Cloroplastaichean
’Sann ann an ceallan lusan a-mhàin a gheibh sinn na cloroplastaichean, ach tha corra lus, leithid balgan-buachair, ás an aonais. Tha dath uaine air lusan a chionn ’s gu bheil an stuth-dhath clorofail annta, agus is e an stuth-dhath seo a tha toirt an dath uaine air na lusan. Tha stuth-dhathan eile ann an lusan cuideachd, mar a chì sinn as t-fhoghar, nuair a tha an clorofail anns na duilleagan air a bhriseadh sìos. Thig dathan an fhoghair an uair sin air na duilleagan. Coltach ris na miotocondria tha beagan SDN anns na cloroplastaichean, agus tha iad mar sin a’ giùlain fiosrachadh ginteil.
Nuair a loisgear siùcar, ann an teine, no air a shocair anns na ceallan
againn fhìn, tha lùths ga leigeil ma sgaoil agus tha uisge agus carbon dà-ocsaid air an dèanamh. Ma tha lùths a dhìth oirnn, thig an t-acras oirnn agus ithidh sinn biadh, agus nì sinn siùcar á pàirt de’n bhiadh sin ach a faigh sinn lùths. Chan urrainn do lusan biadh ithe no a thoirt a-steach anns an dòigh sin, agus thig orra siùcar agus stuthan eile a dhèanamh dhaibh fhéin. Tha iad ga dhèanamh le uisge agus carbon dà-ocsaid, agus tha lùths a’ tighinn thuca bho’n ghréin. Tha lùths-soillse na gréine air a bheò-ghlacadh leis a’ chlorofail anns na cloroplastaichean, agus tha e a’ dèanamh seòrsa eile de lùths dheth le bhith ga bheò-ghlacadh ann an siùcar de chaochladh sheòrsaichean. Tha e furasda a chreidsinn, do dhuine a dh’fhuiling losgadh-na-gréine, gu bheil lùths ann an solus na gréine. Tha e air leth feumail gu bheil lusan a’ dèanamh co-thàthaidhean a tha làn de lùths, oir tha na h-ainmhidhean a’ tighinn beò air lusan, le bhith gan ithe, mar a tha an crodh ’s na caoraich, no le bhith ag ithe feòil nam beathaichean a tha tighinn beò air lusan (mar a nì cait is coin). Tha so fìor eadhon a thaobh iasg na fairge, oir tha iad aig a’ cheann mu dheireadh an urra ris na meanbh lusan a tha a’ seòladh faisg air uachdar na mara.
title | Cloroplastaichean |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | 1. A’ Chealla: Prìomh Stéidh na Beatha |