Sìolachadh ann an Luibhean air Talamh-tioram
B’e an duilgheadas mu dheireadh a bh’aig na ciad luibhean talmhainn ri faighinn thairis air gun a bhith an eiseamail uisge nuair a bha a dhìth orra sìolachadh. ’Sann uidh air n-uidh a fhuair iad os cionn an duilgheadais seo, agus eadhon an diugh fhéin tha raineach agus na còinnich an urra ri uisge airson sìolachaidh. Mus toir sinn iomradh air sìolachadh gnètheach ann an luibhean, feumaidh sinn an toiseach saoghal no cearcall beatha na luibhe anns a’ chumantas a sgrùdadh. Tha beathaichean dùblaite, agus chan eil ach an aon ìre shinglite ’nan cearcall beatha: ìre nan ceallan sìl is nan ceallan uighe. Ach tha cearcall beatha aig luibhean anns a bheil ìre dhùblaite (an sporophyt no an luibh-sìolachaidh) agus ìre shinglite (an gametophyt no an luibh-brididh) a’ leantainn a chéile. Tha na ginealaich a’ leantainn a chéile, leis an sporophyt dùblaite a’ deanamh spòraichean singlite (le meiósis), agus an gineal de gametophyt singlite a tha a’ tighinn bho’n spòr sin a’ deanamh ghamaitean (le miotósis). Tha na gamaitean singlite a’ dol ’na chéile aig a’ cheann thall, agus tha an t-ugh torrach a’ fàs gu bhith ’na ghineal sporophyt dùblaite aon uair eile (Dealbh 8).
Tha an cearcall-beatha seo nas eadar-fhillte gu mór na cearcall-beatha nan ainmhidhean. Ann an cuid de luibhean, tha an gineal dùblaite agus an gineal singlite co-ionnan an cruth, (e.g. a’ ghlasag, Alga ghorm);
DEALBH 8. Cuairt beatha rainich. Chan eil na roinnean air leth air an tarraing gu sgàl. (a) lus rainich (gintinn le luibh-sìolachaidh); (b) tair-dhealbh tre fhrond rainich a’ sealltainn sporangia ghasach (c); (d) spòr singilte. Bha seo air a leigeil ma sgaoil bho sporangium; (e) gineadh luibh-brididh (singilte), a’ tighinn o’n spòr; (f) mór-dhealbh de phàirt de’n ghineadh luibh-brididh, a’ sealltainn an fhireann, (g), agus am boireann, (h), structairean ás a bheil gamaitean a’ tighinn; (i) cealla uighe; (j) gamaitean fireann le comas gluasaid; (k) an déidh torrachaidh tha a’ chealla uighe a’ toirt am bith lus ùr, a tha ’na luibh-sìolachaidh dùbailte, air an lus bheag a tha ’na luibh-brididh.
ann an cuid eile, tha an gineal gametophyt smachdail agus glé eadar-dhealaichte bho’n ghineal sporophyt (e.g. ann an còinneach ’s ann an lus an àinean); agus a rithist tha luibhean ann far a bheil an gineal gametophyt glé dhiùid, agus an gineal sporophyt smachdail (e.g. luibhean flùranach, craobhan-durcain agus raineach).
Le mean-fhàs nan luibhean air talamh-tioram, ach a-mhàin còinneach agus lus an àinean (Bryophyta), thainig an gineal gametophyt gu bhith na bu diùide. Ann an raineach, mar eisimpleir, ged nach eil an luibh gametophyt an eiseamail na luibh sporophyt, tha e ’na structair glé bheag, air chumadh cridhe. Tha an raineach gametophyt a’ deanamh an dà chuid ceallan sìl agus ceallan uighe, ged a tha corra sheòrsa raineach agus corra sheana luibh eile aig a bheil luibhean-brididh a tha a’ deanamh an dara cuid sìol no uighean, ach nach dean na dhà còmhla. Nuair a bha an gineal gametophyt boireann beag gu leòr, bha e a chum buannachd a chumail air an luibh sporophyt, ged a dh’fheumadh an gametophyt fireann a bhith air a leigeil ma sgaoil ma bha torrachadh gu bhith ann. ’Sann mar sin a tha cùisean ann an Gymnosperm an là-an-diugh (e.g. craobhan-durcain) agus anns an Angiosperm (leithid nan luibhean flùranach).
Le bhith cumail a’ ghametophyt bhoireann, thachair ri tìde gun tainig an sìol am bith. Chan eil ann an sìol ach structair a tha a’ deanamh spòr boireann, agus a tha air a chuairteachadh le còmhdach a tha ga dhìon. Tha an spòr boireann a’ toirt am bith an gametophyt boireann air taobh a-stigh còmhdach an t-sìl, agus ás a’ ghametophyt bhoireann sin tha an t-ugh a’ tighinn. Tha an torrachadh a’ tachairt am broinn an t-sìl, agus tha an suth a’ fàs an sin cuideachd. Agus tha biadh cuideachd air a stòradh am broinn an t-sìl, agus tha seo air a chur gu feum leis an t-suth mar a tha e a’ fàs. Tha daoine a’ deanamh feum de’n bhiadh seo: min flùir mar eisimpleir. Le mean-fhàs an t-sìl fhuair an suth, mar a bha e a’ fàs, dìon bho dhochann agus dìon cuideachd bho thiormachadh.
