7
Sure by Tummel
Bidh mi tric a’ smaoineachadh gu bheil cuideiginich shuas a’ sealltainn às mo dhèidh.
No shìos. Sin bu dòcha.
Co-dhiù, biodh e mar a bhitheas, cho luath ’s a bhuail mise na sràidean-cùil ud, a-mach o chùl anDeep Blue Sea,dè thàinig ach tagsaidh, ’s bha mi na bhroinn mus canadh tu ‘Shrapnel’, mus canadh tu ‘Gu sealladh Dia ort!’ Chunna mi e air a’ chabhsair, na chòta demob, an trilby na làimh, ’s e ri coimhead às ar dèidh. Dh’fhalbh mo shaorsainn. Bha an gàire ud air aodann, tha mi mionnaicht’ às gu robh – an gàire nach robh na ghàire: sreathan fhiaclan gun aona bheàrna, ifrinneil. Dh’fhairich mi sannt dìobhairt.
Thug an tagsaidh mi gu balla banca agus fhuair mi airgead. Thug e mi gu bùth beòir is braiche agus fhuair mi botal bourbon agus làn poca dhanSuper Lager,gun fhios dè thigeadh orm. Dè ’m breitheanas, dè ’m bàs. Dh’fhaodainn tilleadh gu Mrs Armstrong, ’s bhithinn sàbhailt, air mo chlàbhadh:
wibble -wobble,
wibble-wobble,
jelly on a plate.
Ach dè an uair sin nan nochdadh Armstrong fhèin ’s mise na phyjamas a’ dèanamh gloidhc dhìom fhìn. O, an uair sin.
Cha b’ urrainn dhomh tilleadh dhan rùm agam: poilis air an staidhre, nàimhdean air gach taobh. Chan fhaicinn tuilleadh a’ phoit-chloich dan goirte a’ Heavy Bomberno an leabhar a sgrìobh Mgr. Iain Buinean: Cunntas Mu’n Duine A Thèid do Nèamh agus ciamar mar bu chòir dha ruith chum ’s gun glac e ’n duais.
Bha mise na mo ruith cuideachd, ’s cha b’ ann gu nèamh no gu duais. Thuirt mi ri fear an tagsaidh mo thoirt gu sloc dubh an dubhachais, seòmar ìochdrach a’ bhròin.
Bha an doras fhathast briste ’s an seòmbar-suidhe fhathast mar fail-mhuc. Bha dithis ann an ceò air an t-sòfa: an duine cnàmhach agus an duine leis an anarag; fear eile ann an còrnair ag òl plonk ’s ga thachais fhèin. Cha robh sgeul air a’ bharaille làrd a dh’fheuch ri mo mharbhadh.
Bhruidhinn mi riutha. Rinn mi Marlon Brando leis a’ chuing, le giorrad analach:
—Gu robh Dia a’ beannachadh na fàrdaich seo ’s na tha innte.
Tha mi air an allaban, a chàirdean, a’ lorg leabaidh agus tàmh na h-oidhche.
—Chl- aoch…
— Homh…
Leig esan a bh’ anns an oisean seòrsa de sgreuch:
—Idh-gah! Goddamn! Fuaim nach cualas agus nach cluinnear.
—Ma thig duine chun dorais gam lorg – duine le ad, sùil a’ mhurtair na cheann – Chan eil mi ann.
B’ e siud e, m’ amhaich a’ fàs goirt a’ dèanamh Marlon Brando. Chan aithnicheadh iad mi co-dhiù, ’s mi ann an còta clò Armstrong, fàileadh an t-Soft Musk.
—Chan eil mi ann, thuirt mi. Chuir an anarag leth-bhotal air a cheann. Sheinn an duine cnàmhach:
Wen
A grow
Too old
T’ dream…
Cha robh iadsan ann na bu mhò.
Chaidh mi sìos an staidhre agus shuidh mi air a’ bhobhstair rubair, am poca plastaig aig mo chasan. Thug mi tarraing às a’ bhotal agus dh’fhosgail mi cana. Mo shuipear. Mo cheann gus spludadh. Laigh mi sìos agus dh’èisd mi: fuaim chàraichean a-muigh, ’s an t-uisge a’ cur deann às na sràidean. Bha mi ’n dòchas gun drùidheadh i air, gun deigheadh am fuachd na chnàmhan ’s gu faigheadh e ’n grèim, double pneumoniaaguspleurisyagus an tinneas tuiteamach, ’s gun tuiteadh e ’s nach èireadh tuilleadh à gleann dorcha sgàil a’ bhàis.
