[50]

Gineachan bho Dhualchas

1. Seòrsachan Fala

Se an riaghailt as fheàrr a thagainn air na seòrsachan fala an riaghailt ABO, far a bheil na seòrsachan air an eadar-dhealachadh a rèir grunn ailealan, ’nam measg sin IA, IB agusi”. Chan eil smachd aig IA IB air a chéile, ach thaiteicheach a thaobh IA agus IB. Na stuthan sin anns an fhuil leis an teid againn air eadar-dhealachadh a dheanamh eadar na seòrsachan fala anns an riaghailt ABO, lorgar iad air uachdar nan ceallan deargfhuileach. ’Se prótain a thannta, agusse an t-ainm a thagainn orra antigineachan. Daoine aig a bheil an seòrsa fala A, mar eisimpleir, tha antigine A aca air uachdar nan ceallan deargfhuileach. Gheibhear seòrsa prótain eile anns aroinn neo-cheallach den fhuil (am

Antigine anns Anticorp anns

Gineteip Seòrsa Fala an fhuil aphlasma

IAIA no IAi A A anti-B

IBIB no IBi B B anti-A

IAIB AB A agus B Chan eil gin

ii O O Anti-A agus Anti-B


[51]

plasma). Canaidh sinn anticorp riutha sin. Duine aig a bheil seòrsa fala B, tha antigine B aige air uachdar nan ceallan deargfhuileach agus an t-anticorp anti-A aigena phlasma. Tha na h-anticorpan sin, agus na h-antigineachan ris a bheil suathalas aca, aco-oibreachadh ann a leithid de dhòigh is gun teid na ceallan deargfhuileachnan cnap còmhladh. Bheir anti-B, mar eisimpleir, a tha ann am fuil dhaoine de sheòrsa O agus A, air ceallachan le antigine B gun teid iadnan cnap. Gheibhear ceallachan den t-seòrsa seo ann an daoine aig a bheil fuil de sheòrsa B agus AB. Mar sin chan fhaodar leasachadh fala a dheanamh eadar duine aig a bheil, mar eisimpleir, seòrsa A agus duine aig a bheil seòrsa B. Ma nithear seo le mearachd faodaidh am bàs a bhina lùib.

Daoine leis an t-seòrsa fala AB, chan eil anticorpan anti-A no anti-B acanam plasma agus mar sin faodaidh iad leasachadh fala de sheòrsa sam bith a ghabhail. Agus faodaidh daoine aig a bheil an seòrsa O, fuil a thoirt do dhuine sam bith, oir chan eil na h-antigineachan A no B anns an fhuil aca. Ach thoir an aire dha seo: ged is urrainn dhaibhsan le fuil AB leasachadh-fala a ghabhail bho dhuine sam bith, chan fhaod iad fuil a thoirt seachad do dhuine nach buin don aon seòrsa riutha fhéin, agus air a làimh eile, ged is urrainn muinntir aig a bheil seòrsa O, fuil a thoirt seachad do dhuine sam bith, chan fhuiling iad ach fuil de sheòrsa O mar leasachadh-fala.

Tha ailealan aig lócus an ABO (agus aig na lócusan eile de sheòrsachan fala, leithid an lócus Rhesus agus an lócus MN mar a chì sinn) atighinn on dualchas dìreach mar ghineachan Mendeleach:

Tha e soilleir bho chrosaidhean mar seo, ma nithear rannsachadh air seòrsachan fala an leanaibh, na màthar, agus an athar air a bheilear acur an leanaibh, gu faodar sealltainn am fìreannach nach eilna


[52]

athair don leanabh. Ach chan urrainn fianuis gintinneil den t-seòrsa seo dearbhadh a thoirt gu bheil duine àraidhna athair do leanabh, oir tha mòran fhireannach aig a bheil fuil den t-seòrsa a thagainn anns an eisimpleir seo shuas, ’se sin AB. Ach ma tha an leanabh de sheòrsa A no B, agus am màthair de sheòrsa O, chan urrainn an t-athair a bhi de sheòrsa O.

Tha ceangal eadar cho buailteachs a tha daoine do ghrunnan ghalairean agus an seòrsa fuil a thaca. Tha daoine leis an t-seòrsa O, de dhiomadh treubh, 30% nas buailtiche do dhulsair peaptaic na tha daoine le seòrsachan eile de dhfhuil, agus tha aillse stamaig nas trice atighinn air daoine le seòrsa A na tha i air daoine eile. ’Se cùis-smaoin a thann gu bheil ciadad ìosal de dhaoine le seòrsa O anns na badan sin dhen t-saoghal far a robh aphlàigh cumanta uair, agus tha a leithid fìor a thaobh àiteachan far a robh abhreac cumanta: tha ciadad an t-sluaigh le seòrsa fala A ìosal. Anns na h-Innseachan, dhearbhadh gu bheil abhreac nas truime air daoine aig a bheil an aileal IAnam fuil. Tha grunn bheachd-smuaintean ann a tha afeuchainn ri mìneachadh a thoirt air acho-cheangal a tha eadar galairean mar sin agus seòrsachan àraidh fala, ach gu ruige seo cha deach gin dhiubh a dhearbhadh.

