[35]

Mean-fhàs

Tha aobhar air an lìonmhorachd seo de cheallan sìl agus uighe eadar-dhealaichte. ’Sann ás a sin a tha atharrachadh (bith-eòlasach) anns an t-sluagh ag éirigh. Faodaidh bràithrean is peathraichean, is oghaichean, a bhith coltach ri chéile, ach, nas lugha na gur h-ann do chàraid cho-ionnan a bhuineas iad (a tha atighinn ás an aon ugh torrach), chan eil iad co-ionnan. Agus tha càraidean ann nach eil co-ionnan: ’sann bho uighean eadar-dhealaichte a tha iad sin atighinn.

Tha ar coimhearsnachd ag atharrachadh fad na tìde, ged is ann mean air mhean, tre chuairt nam mìle bliadhna. Tha na h-atharraichidhean sin abeantainn ris an t-sluagh air a leithid a dhòighs gu bheil iad acur ás don fheadhainn nach fàs suas riutha. Tha daoine afàs suas ris achoimhearsnachd ùr a chionns gu bheil iad air antaghadhmar an fheadhainn as comasaiche air mairsinn. Mura biodh atharrachadh anns an t-sluagh, ma tha, rachadh e bàs beag air bheag.

Tha e soilleir gu bheil meiósis adeanamh atharrachadh ann an sluaghan fhàs-bheairtean. Ag obair air an atharrachadh seo, tha taghadh nàdurra ga dheanamh air feadh nam mìltean, no nam milleanan bliadhna, air dhòighs gur h-e an fheadhainn as fheàrr a tha air fàs suas ris achoimhearsnachd ùr as motha dhfhàgas de shliochd. ’Se sin ri ràdh, tha an feadhainn as comasaiche amairsinn, agus mar a tha na ginealaichean adol air adhart tha iad ag atharrachadh nas mothas nas motha bhon phrìomh shluagh. Tha mean-fhàs atighinn orra. Mura bheil atharrachadh ann an sluagh, chan fhàs iad suas ri coimhearsnachd a tha ag atharrachadh, agus cha bhi mean-fhàs ann. Theid sluagh anns an staid sin bàs

Tha mar sin thoradh air meiósis:

(1) sìol a dheanamh, no poilean, agus ugh-cheallan; ’sann haploid a tha iad uile.

(2) atharrachadh a thoirt gu buil ann an sluagh: ’sann ás a seo a tha mean-fhàs atighinn.

Tha àireamh nan ceallan a tha air an dèanamh le fàs-bheairtean eadar-dhealaichte diofaraichte gu mór a rèirs n t-àite anns a bheil an torrachd atòiseachadh. ’Se àireamh bheag de ugh-cheallan a tha air an dèanamh aig àm sam bith le crodh, coin no cait, a chionns gur h-annnam broinn a tha an torrachd atòiseachadh. Ach tha iasg abreith nan uighean anns an uisge, far a bheil iad air an deanamh torrach. ’Se sin as coireach gu bheil cuid de dhiasg abreith milleanan de dhuighean aig an aon àm, oir anns an fhairge tha seo atoirt barrachd cothrom dhaibh a bhith air an deanamh torrach.


[36]

Aireamh uighean aig

Iasg gach àm sìolachaidh

Sgadan 20,00040,000

Trosg 3 millean9 millean

Lèabag-leathann c. 2,182,000

Adag 169,000c. 1,839,000

Rionnach 41,000546,000

Bradan 7,000

Breac 2006, 000

Thoir an aire gu bheil nas lugha de dhuighean aig abhradans aig abhreac, a tha abreith nan uighean ann an aibhnichean, na aig iasg na fairge. Tha seo a chionns gu bheil sìolachadh agus torrachadh atachairt mun aon àm a-measg iasg nan aibhnichean is nan lochan, agus sin ann an ionad nach eil ro fharsaing. Tha e mar sin nas dòcha gum fàs na h-uighean torrach, agus cha leigear a leas uiread dhiubh a bhreith. ’Se comharradh neo-adhartachd a thann móran uighean a bhreith, oir tha ana-caitheamhna chois.

titleMean-fhàs
internal date1976.0
display date19..
publication date1976
level
parent text2. Cealla-Roinn
<< please select a word
<< please select a page