1 A’ CHEALLA: PRIOMH STEIDH NA BEATHA
Eachdraidh
Le bhith a’ deilbh ’s a’ toirt gu ìre am microscope, rud a thachair anns an Olaind anns an t-siathamh is anns an t-seachdamh linn deug, bha a nise inneal aig mac-an-duine leis an dèanadh e mion-rannsachadh air a stuth-bodhaig fhéin agus stuth-bodhaig rudan eile a tha a’ fàs. Chun a seo, a rèir an eòlais a bh’ann, bha ainmhidhean air an dèanamh de gheir, de chnàimh, de fhuil ’s de fhèithean, agus mar sin air adhart, agus lusan air an dèanamh de dhuilleagan, de rùsg agus de fhiodh. Cha robh fhios aig daoine am b’e fìor bhonn-stéidh na beatha a bha anns an stuth-bodhaig agus na buill-bodhaig seo, no an robh bonn-stéidh eile ann air an robh gach nì bha beò air a thogail.
Fhuaireadh ciad fhreagairt na ceiste seo mar thà anns an t-seachdamh linn deug, o’n dlùth rannsachadh a rinn grunn dhaoine, a’ cleachdadh nan seann mhicroscope. Bha Robert Hooke (1635–1703) air aon diubh seo. Chuir e sliseagan tana de àirc fo’n ghloinne, agus chunnaic e coltas cìr-mheala orra. ’Se bh’anns an rud a bha Hooke a’ coimhead stuth-bodhaig marbh, le tuill no ceallan anns a robh uaireigin stuth a bha beò. Nuair a bhàsaich na ceallan sin cha robh air fhàgail ach ballachan nan cealla.
Cha do thuig Hooke, no an fheadhainn a thàinig ás a dhéidh air tùs, brìgh na chunnaic iad, agus b’ann tràth anns an naoidheamh linn deug a sheall dithis Ghearmailteach gu robh gach nì a bha a’ fàs air a thogail le ceallan. B’e an dithis sin M. J. Schleiden (1804–1881), an lus-eòlaiche, agus T. Schwann (1810–1882), an t-ainmh-eòlaiche. B’e an rud a dhearbh iad gur h-i a’ chealla bonn-stéidh gach lus agus gach ainmhidh. Rinneadh leasachadh air a’ bheachd-smuain seo. Mar eiseimpleir, chuir R. Virchow (1821–1902) beachd fìor thomadach ris, ann an 1858, nuair a thuirt e nach fhàsadh ceallan ach bho cheallan a bha am bith mar thà.
Neònach ’s ga bheil am beachd sin an diugh, gu ruig meadhon na naodhamh linn deug bha móran a’ creidsinn gu robh rudan gun bheatha a’ tighinn beò leotha fhéin, agus bha cuid a’ cur air adhart recipé airson fàs-bheairtean eugsamhail a chruthachadh. Bha J. Van Helmont (1577–1644) de’n bheachd gun tigeadh luchainn am bith, gun cruthaichte iad mar gum b’eadh, far an robh gràineanan cruithneachd, anart salach, agus càise a’ laighe ùine gun buntainn riutha ann an stàbull no an àite eile. Chan eil teagamh nach obraich an recipé tha seo, agus
obraichidh e fìor-mhath mura leigear cait air àrainn an àite fad lathaichean. Bha dòighean na bu shìmplidhe ann gu fàs-bheairtean eile a chruthachadh: abair, speachan á buachar. Shìolaidh creideas ás na beachdan seo air falbh air sàilleabh obair Virchow air na ceallan, agus an dearbhadh a fhuaireadh air na beachdan aige, tre obair Louis Pasteur, ás an Fhraing, agus John Tyndall, á Breatainn, anns an earrainn mu dheireadh de’n naodhamh linn deug.
title | Eachdraidh |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | 1. A’ Chealla: Prìomh Stéidh na Beatha |