[15]

An Niùclas

Mar as trice, ’se an cnap as motha a gheibhear anns achealla rud cruinn ris an canar an niùclas. Thugadh an aire dha seo cho tràth ris abhliadhna 1780, ach bha 1831 ann mus do thuig daoine gu robh e ri fhaotainn gu cunbhalach anns amhór-chuid de cheallan. Tha cuid de cheallan ann gun niùclas, aon uairs gu bheil iad aig làn ìre: mar eiseimpleir, ceallan deargfhuileach an duine. Tha dèanamh air ceallan eile, leithid bacteria agus algae ghorma, nach eil acur feum air niùclas.

Ma chailleas cealla niùclas, theid i bàs, ged a dhfhaodadh nach tachair sin gu ceann beagan sheachdainean. Mar a thuirt mi mar thà, ’si achealla dheargfhuileach as cumanta ann am bodhaig an duine. Anns achumantas, tha mu chóig no sia millean dhiubh sin anns gach mìleliotair ciùbach de fhuil, agus millean nas lugha, anns achumantas, ann am fuil boireannaich. Tha na ceallan sin air an dèananmh ann a smior achnàimh, agus air an leigeil ma sgaoil, anns an fhuil, nuair a tha iad aig làn ìre. Aig an àm sin, no goirid roimhe, tha gach cealla acall a niùclas. Chan eil iad an uair sin amairsinn anns an fhuil ach mu 120 . Tha e soilleir gu bheil na ceallan gun allsadh gam milleadhs gan dèanamh ás ùr, agus tha seo adol air adhart aig a leithid de dhastars gu bheil 1,250 mìleliotair de dhfhuil ùr ga dèanamh gach mìos. Agus tha eadar a cheithir agus a dheich uiread ga deanamh air taobh a-stigh beagan làithean an deidh do dhuine móran fala a chall. Bu chòir dhuinn cuimhneachadh cuideachd nach eil maireannachd no eadhon saoghal fada an lùib na cealla, ged a bitheadh niùclas aice. Tha cuid de cheallan gealfhuileach anns a bheil niùclas, agus cha mhair iad ach mu 14 uairean-a- thìde.

Ach cha dèan achealla achùis ás aonais an niùclais. ’Se tha riaghladh na tha tachairt anns achealla. Ma sgrùdas sinn an niùclas gu mionaideach, chì sinn gu bheil e fhéin air a chur an altan a chéile gu sgilear, agus coltach ris achealla fhéin, tha grunn structaircan ann. An toiseach, tha balla -fhillte de chraiceann no de mheamran aig an niùclas, ris an canar meamran an niùclais. Tha iomadh toll no pòr anns abhalla seo, agus mar sin tha e furasda do stuth siubhal eadar an niùclas agus an còrr den chealla. Air taobh stigh an niùclais fhéin tha aonan no grunnan de


[16]

DEALBH 2. Tair-dealbh (meudaichte) de dhuilleig liathchorcra. Faic na ceallan móra ceithir-cheàrnach fo uachdar na duilleig. ’Se niùclas a tha anns achnap mhór chruinn dhorch anns gach cealla dhiubh sin. ’Se cloroplastaichean a thanns na structairean beaga timcheall air oir gach cealla. Ann am meadhon na duilleig (mu thrìtheamh earrainn a-null bhon làimh chlì) chì sibh na ceallan beaga a tha ann am féith duilleig. (Dealbh leis an Oll. S. Babcock.)


[17]

structairean rudeigin cruinn, agusse niùclasag a thagainn orra sin. Tha pàirt acasan ga ghabhail ann an co-chur na searbhaig rioboniùclasaich (SRN) agus nam prótain, agus tha iad air an ceangal ri snàithleanan fada, ris an can sinn cromosoman, a tha am broinn an niùclais.

titleAn Niùclas
internal date1976.0
display date19..
publication date1976
level
parent text1. A’ Chealla: Prìomh Stéidh na Beatha
<< please select a word
<< please select a page