[31]

Gintinn

Chunnaic sinn gu bheil aig amhór-chuid de na ceallan nar bodhaig an àireamh dhùbailte de chromosoman, ’se sin 46 ann am bodhaig mhic-an-duine, le dhà dhe gach seòrsa cromosom. ’Sann bho aon ugh-chealla thorrach a tha sinn afàs, agus thainig an t-ugh sin gu bhith torrach nuair a thàinig achealla-sìl, bhon athair, agus an ugh-chealla,

DEALBH 3. Na cromosoman dùbailte mar gheibhear iad gu gnàthach ann am fireannach. Tha 46 cromosoman an so.


[32]

bhon mhàthair, gu chéile. Nam bann dùbailte (a thaobh chromosoman) a bha an sìol agus na h-ugh-cheallan, tha e soilleir gum biodh na cromosoman ann an ceallan mhic-an-duine adùblachadh anns gach linn. Bhiodh ceallan aig na pàrantan anns a robh 46 cromosom, ach 92 aig achloinn, 184 aig na h-oghaicheans mar sin air adhart. Chan eil seo atachairt, agus mar as trice tha 46 cromosom againn anns amhór-chuid de cheallan ar bodhaig. Tha e soilleir gu bheil roinn niùclasach eile ann a tha alùghdachadh àireamh nan cromosom gu leth na bha ann an ceallan na bodhaig nuair a dhfhàs an sìol agus na h-uighean gu inbhe. Tha seo aciallachadh gum biodh sìol agus uighean aig mac-an-duine anns a robh 23 cromosom, ’s gun ach aon ann de gach seòrsa. ’Se meiósis a their sinn ris an roinn seo, agus tha i ri faotainn air feadh saoghal nan lusans nan ainmhidh, ged nach eil i ann am bacteria no ann am beagan fhàs-bheairtean eile.

titleGintinn
internal date1976.0
display date19..
publication date1976
level
parent text2. Cealla-Roinn
<< please select a word
<< please select a page