinn na cheann, na chasan.
Cha do mhair e ach mionaid bheag.
Let ’s ge’ him,ars an cnapanach ruadh. Go for the bastard.
Thàinig e fhèin ’s am balach salach nan deann còmhladh – the heavy brigade.Leum esan chun dàrna taobh, a’ toirt uilinn le uile neart dhan fhear shalach mu chùl na h-amhaich. Chaidh e pell-mell dhan bhalla agus na ultach chun an làir. Cha chual’ e glaodh-cogaidh an fhir ruaidh, an làmhach le buaidh a’ sgapadh na gaoithe, gus na rug a’ chròg air gu h-àrd taobh a-staigh na sliasaid. Bha i mar an stàilinn, a’ chròg ud, gun iochd a’ fàsgadh ’s a’ teannachadh. Thuit an làmhach agus theich a’ light brigade, ’s bha an cù na bu luaithe na duine aca.
Smuaislich e a-nis air a dhruim ann an àite geal. Thàinig smuaintean. Chunnaic e am balach salach ud a-rithist, cha b’ ann air sràid-chùil na chrioplach ach ann an solais lasrachDhonati ’s. Bha an ceann aige fo achlais duine; ceann circ, an fhuil ris an t-sròin, a’ coimhead ris. Bha e a’ tarraing meur bho chluais gu cluais, a’ gealltainn gun deigheadh an sgian gu cinnteach fhathast air amhaich.
O, gun teagamh, bhiodh sgoltadh ann. Bhiodh fuil.
Dh’fheuch e ri cuimhneachadh airDonati ’ s, oidhche nan seachd sian ud, agus a’ ghràisg a bha a-muigh innte. Eadar a còig-deug agus ceithir fichead ’s a h-ochd – an duine nach do phòs a-riamh, bhiodh esan a’ streap ris a’ cheud. Bha iad uile càirdeach dhaEdna Boag – oghaichean, dubh-oghaichean, bha plàigh dhiubh ann – agus bha an duine aice mar am muncaidh air a dhruim nuair a chaidh a’ chorrag na shùil, an sgian gu domhainn dian na thaobh. Chual’ e Edna agus tè a’ chait a’ sgreuchail, daoine le uabhas a’ toirt an casan leotha, am boireannach Eadailteach a’ guidhe ri na nèamhan, ri na naoimh. ’S mus robh e seachad, fhuair e air aon bhuille nam buillean mòra a thoirt dhan fhear a b’ fhaisge dha: Jack Daniel, a leig air falbh sruth fhacail – bu cho math dhut an cat.
Mus robh e seachad, bhaJack Danielaige ann an grèim bàis, ga tharraing sìos tarsainn bhòrd is shèithrichean gus am b’ fheudar mu dheireadh gèilleadh ann an lòn leanna. Cionnas a thuit an cumhachdach? D /Sgt. W.A. Watson, cionnas a thuislich e ann am meadhan a’ chath? Bha e uair nach b’ e siud àbhaist…
Ann an dùiseal cadail thàinig iad thuige: MacIlwraith – sgom; Riach – a’ chruimh san fheòil; Francis Ignatius Coyle; agus romhpasan, Charlton H. Bulloch – b’ iomchaidh an t-ainm
Bulloch , Bullocks, bastard, ga thoirt air ais chun ànradh sgoil far na thòisich agus far nach d’ fhuair e am foghlam.
Bha e na sheasamh ri balla air falbh bho chàch, ach gan coimhead tro shùilean a bha letheach dùinte ag èisteachd rin cluich ’s rin glaodhaich. ’S an uair a b’ àirde a bha iad, nuair bu toilichte, thàinigBullochbho chùl na seada sam biodh amPole – Eddie, janitor – a’ gleidheadh nan rudan a bhios na fir-gleidhidh sin a’ gleidheadh. Sguaban, bara… thàinigBulloch, fag na bheul, bruailleanach. Chluinneadh e mar a dh’atharraich ceòl na cloinne bige, mar a chaill an còisir sunnd is suigeartas. Agus chunnaic e – a shùilean air fosgladh – mar a chùm iad orra a dh’aindeoin sin, mar nach robh càil ceàrr, mar nach robhBullochidir ann.
Bha e ann.