Chunnaic sinn nach bu chòir do dhaoine le seòrsa fala A leasachadh-fala fhaighinn de sheòrsa B, oir tha seo atoirt air na ceallan deargfhuileach cnapadh agus tha e uaireannanna adhbhar bàis. Faodaidh na falannan a bhi an aghaidh a chéile ann am màthairs anns an leanabh gun bhreith, agus faodaidh i an leanabh a chall fada mus bi e tìdeach. Tha seo atachairt ma tha an leanabh agus am màthair de dhatharrachadh seòrsa fala, agus ma tha ao-dion ann tarsainn air aphlaseanta. Tha seo mar as trice atachairt glé thràth ann am boireannach a tha trom ma tha e dol a thachairt idir, agus uaireannan chan aithnichear e mar chall leanaibh idir.

Tha sinn cha mhór a cheart cho eòlach air an t-seòrsa fala ris an can sinn Rhesuss a tha sinn air achòmhlan ABO. Tha iomadh aileal eadar-dhealaichie aig an lócus gineach seo mar a tha r, R0, , , ’s mar sin air adhart, ach mar as trice chan eil daoine air an àireamh ach mar ro-rheasach agus neo-rheasach. Daoine a tha ro-rheasach, tha antigine rheasach air uachdar nan ceallan dearg-fhuileach aca, agus chan eil seo aig daoine tha neo-rheasach. Chan eil anticorp rheasach mar as trice ann am plasma fala nan daoine a tha ro-rheasach no neo-rheasach, ach gabhaidh a leithid fàs ann an plasma duine aig a bheil fuil neo-rheasach, le obair antigine rheasach. Tha seo uaireannan atachairt nuair a tha boireannach trom.

Ma tha am màthair neo-rheasach (rhrh) agus an t-athair ro-rheasach (RhRh no Rhrh) faodaidh an leanabh gun bhreith a bhi ro-rheasach. (Bithidh e ro-rheasach an còmhnaidh mas e gineteip an athar RhRh). Uaireannan tha cearban atachairt anns aphlaseanta faisg air tìde abhoireannaich agus tha sùghadh fala eadar am màthair agus an


[53]

leanabh. Ma thachras seo, tha an antigine rheasach ann am fuil an leanaibh atoirt air anticorp rheasach fàs anns amhàthair. Mar as trice chan eil gu leòr de dhanticorp air a dheanamh gu cron sam bith a dheanamh air achiad leanabh, ach tha achlann a thig an deigh sin buailteach don anaemia ris an canar erythroblastosis fetalis. Ann an ceusachan den t-seòrsa sin, tha anticorp rheasach bhon mhàthair atoirt air ceallan dearg-fhuileach an leanaibh cnapadh agus mura cuirear fuil ùr anns an leanabh cho luaths a bheirear e, bàsaichidh e.

Tha iomadh seòrsa eile ann de fhuil, agus dhe na còmhlanan nas lughase an còmhlan MN fear cho aithnichtes a thann. Tha daoine aig a bheil an gineteip MN (17.1% de dhAlbannaich á Glaschu) nas buailtiche do dhfhiabhras rheumatas na tha daoine eile. Tha na còmhlanan nas lugha tha sin gu feum mhór dhuinn ann a bhi ag eadar-dhealachadh nam buidheannan dhaoine bho gach treubh is fine air leth oir tha tricead nan aileal co-cheangailte ri treubhan àraidh. Tha na còmhlanan ABO agus Rhesus glé fheumail anns an t-seagh seo cuideachd. Bheir sinn tarraing nas mionaidiche air a seo fhathast.