Ach dh’èireadh.
Agus dh’fheumainn-s’ dèanamh às, cha b’ e seo àite dhomh. Ach càite? ’S mi cho sgìth. Leam fhìn. Air a’ mhonadh buain an rainich… airsneulach, cadalach.
Chuala mi fada bhuam an t-òran a bhiodh againn ann an clas Mrs Carmichael:
Sure by Tummel an’ Loch Rannoch,
By Lochaber I will go…
An t-òran a bhiodh againn an dèidh an òrain nach robh duine a’ tuigsinn:
Drink to me only with thine eyes
And I will pledge with mine.
Ciamar an diabhal as urrainn dhut òl le do shùilean? thuirt William James Smith.
Carson an diabhal a tha beul ort? thuirt William James Smith, ’s thug e dhomh dòrn mar gum b’ e mo choire-sa a bh’ ann.
Agus a-nis, ‘The Road to the Isles’ ,thuirt Mrs Carmichael, an dèidh dhi mo chur am sheasamh anns a’ chòrnair eadar am preas-leabhraichean ’s am balla, an dèidh mo ghlaodh ’s mo ghearain, Wm. J. Mac a’ Ghobhainn a’ gàireachdainn, am madadh.
‘Sure by Tummel! ’Sin agad òran, a h-uile duine a’ seinn. ’S an fheadhainn aig nach robh seinn – an Niosgaid agus Harry Beag – a’ tormanaich co-dhiù, ’s a’ cur càch ceàrr ’s a’ cur an òrain na bhroileis ’s Mrs Cara-mellors ann an corraich a’ breabadh a bonnan, a’ bagairt fòirneirt. Seach gun ghluais mi mo cheann, thilg i an dustair orm. Thug e brag air a’ bhalla còig òirlich gu leth os mo chionn: chaidh an dust na stùr suas mo shròin, sìos mo sgòrnan, a’ laighe mar liath-dhealt air falt mo chinn.
Cha robh mi a-riamh ann an Tummel. Rannoch agus Lochaber – chaidh iad seachad ann an ceò agus dòrtadh uisge, ’s mi na mo leth-chadal an trèana mhòr Mhallaig. Dhùin mi mo shùilean agus smaoinich mi: an dùil ’eil an trèana sin fhathast eadarQueen Streetis Mallaig, a’ fàgail sa mhoch-mhadainn ’s a’ dìosgail aig Cowlairs? Na h-ainmeannan air an t-slighe ud: Arrochar is Tarbet de dh’èirich dhan ‘r’? Carson nach robh Tarbet man Tairbeart na Hearadh, Tairbeart Loch Fìne an sgadain ùir? Le ‘r’
na earball. Innis sin dhomh, thusa a thug a-mach am foghlam, ’s mi ri siubhal gu Ardlui‘by yon bonnie banks… yon bonnie braes’ .
Bha e romham ann an Crianlaraich, air a’ phlatform ag òl teatha.
Bha a chùlaibh rium.
Bha a chùlaibh rium, ach bha mi ag aithneachadh gu robh fios aige gu robh mi ann. Fo iomagain agus fo iomnaidh: mo shròin flat ris an uinneig, mo shùilean air stad na mo cheann. Cionnas bho Dhia, ciamar? Chrùb mi, mar a chrùb an Dubh-Liath ann a bhana a’ Ghiullain ’s i dol a-null ’s a-nall air an deigh, a’ dèanamh gu cinnteach air piolar drochaid Mhealaboist. Chaidh mi às an t-sealladh dhan chòta clò, gus nach robh an-àirde ach an coilear aige.
Nuair a bha mi ann an Èirinn, thuirt an tè a bha tarsainn bhuam. A sùilean aosda, lainnireach. Bha na bòtannan oirre; a bheannag mu gualainnean ’s i ri fighe stocainn bhoban.
Feuch a-nis, thuirt i, gun toir thu ’n aire nuair a bhios tu a’ cromadh às an treana. Tha an steap cho àrd agus cumhang. Feuch gun toir thu ’n aire.
Shèid an geàrd an fheadag agus thog e an fhlag uaine agus sheinn a’ chlann-nighean:
’S fhada leam gu ’n toir i sraod,
’S fhada leam gu ’n toir an trèana
Brag air rèilichean a’ Chaoil.
