[149]

8

OK Corral

06.30

Buillean ciùil agus guth boireannaich le na naidheachdan air Dihaoine, an ceathramh latha deug dhan Mhàrt ...

Shìn i a-mach a làmh agus bhrùth i am putan a chuireadh am fuaim dheth. Bha guth abhoireannaich ro àrd agus ro chabhagach. Thigeadh guthan eile a bhruidhneadh na bàirdegleadhraich na ceann. Bha e uabhasach math am putan a bhruthadhs an cur dheth. Fois an uair sin sa mhoch-mhadainn, greiseag bheag mus deigheadh i dhan ghleadhraich a bha afeitheamh oirre fhèin: gearain agus àmhghair agus eu-dòchas. Bha i duilich nach robhLift Up Your Heartsair tuilleadh: ùrnaigh agus earrann à Facal an Tighearna.

Dhèirich is chaidh i air a glùinean ri taobh na leap. Dhùin i a sùilean. Phaisg i a làmhan.

Na guidhe, dhiarr i.

gum beannaicheadh Dia a bràthair, Dànaidh, a bhanns an dachaigh, le navaricose veinsagusrupture ;



[150]

gum beannaicheadh E Doileag, a bhean, a bha ga fhrithealadh; ’s gun cumadh E i gun a phronnadh, no co-dhiù a thachdadh;

gum biodh E leis an teaghlach air fad, beag is mòr is meadhanachmaitheanas dhaTubby, a thug masladh orra, agus dha Georgina, a ruith leis an Ruiseanachgum biodh E ghan treòrachadh;

agus atreòrachadh Mavis E. Beattie, a ruith leis aphoileas;

agus anChief Superintendent, a bha dona leis an losgadh-bhràghad;

agus andetective , retired,a bha dona… O, gun deigheadh stad a chur air! ’S gum biodh an duine bhon taigh air a ghleidheadh bhuaithe agus on bhàs an-diugh fhèin, O Dhè, an-diugh fhèin air an latha seo, an ceathramh latha deug dhan Mhàrt…


07.23

Stad càr aphoilis air taobh thall na sràide tarsainn bhon chlobhsa san robh Betty Colquhoun agus Veronica McVie afuireachd.

Bha dithis anns achàr: D/S Tait agus W.P. C. Turnbull.

Chuir W.P. C. Turnbull thuige fag, agus an dèidh dhi a cur thuige dhfhaighnich i dha Tait an robh diofar leis agus thuirt Tait gu robh agus thuirt W.P. C. Turnbull, Oh , shit,ach cha do chuir i às an fhag gus an tug i aon tarraing mhòr dheireannach aiste agus trì tarraingean beaga cabhagach agus lìon an càr le ceò fhàileadhach lànchemicals: chan fhaiceadh Tait bàrr a shròin.

Bha Tait sgìth. Chan aithnicheadh tu air aodann gu robh e sgìth; chan fhaiceadh tu na shùilean e; cha chluinneadh na chòmhradh. Ach be seo an ceathramh latha aig Tait gun chadal79.28 hrs.: thoir air falbh fichead mionaid airson norrag a rinn e, afàgail 79.08 hrs. gun chadal – ’s chan aithnicheadh tu air e.



[151]

Bha Tait cho fada gun chadal seach gu robh e acaithris D/S ‘Shrapnel’ Watson, retired, le òrdugh teann on Ard-Cheannard Robert R.O. Crawford M.B. E. Cha robh dùil aige na latha, no na oidhche, gun tigeadh an duine sin, ShrapnelMacBhàtair, a-chaoidh gu bràth tuilleadh na rathad às dèidh na thachair, bliadhnachan nam bliadhnachan mòra air ais, ann an Gorgie. Cha be idir abhrùidealachd no an t-eagal, ged a bha sin eagalach gu leòr, ach gu robh am bàs greis an làthair anns an t-seòmar ud. Dhfhairich e e, glas agus fuar agus faisg dha, agabhail seachad. Bu mhath gun deach e seachad. Bha cuimhne aige air a bhith tinn agus lag, agus Arthur James MacIlwraith – heroinaguscrack cocaine – na laighe leth-mharbh, air e fhèin a ghànrachadh gu h-àrd agus gu h-ìosal.

Sgom, thuirt Shrapnel, aodann a-mach à cruth ann an cruth an diabhail.

Agus an dèidh nam bliadhnachan, an t-aodann sin a-rithist. Thàinig e a-mach às an taigh mu mheadhan-oidhche, agus gun sùil a thoirt taobh seach taobh, rinn e dìreach air achàr aige.

Agus an dèidh nam bliadhnachan, afaireachdainn sin a-rithist, gu robh rudeigin an làthair mu thimcheall an duine seo, agus bha gnothaich aige ri fòirneart agus bàs agus bha e anns na sùilean aige, fuar ga choimhead. Cha duirt e facal. Dìreach ga choimhead le na sùilean ud air uinneag achàir. ’S an uair a dhfhalbh e, sheall Tait ri làmhans bha a làmhan air chrith.


07.30

Sheall W.P. C. Turnbull tron cheothaidh ri Tait.

Okay?

Bfheàrr le Tait a bhith gu achlaisean anns an òcraich bu teotha.



[152]

Theirig thusann, thuirt e.

— **** ! thuirt W.P. C. Turnbull.

Be seo an treas triop aca gan iarraidh. Feuch gum bi iad aca fhèin, thuirtR .O. Big Chief.

Achiad triop bha iad gun bhliam an Àit’ -adhlaic nam Manach Liath. Nuair a bhris an latha cha robh sgeul orra, ach cha be an talamh a shluig iad.

An dàrna triop cha robh comas còmhraidh aca, nan slèibhtrich ann an Cabhairn nam , bhò chaol nach dfhuair gu baile. Fhuair iad air an toirt dhachaigh.

Agus a-nise, tràth madainn Dihaoines i a’ sileadh…

Okay?