Chaidh e a-null chun fheadhainn bu treise agus dh’fheuch fear ri teiche. David Alfred Bennett, an gàire a rinn e cho beag-lochd.
Where the fuck do you think you’re going? Bullochroimhe mar throm-laighe, am bruadar bu bhuaireasaiche.
Toilet .
That ’ll be right, David, old son, ye fuckin’ wimp.
An gàire a rinn e agus aogais air dhreach a’ bhàis agusBullocha’ sèideadh ceòVirginiana aodann ’s ga toirt dha eadar an dà chas, an ceann eadar an dà shùil. Lùb Bennett. Dh’èigh e ach cha d’ fhuair èisdeachd, cha tàinig cobhair. Leum a shròin, an fhuil na sruthanan sìos. Agus chuir sinBullochglan-bhuileach às a rian. Chaidh e na dheich cinn, a’ tionndadh a-nis air càch: I ’m a fuckin’ vampire, me!Ruith an fheadhainn bheaga le eagal am beatha agus dh’fhan an fheadhainn mhòra seach gu robh iad mòr.
’S bha esan leis fhèin ri balla na fhianais air an fhòirneart gun chiall ud. Bha e a’ miannachadh gun tionndaidheadhBullochthuigesan mus tigeadh an luchd-teagaisg agus Eddie, agus na poilis a bheireadh air falbh e. ’S bha fios aige gu robh fios aigBullochgu robh e ga choimhead agus a’ miannachadh sin. Cha do sheallBullochan taobh a bha e.
Feasgar làrna-mhàireach, Bullochaca an làimh, choisich e dhachaigh còmhla riDavid Alfred Bennett.
Dè dheanadh tu air? dh’fhaighnich e dha. Nam b’ urrainn dhut?
Mharbhainn e.
Cionnas?
Chuirinn fon talamh e.
Dh’innis Bennett dha mun aisling a bh’ aige. Thàinig daoine mòra le ròp – posse, gun eich – agus dh’fhalbh iad leBullochagus thiodhlaic iad e. Chluinneadh eBullochfon talamh a’ guidheachdan ’s a’ mionnachadh, ’s bha eagal air gu faigheadh e ’n-àirde. Ach cha d’ fhuair, ’s nuair a thill iad chun àite ann am beul na h-oidhche agus a sheall iad, cha robh gluasad, cha robh fuaim. Bha e marbh anns an talamh.
Bha na daoine mòra duilich air a shon, arsa Bennett. Ghabh iad aithreachas.
Dè tha sin?
Bhiodh esan air an aon rud a dhèanamh. Chuireadh e an ròpa mu amhaichBulloch, chrochadh e bho chraoibh e. Na b’ fheàrr buileach, thiodhlaiceadh e beò e – talamh-toll, sin a thoill e. Aithreachas? Gar bith dè bha sin, cha robh e anns an t-soisgeul a rèir W.A. MhicBhàtair, ach sùil airson sùl mar bu chòir, giall airson giall, fiaclan, cluasan – what the hell, fry the bastards!
Agus ri na daoine meata sin a bha ag iarraidh gum biodh truas is co-fhaireachdainn againn riutha, bha a fhreagairt sìmplidh agus a rèir an t-seanfhacail: Cuir a’ mhuc dhan an t-seòmar, ’s ann anns an òcrach a stadas i.
Lìonmhor muc san òcrach. Agus aiste.
Nuair a thillBulloch, chaidh e thuige.
Mise an ath thriop, Charlton Heston, thuirt e. Rug e air sgòrnan air. Chunnaic e an t-eagal ag èirigh na shùilean.
’Eil fhios agad dè nì mi? ChrathBullocha cheann.
Cuiridh mi fon talamh thu.
B’ ann mun àm sin a dh’aithnich e gur h-ann ri samhailBullocha bhiodh a ghnothaich anns an t-saoghal seo. Bhiodh brùidealachd ann agus borbachd, lot airson lot, buille airson buille. Cha b’ urrainn na b’ fheàrr. Eadar a chadal ’s a dhùisg, chunnaic e pàirt dhiubh a’ gabhail seachad mar thannasgan: MacIlwraith – sgom; Riach – a’ chruimh san fheòil; Francis Ignatius Coyle; agus greis romhpasan, a’ tilleadh gu sràidean sear a’ bhaile, Buster Hind, a chur am bonaid dheth.
