Tricead nam Muthaidhean
Chan ann tric a tha gineachan a’ muthadh bho aon chruth gu cruth eile, ach tha muthaidhean a’ tachairt nar ceallan. Chan eil na h-
atharraichidhean sin a’ dol anns an dualchas mura tachair iad ann an gamaitean, no anns na ceallan bho bheil na gamaitean a’ tighinn, agus an uair sin fhéin cha tachair e ach nuair a thorraicheas gamait ugh.
Tricead Muthaidhean ann am mac-an duine
Muthaidhean anns gach millean gamait ann
Comharradh an ginealach
Héimofilia 25–32
Dystrophy fhéithean 43–100
Balbh-bhuidhre (grunn ghineachan) 450
’Sann ainneamh a tha muthaidhean a’ tachairt, agus chan eil iarraidh air a’ mhór-chuid dhiubh. Ach gabhaidh an tricead àrdachadh le leithid X-ghathan. Faodar tricead mhuthaidhean ann an sìol an duine àrdachadh cho mór ri 85% le bhi a’ cleachdadh briogais cumhang, oir tha seo ag àrdachadh an teas, grunn de phuingean, aig a bheil an sìol air a dheanamh. Cha tachair seo nuair a tha féileadh ga chleachdadh — cha robh na Gaidheil cho maol!
title | Tricead nam Muthaidhean |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | 4. Gintinneachd – Mac-an-duine |