[72]

6 MEAN-FHAS: BUN-STEIDH NA BEATHA

Seann Bheachdan

am bun-stéidh a tha aig beatha air an talamh? — tha sin air aon de na ceistean as cudthromaiche, do nach dfhuaras freagairt fhathast, ann am bith-eòlas. ’Se ceist a thinnte a tha air a bhi tarraing ùidh dhaoine fad mhìltean bliadhna, agus is beag an t-iongnadh ged a bhiodh móran de chreideamhan air a stéidheachadh, gu ìre co-dhiù, air achreideamh gun deach beatha a chruthachadh le aon dia no grunn de dhiathan. ’Se rud gu math cumanta thann, a-measg dhaoine, bithean os-nàdurrach a chruthachadh gu mìneachadh a thoirt air rudan nàdurrach nach robh daoine atuigsinn aig an àm: bha tàirneanaich is dealanaich, sgàilean air aghréin, droch fhoghairean, ’s mar sin air adhart, air an cur ás leth nan diathan anns na làithean a dhaom. Cha ghabh e dearbhadh no àicheadh le deuchainn-ealdhain gun deach beatha a chruthachadh air talamh le dia, agus tha am beachd-smuain seo alaighe taobh-muigh crìochan na h-ealdhain.

Chuireadh air adhart mìnichidhean eile air bun-stéidh na beatha, bho àm gu àm, a ghabhas an cur gu deuchainn. Be aon diubh sin gum beothaich beatha gu saor-thoileach bho stuth gun bheatha. Bha am beachd seo air a bhonntachadh air rudan cumanta so-fhaicsinneach, leithid nan cnuimhean a bha ga nochdadh fhéin ann am feòil a chaidh fhàgail ris fad grunn lathaichean. Bi acheist a bha ag iarraidh freagairt seo: Am bi na cnuimhean atighinn beò gu saor-thoileach anns an fheòil, no a bheil gnothaich aig bhon taobh-a- muigh riutha? Chuireadh acheist seo gu deuchainn le F. Redi (16261697). Chuir esan feòil ann an chrogan mór, an dara fear dhiubh còmhdaichte agus am fear eile fosgailte. Cha do nochd cnuimhean ach anns an fheòil a bha anns achrogan fhosgailte. Tha e mar sin ceàrr a bhi asmaoineachadh gu robh cnuimhean atighinn beò gu saor-thoileach ann am feòil. Chan eil ann an cnuimh ach làrbha cuileig, agus cha tig i beò á feòil mura breith cuileag uighean anns an fheòil. Bha e comasach do na cuileagan seo a dhèanamh anns achrogan fhosgailte, ach cha ruigeadh iad air an fheòil anns achrogan dhùinte.

Bha e duilich fhathast do dhaoine a chreidsinn gun éireadh micro-fhas-bheairtean air dòigh eile ach le gintinn saor-thoileach. Cha do chuireadh smachd air luchd aghintinn shaor-thoileach gus an do dhearbh Louis Pasteur (18221895) nach lobhadh brot air a bhruich


[73]

ma bha e ann am flasg dùinte, no ann am flasg air a robh pìob le cumadh S air. Cha robh rian nach lobhadh brot a bha air a bhruich agus a dhfhàgadh fosgailte ris an aer, oir tha ena mheadhon air leth math airson fàs iomadach seòrsa micro-fhàs-bheairt. Tha fàs-bheairtean a tha ag aobharachadh lobhaidh air an giùlan ann an dusd, agus ged a gheibheadh aer gun dusd ann gu brot no stuth bruich de sheòrsa eile, cha lobh e. Chaidh seo a dhearbhadh le John Tyndall (18201893). Tha e dearbhte nach eil beatha ag éirigh gu saor-thoileach air an talamh mar a tha e an diugh. Cha duirt sin nach do dhéirich e anns an dòigh seo a riamh, mar a chì sinn a rithist.

DEALBH 1. Trì flasgaichean anns a bheil brot, a chaidh a bhruich gus a dhèanamh aimrid. Tha aig flasg A ceangal ris an taobh-a- muigh tre amhaich fhada lùbte; chan eil am brot anns an fhlasg seo air a ghànrachadh le micro-fhàs-bheairtean. Tha ceann ann am flasg B agus tha e fuireach aimrid. Tha flasg C fosgailte ris an aer agus theid am brot a ghànrachadh le bacteria.

Bha an cuspair seo, bun-stéidh na beatha air an talamh, air a sheachnadh leis amhór-chuid de luchd-ealain, aon uairs gun do dhàicheidheadh gintinn saor-thoileach, gus an tàinig an linn seo fhéin. Ach an 1936 chuir am bith-cheimicear Ruiseanach, A. I. Oparin, air adhart a bheachd gun do dhéirich beatha o eadar-oibre chumhachdan ceimiceach agus fisiceach milleanan bhliadhnachan, tràth ann an eachdraidh na talmhainn .i. gun tàinig beatha am bith gu saor-thoileach le co-chur ceimiceach.

titleSeann Bheachdan
internal date1976.0
display date19..
publication date1976
level
parent text6. Mean-fhàs: Bun-stéidh na Beatha
<< please select a word
<< please select a page