Buaidh na coimhearsnachd
Anns a’ chaibideil mu dheireadh chunnaic sinn gu bheil comharraidhean àraidh, leithid àirde, cudthrom agus geurchuis, fo smachd grunn de ghineachan. Tha seo fìor cuideachd a thaobh dath a’ chraicinn a tha a’ tighinn bho melanin.
Anns na treubhan dubha tha móran de’n stuth seo air a sgapadh air feadh grunn fhillidhean craicinn, agus chan eil aig na treubhan le craiceann bàn ach beagan dheth, agus sin ann an aon fhilleadh de an craiceann. Tha grunn lócusan ghineachan a’ compàirteachadh ann a bhi a’ cumail smachd air an tomhas de mhelanin ann an craiceann mhic-an-duine, agus mar sin chan eil daoine uile-gu-léir dubh no geal, ach tha gach seòrsa de dhath donn orra cuideachd. Tha seo follaiseach anns na ceàrnaidhean sin de’n t-saoghal far na mheasgaicheadh daoine dubha is geala, leithid Brasil, Na h-Innseachan an Iar, U.S. A. agus Afraca-a- tuath.
Co-dhiù, chan e an gineteip againn a-mhàin a tha a’ riaghladh ar dreach ’s ar cumadh, ach a’ bhuaidh a tha aig ar gineachan ’s aig ar coimhearsnachd air a chéile. Mar eisimpleir, tha iomadh duine ann dha bheil diabetes dualtach, ach chan eil an galair sin a’ tighinn am bàrr mura bi a’ choimhearsnachd freagarrach. Tha deagh fhios againn gu bheil duine nas trice a’ laighe fo diabetes ma tha móran de ghualuisgean ’na bhiadh.
’Se rannsachadh cho mionaideach ’s a th’againn air cuspair de’n t-seòrsa seo — mar a tha comharradh coltais an urra ri gineteip agus ri coimhearsnachd — an rannsachadh air cudthrom cloinne aig àm am breith. Tha mu 62% an urra ris a’ choimhearsnachd, agus tha seo a’ gabhail a-steach cho math ’s a tha biathadh na màthar, an aois a tha i, ’s mar sin air adhart, agus chan eil ach 38% de’n chudthrom an urra ris a’ ghineteip. Tha e furasda fhaicinn gu bheil brìgh mhór aig a seo air mar a tha beatha sluaigh air a riaghladh. Tha geurchuis cloinne an urra an dà chuid ri coimhearsnachd na dachaidh agus ri dualchas na cloinne. Ni leanabh bho choimhearsnachd mhath barrachd na fear bho choimhearsnachd bhochd, ged a bhiodh na gineteipean aca co-ionnan. Anns a’ chùis seo chan eil a bheag de ghnothaich aig coimhearsnachd ri ionmhas. Cha b’ann beairteach a bha na pàrantan a dh’àraich Raibeart Burns agus Donnchadh Bàn.
title | Buaidh na Coimhearsnachd |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | 4. Gintinneachd – Mac-an-duine |