Bha iad a’ gal. Ach dh’fhalbh i leinn mar a’ ghaoth, ’s bha mi ag iarraidh innse dhaibh nach b’ e trèana a’ Chaoil – Achnashellach, Achnasheen – a bh’ ann idir… Seall. Bridge of Orchy,far an
robh a’ ghreigh dhearg sna garbhlaichean agus cridhealas an àm èigheach air an stòp. ’S mus do chaidil a’ chailleach, bha Corpach dorch dìleach a’ tighinn fom aire – agus Àrasaig agus Mòrair mus do sheall mi rium fhìn. ’S bha an duine seo an tòir orm; ’s ged nach robh mi ga fhaicinn, bha e ann. Bha e ag innse dhomh gu robh e ann:
faileas nam bròg aige ann an leus solais aig bonn an dorais;
a shùilean a’ losgadh tro chùl m’ amhaich, m’ fhalt ’s mo chraiceann air èirigh.
Rinn mi an t-aiseag dheth a dh’aindeoin sin, ann an cabhaig. Cha b’ e siud long Chlann Raghnaill nan sia ràmh deug no iùbhrach nan trì chrann airgid no idir an Iallùigo a bha siùbhlach gu leòr. Cò a-rèisde ’s cò eile ach anlaunchaig fir na Comraich, Murchadh MacIllÌosa aig an stiùir ga seòladh suas gu Ceann an Ùib ann am Ploc Loch Aillse ann an solas na gealaich. Na creagan ud fhathast, àrd agus sgorach os cionn nan craobh, os cionn na mara, a’ cumail faire oirnne agus air a’ bhaile agus air gach nì beannaichte agus neo-bheannaichte a ta ann o linn gu linn a-chaoidh. Agus an oidhche sin mar a b’ àbhaist, òl is ceòl is àbhachdas:
Ochòin, a rìgh, nan robh pìob thombac’ agam,
Mo spliuchan làn agus còrr is cairteal ann,
Gun toirinn pìos do gach nàbaidh thachradh rium
’S gun cuirinn an còrr dheth nam phòcaid acha-lais.
Och-òin, a rìgh.
’S fhuair mi pìos dhan Bhogie Roll bho Sheonaidh Bogles agus glainne mhòr bho Tomag a chaidh nam cheann, ’s cha robh spùtail gu ’n uair sin, cha robh spùt. Thàinig iad le each is cairt ’s
chaidh mo shadadh na deireadh. Bha clann MhicAoidh a’ seinn‘Come by the Hills’agus clann MhicCoinnich a’ feadaireachd ‘Kate Dalrymple’. Ach na mo chluasan-sa òran an tombaca – fad na slighe air frith-rathad Dhùn Creige gu taigh Charlie Lachie fada a-staigh sa choille dhlùth.
Na rinn mi cùis-chac dhìom fhìn a-rithist?
Bha an t-each ga mo choimhead.
Bha e ciallach; cha b’ e a h-uile rud a bha ’g iarraidh a fhreagairt.
Shuidh mi air a’ chlach ghlas bu bhòidhche snuadh agus sheall mi ris a’ bhaile, sàmhach ann an càil an latha. B’ e siud sealladh a b’ àill leam: na bàtaichean air an loch, an Sgeir Bhuidhe agus Rubha Mòr; ’s na b’ fhaide tuath – cumhachdach agus bith-bhuan – Bealach nam Bò.
Cha robh air ma-tà san uair ach fantainn tosdach mar Buda agus beachdachadh air staid spioradail an t-saoghail seo agus an t-saoghail ud eile thallye kenmo shùilean togam.
Suas a churn Sgurr a’ Chaorachain ’s Meall Gorm nan ligheachan uisge; suas chun a’ Bhealaich far a bheil na tàrmachain nan àite-còmhnaidh; agus suas nas fhaide shuas gu Fuar Tholl, a’ bheinn nach dìrinn gu dige dìle, ged nach iarrainn a chaochladh ach seasamh air a maoil, suidhe casa-gòbhlagan air a sròin. Dia maille rium, tha sròin ann an sin! Sròin Disraeli? Chan e, chan e. Gladstone a-rèisd? Duke of Wellington?Dìreach a’ bheinn. Chì thu an cumadh sin oirre bhon iar – sròin is maol, cliathaich cinn ag amharc suas a nèamh nan speur. Ann an co-chomann ri rud nach lèir dhomh agus nach cluinn mi agus a tha ann. Bidh mo chridhe ri toirt leum às.
’Eil duine shuas an sin?
Tha fios aig a’ bheinn ud.
Na mo bhalach, na mo laighe air a’ ghlasaich, chunnaic mi e aon uair. Bha an t-adhar gorm, le ultaichean de sgòthan mòra geala cumulus. Agus chunnaic mi e. ’S bha e dìreach mar a bha dùil agam, le shùilean domhainn na cheann – a cheann – glè cholach ri Gladstone ach a-mhàin an fheusag agus am falt na thuiltean a’ sruthadh sìos.