Okay, arsa Tait, aghaidh abhuinn air abhathais. Bha e amiannachadh gu robh masg aige a chuireadh e mu shròin mar a bha aca anns amhorgue. Bu chòir dha masg a bhith aca, na h-àiteachan dham biodh iad adolmar an fhàrdaich seo an-dràsta, rudan ag èaladh anns an t-salchar, gamhlasach ag iarraidh thugad.

Bha Betty agus Veronica nan cadal suaimhneach còmhladh ann an leid air an làr: Betty air a druim agus Veronica air a cliathaich, a gàirdean air taobh a-muigh na plaide tarsainn mu mheadhan Betty. Chan fhaiceadh tu aodann Veronica, bha a falt ga fhalach. Bha falt Betty asgaoileadh air achluasaigdualach, cuaileanach, òr-bhuidhe. Cha mhòr gun creideadh Tait a shùilean: cho bòidheachs a bha iad, òg, fìnealta, bòidheach.

Thug e ceum na bfhaisge agus ann an guth socair thuirt e

—Good morning, Betty.Afaireachdainn a chuirp ateannachadh mus tòisicheadh na hullabaloos, am -mhodh agus an droch cainnt.



[153]

Dhfhosgail i a sùilean. Bha toileachas annta agus sgìths. Air èiginn a chluinneadh iad a guth:

—Morning… Mister… polisman… ’s rinn i gàire beag fann mus do dhùin i a sùilean a-rithist. Cha tàinig smid bhon tèile.

—Oh , ma Goad!dhèigh Turnbull, atarraing sìos na plaide.

Bha iad air iad fhèin a ghlanadh. Gùintean-oidhche, stocainnean blàth mun casan…

Och, the bonnie bairns. Cho sìtheil a-nis. Cho marbh.


08.00

Tha am baile air dùsgadh agus agluasad ann an cabhaig:

daoine ri sadadh orra aodach is brògan, aslugadh cofaidh, teatha, tost;

spàirn san t-seòmar-ionnlaid: uisge Ghlinne Cors ga fhrasadh ga stealladh sìos na shruthanan; agus on doimhneachd, de profundis, trom-osnaich agus torman mionaich tha ga do chumail?

tha anradioatoirt cunntas air staid an t-saoghail: cogadh, conaltradh, cian taobh a-nis an trosg?

guthanàrd, nas àirde agus nas àirde buileach: na dhfhàg mi am baga? m baga, m baga? agus iuchraichean achàir!

tha an A74 dùinte tuath air Lockerbie; sneachd às ùr an Tom an t-Sabhail;

feuch gun cuir thu dheth an cucair – off , off, off, ’s a-mach à seo.

Air na sràidean, chan eil fhios aig aghaoth an taobh bho sèid i. Tha i asèideadh co-dhiù, làidir iormall. Thuirt a’ wirelessgu robh i atighinn bhon iar agus feasgar gum biodh i na dearg-ghèile le bailcean uisge 70 mph. Dhfheumte falbh le



[154]

faiceall: cunnart sglèat fhaighinn mu chùl na h-amhaich, gob na h-umbrella san t-sùil.

Tha boireannach òg leumbrellaabeatadh gu cala an aghaidh na gaoith. Tha stùr agus sprùilleach nan sràid ag iomainich mu casan; pàipear-naidheachd, late edition, sgìth acòmhdach corranfish supper, asgèith air falbh suas gu àird nan togalaichean; ’s far an coinnich Tarvit is Brougham, biona dubh an sgudail na laighe sa ghuitear, a bheul fosgailtes e air cur a-mach na bha na bhroinn. Tha balach beag le baga-sgoile aruith cana falamhFanta; balach beag eile na ruith an comhair a chùils aclapairtich a sgiathan mar eun mòr mara afeuchainn às. Ruigidh an nighean a ceann-uidhe agus fosglaidh i geata agus doras na bùtha anns a bheil i leatha fhèin ag obair. Tha i acreic èideadh Gàidhealach, pìoban-ciùil agus drumaichean, agus leabhraichean mun deidhinn; claidheamhan is dagaichean a chrochadh tu os cionn an teine, agus rudan fraochanach frìtheanach eile mar bhràistean agusn sginean-dubh.

Dihaoine a thann, agus a h-uile Dihaoine mu mheadhan-latha, bidh duine fraoich anochdadh. Seallaidh e a-steach air an uinneig, a cheann eadar a bhoisean, a shròinflatris aghlainne. Mura h-eil duine a-staigh, thig e a-steach.

Tha thu an sin, a meudail! canaidh e. Bonaid agus it’, canaidh e, breacan is lèine! Bheir i dha am feadan Pagastànach, agus an dèidh an ribheid a bhìdeadh, cluichidh eGabhaidh Sinn an Rathad MòragusThe 74ths Farewell to Edinburgh’ ,adol cho ceàrrs a ghabhas ceàrr a bhith, a sheanair agus a shean-seanairna pìobairean ionmholtaair an nàrachadh anns an ùir an Uibhist ghorm an eòrna.

Aon latha thainig e lepal’ – duine beag bobhlaidh air an



[155]

robh Boag. Dhùin Boag a shùilean agus dhèisd e ris achluich. Nuair a bha e deiseil, dhfhosgail Boag a shùilean agus thuirt e, “Genius! ”

Latha eile, thàinig e le cruchail mhòr de dhuine air an robh còta trom trainnsidh agus brògan a bha air spreaghadh. Bha aige. Nuair a thòisich an ceòl thòisich an , ’s bha an na bàirde. Ach aig toiseach an dàrna pàirt dhan74ths’ , nach do nochd Ameireaganach air an robh colas sgràthail an airgid, agus fhuair an luchd-ciùil an t-sitig.

Às dèidh sin, bhiodh e atilleadh leis fhèin, a h-uile Dihaoine.