Chunnaic sinn, ma tha, mar a thachair do’n ghametophyt bhoireann troimh na milleanan de bhliadhnachan, ach dé a nis mu’n ghametophyt fhireann? Tha an gametophyt fireann a’ deanamh ghamaitean fireann agus anns na luibhean nas ìsle (Algae, Bryophytean, raineach, agus clò-uisge (Equisetum) no earball-eich) tha na gamaitean sin flaigeallach, ’se sin ri ràdh, feumaidh iad snàmh troimh’n uisge gus a’ chealla-uighe a ruighinn agus gus torrachadh a dhèanamh. Tha e soilleir, mar sin, gu bheil na luibhean-talmhainn as neo-adhartaiche fhathast an urra ri uisge gus an seòrsa fhéin a chumail a’ dol. Chan e gu feum móran uisge a bhith ann — is dòcha dìreach sgàilean tana air uachdar na luibhe, ach tha seo a’ bacadh nan luibhean sin bho bhith ag àiteachadh far a bheil tiormachd ann móran de’n ùine. Tha còinneach agus raineach, ma tha, a’ fàs mar as trice ann an àiteachan tais, mar ann an coilltean, faisg air uillt no easan, no ann an ionadan far a bheil uisge trom ann.
Tha na luibhean-talmhainn as adhartaiche fhathast a’ leigeil a’ ghametophyt fhireann ma sgaoil, ach chan eil na gamaitean a tha na structairean sin a’ toirt am bith, flaigeallach a nis. Anns na luibhean-talmhainn as adhartaiche ’se an gràn poilein an gametophyt fireann. Anns na luibhean flùranach, tha dà niùclas ann an gràn poilein, agus tha an dara fear dhiubh ga roinn fhéin gu dà niùclas fireann a dhèanamh( ’se sin ceallan-sìl). Nuair a tha an gràn poilein a’ ruighinn an structair anns a bheil an gametophyt boireann (mar eisimpleir durcan boireann air giuthas no an roinn bhoireann de fhlùr) tha e a’ ginideachadh agus a’ deanamh pìoban poilein. Anns a’ phìoban seo tha na niùclasan fireann, agus tha e a’ fàs troimh stuth an fhlùir gus a ruig e a’ chealla-uighe. Tha e an uair sin a’ spreadhadh agus a’ leigeil ma sgaoil na niùclasan fireann. Tha an dara niùclas fireann a’ dol mar aon leis a’ chealla-uighe, agus am fear eile, mar as trice, a’ dol mar aon le dà niùclas eile anns a’ ghametophyt bhoireann, agus a’ deanamh an niùclas sin ris am bi e an urra biadh (endosperm) a dheanamh anns an t-sìol. Chì sinn mar sin nach eil na luibhean flùranach agus na craobhan-durcain idir an eiseamail uisge airson torrachadh.
’Se sporangia an t-ainm a tha air na structairean sin a tha a’ deanamh spòraichean le meiósis anns na luibhean-talmhainn, agus tha na structairean sin air atharrachadh gu mór mar a shiubhail tìm. Bha na
DEALBH 9. Tair-dhealbh air fhad troimh dhurcan giuthais a’ sealltainn na sporangia bhoireann, no na h-uigheagan, air uachdar cuid de na lannan. (a) = ughag.
sporangia air tùs ’nan structairean mar phocan aig ceann nam meanglanan. Bha àireamh mhór ann de na structairean sin, agus mu dheireadh thòisich iad a’ tighinn gu chéile ann an cruth cón, agus bha seo mar dhìon do na sporangia. ’Sann mar seo a dh’fhàs cónaichean nan Gymnosperm (Dealbh 9). Tha cónaichean no durcain fhireann agus bhoireann aig craobhan-durcain, agus ’se durcain bhoireann an fheadhainn a tha sinn eòlach air a bhi faicinn air craobhan mar a tha an Giuthas.