Chunna mi Dia! thuirt mi ri mo sheanmhair.
Am faca, a ghràidh?
Bha e fiadhaich. Mar Dòmhnall Mòr ’Ain Tàilleir.
Bhiodh mo sheanmhair ga chluinntinn nuair a thigeadh an droch thìde – gaoth agus frasan trom agus clach-mheallain, bha a ghuth annta. Ach chan fhaca duine e ach mise! Agus Maois. Bha e glè colach ri Maois, agus colach ri Ieremiah a’ tuireadh staid mhuladach Ierusaleim. Ach cha b’ iadsan a bh’ ann, Maois agus Ieremiah. No eadhon Ignatius Loyola no Dòmhnallach Mòr na Tòiseachd, a bheireadh na deòir as na clachan. Dia a bh’ ann. ’S chan fhaca mi tuilleadh e, muladach mo staid san aonach.
Seo a chanas mi, ge-tà, sa mhoch-mhadainn aig a’ chlach ghlas, cuilean beag geal aig mo chasan ’s mi ri coimhead tarsainn gu Bealach nam Bò:
Tha rudeigin an làthair air an aonach – cha duine e no ainmhidh, no eun iteagach nam frìth.
Tha rudeigin an làthair anns a’ bheinn: faighnich dha Buda.
Anns a’ chloich, anns a’ chraoibh: faighnich dhòmhsa. Aom rium do chluais agus cluinn mo sgeul:
Thàinig am boireannach aosda thugam sa ghàrradh.
Nuair a bha sinn air ùr-phòsadh, thuirt i, mise ’s mo dhuine, chuir sinn na craobhan sin – meanganan òga daraich, taobh ri
taobh. Seall a-nise mar a dh’fhàs iad cho faisg dha chèile – ’s fheudar an tanachadh.
Gun an còrr a dh’ràdh, dh’fhalbh mi le sàbh Sandvik agus làmhach, a dhèanamh sgrios.
Bha iad fallain ùr, na fiùrain àlainn.
Bu bheag mo dhiù: chuir mi am faobhar biorach ris an lùb bu mhaotha, ’s le lùths mo ghàirdein tharraing mi an sàbh trì tursan thugam ’s an uair sin bhuam.
A’ chiad ghearradh, leig i èighe.
An dàrna gearradh, leig i ràn.
Nuair a thuit a’ chraobh gu làr, bha sgread-bàis aice nam chluasan. ’S nuair a sheall mi suas, bha càch gam choimhead is gam dhìteadh.
Dè an cron a rinn a’ chraobh bhòidheach ort, a mhurtair?
Bha luaisgean orra anns a’ ghaoith, cuid dhiubh air an cinn a chromadh.
Murt a bh’ ann, thuirt mi ris an tè aosda aosd.
Agus sheall i rium.
Agus chreid i mi.
Chreid Murphy. Bha an t-uabhas aca an Èirinn de chraobhan naomha, coisrigte. Aig an robh an t-uabhas ri dh’ ràdh.
Hey , that’s cool,thuirt C.B. W., agus sheinn e‘O Rowan Tree’ .
Thuirt Eòin Iosèphus nach do bhruidhinn craobh ris a-riamh, co-dhiù cha robh uimhir ann dhiubh an tìr an t-Soisgeil – tè ann an gàrradh Sheonaidh Eàirdsidh ’Ic Aonghais Dhòmhnaill a’ Chamshronaich, ach bha a leòr aicese a’ strì ri na siantan, ’s co-dhiù a chnàmhadh tu do theanga gu bun a’ bruidhinn rithe, not a word bhon ghalghad ud. Ach Eubhal ’s a’ Bheinn Mhòr – sin agad far a bheil a’ chuideachd. Buda, an duirt thu? Dhia, nach
b’ e ’m balach e, a laochain! Buda ’s an Dalai Lama, ’s Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir.
Bha sinn a’ dìreadh K2.