B’ e siud a’ chiad triop aige a’ falbh nan sràid. Oidhche Haoine, an conastapalDaphne Foubister – Big Daphne –ga stiùireadh.
That was Buster Hind,arsa Daphne, esan a’ togail a bhonaid às a’ ghuitear ’s a’ glanadh dheth an t-salchair. Bha grunnan dhaoine ga choimhead ’s a’ gaireachdainn – Aye , trust Buster.
Cà ’n deach e?
Jiggin ’, thuirt fear.
Fairlies, thuirt fear eile.
Och , forget it, thuirt Daphne. Come on!
Chaidh e còmhla rithe, an aghaidh a thoil.
He ’s no worth it,thuirt Daphne, ga oideachadh mu luchd na
h-oidhche – an dòighean, an cuilbheartan. Uaireannan, thuirt i, a thaobh Hind agus a leithid, bha e na bu ghlice dhut a leigeil seachad. Uaireannan, a thaobh cuid a dh’eucoraich ’s luchd-reubainn – misgearan, meàirlich, a’ ghràisg àbhaisteach – bha e na b’ fhasa, mar an Lèbhitheach, gabhail seachad air an taobh eile. Uaireannan cha b’ fhiach e an t- saothair… Uaireannan, agus uaireannan eile… an còmhradh a’ falbh oirre na shruth, Daphne Foubister, ’s i cho eudmhor, dùrachdach, ceàrr.
Sguir e a dh’èisdeachd rithe.
Bha Hind na cheann.
’S an uair a fhuair e air ais an oidhche sin dhan rùm, ghlan e e fhèin agus chuir e uime an t-aodach a b’ fheàrr: a lèine gheal Raelbrook, seud dhan òr mu chaol an dùirn ga dùnadh; nacavalry twills, am peitean orains, an t-seacaid Daks. Agus mu chasan, brògan leathair bonn is leth-bhuinnBayne and Duckett’ s. Bheireadh iad brag mhath air ùrlar-dannsaidh. Bheireadh iad brag air lurgainn cuideachd…
BhaFairliesa-mach air a bhus: racaidean, ramalairean, rustaigean, rògairean; siùrsaichean is seòldairean, pòitearan fo bhuaidh na misg. Bha an ceòl a’ tighinn bhon a’ Harry Valentine Combo:
Be-bop
B’ doo-be doo
Waaa!
Brilliantagusbrilliantined .
Bha nighean ann an dearg-theas crochaichte ris anns a’ Slow Foxtrotagus choisich e leatha suas agus sìos, agus sìos agus suas, agus a-null a-nall ’s mun cuairt. Ghrad-thionndaidh gu fuachd
am blàths dhi, cheart cho math a bhith crochaichte ris an duine ud air Sràid a’ Phrionnsa – Ivanhoeno rudeigin. Chuir e bhuaithe i nuair a chunnaic e Hind a’ dol dhan taigh-mhùin. Chaidh e às a dhèidh agus sheas e ri thaobh.
Hello , Buster.
Sheall Hind ris. Cha robh e ga aithneachadh. Thuirt e ris nach robh sin a’ cur iongnadh sam bith air, cha robh cho glè fhada bho choinnich iad, an robh cuimhne aige idir air cho sgileil sgiobalta ’s a chuir e am bonaid dheth – Ha! Ha! Ha! burst a gut.Mus d’ fhuair Hind gu gluasad no guidheachdan, bha e aige air falt cràiceach cùl a chinn, ga tharraing air ais ’s an uair sin air adhart gu h-uabhasach dhan bhalla. Spùt an fhuil agus ghreas e leis dhan taigh-bheag. Thuirt e ris gu feumadh e a-nis a ghlanadh, cha robh math a leigeil fo sgaoil leis an aodann ud, chuireadh e na caileagan à cochall an cridhe. Agus bhaist e e air a cheann-dìreach sa phana, a chasan, gun nawinkle - pickers, a’ breabadaich na làmhan. Bha am fàileadh a’ cur air, thuirt e. Dè bu choireach nach robh daoine a’ nighe chasan a bha loibht? Bha e gus a thachdadh, gus dìobhairt. B’ fheudar dha grèim a ghabhail air a’ chois chlì agus car a chur dhith. Chual’ e cnàmhan a’ sgàineadh an àiteigin sna h-adhbrannan. An ràn a leig Hind, cràidhte, goirt. Buster bochd. Dh’fhàg e e na chrioplach air làr an taigh-bhig. Slàn leis anjiggin ’, Fairlies fare thee weel.
