8 MEAN-FHAS AINMHIDHEAN
Ainmhidhean Aoncheallach
Dh’fhàs ainmhidhean mean air mhean, mar a dh’fhàs luibhean, bho sheann fhàs-bheairtean flaigeallach, aoncheallach, a bha beò anns a’ chuan os cionn 1,000 millean bliadhna air ais. Chan eil móran teagaimh ann nach tainig luibhean am bith mus tainig ainmhidhean. Tha luibhean comasach air am biadh gu léir a cho-chur le bhi deanamh feum de neart na gréine, agus chan eil e ann an comas ainmhidhean seo a dhèanamh. Tha mar sin na h-ainmhidhean an urra ri luibhean airson bìdh, agus nan robh cealla ainmhidh air tighinn gu ìre mus tainig luibhean am bith, bha i air bàsachadh leis a’ ghoirt.
Tha gu leòr de ainmhidhean aoncheallach air an t-saoghal an diugh, agus faodar an roinn ann an ceithir buidheannan eadar-dhealaichte: flaigeallaichean an là-an-diugh, na Sarcodina, na Sporoso-aich agus na cilichean. A thaobh mean-fhàs, chan eil na Sporoso-aich gu móran ùidh dhuinn, oir bhiodh e coltach nach eil annta ach seòrsachan mì-dhùthchasach de na flaigeallaichean agus de na Sarcodina. ’Se an rud as motha tha gan toirt gu ar n-aire gum buin na fàs-bheairtean bho bheil fiabhras-malaria a’ tighinn (Plasmodium) do’n bhuidhinn seo. Bhiodh e coltach gun tainig na cilichean am bith gun a bhi an eisimeil nan seann fhlaigeallaichean, agus coltach ris na h-Algae dhearga tha iad a’ deanamh buidheann mean-fhàsach air leth bho chàch. Buinidh Paramecium do’n bhuidhinn seo. Tha a chorp rudeigin coltach ri sliopair, agus tha e air a chòmhdach le os cionn 2,000 cile bhìodach, ’s iad gu léir a’ crathadh còmhla, agus anns an dòigh seo a’ gluasad na fàs-bheairt seo, a tha aoncheallach ach aig an aon àm iomadh-fhillte a thaobh structair, troimh ’n uisge. Tha na Sarcodina — ’se Amoeba an aon dhiubh seo air an eòlaiche sinn — glé shìmplidh a thaobh structair, is iad coltach ’nan cruth ri ceallan-fala geala. Chan eil flaigeallan no cilean aca, agus ’se an dòigh gluasaid a th’aca protoplasma an corp a shìneadh rompa agus ‘sruthadh’ innte mar gum b’eadh. Tha cuid de na fàs-bheairtean sin a tha a’ deanamh sligean dhaibh fhéin a tha glé àluinn agus anabarrach meanbh. Tha na sligean sin a’ tuiteam gu aigeal na mara nuair a bhàsaicheas an fhàs-bheairt, agus ás a seo thainig an t-uabhas de làthach, de sheòrsachan eadar-dhealaichte, air aigeal na mara. Tha na seòrsachan làthaich sin air an dinneadh ri chéile, ri tìde, agus le atharraichean ann an rùsg na talmhainn, tha cuid dhiubh a nis
’nan talamh-tioram. Tha creagan geala Dover air an dèanamh bho shligean cailceach a bhuineadh do fhàs-bheairtean de’n t-seòrsa sin.
’Se na flaigeallaichean as motha tha tarraing ar n-ùidhe de na h-ainmhidhean aoncheallach, a chionn ’s gur h-ann bho bhuill de’n bhuidhinn seo (buill a chaidh á bith bho chionn fhada) a dh’fhàs ainmhidhean iomacheallach. Tha cuid de na flaigeallaichean gorm agus coltach ri luibhean, agus tha feadhainn eile ann a tha a’ glamadh bhloigheagan bìdh anns an dòigh a tha àbhaisteach do cheallan ainmhidheach. Gu dearbha, tha iomadh dòigh aig buill na buidhinn seo air biadh a ghabhail — tha cuid ann a tha a’ faighinn am bìdh araon troimh foto-cho-chur agus troimh cheallan eile ithe; faodaidh cuid dhiubh na stuthan-datha foto-cho-churte aca a chall agus a bhi beò an uair sin mar cheallan ainmhidheach; agus tha feadhainn eile dhiubh a tha ’nam faoighichean, agus mar eisimpleir air an t-seòrsa sin tha Trypanosomas, an fhàs-bheairt a tha ag aobharachadh tinneas-cadalach de’n t-seòrsa Afracanach. Thatar de’n bheachd gur h-ann bho na flaigeallaichean a thainig na Sarcodina, oir tha seòrsachan flaigeallaiche ann a tha a’ call am flaigeall aig àm àraidh de am beatha, agus tha iad an uair sin a’ coimhead, agus a’ gluasad, coltach ri ceallan amoebeach.
title | Ainmhidhean aoncheallach |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | 8. Mean-fhàs ainmhidhean |