Bha Eòin Iosèphus, mar ghobhar nan creag, air thoiseach, agus air a shàil Dòmhnall Mòr ’Ain Tàilleir, a bhris ciste Fhionnlaigh ’s a mharbh a mhàthair le dòrn. Eadar mise agus D.M. ’Ain Tàilleir bha Di-Lìob, fear a mhuinntir an àite – Pagastan – air a cheann lurmach, liath a chiabhagan. Bha botal plonk aige, 365 a thàinig às a’ Chrown ann an Steòrnabhagh, ’s bha e leis an deoch, a’ trod. Bha còta salach air sìos gu bhrògan – Lorns a chàirich Eachainn Bodhar dha mus do dh’fhalbh e air anexpedition. Bha Di-Lìob a’ trod. Agus bha an cianalas air, ag iarraidh dhachaigh chun a’ Mhol a Tuath ’s a-mach Ceann a’ Bhàigh far am b’ eòlach e. Bha mo dhà shùil-sa air na Lorns aige: leth-bhonnan leathair gun aona thacaid, buinn dhubha gun chruidhean.
[Arabais] ! dh’èigh Di-Lìob.
Come by the hills, sheinn clann ’IcAoidh, bu bhinne leam.
Bha mi ’n-dè ’m Beinn Dòbhrain, thuirt Donnchadh Bàn. Bha esan air dheireadh, neo-threubhach.
An t-urram thar gach beinn, thuirt e.
Bha iad mar thannasgan, air mo chùlaibh. Cha b’ urrainn dhomh sealltainn riutha ’s an cunntadh. Labhair an t-seana bhean:
Cunntaidh mis’ iad. Ladies first, ha! ha! ha! Nach gabh thu beachd: Mèireag Fionn, Anna Sholomain agus Murdag Dhòmhnaill Mhurchaidh Chaluim – bha peathraichean aosd aice, tè dhiubh tinn le TB air an uinneig. Agnes. Cò tuilleadh? Seonag Shuathain agus Catrìona na Sùisd agus Doileag Iain Aonghais Bhàin, a phòs am Bogarran. Agus Doileag Ghirein
agus Doileag a’ Ghoill ’s Catrìona Dhòmhnaill Stuffain. Kate nan Twins. Peigi Iain Bhig agus Seònaid Iain Bhig. Catrìona Chailein agus Margaret MacLeod, le muinntir Choinnich Aonghais, piuthar dhan a’ Bhodach Being, O mo chreach-s’ !
Robh na daoine sin gu lèir air mo chùlaibh?
Cuileam, thuirt an t-seana bhun. Chaidh e a Chanada. Lutch, bràthair aige air an robh Gàrs. Caluman agus an Cròicean, cha dèanadh iad cuisteanan. Bogarran a’ Phut, Dòmhnall Bàn Pheel, Traodan Dhòmhnaill Ruairidh agus Fogsch. Malcolm MacRitchie, sin Fogsch. Iain Dhòmhnaill Bhox agus Dòmhnall Murraigh agus Cum (as in ‘Rum’ ), am fear a b’ òige de theaghlach Phoids (as in ’Anna Phoids’ ). Dòmhnall an Tiger agus am Prince, Gòmag, cà na dh’fhàg mi i? Gormelia MacLeod. Agus Cuileam.
Thubhairt thu e!
An duirt mi Lutch?
’Eil na daoine sin gu lèir air mo chùlaibh?
An duirt mi Iain an Fhèidh?
Cha dubhairt.
Thàinig a’ chuthag chun taigh-sgoile agus bhàsaich Iain an Fhèidh. Nach dubhairt mi, thuirt am ma’ -sgoile.
Bha mi a’ smaoineachadh: ma dh’fhalbhas Di-Lìob le na brògan sleamhainn; ma thuiteas Di-Lìob na ultach sìos air mo mhuin, chan eil de neart annamsa a chumas e agus tuitidh mi fhìn ’s e fhèin air an t-seann tè agus tuitidh ise air Cum agus Cum air Mèireag Fionn agus Mèireag Fionn air Fogsch agus Fogsch air Iain Dhòmhnaill Bhox, a h-uile dòlas duine pell-mell sìos K2, ’s cha chuir Donnchadh Bàn stad oirnne ’s e neo-threubhach a-nis, gun lèirsinn ro mhath, gunfalse teeth.
An duirt thu d’ ùrnaigh? ars an t-seann bhean nam chluais.
Sheall mi suas.
Bha Shiva a’ sileadh nan deur. Cha robh sgeul airYeti, mathan no muncaidh. Ach chunnaic miyakgu h-àrd anns an t-sneachd, sìtheil a’ cnàmh a chìr. ’S ma chunnaic mise, chunnaic ’s Donnchadh Bàn nan cuilbhear gorm, lèirsinn ann no às, deudach. Chuir e an gunna dam b’ ainm Nic Coiseam ri shùil.