Bha siud san toiseach ’s e an trèine a neairt. Cha robh a dhòighean idir a rèir an leabhair; bha riaghailtean air am briseadh leis gu tric. Agus thar nam bliadhnachan, eadhon leis an aois, cha tàinig caochladh: bha e fhathast deiseil le gob na bròige, ’s nam b’ fheudar, am baton. Chrathadh e an fhìrinn às an fhear bu righinn; chleachdadh e reacòrdair. ’S nam biodh e
a’ smaoineachadh gu robh a bheatha ann an cunnart, bhiodh gunna a-staigh na phòcaid – 22 a rinn e fhèin le tuairn agus drile. Bha uimhir a choin ’s a thràillean a’ gànrachadh a’ bhaile nach bu mhiste idir fras luaidhe suas toll na tòineadh.
Trì tursan a chaidh a thoirt gu beulaibh an àrd-cheannaird, Chief SuperintendentRobert ‘R.O. ’ Crawford M.B. E., pluicean agus losgadh-bràghad.
A’ chasaid seo, arsa R.O. a’ leughadh aig a’ chiad choinneachadh, bhoElspeth Jane ElphinstoneàJoppa…
Fruitcake.
…a chaill claisneachd na cluaise taisgeil ri linn buille a fhuair i bho phoileas anns an taigh aig caraid air Sràid Dhaniel air an 8mh latha den Dùbhlachd ’s mar sin air adhart: dè th’ agad ri dh’ràdh?
Bha i airidh air.
Nighean òg, sia bliadhna deug!
Junk -head.
Bhuail thu i!
Leum i orm! Le na h-ìnean.
Robh fios agad cò bh’ innte?
Bha.
Elphinstone , for God’s sake!Chan eil cho cumhachdach an cùirtean àrd a’ cheartais. Agus bhuail thusa an nighean aige!
Bha i airidh air.
’S ma bha i airidh air, bu shuarach leis cò bu leis i: ge b’ e nighean an àrd-Chaiàphais, nighean an rìgh gu dearbh a-staigh.
Dè ’n àird a th’ annad? dh’fhaighnich R.O.
Sia troighean agus trì oirlich.
Dè ’n cuideam a th’ annad?
Sia clachan deug gu leth. Ochd deug is còrr an-dràsta. Jaffa cakes.
Ochd clachan deug gu leth, arsa R.O. A’ togail do làimh ri stiallag de nighean.
Chuir e bho obair e airson ceala-deug gun phàigheadh, ag àithne dha meòrachadh air dà earail a fhuair e bho sheanair, Raibeart Crawford O.B. E., a bha na àrd-chonastapal:
Na teirig a bheul bhoireannach;
na teirig a shabaid annta, ach dèan às mar an donas agus lorg
W.P. C.
Lorg e Vicki, a bha a’ tighinn ’s a’ falbh fad nan ceithir latha deug. Dhèanadh i mar a dheigheadh iarraidh oirre, Vicki: biadh air a’ bhòrd, a chuid aodaich air a nighe, a lèintean air an iarnaigeadh – rud sam bith, ’s bha sin mar bu chòir. Agus bha Vicki cho toilichte agus an dòchas gum biodh i a’ sealltainn às a dhèidh ùine mhòr, ga nighe ’s ga bhiathadh eadhon na shean aois. An ceann nan ceithir latha deug, sheall e an doras dhi. Thuirt e gun d’ rinn i glè mhath ach nach robh glè mhath math gu leòr – much obliged, ge-tà, aguscheerio .
Dh’fhalbh Vicki sìos an rathad, a baga air a gàirdean.
A’ chasaid seo, arsaBig Chief R.O. ,a’ leughadh aig an dàrna coinneachadh, bhon fhear-lagha MacUilleim, a’ riochdachadh Arthur James MacIlwraith…
Sgom.
…a chaidh a thoirt dhanWestern Infirmaryglè fhaisg dhan bhàs an dèidh plobhdraigeadh bho phoileas na dhachaigh ann an Gorgie air an 10mh latha den t-Samhain etc. etc. Dè th’agad ri dh’ràdh?