12.10

Bha e na laighe air uachdair na leaps acoimhead suas ri mullach an ruma. Cha be rùm a bhann ach an treas pàirt de sheòmar-suidhe aig beulaibh an taigh air an treas làr. Bha am bòrd-isean cho tana ris aphàipear agus chluinneadh e a h-uile sìon a bha adol an ath-dhoras agus an ath-dhoras dhan doras sin. An ath-dhoras dhan doras sin, bha Jansher, bràthair dha Abdul leis an robh an taigh. Bha Jansher ag obair ann am bùth le Abdul o mhoch gu dubh, seachd latha seachdain, seachd ochd bliadhna. Anns an rùm ri thaobh bha Mr Butt. Bha Mr Butt ag obair o mhoch gu dubh ann am bùth eile le Abdul, ’s thuirt Jansher gu faigheadh tu rud sam bith anns abhùth sin bho shnàthadan gu acraichean guelephants. Thuirt esan gu robh e ag iarraidh gunna, ’s chaidh Jansher gu Mr Butts thuirt Mr Butt, No problem, Mr Hind, agus thuirt Jansher an dùil an cuireadh e peilear no dhà ann an Abdul cuideachdwhile youre at it, bloody slave-driver!

Phàigh e £200 air aghunna, .25 Beretta. Semi -automatic.Bha airgead gu leòr aigebfhada bho thòisich e acreic dhrugaichean,



[156]

adol bho neart gu neart gus an robh e an-diugh ainmeil airson ancrack cocainea bha e abèicearachd. Thug e seachad e an-asgaidh dhan nighean shalach a bhanns aphàircn t-ainm a bhorra? Veronica…

Thuirt Veronica:

S tusa a chuir an sgian dhan mhastaig ud.

Thuirt an tèile:

Chan innis sinn idir ort.

Rinn e gàire ris fhèin.

Chan innseadh. Chùm e pìob an dèidh pìob dhan chrack riutha, agus an uair sin chaidh e thuca anmoch leis an stuth bu phrìseil: heroin, geal agus glan agus neo-thruaillidh. Cha deigheadh iad os a chionn.

Cha deach.

Shrapnela-nis, agus dhan triop sa cha deigheadh càil ceàrr.

Cha bhiodh ann ach an dithis aca. Fada dhan oidhche, dìreach an dithis aca, a-muigh air an t-sràid.

Eil cuimhnagad ormsa?

?

Innsidh mi dhut. Choinnich sinn uaireigin ann am Fairlies.

Agus chitheadh e an t-eagal ag èirigh ann, a bheul afosgladh, a shùilean… Bfhiach feitheamh fad nan deich bliadhna fichead airson seo fhaicinn.

Dhèirich e on leabaidh. Thilg e air còta. Chuir e an gunna na phòcaid.

Duilich nach beKalashnikova bhann. Kalashnikov AK47,sia ceud peilear anns amhionaid. Air a neo, na bfheàrr idir, hand - grenade, agus faicinnShrapneladol an-àirdenàile bho ! na smiodairins.



[157]

15.47

Guth Tait air an reacòrdair:

23 .33 hours,aceasnachadh Veronica McVie agus Betty Colquhoun, W.P. C. Turnbull an làthair…

An làthair ann an seòmar uachdrach anChief Superintendentagus ag èisdeachd ri Tait, bha anChief Superintendent,R.O. fhèin, agusDetective - sergeantAndy Tait e fhèin, agus W.P. C. Megan Turnbull ise i fhèin. Còmhla riutha, ann an còta geal, bha Miss Sharon Gardner, ròs o Sharon, forensic. Bha i ùr san obair, Miss Gardner. Bha i ùr co-dhiù, a lèine fosgailte sìos gu broilleach bu ghile na sneachd òg nam beann.

Cha robh sin furasda dha Tait, nach robh tric air a bheannachadh le seallaidhean cho àillidh. Ach, mar a bàbhaist, cha do mhair e: fhuair e an uilinn bho Mhegan cruaidh anns na h-asnaicheanise na coilear gorm dùinte teann chun nan smiogaidean. Rinn i gàire mòr ris, aleigeil a broilleach fhèin a-mach. Bfheudar èisdeachd.

Bha e gu math àraid a bhith a-rithist acluinntinn an dithis nighean ud air na thadhail am bàs cho tràth. Bha amhòr-chuid dhan chòmhradh aca gun mhòr-chonn; spùtadh de chainnt shalach agus lachanaich gun chiall agus corr oidhirp air seinn, na bu cholaiche ri sgiamhail ann an craos na h-oidhche.

Roll me over!
In the clover!

Chluinneadh tu iad afeuchainn gun casan agus atuiteam agus W.P. C. Turnbull atogail a guth. Bha facail aicese cho math riutha.



[158]

An ceann greis, ge-, na bailcean ud seachads iad afàs sgìth agus coma, nach ann a bhruidhinn iad air an t-sabaid a bhann an Donatis.

Bha an caraid, Wee Slash,anns an t-sabaid. Cha be rinn e.

Bha na bràithrean, Mícheál agus Cornelius OReilly, asabaidna chèile.

Bha an duine leis an t-sùil, bràthair Edna, anns an t-sabaid. Cha be rinn e. No Billy Boag. No an teuchter, y ’ know – Bourbonged a bha sgian aige, skeen doo, y’ know…

Chuir anChief Superintendentstad air an teip.

Innsidh Sharon dhuinn mun sgian, thuirt e.

A’ skeendoo, arsa Sharon. Bha i mu thrì òirlich a dhfhaid7.7cmle gob briste agus làmh dhubh. Cha robh rian air gur h-e asgian sin a chaidh a chliathaich anDetective -sergeant, retired.Nam be, bhiodh an leòn na bu mhotha, le reubadh agus stialladh ain-diadhaidh air feòil is craiceann, mar bhùidsearachd geamhraidh an droch bhùidseir. Bhiodh an lèine fon chòta, agus avest fon lèinidh, nan stròiceans nan ribeagan. Cha bann mar sin a bha e idir: toll beag grinn glan a bhann, thuirt Sharon; toll a dhèanadh lannsa chaol, ochd òirlich a dhfhaid, fichead cm., cho biorach ris an t-snàthad mhòr. Chunnaic i an sgian a bhaigWee Slash.Cha deach a cleachdadh. Cuideigin eile a bhann, thuirt Sharon, asealltainn riutha.

