[18]

Balla na Cealla agus Craiceann na Cealla

Tha cruthan sònraichte air ceallan mar as trice, agus chan eil na thanam broinn gun sgur adòrtadh asda; cha mhotha tha an lionn a tha


[19]

mun cuairt orra, agus anns a bheil amhór-chuid dhiubh beò, measgaichte leis aphrotoplasma. Tha e soilleir, ma tha, gu bheil na ceallan air an cuairteachadh le rud a tha gleidheil aphrotoplasma a-stigh, agus air leth bhon lionn a tha air an taobh a-muigh. ’Se craiceann na cealla a tha adeanamh seo. Leigidh e na h-uiread troimhe; leigidh e an dara rud a-steach don chealla agus cumaidh e rud eile a-mach, agus air acheart dhòigh leigidh e cuid de cho-thàthaidhean a-mach agus cumaidh e feadhainn eile a-stigh. Anns an dòigh seo, faodaidh achealla stuthan àraidh a chumail an taobh a-stigh dhen chraiceann gus am bi iad nas pailte an sin na tha iad air an taobh a-muigh. Mar eisimpleir, faodaidh sinn beachdachadh air na stamhan móra a tha afàs faisg air achladach. Tha iad seo acruinneachadh aidhiodain agus stuthan eilenan ceallan, gan toirt ás an t-sàl, agus gabhaidh an aidhiodain seo a thoirt asda, mar a bhathas adeanamh uaireigin an Innse Gall. Is dòcha gun tòisich an obair seo ás ùr, aon uairs gun teirig na tha de dhaidhiodain ann an Chiles an àiteachan eile.

A thuilleadh air craiceann, tha balla aig cuid de na ceallan. Tha seo fìor a thaobh lusan agus bacteria; ach chan eil mu cheallan nan ainmhidhean ach an craiceann. Ann an lusan tha ballachan nan ceall cruaidh agus uaireannan an ìre mhath tiugh. Tha seo aleigeil leis an lus seasamh, ’s gun chnàmhan aige. Tha luach airgid anns na ballachan seo, oirsann dhe seo a tha fiodh air a dhèanamh, agus stuthan eile cuideachd a tha atighinn bho lusan, leithid cotan agus àrc/corcais. Tha ceall-bhallachan nam bacteria eadar-dhealaichte, a thaobh ceimic agus a thaobh structair, bho cheall-bhallachan nan lusan. ’Se an dòigh anns a bheil penisilion ag obair (an antibiotaic a thagainn gu cogadh an aghaidh tinneas bacteridheach) gu bheil e abriseadh sìos co-chur nan ceall-bhallachan anns abhacterium, agus tha na ceallan mar sin asgur a dhfhàs, agus faodaidh iad sgaoileadh ás a chéile agus a dhol bàs.

Tha móran sheòrsachan bhacteria a tha agleidheil stuth air taobh muigh nan ceall-bhallachan: tha an stuth seo gan dùnadh mar gum bann am broinn capsal silidh. ’Sann an uair a tha iad ann an capsal den t-seòrsa seo a tha na bacteria galar-dhùsgach. ’Se am bacterium Pneumococcus a tha mar as trice ag aobharachadh Pneumonia: tha treubhan den bhacterium seo gun chapsal umpa agus chan eil cron annta.

Tha iomadh rud anns achealla a thuilleadh air an niùclas. ’Se an obair a thaca lùths a thoirt don chealla, ach an dèan i a h-obair fhéin gach . Agus tha pàirt dhiubh an sàs ann an co-chur nan co-thàthaidhean sin a tha agiùlain lùths, leithid siùcar, no ann a bhith adèanamh phrótainean: tha comas togail agus comas saoraidh aig na prótainean mar as trice. Tha cuid eile dhiubh an sàs nuair a tha na ceallan gan roinn, astòradh stuthan agus agluasad cuid de na ceallan.

titleBalla na Cealla agus Craiceann na Cealla
internal date1976.0
display date19..
publication date1976
level
parent text1. A’ Chealla: Prìomh Stéidh na Beatha
<< please select a word
<< please select a page