Heroin , crack,salchar sam bith, bha e aige.
’S bha amadain gan cur fhèin ri drochaidean, gam bàthadh fhèin an Uisge Lìte… ’s mura pàigheadh iad an cù, bha e cho math dhaibh a bhith marbh co-dhiù. Fhuair e a-mach mu MacIlwraith bho liùgaire de dhuine air an robh Riach. Sheall Riach dha far an robh MacIlwraith a’ fuireachd, agus tràth aon mhadainn Shamhna chaidh e fhèin agus an t-oileanach, P.C. Tait, a thadhal air. Shealladh e dha P.C. Tait mar bu chòir dèiligeadh ri sgom.
Ruith Tait. Bha e tinn air an staidhre ach fhuair e air fios a chur chun an stèisein agus thàinig dithis, dìreach ann an tìde.
Cumaidh tu air falbh bho Tait, arsa R.O. Chuir e bho obair e.
Fuirichidh tu aig an taigh, ars R.O. Bidh sinn a’ cumail sùil ort gus an gabh seo seachad.
Chaidh trì seachdainean agus sia latha seachad mus tug iad air ais e. Thàinig àrd-fhuaimneach a bhruidhinn air cunnartan mar luchd-naidheachd agus fir-lagha; breugan, mì-chleas agus briathran mìn. Cha b’ e siud am fàsach iadsan a chur air dòigh; cha b’ ann gun chosgais an droch nàdar a chuir MacIlwraith bho fheum. Dh’fheumte, ars esan, sealltainn dhan seo mus deigheadh na bu mhiosa leis agus, gun an tuilleadh dàlach, bha e ga chur chun an Dotair Dalgetty, lighiche-cinn.
Dèan suidhe, arsa Dalgetty, air an uirigh.
Shuidh e air an uirigh.
Laigh sìos a-nis, agus socraich thu fhèin.
Cha do laigh, ’s cha do shocraich.
Hmm, arsa Dalgetty, a’ leughadh agus a’ breithneachadh na cùis. Hmm. Shuidh e mu choinneamh ’s bha iad a’ coimhead a chèile gun dùrd a dh’ràdh fad thrì mionaidean a bha cho fada ri bliadhna agus na b’ fhaide.
D’ athair, arsa Dalgetty an uair sin. Am biodh e gha do bhualadh?
Trì mionaidean eile gun dùrd, cho fada ri freasdal. Theann Dalgetty a’ piocladh fhiaclan le bioran.
Do mhàthair, ars esan. Am biodh i gha do chlàbhadh?
Chan e do ghnothaich e.
Rinn Dalgetty gàire agus chrath e a cheann agus thuirt e gu robh e glè dhuilich ach gum b’ e a ghnothaich e, ’s am biodh esan a-nis cho math agus freagairt nan ceistean gun an còrr hmmaigeadh no hawaigeadh: an robh athair ga bhualadh? a mhàthair ga chlàbhadh?
Chuala an nighean a bha aig an deasg uspairtich uspairneach a’ tighinn bhon t-seòmar uachdrach – sanctum sanctorum an lighiche Dalgetty. Bha i a’ peantadh a h-ìnean agus rinn i fuaim – Ih! – nuair a dh’fhosgail an doras ’s a chaidh an duine borb – colganta, calgach – le searragan seachad. Ruith i gu Dalgetty. Bha e geal, a’ tuireadh air an uirigh. Bha an taidh aige, flùranachpsychedelic made in Taiwan,air a tarraing cam mu amhaich, an snaidhm ud na bu chruaidhe na chuir Fionn a-riamh na chuairt air na coin.
Oh, Dr Dalgetty!
Thog Dalgetty anns an aithisg iomadh rud lèirsinneach tuigseach double-Duitseach. Bha uimhir aige ri dh’ràdh ’s gu robh e do-dhèanta a ghabhail a-steach gu h-iomlan gunpep pills, ’s chuir iad an aithisg an tasgadh R.I. P., ag aontachadh gur e duine geurchuiseach a bh’ ann an Dalgetty agus gur e duine geur-leanmhainneach a bh’ ann a Bhaltair A. MacBhàtair, conastapal.