Dhfhaodainn an-dràsda fhèin, smaoinich Tait, mo làmh a chur ri gualainns a falt a theich a- null…

Chuir anChief Superintendentair an reacòrdair. Ghabh e balgam bùirn a bha beirmeil.

Èisdibh a-nis gu math ri seo, thuirt e, brùchd air an t-slighe.



[159]

Agus na guthan aca a-rithist. Cho liotach, liopach adol an lùib a chèile. Bha iad ag ràdh gu robh fios acasan rinn e. Bha Tait ag iarraidh ainm. Cha robh cuimhnaca – some pishing gammy-legged effing poser – agus an uair sin, a-mach à cop còmhraidh, thàinig an t-ainm Hind an-àirde. Hind agus Sean Connery.

Nise, ars anChief Superintendent. Now!

Agus an dèidh balgam brìoghmhor eile, labhair e mu Hind.

Bha cuimhnaige gun thachair rudeigin, ach cha robh e cinnteach. Agus dhfhònaig e gu a bha air aphoileas aig an àm, Daphne Foubister à Sealtainn. Dhinnis Daphne mar a thachair: chaidh Hind fhaighinn san taigh-rìoghail ann am Fairlies air Ceum Lìte. Bliadhnachan bhuaithe; naoi bliadhna fichead agus còrr. Bha a cheann sa phoit agus a chas chlì na pìosan. Cha deach casaid a dhèanamh, ’s le sin cha bhiodh sìon air chunntas aca anns an stèisean. Ach bha e brùideil, an rud a thachair. Chan fhacas a shamhail, thuirt Daphne, a bha gu dòigheil pòsda aig Vics afighe gheansaidhean agus churracan an tac an teine ann an Sealtainn.

Tha farmad aige rithe, thuirt Tait ris fhèin. chuireadh iongnadh air.

Bha Sharon o Shàron abruidhinn. Bha i atoirt iomradh air làrach nam bròg a bhanns an t-seòmar san dfhuaireadh an nighean, Veronica agus Betty:

Ana brògan aca fhèin, le cnip àrda stiletto;

Bbrògan nam poileas, standard issue;

C!

Èistibh, dhèigh an Ceannard-Ceud.

bhròg eile, thuirt Sharon, nach robh afreagairt air a chèile no air càch. Ach a bha mu chasan an aona dhuine.



[160]

Sheall i riutha. Bha a falt fada agus dubh agus atuiteam sìos mu sùilean.

— ’S bha achas chlì, ars ise, na bu lugha nan tèiles air tionndadh a-steach gun ear-thuath.

Smaoinich Tait: dhfhaodainn an-dràsda beag mo làmh a chur tro falt agus sealltainn na sùilean. Agus sguireadh i a bhruidhinn air rudan grànda agus bhiodh aoibhneas, nach bitheadh, bhiodh seinn. Fada bho gach olc, fada bho gach olc.

Bha an t-uisge adòrtadh sìos, dubh dorch.

BhaShrapnela-muigh an sin agus be sin am bàs. ’S bhiodh sgàile ghlas abhàis adlùthachadh mu thimcheall a-nochd, fhathast a-nochd. Bha fios gum bitheadh, bha fios is faireachdainn.

Bha afòn le a h-iolach fhèin ag iarraidh freagairt.

Tha mig iarraidh Buster Hind a-staigh an seo, thuirt anChief Superintendent,gan smèideadh air falbh.

Thog e afòn.

? thuirt e. Miss Elphinstone?

Agus riuthasan:

Tha mi ga iarraidh a-nis. An-dràsda!

Elspeth! ars esan. bheil thu?


19.27

Tràth fhathast, cha robh a-staigh ach pàirt dhan ghràisg àbhaisteach. Bha Maria Carlotta gan riarachadh le minestrone a rinn i fhèin no napizzasa rinn Francesco, an duine aice; bolognaiseam pailteas bruich anns aphrais aguspastaa rèir do mhianns do chàil.

Bha an Uireasbhaidh Gnùis bhos cionn bòla minestrone, an



[161]

toirm aige mar an t-Alltan dubh na ligheachan, abagairtichs abùirich. Bha an Rastus ag amharc air le a shùilean donn fo bhròn, mar gum biodh e ag ràdh: ‘O teasairg mise, Dhè mo neairt, oir dhòirt na tuiltean orm’, no, na bu cholaiche: Nach gabh thu truas ri ànrach bochd agus greas ort leis an truinnsear sins na ith gu lèir e, a ghlamaiseir chac, ’s mi air mo ghonadh leis an acras. Cha burrainn dha Murphy an giùlain agus fhuair e cùil dha fhèin thall aig an doras far an itheadh e gu sìtheil rèidh aran is hama.

Mu choinneamh an dorais, aig bòrd beag cruinn dha dithis, bha seann àigeach dam bainm Bob McVeigh, càirdeach dha Edna Boag. Bha an ceann aige ceàrnagach, lom, agus dhfhaodadh tu do ghlainne leann a chur sìos air a mhullach fhads a bhiodh tu le do dhà làimh acur an t-saoghail ceart. Ach cha ghabhadh tu ort e, bha e eagalach brais na nàdar, am bràthair-athar seo dha Edna. Bha a shùilean pinc gun fhrasgan agus bha a liop ìochdrach tiugh agus fliuch agus colach ripork sausage.

Tha thu an sin, thuirt Murphy ris. An sin ann an sin na do shuidhe.

Cha deach an conaltradh seach siud. Sheall dithis a-steach air an doras: griobon beag balaich agus spideag bheag nighinn, piullach, salach an dithis. Waifs. Nuair a chunnaic iad an seanabhun, thòisich iad agigealais agus aseinn:

Bobbie Shaftos fat anfair,
Combin doun his yalla hair;
Hes my love for evermair,
Bonny Bobbie Shafto! ’

Aigyalla hair’ ,bha an droch nàdar air èirigh; aigevermair’ ,bha e air chrith air a chasan ag èigheachd:



[162]

—Awa , ye… Ahll show ye… ye wee… just you wait!

