[23]

Meadhonag, Cile agus Flagellum

Gheibhear na meadhonagan, ann an ceallan ainmhidhean agus lusan àrsaidh leithid seòrsachan feamad agus rainich. Cha dfhuaireadh lorg orra fhathast ann an ceallan nan lusan adhartach, leithid an darach, an leamhan, an neòinean agus am beàrnan-brìde. Tha gnothaich aca ri roinn nan ceallan sin anns am faighear iad. Tha structair na meadhonaig coltach ri structair flagellum, achuip a tha atoirt air cuid de cheallan, leithid ceallan-sìl, gluasad. Tha seòrsa nas lugha de flagellum, air a bheil cile, ri lorg gu tric ann am pailteas, ann am móran sheòrsachan de cheallan, agus cuid de cheallan an duinenam measg. Gheibhear iad, mar eisimpleir, air na ceallan a tha alìnigeadh slighean na h-analach, is iad atoirt air falbh bloighean dust is smùir a thàinig a-steach air an anail. Tha smocaigeadh amilleadh nan cile sin, no gan cur fo phairilis, air chors nach eil dust agus nithean fuadain eile air an toirt air falbh. Tha seo adèanamh dragh do dhuine, ’s atoirt air a bhith casdaich.

titleMeadhonag, Cile agus Flagellum
internal date1976.0
display date19..
publication date1976
level
parent text1. A’ Chealla: Prìomh Stéidh na Beatha
<< please select a word
<< please select a page