Chaidh a chur dhan oifis far nach dèanadh e call. Agus ghabh
na bliadhnachan seachad ’s cha do bhris, cha do ghais iad e – cha b’ e sin am beathach a bh’ aca. Ghabh e ris an obair mar nach robh a-màireach air a ghealltainn: a’ cur phàipearan an òrdugh a rèir na h-aibideil; a’ leughadh aithisgean, chunntasan, fiosrachadh dhan a h-uile seòrsa bho ochd uairean sa mhadainn gu sia air an oidhche, uaireannan seachd, ochd no naoi air an oidhche a rèir na h-obrach, a rèir an fhacail: An rud a nì thu an-diugh, cha bhi e romhad a-màireach.
Chunnaic e nach robh an fheallsanachd seo idir a’ tighinn air a cho-obraichean. Bha iad a’ gabhail an cùrsa fhèin, mar a thogradh iad fhèin. ‘No rest for the wicked, ’chanadh iad, ag osnaich ’s a’ gearain ’s a’ cagnadh nam briosgaidean seòclaid.
Bha e gan coimhead. Sgrìobhadh e rudan na leabhar-sgrìobhaidh: na h-uairean obrach aca; na h-uairean san taigh-òsda; na h-uairean ag òl cofaidh – carson a bha esan a’ pàigheadh an aon rud ris an fheadhainn a bha ga òl na ghalanan? carson a bha iad air an aona thuarastal ris? carson a bha iad dheth tinn cho tric? dè bu chiallta dhanervous exhaustion? Chaidh e chun àrd-fhuaimnich ’s rinneadhDetective - sergeantdheth son a chumail sàmhach. Cha tigeadh dìochuimhn’ aca air; ’s ann a bha ’n ceasnachadh gun tòiseachadh. Aig inbhe ùr a-nis, cha leigeadh e seachad an rud bu lugha; rannsaich e agus b’ aithne dha an dol a-mach agus an teachd a-steach, ’s bha an t-eòlas seo na dhòrainn dhaibh agus cruaidh orra gach là. Chìte sgìths nan gnùis: cearcaill dhubha mu na sùilean, sùilean dearga deurach le dìth a’ chadail. Thàinig dithis a-mach ann am broth ’s chaidh clèireach gu cliobadaich. Na bu mhiosa, thòisich tè a’ bàrdachd – clò-sgrìobhaiche an leadainbeehivefo mhòr-ghruaim is airsneal:
Because I said I loved you
and you didn’t bat an eyelid…
Bloody hell,an clèireach a’ cumail grèim air a làimh:
Na ghabh thu dovalium , Rebecca?
Chaidh a cur gu Dalgetty.
’S chaidh esan a chur gu Roinn ùr: sin a b’ fheudar, mus biodh iad uile-gu-lèir fo chùram ismedicationann an taigh nan ùmaidhean ’s nam bochd.
Bha a chliù aca ga leughadh anns an Roinn ùr mus do chuir e cas air stairseach. Cha robh duine deònach a dhol còmhla ris agus dh’aithnich e sin agus rinn e e fhèin suas riutha air dhòigh is nach biodh eagal no iormaidh orra na làthair, ’s gum biodh iad ga fhaicinn mar charaid agus mar chùl-taice dhaibh, na cùiseancaca.
Bha a ghnothaich ri cuirp agus closaichean; cha b’ annas sin. A’ chuid mhòr dhiubh daoine a chuir làmh nam beatha fhèin, no seann fheadhainn, marbh ann an rumannan grod gun ghuth aig duine orra no cuimhne. Bha gràin aigesan orra – ged nach biodh ann ach am fàileadh a bha a’ tighinn bhuapa, ged nach biodh ann ach an rannsachadh gun stàth a dh’fheumte a dhèanamh nan dèidh. Bha e ag iarraidh murt. Bha e ag iarraidh murtair, ealanta, seòlta, a chuireadh gach poileas dhiubh gu dùbhlan le tàir is magadh. Dè b’ fheàrr na dhol an lorgan an t-seòrsa sin, tro shràidean-cùil is cùiltean dorcha san cluinnte cràidh a’ bhàis? Èibhinn an obair an t-sealg. Fhuair e Francis Ignatius Coyle.