Bobby Daftie!dhèigh an spideag nighinn.

Hee, hee! dhèigh an griobon balaich. Agus ruith iad air falbh dhan oidhche.

Thill ceann an àigh agus shuidh e mu choinneamh Murphy, ’s bha a liop ìochdrach, nuair a thòisich an còmhradh, mar isbean air praidhpan asadadh spriotagan biorach goirt. Thuirt e gum bu chòir an stràcadh, an glasadh a-staighs gun sìon a thoirt dhaibh ach bùrn is crust. Na pàrantan cuideachd. Dhaontaich Murphy agus dhfhaighnich e dha am biodh ùidh aige ann an each a bha aruith làrna-mhàireach aig ceithir uairean aigSandown Park. Thuirt esan gum bu chòir an uair sin an togail dhan Arm – Royal Scots, bfheàrr? – ’s an cur a chogadh gu taobh thall an t-saoghail airson saorsa na rìoghachd agus a còraichean. Thuirt Murphy anns an fhreagairt gum bfhiach sùil a chumail air each eile cuideachd aig Sandown, anns an 2.15, £5 each way: bhiodh airgead aige na phòcaidean agus òr air nach cuireadh e feum mu dheidhinn?

—Wha saw the 42nd, arsa Raibeart McVeigh, wha saw them gang awa?

Chunnaic iad Billy Boag atighinn a-steach, ’s bha liost ann taobh an fhuaraidh. Na bu tràithe chaidh botal Beefeater a thràghadh ann an stàile Bheileig Strachain. ’S chaidh slòpraich a dhèanamh mar bu nòs anns aBhlack Bull còmhla ri Ella a’ Specialagus Beatrice. Ach bha latha eile aig Billy: cha robh taobh gu stiùireadh e a-nis nach biodh cuideiginBoagalaidh a choreiginatogail ceann. ’S an àm dhaibh suidhe mun bhòrd agus riaghladh nan dram, bhiodh Boagalaidh ann. Bha e cho sgìth dhiubhs a bha an gobha dha mhàthair, ’s tha sin ag ràdh rud, nan deigheadh innse.



[163]

Chuir Billy fàilte air na laoich a bhaig abhàr.

—Good evening,thuirt an Sasannach, aglanadh a ghlainneachan on cheòs on teas a dhèirich bhon achruaicspaghettia chur Fatsboy air a bheulaibh.

Hic! leig am fear a bha agleidheadh na h-òige, afaicinn nan Shelleys agus nan DenisesO ilmeag, O Montreal! – adòrtadh a-steach. Bha Fatsboy alìonadh pinnt dha Billy agus aseinn man Domingo:

Without your love,
Its a honky-tonk parade;
Without your love,
Its a melody played in a penny arcade…

Agus tharraing Billy dhan achlann-nighean a-mach chun an làir, car no dhà, quick quick, slow. Fatsboy, ’s a làmh ri chridhe, aseinn a-nis dhan fhear a bha agleidheadh na h-òige:

It ’s a Barnum and Bailey world,
Just as phoney as it can be,
But it wouldnt be make-believe
If you
Bee-leeeved!
In!
Meeee! !!

What a singer!dhèigh Fat Frank bho dhoras achidsin. What a voice!!

Thank you for the dance, kind sir,thuirt an nighean ri Billy, acàradh pòg air a shròin.

—You serve the drinks now fast,thuirt Maria Carlotta ri Fatsboy. Look at all the Boag people coming in the door!

Glenmorangie, thuirt an Sasannach.



[164]

21.10

Bha e na shuidhe ann an cùl an tagsaidh, an trilby air a tarraing sìos, coilear a chòta an-àirde. Chuir e an dràibhear na luairean, suas is sìos sràidean is cùil-shràidean gus na chaill iad an càr a bha gan leantainn.

Carson mise? dhfhaighnich an dràibhear.

Dhinnis e dha. Bhruidhinn e ris mar a bhruidhneas poileas: air a leithid seo a dhoidhche anns a leithid seo a dhàite, thog thu duinemu leth-cheud bliadhna a dhaois, five - tena dhàirde, còta clò, còmhradh neònach.

—Teuchter , like?

Ceart. n deacha tu leis?

Bha cabhaig air. Cuideigin às a dhèidh.

n deacha tu leis?

Sheall an dràibhear dhan sgàthan:

— ’S tusa bhann! Thusa bhàs a dheidh! ’S fhuair thu annumberagam, nach dfhuair? Eh? Ha!

Stad!

Bha am facal mar am peilear tro chùl a chinn.

Thàinig e a-mach às an tagsaidh, dhfhosgail e doras an dràibheir agus shlaod e chun na sràid e air bhroilleach.

Càite, a mhic an diabhail, an deacha tu leis?

Bha beul an dràibheir afosgladhs adùnadh. Ach fhuair e air freagairt:

Bheir mi ann thu, thuirt e, aslugadh chnapan.

Bheir thu ann mi, arsa Shrapnel, nuair a chanas mise. Agus an dèidh mòran casdaich, bhon dràibhear agus bhon tagsaidh, lean iad orra.



[165]

21.10

Ingan Johnnie, thuirt aChailleach ri Eòin Iosèphus Mac-a- phì, six a penny; wash yer face, anyell be bonny.

Bha oidhche Haoine, mar bu dual, adol na bàirde buaidh leis an deoch làidir, joie de vivreis carthannas!

Bha dithis nighean bhon anSalvation Armyadol mun cuairt le na canastairean.

Cuine tham brot? dhèigh an Uireasbhaidh.

Thig dhan t-seirbheiss gheibh thu brot!

Chuir Billy fàilte chridheil orra agus bhruidhinn e riutha air an staid spioradail:

— ’Eil sibh, ars esan, afaicinn abhoireannaich sin?

Sheall iad.

— ’Eil sibh ga faicinn?

Thuirt iad nach robh.