Ho-ro mo chuid chuideachd thu, thuirt e, a’ tilgeadh an spraigh ud nach do rinn feum dha fhèin no dha duine sam bith eile, agus dh’èirich a’ bheinn ann an corraich ’s thàinig an sneachd na thorran a-nuas. Mallachd Vishnu. Sìos seachad gun do ghabh E. Iosèphus:
O Chomolungma, Quomolangma, ’s a Mhoire Mhàthair!
Chunna mi mulchag-shneachda agus casan Di-Lìob a’ steigeadh a-mach aiste agus dòrn Dhòmhnaill Mhòir ’Ain Tàilleir leis a’ bhotal 365. Agus a’ yak, bròinean, na laighe a’ sileadh fala gun fhios ciod an t-olc a rinn e. Bha mi ag iarraidh a chuideachadh, ach bha mise air mo leòn cuideachd agus fada ro fhada bhuaithe, caillte gun threòir ann an àite fuar mar aonach nan cnàmh tiorma.
Dè ’n fhàsach gun ghràs a bh’ ann co-dhiù? Chan fhaicinn air gach taobh ach sìorraidheachd de ghaineamh loisgte agus leacan lom. Agus craobh. Bha a’ chraobh rag rùisgte, rigor mortis, na geugan air sgàineadh, meòir a’ crìonadh – dè ’m pian, dè ’n àmhghair, mus tàinig am bàs seo oirre? Agus ri bonn, ag èirigh as a’ ghainmheach dhearg loisgeach, asnaichean is claigeann càmhail – am Bactrian dà-chnapach esan, às a’ Ghashun Gobi. Agus air dhomh amharc car tamaill san uaigneas, dè tha thu a’ smaoineachadh a thachair an uair sin nach fhaigh thu ann an labhradh Eseciel ach a gheibh thu an seo:
Aiseirigh a’ Chàmhail –
O mhic an duine, agus na dhèidh sin,
Aiseirigh na Craoibhe!
Sheall mi an toiseach ri cnàmhan is claigeann geal a’ chàmhail agus sìos a tholl na sùla far am faca mi builgeanan beaga fala a’ goil gu brais ’s a’ tighinn gu chèile nan aona bhuilgean mòr sgleòthach. Ach nach b’ e builgean a bh’ ann mar a chì thu iomrall san ioma-shruth, no air maoil manaich no air màs muncaidh no ag èirigh chun uachdair ann am prais mharagan. ’S e bh’ ann ach sùil. A’ dùnadh ’s a’ fosgladh ann an gathan geal na grèine. Sùil le frasgan. Agus chunnaic mi fèithean agus feòil a’ fàs air na cnàmhan, ’s chaidh an còmhdach le craiceann, agus fionnadh a dhèanadh deagh chòta nuair a thigeadh an cabhadh agus an deigh.
Dhomh deoch, thuirt an càmhal, a’ gluasad gu ghlùinean mar gum b’ ann ag ùrnaigh.
Dh’òl agus dh’òl agus dh’òl e.
Rinn e fuaim: Chchl-aoch. A’ sùghadh.
’S nuair a fhuair e a leòr, sheall e rium. Le mòrchuis. Agus thilg e smugaid orm, ach chrùb mi – ha! ’S beag a bha dh’fhios aige cò bh’ aige. Thàinig e a-steach orm a’ bhròg a thoirt dha mun charbad – gob na bròige, nach do chàirich Eachainn Bodhar, a thoirt dha suas an cuinnlean – nuair a chuala mi sgreuch a’ tighinn bhon chraoibh.
Sheall mi.
Bha a’ chraobh ag atharrachadh, ’s cha b’ e atharrachadh nan gràs. An àite tilleadh gu h-inbhe barrach, ùrar, òg-dhuilleach, nach do ghabh i cruth duine nach robh coimhlionta, ceart, can an rud a thogras tu. Dh’fhàs fèithean air na cnàmhan, O gun
teagamh. Bha iad gorm fon chraiceann, sreangannan gorma. Feòil cha robh idir ann, idir idir idir ann. Bha an craiceann cho tana, bhiodh tu air an fheòil fhaicinn. Cha robh i idir ann, cha robh na dheigheadh dubh fod ìne, fo fhiacail-cùil càmhail. Agus an craiceann fhèin le broth. An siud ’s an seo. Broth agus am piocas agus at an siud ’s an seo. Na niosgaidean cràidhteach air cùl na h-amhaich.
An tu Iob?
Thionndaidh an ceann thugam le dìosg.
Dìosganaich fhiaclan.
Cha robh sùilean ann; dà tholl dhubh gam choimhead. Thog e a làmh ri mhaoil. Gam choimhead. Bha spaid aige anns an làimh eile.