Tha sporangia cuideachd aig na luibhean flùranach, ged nach eil iad sin ann an riochd chónaichean; ’sann a tha iad air an gabhail a-steach anns na flùraichean fhéin. Tha ceithir roinnean ann am flùr — siopalan, flùr-bhileagan, stamainean agus carpalan — ged a tha flùran ann air a bheil aon no barrachd de na roinnean sin a dhìth (Dealbh 10). ’Se duilleagan beaga, uaine, ath-leasaichte a tha anns na siopalan; tha iad air taobh-a- muigh an fhlùir, agus tha iad a’ toirt dìon dha ann an ìre. ’Se duilleagan ath-leasaichte a th’anns na flùr-bhileagan cuideachd; tha
DEALBH 10. Tair-dhealbh air fhad troimh fhlùr, anns a bheil torrachadh a’ tachairt. (a) = siopal; (b) = flùr-bhileag; (c) = stamain; (d) = carpal; (e) = antair; (f) = ugh-lann; (g) = pìob; (h) = stiogma; (i) = ughag; (j) = cealla uighe; (k) = gràn poilein; (l) = pìoban poilein.
iad ri taobh nan siopalan, tha mar as trice dath soilleir orra agus tha iad a’ tàladh meanbh-fhrìdean chun na luibh. ’Se th’anns na stamainean buill-bodhaig a tha a’ toirt am bith na spòran fireann (gràn poilein gun a bhith abaich). Tha gach fear dhiubh ’na fhileamaid fada tana, agus structair maothanach ris an can sinn antair aig a cheann. Tha dà mhaothan air an antair, agus anns gach maothan tha dà phocan poilein (sporangia fhireann) far a bheil gràineanan poilein gan dèanamh. Gheibhear na carpalan aig meadhon an fhlùir. Dh’fhàs carpalan bho structairean de ghnè dhuilleagan, a bha a’ giùlan sporangia bhoireann air an uachdar. Chaidh cinn an structair a bha a’ giùlan nan seann sporangia, am filleadh agus an toirt gu chéile, a’ deanamh mar seo pocan a ghleidheadh na sporangia. Tha e soilleir gu bheil carpal dùinte a’ dìon nan ughag bho thiormachadh. Ri tìde dh’eadar-atharraich am pocan seo anns an robh na sporangia —an carpal — agus thainig e gu bhith ’na structair aig a robh roinn gu h-ìosal a bha air at — b’e sin an t-ugh-lann — bràighe fada no pìob agus rinn mhaothanach air a bheil stiogma mar ainm. Bha na sporangia, no na h-ughagan, mu dheireadh air an cumail ris an ugh-lann. Is dòcha gun do dh’fhàs stamainean cuideachd bho dhuilleagan, a bha a’ giùlan sporangia, agus tha an ‘duilleag’ an seo air fàs nas caoile agus tha na sporangia, no na pocagan poilein, air an cuingeadh ri ceann an stamain.
Chan eil ann am flùraichean ach meadhonan air meanbh-fhrìdean agus fàs-bheairtean eile a thàladh, ach an gabh poilean a ghiùlan bho’n dàrna flùr chun an fhir eile, a’ deanamh cinnteach anns an dòigh seo gun tachair tair-thorrachadh. ’Sann air sgàth seo a tha flùraichean glé thric soilleir-dhathte, le fàileadh brèagh dhiubh, agus iad a’ sruthadh meala. Tha seilleanan agus meanbh-fhrìdean eile air an tàladh gu flùraichean ach a faigh iad biadh (poilean agus mil), chan ann a chionn ’s gu bheil iad airson cuideachadh le poileanachadh( ’se sin giùlan a’ phoilein bho’n antair air an dàrna luibh gu ruig stiogma an fhir eile). Na flùraichean sin a tha an urra ris a’ ghaoith gus am poilean a ghiùlan gu luibhean eile, tha iad mar as trice uaine/gorm agus tha iad gun mhil gun fhàileadh. Tha na flùraichean sin ri’m faighinn gu h-àraidh anns na seòrsachan feòir, an luachair agus an cìob, agus cuideachd ann an luibhean mar a tha Cuach-Phàdraig agus craobhan seileach.
Tha rud eile ann a tha a’ dlùth-bhuntainn ri nàdur nan luibhean flùranach agus ’se sin mar a tha na measan a’ fàs. Chan eil ann am meas ach aon ugh-lann, no barrachd air aon, air abachadh, ged a dh’fhaodas roinnean eile de fhlùr gnothach a ghabhail ri structair mheasan cuideachd. Mar eisimpleirean gabhamaid dearcagan caorainn, durcain, subhan-craoibh, smeuran-dubha agus ùbhlan. Tha measan a’ deanamh sgapadh air sìol, agus ’se sin as aobhar dhaibh. Tha beathaichean air an tàladh gu measan, ’s gur h-e seòrsa bidhe a th’annta, agus mar sin tha sìol air a sgapadh thall ’s a-bhos le beathaichean a bhios ag ithe mheasan (Dealbh 11).
DEALBH 11. A. Tair-dhealbh troimh mheas (ubhal) a’ sealltainn an t-sìl. — B. Tair-dhealbh troimh shìol samplach a’ sealltainn suth an luis. (a) = na ciad dhuilleagan sìl; (b) = endosperm.
title | Sìolachadh ann an Luibhean air Talamh-tioram |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | 7. Mean-fhàs Luibhean |