[3]

BITH-EOLAS

A’ Chealla, Gintinneachd is Mean-fhàs

le Raghnall MacLeòid

Roinn an Lus-eòlais, Oilthigh a’ Chaisteil Nuaidh

eadar-theangaichte le Ruaraidh MacThómais

Roinn nan Cànanan Ceilteach, Oilthigh Ghlaschu

GAIRM Glaschu 1976


[10]

Roimh-ràdh

Nuair a chuir Raghnall MacLeòid na ciad chaibideilean thugam de na sgrìobh e air achuspair Bith-eòlas, gu an eadar-theangachadh gu Gàidhlig, is gann gu robh sgrìobhadh sam bith againn nar cànain fhìn air achuspair. Ach bha mi riamh gu làidir den bheachd gu bheil aGhàidhlig glé chomasach air rudan ùra a thoirt a-steach thuice fhéin, agus gur h-e eachdraidh thruagh nan trì ceud bliadhna chaidh seachad a bha gar bacadh anns an dòigh seo, ’s gar stiùireadh cho tric gu beachdan is modhan seann-fhasanta. Mar sin cha bu ruith ach leum gu dhol an sàs anns an obair seo.

Is dòcha gun deach an ruith gu dabhdail an ceann greise. Chan e obair fhurasda a tha ann an eadar-theangachadh den t-seòrsa seo, ged a tha i inntinneach. Tha deagh fhios agam gum bi pàirt den eadar-theangachadh doirbh, is gum bi grunn de na facail ùra a dheilbh mi trom no -fhreagarrach an dòigh eile. Thig atharrachadh an suds an seo mar a thig luchd-sgrìobhaidh eile chun achuspair seo, agus gu cuspairean eile tha an dlùth-cheangal ris. Ach tha min dòchas gu bheil toiseach fàis againn an seo, agus gum faic sinn iomadh cuspair eile ris nach robh dùil, air a làimhseachadh tre Ghàidhlig. Oir tha làn chòir aig luchd na Gàidhlig air seilbh a bhi aca anns a’ bheatha ’s anns an eòlas ris a bheil an leabhar seo a’ déiligeadh.

RUARAIDH MACTHÓMAIS

titleRoimh-ràdh
internal date1976.0
display date19..
publication date1976
level
reference template

Bith-Eolas %p

parent textBith-Eòlas
<< please select a word
<< please select a page