[20]

Miotocondria

Tha iad seo beag bìodach, ann an cumadh slait. Tha craiceann air an taobh a-muigh agus air an taobh a-stigh, agus tha an craiceann a-stigh air a thoinneamh air chors gu bheil rudan air a bheil cristae air an sàthadh leis ann an taobh a-stigh na slaite. ’Se prótain as motha tha anns na miotocondria (65%–70%), agus a rithist geir (25%–30%) ach tha na h-uiread de SRN agus SDN annta cuideachd. Leis gu bheil an co-thàth SDN annta, tha e soilleir gu bheil iad agiùlain fìosrachadh ginteil. Chan eil miotocondria anns an ceallan bacteridheach, nach eilna iongnadh, oir tha miotocondria agus bacteria mun aon mheudachd. Is dòcha gun do dhéirich na miotocondria á bacteria a bha uaireigin beò leotha fhéin.

Chan eil ach beagan de mhiotocondria anns an ceallan nach eil ro dhripeil, ach tha móran anns na ceallan dripeil. Tha drip mhór air na ceallan anns an adha, mar eisimpleir, agus faodaidh uiread ri 2,500 miotocondria a bhith anns gach cealla dhiubh sin. Tha móran sheòrsachan obair aca ga dhèanamh, gu h-àraidh (1) adeanamh co-chur air adenosin triphosphat (ATP), co-thàth anns a bheil mór-lùths, lùths a tha air a chur gu feum anns achaochladh seòrsa co-chur a tha dol air adhart anns achealla, agus (2) acuideachadh le bhith abriseadh sìos siùcar gus a chur gu feum.

Gheibhear lùths á siùcar, mar a chì sinn le a thilgeil dhan teineloisgidh e. Nuair a tha e alosgadh tha a lùths ga chur dheth mar theas. Tha sinn adeanamh feum de shiùcar ach am bi lùths againn airson coiseachd, ithe, obair is mar sin air adhart, ach cha bhi sinn ga losgadh gus a lùths a thoirt ás. ’Se na ceallan againn a tha ga bhriseadh sìos a lìon beag is beag, air chors gu bheil a lùths ga leigeil ma sgaoil air a shocair, fhads a tha móran de dhatharraichidhean ceimiceach atachairt. Tha cuid dhiubh sin atachairt anns na miotocondria, agus mar a tha lùths an t-siùcair ga leigeil ma sgaoil tha e air a bheò-ghlacadh anns an ATP, agus the e ri ar làimh gus obair a thoirt ás.

titleMiotocondria
internal date1976.0
display date19..
publication date1976
level
parent text1. A’ Chealla: Prìomh Stéidh na Beatha
<< please select a word
<< please select a page