Dualchas ceangailte ri sex
Tha grunn de chomharraidhean daonna ann a tha a’ sealltainn seòrsa mì-àbhaisteach de dhualchas, anns an t-seagh gu bheil iad ri ’m faicinn nas trice ann am fireannaich na tha iad ann am boireannaich. Tha na comharraidhean sin ceangailte ri sex: tha na gineachan air an giùlan air a’ chromosom X.
Mar eisimpleir de chomharraidhean faicsinneach a tha fo smachd nan gineachan air a’ chromosom X, tha an dath-dhoille nach dealaich eadar
dearg is uaine, héimofìlia agus balbh-bhuidhre. Tha an dath-dhoille dhearg-uaine air mu 1% de bhoireannaich gheala anns an U.S. A., ach air 8% de fhireannaich gheala. Tha tricead na doille seo ann am boireannaich nas ìsle a chionns gu bheil dà chromosom X aig na boireannaich ’s gun ach an t-aon aig na fireannaich. Ma phòsas boireannach dath-dhall fireannach le fradharc gnàthach, bithidh fradharc gnàthach aig na nigheanan gu léir agus bidh na mic gu leir dath-dhall. Thoir an aire gur h-e fradharc gnàthach an comharradh a tha smachdail. Ach tha aileal (Xd) aig na nigheanan airson dath-dhoille a thuilleadh air fear (XG) airson fradharc gnàthach. Mar sin, ma phòsas iad duine aig a bheil fradharc gnàthach, bithidh 50% de na mic dath-dhall, ged a bhios fradharc gnàthach aig na nigheanan gu léir. Cha bhi dath-dhoille air nighean nas lugha na gum bi a h-athair dath-dhall agus a màthair an dara cuid dath-dhall airneo a’ giùlain an aileil
airson dath-dhoille (Xd). Tha gineachan eile a tha ceangailte ri X, leithid héimofilia, a’ tighinn troimh’n dualchas anns a’ cheart dòigh.
title | Dualchas ceangailte ri Sex |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | 4. Gintinneachd – Mac-an-duine |