[17]

Na Cromosoman

Ann an cealla sam bith, cha mhór, de fhàs-bheairt sònraichte gheibh sinn àireamh shònraichte de chromosoman; mar eisimpleir, tha 46 dhiubh anns amhór-chuid de cheallan mhic-an-duine, ach 54 ann an ceallan chaorach, 60 ann an crodh, 42 ann an coirce. Tha an aon àireamh-chromosom ann an cuid de fhàs-bheairtean, leithid cuileag chumanta agus pònair leathann (Vicia faba)— ’se 12 an àireamh a thaca seoach tha eadar-dhealachadh eatorra a thaobh cumaidh agus meudachd. Faodaidh sinn, mar sin, fàs-bheairt a chomharrachadh a thaobh àireamh, cumadh agus meudachd nan cromosoman anns na ceallan aice. ’Se an t-ainm a thagainn air an àireamh-chromosom an àireamh diploid( .i. dùbailte), oir anns amhór-chuid de cheallan tha dhà ann de gach cromosom. Mar eisimpleir, ann an ceallan mhic-an-duine tha 46 cromosom, shreath de 23. Thàinig aon shreath bhon athair, agus an t-sreath eile bhon mhàthair, nuair a ghineadh an leanabh.

Sann ainneamh a tha ceallan achuirp gan roinn fhéin, agus nuair nach eil iad adèanamh sin tha na cromosoman fada, caol, ’s chan fhaic an t-sùil iad eadhon fon mhicroscope. Ach aon uairs gu bheil ball-bodhaig no stuth-bodhaig air a mhilleadh no air a dhochann, feumar a chàradh agussann le roinn cheallan a tha an càradh ga dhèanamh. ’Se miotosis an t-ainm a thagainn air roinn nan ceall, agus tha seo atachairt nar bodhaigean gun sgur, aslànachadh lotan, ghearraidhean agus dhochann, agus adèanamh stuth-bodhaig ùr far a bheil an seann stuth air géilleadh. Tha smachd làidir ga chumail air an roinn seo, agus ma chaillear an smachd seo tha mar as trice fluth afàs.

Se fear dhe na rudan tha tachairt an toiseach nuair a tha cealla an impis roinn, gun tòisich na cromosoman ateannachadh, agus tha iad afàs nas giorras nas tighe. Chithear an uairsin gu bheil gach cromosom air a roinn air fhad na dhà leth. ’Se cromataid an t-ainm a tha air gach leth, agus canaidh sinn mar sin gu bheil chromataid càirdeach anns gach cromosom. Tha e soilleir cuideachd, nuair a dhfhàsas na cromosoman goirid agus tiugh, gu bheil dlùthachadh no teannachadh ann aig àite àraidh, agus canaidh sinn ris a seo am prìomh theannachadh no an centromere.

Tha pàirt aig a seo ann an roinn nan cromataid càirdeach nuair a tha miotosis no roinn niùclas adol air adhart. Tha na niùclasagan ag éirigh bhon teannachadh dhàrnach a chithear an ceann greis nuair a tha na niùclasagan abriseadh, mar a tha miotosis adol air adhart. Chan fhaighear an teannachadh dàrnach tha seo anns a h-uile cromosom idir.


[18]

Sann ri na cromosoman a tha e an urra gach fiosrachadh a ghiùlain a tha adol bho na pàrantan gu ruig an leanabh, agus mar sinse gnothaich deatamach a thann dhuinn a thuigsinn ciamar a tha na cromosoman air an cur ri chéile. ’Se an phrìomh stuth a gheibhear annta prótainean agus searbhagan niùclasach. Gheibhear sheòrsa de shearbhag niùclasach ann an ceallan, searbhag rioboniùclasach (no SRN) agus searbhag deocsairioboniùclasach (no SDN), agus tha na dhà rim faotainn

DEALBH 3. Na cromosoman ann am pònair leathann (Vicia faba). Seall mar a tha gach aon den chromosom deug air a roinn air fhadna dhà chromataid. Anns na deich cromosoman beaga, chithear an teannachadh (far a bheil an dath a dhìth): is e seo an centromere, no am prìomh theannachadh. Tha theannachadh anns gach fear dhen chromosom fhada; tha an centromere faisg air amheadhon, agus faisg air acheann tha an teannachadh dàrnach. Tha miotosis a nis aig amhetaphase. Tha na cromosoman air am meudachadh gu mór. (Dealbh leis an Ard-Ollamh Douglas Davidson, Roinn aBhith-eòlais, Oilthigh McMaster, Hamilton, Ontario, Canada.)

anns na cromosoman, agus feadhainn eile cuideachd. ’Se an SDN mar gum beadh smior-caillich achromosom: am moileciuil a tha agiùlain an dualchais.

titleNa Cromosoman
internal date1976.0
display date19..
publication date1976
level
parent text1. A’ Chealla: Prìomh Stéidh na Beatha
<< please select a word
<< please select a page