Okay, thuirt Billy. Okay! ’Eil sibh afaicinn abhoireannaich leis achat?

Thuirt iad gu robh.

Okay, arsa Billy. Sin… bids’.

—Language !thuirt dha na saighdearan, agus ghluais iad air falbh.

An duine a bhaig an ath bhòrd, cha do chòrd a cholas riutha. Dorch a cholas, agus dubh. Cha burrainn na bu duibhea chòta, a lèine, ’s mas fheudar, a dhà bhròig. Jack Palance, gunfighter ,ag òl ruma dubh agus afeitheamh.

Na seall an-dràsda, thuirt C.B. W. ri Elspeth, ach tha e aig ceann shuas achuntair. Leis fhèin.

Sheall Elspeth.



[166]

An duine sin?

— ’S e.

Murtair.

Cha mhòr nach…

Chan fhaca mi murtair gu seo, thuirt i, a guth air a dhol ìosal. Ghabh i grèim teann air C.B. W. air ghàirdean.

Am bi an sgian aige na phòcaid?

—The murder weapon,thuirt esan.

Innsidh tu dhan phoileas, C.B. , nach innis? Thuirt mi riutha gun innseadh, gu robh fios agad rinn es gun innseadh tu…

—All right, all right.

—Right away,an-dràsda, fhads a tha e ann an sin. Tugainn! thuirt i, aleum gu casan. Ach an uair sin stad i

mar a stad an còmhradh

mar a stad an ceòl agus an t-òl, gach ceann air tionndadh chun dorais, far an robhShrapnelna sheasamh le fiamh aghàire ag amharc orra.

Choisich e a-null chun abhàr agus dhiarr e bourbon. Cha robh duine nach cuale.

mhòr, thuirt e. For old times.

No trouble, please, Mr Watson,thuirt Maria Carlotta.

Chaidh e dhan taigh bheag. Nuair a thill e, dhòl e am bourbon.

—No trouble at all,thuirt e. Agus dhfhalbh e.

22.05

Bha an t-sràid ud ag iarraidh a seachnadh. Nan seasadh tu aig a ceann shuas, no eadhon aig a ceann shìosnach robh cho buileach bruailleanachchanadh tu riut fhèin: Cha tèid min



[167]

taobh ud idir. Sin bu ghlice dhut. Duine sam bith a dheigheadh an taobh ud, cha be an aon duine a bhiodh ann atighinn a-mach an taobh eile. Mar Niosgaid MhicÀdam nuair a chaidh e le dhruim chun an dotair Delaney: cha deach e a-riamh os a chionn, an criothnachadh a fhuair e.

Agabhail na sràide seo, bhiodh a h-uile colas ann, no co-dhiù teansa

gun deigheadh do chas a chac achoin, 11-4 fav.;

gun deigheadh tu fodha ann an lòn, 7-2;

gun deigheadh tu air do bheul-fodha/air do thòin dhan aghuitear, 6-1;

gun tuiteadh telebhisean ort bho uinneag àrd, 16-1;

gun tuiteadh sòfa ort bho uinneag àrd, 16-1;

gun tuiteadh duine beag gunnappyort, 33-1.

Bha fuaim nan creach ann, agus a bharrachd air fàileadh amhùin, fàileadh uinneanan, air an ròsdadh gu bàs ann an làrd.

Bha duine le anarag aig aphraidhpan, aguidheachdan dhan acheò a bha ag èirighs adol na shùilean. Bha duine cnàmhach adalladh airlager ’s adol droll. Bha duine drollplonk is tachaisacunntadh nan tionaichean a bha aige ann am baga:

Ambrosia, bha e ag ràdh, agusoxtail soup. Oxtail soupagus ambrosia agusFry ’s Cocoa.

Gu h-ìosal fuar san t-seòmbar ìochdrach, bha duine na laighe air bobhstair ag èisdeachd riutha. Duine sgìth fo mhì-ghean agus trom fo luaisgean. Duine fon choill. Bha e asmaoineachadh: cha tog fidheall mi, no clàrsach. Ach ghabh e balgam bourbon, am botal air a cheannì ail-i, ù ail-i, an dileag ud. Thuirt e ris fhèin: Chan eil seo gu feumèiridh mi is thèid mi a choinneamh an t-saoghail. Agus leis a sin, agus tarraing mhòr eile on bhotal,



[168]

thug e an staidhre air, afeadalaichKate DalrympleagusNiel Gows Farewell to Whisky’ .

22.07

Thàinig boireannach spàg-chasach suas an cabhsair, steall bho nabootees. Beinn acheathaich anns an uisge anns an oidhche ann ambootees .Beinn acheathaich anns an uisge anns an oidhche ann ambootees. Bha sgrios de phocannan plastaig aice, ’s chaidh i a-steach dhan taigh san robh an t-òls acheòs na h-uinneanan. Cha robh bòilich, glòir air thalamh ann, gun uair sin.

Thàinig tagsaidh gu taobh a-muigh an taigh.

Seo e, thuirt an dràibhear. An clobhsa seo.

Chunnaic e tagsaidh eile alùbadh a-steach aig ceann shuas na sràid agus astad. Bha e ga leantainn bho dhfhàg iad Donatis.

Fuirich ann an sin, thuirt an duine, atarraing sìos an trilby. Bha an dràibhear airson innse dha mun tagsaidh a bha ga leantainn, ach cha burrainn dha. Na bfheàrr a bheul a chumail dùinte agus dèanamh mar a theireadh achùis-uabhais.

Cho luaths a chaidh e às an t-sealladh a-steach an clobhsa, chunnaic an dràibhear an tagsaidh eile atighinn suas gu sàmhach gu chùlaibh. Leig e às duine bacach nach baite gnùiss nach beireachdail. Bha e dubh bho bhàrr a chinn gu sàil na coise crùbaich: duine air cheann gnothaich, ann an cabhaig atarraing uime miotagan dubha leathair. Choinnich an sùilean san dol seachad dha a-steach às dèidh an fhir eile. Agus dhaithnich an dràibhear an uair sin gu robh e ann an cunnart, ’s nach be seo baile a mhaireadh agus thuirt e ris fhèin, To hell… abualadh air falbh aig peilear a bheatha. Shaoil leis gun cuale an ràn a bhios aig càraichean nam poileas. Cha chuale idir am Beretta ga leigeil no aghlaodhaich iutharnail a thàinig às dèidh sin.