Thrèig Dia an t-àite seo, thuirt e. Cò chuireadh iongnadh air? Agus na diathan uile, theich iad. Thug iad an casan leotha, an fheadhainn air an robh casan; agus an fheadhainn air an robh sgiathan, sgeith iad; agus an fheadhainn a bha gun sgiathan, gun chasan, roilig iad air falbh mar chloich a ruitheas le gleann, mar a chual’ thu aig do sheanmhair, feasgar fann foghair. Oh , pass that gin.
Hic! thuirt e. Ich liebe dich nicht, ’s mura h-ith, fàg! Tric ’s gura tric, thuirt e, a bhios mi a’ smaoineachadh gu bheil an diabhal fhèin air an t-àite seo fhàgail. Ach tha e ann. Agus tha thus’ ann nad chrioplach ’s nad chùis-thruais. Ro anmoch a-nis, ’ille dhuinn ho-gù, a dhol dhachaigh agus cagnadh bruis.
Carson an spaid?
Cionnas a-rèisd a nì mi uaigh dhut?
Uaigh dhomh?
Dh’fhaodainn do losgadh ach chan eil maids agam. No
dh’fhaodainn d’ fhàgail aig na radain a nochdas air an oidhche: chan eil fithich an seo ann a dhèanadh do spiulladh ceart. No dh’fhaodainn do chuir ann an sloc man sloc-buntàta le crois led ainm agus R.I. P. gus am bris an là. Na bi smaoineachadh nach do smaoinich mi air do cheann-crìoch. Smaoinich. Agus is e toll nan sia troighean as iomchaidh, ged as fuar e ’s ged as cruaidh am fonn. ’S na tigeadh e a-steach ort aon uair, ars esan, a’ cladhach morghan ’s a’ sadadh an-àirde fras bho fhras le gob na spaid, gun tog miMartyrdomaig do lic no gu seinn mi a’ phìob-mhòr, pìobaireachd dubh a’ bhròin – seall a-mach!
Stad e.
Well, thuirt e, heh, heh, cha sheall thusa sin, a-mach no a-steach, no, siree! Bidh tu marbh.
Marbh?
Seall air fàire, far am faic thu an fhàsach a’ coinneachadh ris an àird an ear. ’Eil thu ga fhaicinn a’ tighinn, O hì-ri-ri?
Genghis Khan, le sgian eadar fhiaclan?
Seall a-rithist. ’Eil thu ga fhaicinn, a’ marcachd air steud na muinge faide, na làn-armachd?
Attila the Hun? Abdullah, the Mad Mullah?Alasdair garg, mac Cholla Chiotaich, Cholla Ghasta?
Seall gu math, a chùis-thruais. Faic an lasair na shùil, ’s gun fa-near dha ach murt is marbhadh: d’ fhuil a dhòrtadh agus d’ fheòil a stialladh agus do cheann a spludadh – schwak! – sìos gu do smiogaid. Fàg mi a-nise an ceann mo ghairm, a’ cladhach do leabaidh bhuain far an laigh thu, heh, heh, gun smior no smuais ad chnàimh.
Agus thilg e fras ùir orm a dh’fhàg mo shùilean gun lèirsinn. Chluinninn an t-each steudach, ge-tà, a’ tighinn, agus
Shrapnel, ann an riochd an diabhail, ga bhualadh ’s ga ghreasad. Mo bheud ’s mo chràdh – am b’ e seo mo dheireadh mu dheireadh? ’S gun mi fhathast ach òg. Gun mi fhathast air ruighinn aois a’ gheallaidh, rud a bha dhomh mar ruighinn na gealaich uair dha robh mi air an iomair a’ ceangal sguab ’s a’ spealadh coirc. ’S am b’ e seo e uile, ’s a liuthad rud a bh’ agam ri dhèanamh nach do rinn mi? Dhèanainn liost cho fada ri do ghàirdean.
Dhèanainn liost:
sausages – dusan, beef, à bùth an Dòmhnallaich;
marag dhubh, agus punnd mions agusliveragus dubhagan agus chops – dusan;
rionnach saillt – dà rionnach! a chuireadh lìnigeadh math air mo stamag mus fhalbhainn;
aran-coirc mus fhalbhainn, pìos na mo phòcaid dheth gun fhios nach tigeadh an t-acras orm;
branndaidh gun fhios nach tigeadh cuairt orm;
La Chasse du Pape!
Leig a-mach an cat mus cac e air a’ mhat.
Siud gu leòr deoch, tuilleadh ’s a’ chòir biadh, leig bò braidhm.
