Reticulum endoplasmach
Gheibhear móran phìobagan a’ dol a-null ’s a-nall air feadh na cealla, agus ’se an reticulum endoplasmach an t-ainm a th’orra. Tha dà sheòrsa ann, aon far a bheil na pìobagan air an còmhdach le cnapan beaga leth-chruinn air a bheil riobosoman (reticulum endoplasmach cnapach). ’Sann anns na riobosoman a tha co-chur nam prótainean a’ dol air adhart, anns a’ chumantas. ’Se an niùclasag a tha a’ dèanamh nam pìosan bho a bheil na riobosoman air an cumadh. Ach tha reticulum endoplasmach ann a tha mìn gun chnapan, agus chan eil gnothaich aig na riobosoman ris an t-seòrsa seo. Tha an dara reticulum seo, a rèir coltais, ga chleachdadh ann an co-chur stuthan geireach agus cuideachd hormonan nan ainmhidh. Faodaidh an dà sheòrsa reticulum a bhith anns an aon chealla.
title | Reticulum Endoplasmach |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | 1. A’ Chealla: Prìomh Stéidh na Beatha |