[169]

22.10

Chuir iad fàilte air abhourbon. Am fògarrach a thàine leis, cha dfhuair e àite. ’S cha do dhòl iad a dheoch-slàinte. Dhfhàg fear nan uinnean na h-uinneanan alosgadh, agus spìon e am botal on fhear chnàmhach. Leum am fear cnàmhach air, ’s an dèidh slaodadh is tarraing is dha na thrì charan an aghaidh na grèine, thuit iad chun an làir aiseal ann an lèig lager, aslàraigeadh air càch-a- chèile. Thàinig e a-steach air fear abhourboin a dhol a shàbhaladh abhotail, ach smaoinich e an uair sin nach bu theiche dha, gu robh e air an t-slighe a-mach co-dhiù adol a choinneamh an t-saoghail. Lorgadh e Riach. Dhèanadh iad suidhe. Dhèanadh iad bruidhinn. Mus cuireadh e an ceann às an amhaich aige.

Hee! dhèigh an duine le na tionaichean. Beans !

Bha i na seasamh anns an doras, alìonadh an dorais, boireannach mòr nam pocannan plastaig. Thuirt i gu robh gu dearbhabeansaice dha, an robh i adol gan dìochuimhneachadh, an robh? Na measan a bu cheòlmhor, binn.

—Beans !

Braich! dhèigh an arrachd eile, air an casan caol a-rithist, na h-iosgaidean acritheadaich, critheadaich an cùl achinn.

Thuirt i gu robh gu dearbha braich aice, na galain dheth, a chumadh iad adol fad na h-oidhche fada dhan mhadainn, litre an dèidh litre dheth gu bràth gus an spùtadh e na theine teth a-mach air an cluasan! Nach robh i math dhaibhpòg-pòg, pòg bhon a h-uile fear, naeFrench .

Well, arsaJacques MacDaniel, chan ann sgìth dha ur



[170]

cuideachd, achs fheudar dhòmhsa togail orm. ’S cho luaths a labhair e, thàinig aithreachas; duilich gun dhfhosgail e a bheul.

Bha iad ga choimhead.

Bha iad ga aithneachadh.

A dhìreadh nam Pentlands, thuirt e.

Thuirt an Anarag gum bann leise-san, homh!, a bha an còta a bhair amhadadh.

Agus thuirt an Cnàmhach ris abhoireannach:

Carson, ma mharbh thu mac ifhreann, nach do mharbh thu e ceart?

Sssghlomh! thuirt e.

Mur do mharbh, marbhaidh! ars amBouille de Soeuf, aleigeil sìos nam pocannan, adubhadh an doraiss an t-saoghail air an duine. Bu dìomhain dha feuchainn ri teiche, ged a dhfheuch e: chrom e a cheann is dhfhalbh e na dheann nan coinneamh. Ach cha do thog e astar math, cha dfhuair spionnadh no idir neart, agus leag iad e.

Thàinig i sìos air a mhuin. Bha teàrnadh iongantach an siud, ultach nan ochd clach deug le uspairtich: Avalanche, a dhuine, mar a chanadh Tormod Mhurchaidh Ruaidh bràthair a sheanar. Fhuair na h-asnaichean am bruthadh nach bfheàirrdiad agus laigh e na chlodfoetal, finitoair a chliathaich. Chluinnte cràidh agus gàirich ghoirt.

Ach cha bann bhuaithesan a-mhàin: chaidh falbh leis an Anarag air ghoic amhaichs leis aChnàmhach mar an ceudna; ’s chaidh an cinn a sgailceadh ri chèile agus an tilgeadh air ais dha na lòinlagerann an tuainealaich às nach tilleadh iad achiad ghreis. Agus isea thogadhs a shadadh bolla mine, poca saimeant, clach-chinn an oisein: leig i às a grèim agus leig i aiste



[171]

sgreuch agus smaoinich an duine a bha air a bhithflatgun anail foidhpe: À, oxygen! Chaidh a sàthadh chun dàrna taobh chun an t-sòfa, tron an t-sòfa, nabooteesan-àirde slàinte na drathars odhar. Agus smaoinich e: idir a tha seo a thàinigs a rinn fuasgladh orm am fheum?

Thionndaidh e na èiginn gu dhruim gus am faiceadh e a shlànaighear. Agus chunnaic eShrapnelan sin. Walter Anthony, trom-laighe agus trom-èirigh.

Chaidh e air mhiathapadh. Thòisich rudan aruith nam broileis tro cheann: cha bu mhise a bhann! Mo mhionnan air Dia a thann an nèamh!! William James Smith, esan a rinn e, esan a thug orm… faighnich dhan an leadaidh-miseanaraidh, faighnich dha Ullachan innseadh ise breug, thigeadh breitheanas oirre!

BhaShrapnelatoirt sgian às a phòcaid, flick knife – faobharach, caol, cho glan ris aphrìneclig.

—Get up.

Cha burrainn dha. Cionnas a burrainn dha? Le na h-asnaicheanasnaicheanmar a bha iad…

Fhuair e gob na bròig eadar na casan.

Chuir e peiriligean air, hearse adol seachad le ràn air an t-sràid a-muigh. Chluinnte gul.

—Get up.

S bha e air a ghlùinean: O Dhè, deònaich… deònaich nach bi thu nam aghaidh.

Bha Fatsboy aseinn: All ’alba vincerò!A shùilean asileadh fala. Thuirt Eòin Iosèphus: All of Alba, a Mhòrag, ’s na ho-ro gheallaidh, m’ eudail…

Agus an uair sin guth cruaidh Gallta à cùil-shràidean abhaile.



