Falmhagan
Tha iad seo ri ’n lorg aig àrd ìre ann an ceallan lusan gu cumanta. Mar as trice tha uisge annta agus stuthan leaghte. Tha iad a’ cuideachadh ann a bhith a’ cumail ceallan nan lusan rag, agus tha seo a’ cumail an luis ’na sheasamh. Chithear seo mura bheil bùrn ga chumail ri lusan: tha bùrn a dhìth air na ceallan, agus tha an lus a’ seargadh. Tha seòrsa eile de fhalmhag (an fhalmhag sheacach) ri faotainn ann an ainmhidhean aoncheallach a tha tighinn beò ann an uisge. Bhon a tha nas lugha de dh’uisge am broinn nan ceallan sin na tha air an taobh muigh, tha uisge dualtach a dhol a-steach annta. Mura biodh dòigh aig a’ chealla air an uisge seo fhuadach, dh’atadh i agus spreadhadh i ás a chéile. Tha na falmhagan seacach bho àm gu àm a’ spùtadh a-mach uisge á ceallan de’n t-seòrsa seo. Bu chòir dhuinn a thoirt gu ar n-aire nach eil falmhagan seacach aig ainmhidhean aoncheallach a tha tighinn beò ann
an sàl. Tha seo a chionn gu bheil mu’n aon uiread de stuth leaghte anns na ceallan sin agus anns an t-sàl, agus mar sin chan eil tuilleadh uisge a’ dol a-steach annta.
Is iad sin, ma tha, na prìomh rudan a tha anns a’ chealla. Chithear nach e dìreach cnapan silidh a tha anns na ceallan, ach structairean iomachruthach anns a bheil móran a’ tachairt. Tha an niùclas a’ riaghladh obair na cealla; tha na miotocondria agus na cloroplastaichean a’ dèanamh, ’s a’ dèanamh feum de, na stuthan mór-lùthsach mar siùcar; tha an reticulum endoplasmach agus apparatus Gholgi a’ co-chur ann an iomadach dòigh, agus na liososoman a’ milleadh stuthan anns nach eil feum, mar bacteria a tha ag iarraidh a-steach; tha na meadhonagan a’ toirt air na cromosoman gluasad nuair a tha a’ chealla ga roinn, agus tha na flagella agus na cilean a’ toirt air na ceallan gluasad; agus tha falmhagan againn, a tha a’ toirt air falbh an uisge ma tha cus dheth ann. ’Se cùis iongnaidh a th’ann gu bheil na pìosan sin ag obair ann an co-bhoinn ri chéile, agus nach eil a’ cho-bhann seo ga sgiabadh nas trice. Bhiodh e gu dearbh ’na chùis-iongnaidh nan gineadh recipé Van Helmont aon chealla, gun luaidh air luch.
title | Falmhagan |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | 1. A’ Chealla: Prìomh Stéidh na Beatha |