Aodach a-nis agus earail bhon t-seann tè: biodh do dhrathars glan co-dhiù, gun fhios nach tèid do thogail dhan ospadal. Do thogail dhan mhortuary.
Dh’fheumainn Murphy a lorg. Gheibhinn còta-mòr agus brògan tacail tacaideach. Shiùbhlainn fada.
Dh’fheumainn Riach a lorg – car na amhaich, mac an riabhaich a leig sìos mi. Ged a sheinneadh e‘Jock o Hazeldean’ ,a fhuair e bho a sheanmhair Logan, ‘Nobody’s Child’ ,a bhiodh aig Uncail Eddie air a’ bhus oidhche Shathairn làdach uisge-beath’ islager; dh’fheumainn mo mhùn a dheanamh mus caillinn e, sure
by Tummela’ dol dhachaigh, steall nan steall anns a’ bhriogais a bha air Strachan tachaiseach am Bloemfontain.
’S gu h-iongantach, an uair sin bha mi air tilleadh gu baile mo bhreith is m’ àraich agus a’ dèanamh air an taigh san robh dithis chailleach – beannagan ishandbags – mu choinneamh a chèile aig an teine.
Gu sealladh Dia orm! thuirt an dàrna tè. Seall cò tha seo a-steach an geata.
Falaich am botal! dh’èigh an tèile.
Gum beannaicheadh Dia an fhàrdaich seo, arsa mise. ’Eil deur agaibh a-staigh?
Chan eil!
Tha, ge-tà, tha. Agus dùin thusa do chab, seall fhèin air an truaghan. Càite – a thruaghain – an robh thu?
Ànrach bochd, ’s b’ e sin esan.
Na bi ’g èisdeachd rithe. Siuthad thusa.
Thug i dhomh làn an tiomaileir.
Cà robh mi? arsa mise. Cà nach robh!
Tharraing mi an sèithear a-steach chun an teine. B’ fhada bho nach d’ fhuair mi èisdeachd. Dh’innsinn mo sgeul o thùs gu èis.
A dhuine, dhuine… Agus chrath mi mo cheann mar dhuine a bha dìreach air tilleadh o shliosan reòthte K2 ’s a chaidh tarsainn an Gashun Gobi air yak.
Tha cuimhn’ a’m, arsa mise, tha cuimhn’ a’m – ’s ann! Air bàta, a’ dol gu Bandar Abbas…
Addis Abàba Friday!
Nach leig thu dha, a thràill!
An dèidh dhomh a’ Hotel de la Revolutionfhàgail, thàinig mo mhùn thugam… dh’fheumainn a dhèanamh.
Ged a bhiodh crùn agad anns an latha.
Cliaraig chun na sitig leis, ma-thà, agus gabh dhachaigh. Tha cuideigin shuas an sin a’ feitheamh riut.
Cò?
Chunnacas air uinneag e, am beul na h-oidhche. A’ coimhead a-mach.
Cò!
Shuas an staidhre, air an uinneig. Cha do chuir e solas air…
Solas!
Las cuideigin maids, agus leum mi.
Leig mi sgreuch.
Leig an duine a las am maids sgreuch. Bha dithis ann, dà sgreuch!
Thàinig sgreuch bho gu h-àrd!
Hell ’s teeth!thuirt guth nighinn. Dh’aithnich mi an guth – nìghneag nan geug – ‘Oh, loely, loely cam she in … ’
Las iad coinnlean. Dh’aithnich mi cruth a’ ghaisgich a bha còmhla rithe.
Hey! dh’èigh e. It ’s the bourbon man!
Tha thu an siud, a MhicDhonnchaidh.
Hell ’s bells!dh’èigh an nighean.
Thuirt mi rithe gu robh i a-nis air‘Hell’a dh’ràdh dà thriop, ’s mura b’ e glè bheag dhomh… Agus thuit i ri mo thaobh a’ gàireachdainn, a casan caola os a cionn.
Cha mhòr gun creideadh MacDhonnchaidh gun aithnicheadh sinn a chèile.
Cha mhòr gun creideadh ise gun aithnichinn-sa MacDhonnchaidh.
Sheall mi riutha, an dithis aca, cho òg agus cho bòidheach.
Bha mi taingeil gur h-iad a bh’ ann.
Agus toilichte.
Faighnich dhomh an robh mi toilichte.
title | Sure by Tummel |
internal date | 2006.0 |
display date | 2006 |
publication date | 2006 |
level | |
reference template | Caimbeul Shrapnel %p |
parent text | Shrapnel |