[34]

Buaidh Meiósis

Chunnaic sinn gu bheil meiósis atoirt gu bith ceallan-sìl, no poilean ann an lusan, agus ugh-ceallan. Tha sgaradh nan cromosom aig anaphase amheiósis, agus sgaradh nan cromataid càirdeach ann am miotósis, atachairt air thuaiream, agus mar sin cha bhiodh dùil gum biodh chealla-sìl no ugh-chealla co-ionnan. Ma tha àireamh dhùbailte de 14, no seachd càraidean chromosoman, aig an fhàs-bheairt (mar a tha peasair gàrraidh), tha 128 dòigh ann air co-cheangal a dhèanamh, agus mar sin faodar 128 seòrsa sìl agus uighe fhaighinn. Mar a tha an àireamh-dhùbailte afàs nas motha, tha na seòrsachan co-cheangail afàs gu mór mór. Faodaidh mac-an-duine, le 46 cromosom, no trì càraidean air fhichead, 8,388,608 (2²³) seòrsa sìl agus uighe adhèanamh. Bhon is ann air thuaiream a tha uighean gan deanamh torrach, anns amhór-chuid de fhàs-bheairtean, ’sann fìor ainneamh a thachras cealla-sìl air ugh-chealla den aon seòrsa.

Tha na figearan seo shuas air stéidh gu bheil an chromataid chàirdeach de chromosom àraidh co-ionnan an déidh dhaibh dol troimhn phrophase anns an roinn lùghdachaidh. Tha iad co-ionnan roimhn a seo, ach anns a phrophase tha iad abriseadh, agus gu tric tha an ceann briste de aon chromataid air a thàthadh ri ceann cromataid bhon chromosom eile anns achàraid. Chan ann aig an aon àite a tha cromataid abriseadh anns gach cealla. Chì sinn mar sin gu bheil malairt ga dhèanamh de phìosan cromataid, aig àm aphrophase, agus meudaichidh seo gu mór àireamh nan seòrsachan sìl agus uighean a nithear. Gu dearbh, tha uiread sheòrsachan rim faotainns gum faod sinn bhith cinnteach, anns amhór-chuid de fhàs-bheairtean, nach bi shìol no ugh co-ionnan.

titleBuaidh Meiósis
internal date1976.0
display date19..
publication date1976
level
parent text2. Cealla-Roinn
<< please select a word
<< please select a page