Meiósis
Tha meiósis a’ gabhail a-steach roinn lùghdachaidh air a leantainn le roinn a dh’fhaodas sinn a ràdh a tha miotósach. Tha an roinn lùghdachaidh, coltach ri miotósis, air a cur ann an ceithir earrainnean (gus dealbh a dheanamh dhith): prophase, metaphase, anaphase agus telophase. Ach tha prophase aice a tha nas fhaide, agus a tha móran nas mionaidiche. Anns a’ phrophase tha gach aon de na cromosoman a’ deanamh càraid le a leth-aon. Ma chuimhnichear gu bheil dhà de gach cromosom ann an cealla dhùbailte, tha seo a’ ciallachadh, mar eisimpleir, gum bi deich càraidean fichead do chromosoman ann an gobhar, oir ’se an àireamh dhùbailte aigesan 60. Chionn ’s gu bheil dà chromataid anns gach cromosom, bithidh ceithir anns gach càraid.
Tha an roinn lùghdachaidh a nis car coltach ri miotósis gus a ruig na cromosoman an t-anaphase. Tha gach cromosom a nis a’ sgaradh ri a leth-aon, taca ri anaphase a’ mhiotósis, far as e na cromataidean a tha a’ sgaradh. Mar seo tha dà chealla gan dèanamh ’s gun anns gach tè dhiubh ach leth àireamh nan cromosom a tha ann an ceallan dùbailte. Their sinn gu bheil àireamh haploid (shingilte) de chromosoman aca, agus cuimhnichear gu bheil aig an ìre seo dà chromataid aig gach cromosom.
Tha roinn mhiotósach ga dèanamh a nis air gach niùclas is na cromataidean càirdeach a’ sgaradh bho chéile aig an anaphase, agus mu dheireadh tha againn dà niùclas, gach aon leis an àireamh haploid de chromosoman, agus gun ach aon chromataid a nis aig gach cromosom. A chionns gu robh dà chealla againn an deidh do’n roinn lùghdachaidh tachairt an toiseach, tha e soilleir gu bheil againn a nis ceithir ceallan singilte an déidh do’n roinn mhiotósach tachairt: thàinig seo uile ás a’ phrìomh chealla dhùbailte. Tha gach aon de na ceithir ceallan sin a nis a’ fàs gus am bi i ’na cealla-sìl air a neo ’na h-ugh-chealla. Nuair a theid
Meiósis
DEALBH 4. Sealladh diagramach air meiósis. (a), (g) agus (k) = eadar-ìre; (b) agus (c) = ìreachan anns a’ chiad prophase; (d) = a’ chiad metaphase; (e) = a’ chiad anaphase; (f) = a’ chiad telophase; (h) = an dàrna prophase; (i) = an dàrna metaphase; (j) = an dàrna anaphase. Thoir an aire gu faigh sinn ceithir ceallan haploid (k) bho’n chealla dhùbailte e bh’ann air tùs (a). (Le taing do Mhgr. T. Spagnolia).
cealla-sìl haploid agus ugh-chealla haploid ’na chéile, bithidh an àireamh dhùbailte againn de chromosoman a rithist.
Tha aon atharrachadh ann d’am bu chòir dhuinn aire a thoirt, ann am meiósis, nuair a tha ugh-cheallan gan dèanamh, ann am móran ainmhidhean, is mac-an-duine ’nam measg. Tha trì ás na ceithir ugh-ceallan air an tug sinn iomradh, gann de phrotoplasma. Tha seo a chionns gu bheil am biadh, ach beag, ann an aon de na h-uighean, agus tha dòchas mairsinn fada nas motha aig an ugh sin aon uair ’s gum fàs e torrach. Is dòcha gu bheil sin cho math, do mhac-an-duine co-dhiù, oir bhiodh e eagalach trom air boireannach ceathrar chloinne a bhith aice còmhla. Nuair a tha ceathrar chloinne co-ionnan aig mac-an-duine, tha iad a’ tighinn ás an aon ugh thorrach, agus na ceithir mac-cheallan a thig bhuaithe a’ fàs air leth. Ceathrar nach eil co-ionnan, tha iad a’ tighinn á uighean eadar-dhealaichte. Cha tig iad uair sam bith bho cheithir uighean a thig bho meiósis (ann am mac-an-duine).
title | Meiósis |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | 2. Cealla-Roinn |