[172]

S cha be pioc broileis-cinn a bhann; cha be gin a bhruaillean; bha an duine a-staigh, air an stairsich, ’s bha a ghnothaich riShrapnel .

—Remember me, you bastard?

Be seo, ma-thà, mu dheireadh thall an uair agus amhionaid. Ged nach bann anTombstoneair an t-sràid, ged nach bann aig àird amheadhain-latha, bha an t-àm a-nis gun teagamh sam bith air teachd.

Buster Hind, thuirt Buster Hind na ghuth fhèin. ThrèigSean Connerye.

—Remember Fairlies, you bastard?

Thog Shrapnel bil na h-aid le corrag agus sheall e ris. Chunnaic e far an robh a làmh air aghunna ann am pòcaid achòta.

Chunnaic e na brògan.

—Well ?arsa Shrapnel.

Bha a shùilean fuar. Bha sgian aige.

Dhfhairich Buster Hind crith adot troimhe. Dhfhairich e fuachd, mar a dhfhairich aon uair

Charlton H. Bulloch

Arthur James MacIlwraith

Francis Ignatius Coyle

agus Riach, Johngus an sgaoil na sgàilean.

—Tell you what, you hirplinwee shite,arsa Shrapnel adol thuige. I ’ll fix the other one for you.

Tharraing Hind an gunna.

Sheall Shrapnel riss rinn e gàire nimheil, gàire tàireil.

—Look at him!ars esan. Look at the tough guywia ladys gun!

bha dol a shealltainn?



[173]

An duine bha drolltachais isplonk – nach do thog a shùil bho na tionaichean a bha e acunntadh; agus am boireannach treun, a thàinig timchealls a dhiarr Panadol? Bha càch nan sìneadh air abhlàr is cha do charaich gus na thòisich an gunna alosgadh. H-abair onghail an uair sin, a mhic onfhaidhglaodhaich dhaoine, ceò is pronnasg.

Bha Buster Hind asgreuchail, adol an comhair a chùil, am Beretta alasadh na làimh.

Cha robhShrapnelatuiteam, ach agluasad thuige ceum air cheum.

Bha na peilearan adol a h-uile taobh. Chaidh fear a thaobh D/S Tait nuair a bhris e a-steach dhan fhàrdaich. Bha e deiseil le a ghunna fhèin, ach thàinig am peilear ud agus thuit e. Ruith WPC Turnbull thuige; dhfhuirich an dithis eilePC Ritchie agus PC MacCaffertyreòthte ris abhalla, an gunnaichean an-àirde. Bha an duine droll asadadh nan tionaicheans ag èigheachds amionnan dhaoxtail soup. Bha fear na h-anarags a charaid cnàmhach gu cabhagach critheanach adèabhadh botalplonk. Bha am boireannach mòr armaichte le cas bùird, ullamh gu gearradh cloigne is smòis is fèitheannan. Agus fear abhourboin, a dhaindeoin pian is dòrainn, bha esan air a cheann a thogails acoimhead ris achluich uabhasach a bha agabhail àite thall aig an stòbha.

Cha robhShrapnelatuiteam.

Bha e làn thollan, ach cha robh e atuiteam. Cha robh e fiùs alùbadh.

Bha Buster Hind alùbadh.

Bha Buster Hind acall a lùiths agus alùbadh. RugShrapnelair mun amhaich agus thuit an gunna.



[174]

Sguir an sgreuchail. Sguir an èigheachd.

Bha iad gu lèir, le eagal is uabhas, afaicinnShrapnelafàsgadh air sgòrnan an duine le aona làimh, a bha mar an stàilinn. Bha an sgian anns an tèile, faobharach caol. Rinn e reubadh an cliathaich achòta agus chunnaic iad e asàthadh na sgithinn suas eadar na h-asnaichean. Chunnaic iad an fhuil aspùtadh agus adòrtadh. Fuil Buster Hind agus fhuil fhèin cuideachd.

Na bhann dhith. O, gu sealladh Dia ort, na bhann dhith!


23.40

Bha e na laighe air a dhruim agus acluinntinn guth abhròin le osnaich ga chronachadh:

Cha be siud a dhfhoghlaim thu od òige, a dhil-dèirig na bochdainn. chanadh iad nam biodh iad gad fhaicinn a-nis mar sin mar a tha thu? O mo nàire agus mo mhasladh…

Dhfhosgail e a shùilean agus chunnaic e i na h-uile chumhachd agus thug a chridhe grad-leum as! Chaidh gathan goirt tro chorp, cha mhòr nach deach e fo laige.

— ’S math an airidh, thuirt i.

Sheall e rithe. Bha E.J. Mackay sgrìobhtair a broilleach.

Co-dhiù thuirt i, ’s math dfhaighinn beò. Ged a bha an guth trom, sòlamaichte’, bha a sùilean làn dhan fhear-mhillidh.

Dainm, ars esan. tha sin, E.J. ?

Uffie Joan, thuirt i, ationndadh air falbh. Chan e gur e càil dha do ghnothaich-se.

Hoigh! dhèigh e às a deidh. ’Eil an trèanud fhathast aruith eadarQueen Streetis Mallaig? Afàgail tràth anns amhadainn!

Ma chuali e, cha do leig i oirre.



[175]

Thionndaidh i sìos an solas, dhùin i an doras agus dhfhalbh i.

S bha e leis fhèin.

Bha e toilichte a bhith leis fhèin, asmaoineachadh air an treana - Cowlairs, Crianlarich – ’s fear de dhòrain Eòin Iosèphus acinneachadh na chom:

Bheir mi , ro-bha ,
S mithich dhuinn èirigh,
Mo nighean donn.

S mithich dhòmhsa dhol dhachaigh,
Tha mi fadair mo chèilidh,
Mo nighean donn.

Bheir mi , ro-bha ,
Hinim bo rim,
Mo nighean donn.

titleOK Corral
internal date2006.0
display date2006
publication date2006
level
reference template

Caimbeul Shrapnel %p

parent textShrapnel
<< please select a word
<< please select a page