Bu shuarach am peacadh nach do pheacaich Coyle. Cha robh èildear no sagart ann, easbaig, àrd-dheucon no modaràtor, a b’ urrainn a shaoradh on olc. Eadhon Loyola fhèin, nan tigeadh e ’n rathad, nach biodh air fheuchainn chun an smior a’ chùis-
uabhais seo a theasraigeadh o lasraichean acrach an t-sluic, dìosganaich is pronnasg. Cha robh air a shon ach cùis-uabhais eile mar e fhèin…
…agus a’ chrìoch, nuair a thàinig i – deireadh na sgeòil – cha bu tlachdmhor i, no idir bòidheach.
Bha Coyle air an uinneig, a làmh mu bheul a’ bhoireannaich, an sgian ri a h-amhaich. Bha e air a’ chlann a leigeil às – triùir bhalach. Bha leanabh ann fhathast agus am boireannach ann an grèim aige, ann an gàbhadh, gus an tàinig esan – a cheum air an staidhre, a ghnogadh air an doras. Cha chumadh doras e.
Chual’ iad a-muigh an gunna ga leigeil agus an uair sin sgreuchail ain-diadhaidh a’ bhoireannaich:
You killed him, you bastard! You killed my man!
Thug e dhi cùl nan còig tarsainn am peirceall.
Dh’fhalbh a sùilean, chuir iad car na ceann; dh’fhosgail a beul ’s chaidh i fo laige aig a chasan.
Bu mhath dhutsa, thuirt an ceannard-ceud, nach do mharbh thu ise cuideachd.
Chief SuperintendentCrawford, M.B. E. Bha e a’ bruidhinn ris. Ri taobh na leap, a’ bruidhinn ris.
Thionndaidh e.
Cha b’ e aisling, cha b’ e bruaillean a bh’ ann – bha R.O. gu dearbha an sin, a mholan air druideadh dorch ri chèile. ’S cha b’ e Coyle a cheann-comhraidh. B’ fhada bho bha Coyle ann. Ghabh e seachad. Chaidh a chur fon talamh. ’S e bha seo ach sgeulachd eile.
—Eil thu ’g èisdeachd rium?
Bha e ag èisdeachd, ’s cha mhor gum b’ urrainn dha creidsinn an rud a bha e a’ cluinntinn:
—P .C. Desmond MacCafferty… dereliction of duty… suspect MacLugran escaped…
Fhuair e às!
SuspectMacLugran – dh’èirich e, chuir e uime, dh’imich e!
Dh’èirich Crawford. Thuirt e gu robh e toilichte cluinntinn gu robh a neart agus a shlàinte a’ tilleadh ’s nach b’ fhada gus am faigheadh e dhachaigh. Thuirt e gu robh fadachd air fhèin gus an leigeadh e dheth a dhreuchd, a bheatha mu dheireadh thall sìtheil, gun sàrachadh gun strì. Bhiodh tìde airson rudan ùra: leughadh – a liuthad leabhar nach do leugh e! – agus sgrìobhadh – bha e a-riamh dèidheil air bàrdachd…
Bloody hell.
…agus ceòl, gu h-àraid opera – agus a’ coinneachadh dhaoine aig an robh ùidh anns na h-ealain sin: bha mòran ri dhèanamh – seòladh, ’s dòcha, no dìreadh bheanntan – saor-làithean ann am blàths na grèine, agus cùl gu bràth ri beatha a tha aonranach truagh, grànda agus brùideil.
Chrom e a cheann thuige – fàileadh Havana.
—Walter?
—Dè?
— ’Eil thu gam thuigsinn?
Bha e ga thuigsinn.
—Fàgaidh tu seo againne.
Thog e leis a chòta agus an ad.
—Agus cuimhnich, ars esan, rudan ùra gu leòr a dh’fhaodas tu a dhèanamh.
Dh’fhalbh e. Slàn le bàrdachd agus ceòl. Opera – balach reamhar Donati: Vincerò ! Vincerò!
Thàinig gàire air aodann. B’ fhada ’n t-saoghail bho Donati’s is mar a thachair. Rinn e gàire.
MacLurgan, eh! MacLugran.
Dh’èirich MacLugran agus dh’imich e.
Mar Bhehemot, dh’èireadh esan cuideachd, ’s cha robh feachd air druim na cruinne a chuireadh gu bràth stad air gus an stadadh è.
title | Shrapnel |
internal date | 2006.0 |
display date | 2006 |
publication date | 2006 |
level | |
reference template | Caimbeul Shrapnel %p |
parent text | Shrapnel |