2. Troimhe-chéile meatabolach

Mus teid againn beachdachadh air pàirt den troimhe-chéile a tha ag éirigh anns an duine air sàilleabh muthadh gineach, bu chòir dhuinn an toiseach lorg fhaighinn air mar a tha gine atoirt gu ìre comharradh àraidh ann an dreach no an cumadh an duine. ’Se aon chomharradh den t-seòrsa sin dath nan sùilean. Tha phrìomh dhath air sùilean mhic-an-duine, donn agus gorm, agusse donn an comharradh smachdail. Tha daoine aig a bheil sùilean gorma ás aonais an stuth-dhath ris an can sinn melanin anns na fillidhean air uachdar iris na sùla, agusse an stuth-dhath dubh air cùl na h-iris a tha toirt an dath ghorm do na sùilean aca. Faodar an tomhas de mhelanin anns an iris atharrachadh fo bhuaidh ghineachan eile, agus gheibh sinn mar sin dathan eile, leithid glas is dubh, air na sùilean. Faodaidh gineachan den t-seòrsa seo an gine smachdail a mhùchadh gu tur. Ma tha sùilean gorma aig an phàrant, mar eisimpleir, mar as trice bithidh sùilean gorma aig achloinn gu léir, ged a dhfhaodas leanabh corra uair a bhi donnshuileach. Ma thachras seo tha e cheart cho dòcha gu bheil aileal nan sùilean donna aig an dara pàrant, ach bha e air a mhùchadh le gine eile.

Tha gnè anns na duine ris an can sinn ailbineachd. Tha seo abuntainn ri mu aon duine ann an deich mìle, agus na daoine anns a bheil aghnè seo, tha sùilean pinc aca agus falt is craiceann geal. Mar as trice tha iad gun chomas melanin a dheanamh. ’Se melanin an stuth a tha ga dheanamh aig acheann thall, an déidh sreath de thachartasan ceimiceach, agus tha gach ceum anns an t-sreath fo smachd beirmeir a tha acruth-atharrachadh aphrótain. Tha beirmeirean air leth acumail smachd air na ceuman eadar-dhealaichte anns a h-uile tachartas


[54]

ceimiceach, eadar thogail agus mhilleadh, a tha dol air adhart nar bodhaigean. Tha daoine ailbineach mar as trice ás aonais aon bheirmeir a tha acuideachadh ann a bhi deanamh mhelanin, agus tha am beirmeir seo a dhìth orra a chionns gu bheil iad a dhìth an aileil a dheanadh am beirmeir. An àite an aileil àbhaistich tha aileal muthaidh aca. Mar sin, tha na sùilean aca pinc, am falt geal, agus an craiceann gun dath. Tha na gineachan acumail smachd air deanamh nam beirmeir, gach gine mar as trice acumail smachd air co-chur aon bheirmeir.

Tha móran de ghalairean dualchasach ann am mac-an-duine ag éirigh á troimhe-chéile meatabolach, agus tha cuid dhiubh ag éirigh bho dhìth aon bheirmeir. An galair ris an can sinn phenylketonuria, mar eisimpleir, tha seo ag éirigh a chionns nach teid aig an adha air deanamh abheirmeir a bu chòir phenylalanine a thionndadh gu tyrosine. ’Se bun a thann gu bheil phenylalanine ri meudachadh anns an fhuil. Daoine air a bheil an galair seo, tha iad glé fhad air chùl an comas inntinn. Tha an galair seo abualadh mu aon duine ann an deich no fichead mìle. Leanabanan air a bheil seo, faodar a leigheas le bhi gan cur fo riaghailt bìdh anns nach eil móran phenylalanine.

Tha dealachadh eadar threubhan achinne-daonna a thaobh an comais air feum a dheanamh de stuthan àraidh ann am biadh. Tha clann de gach treubh adeanamh feum den t-siùcair a thann am bainne (lactose) mar mheadhon bìdh, a chionns gu bheil beirmeir aca air a bheil lactase a tha abriseadh sìos an stuth seo. Tha seòrsa eadar-dhealaichte de lactase aig inbhich, agus is urrainn dhaibhsan cuideachd feum a dheanamh de bhainne mar bhiadh. Tha seo fìor a thaobh na mórchuid de Chaucasaich, ach chan eil e fìor mun mhór-chuid de Afracanaich, agus móran de Asianaich, leithid nan Sìneach. Chan eil móran de dhAfracanaich agus de Asianaich inbheach comasach lactase a dheanamh, agus mar sin chan urrainn dhaibh bainne a chnàmh. Is dòcha gur h-e sin as coireach nach tainig tuathanachas chruidh-bainne gu ìre ann an roinn mhóir de Afracas de Asia. Is dòcha cuideachd gur h-e seo an t-adhbhar nach eil cus aig Afracanaich agus Asianaich mu dheidhinn cuideachadh fhaighinn ann an riochd phùdar bainne, oir ma shluigeas duine bainnes nach teid aige air a chnàmh, bithidh gearain aig a stamaig!

titleGineachan bho Dhualchas
internal date1976.0
display date19..
publication date1976
level
parent text4. Gintinneachd – Mac-an-duine
<< please select a word
<< please select a page