Ainmhidhean iomacheallach neo-adhartach
Taobh a-muigh nan spongan, ’se na fàs-bheairtean iomacheallach as sìmplidhe a th’ann na Coelenteratan, buidheann de dh’ainmhidhean a tha a’ gabhail a-steach cìoch-na-mnatha-sìthe, muir-tèachd agus corailean. ’Se an dèanamh a tha air na fàs-bheairtean sin, anns a’ mhór-chuid, filleadh de cheallan air an uachdar ris an can sinn an eactodairm, no an craiceann uachdrach, agus fo’n a sin filleadh de cheallan ris an can sinn an eandodairm (an craiceann a-stigh) a tha mar lìnigeadh air an ionad sin, air a bheil cumadh mar phoc, anns a bheil biadh ga chnàmh. ’Se ceallan teumaidh a th’ann an cuid dhiubh sin, is tha iad mar mheadhon air biadh a ghlamadh, air neo tha iad a’ teumadh neach sam bith a shuathas annta air an t-snàmh. Cha lorgar ceallan de’n t-seòrsa seo ann am buidheann sam bith eile de ainmhidhean.
Is dòcha nach eil cìoch-na-mnatha-sìthe is muir-tèachd glé choltach ri chéile air a’ chiad shealladh, ach ma chuireas sinn car de’n mhuir-tèachd chì sinn gu bheil iomadach suathalas aig an dà fhàs-bheairt ri chéile (Dealbh 2). Agus cuideachd, aig ìre àraidh ’na bheatha tha am muir-tèachd coltach ri cìoch-na-mnatha-sìthe. Tha na corailean coltach ri “cìochan” beaga, ged a bhios iad a’ tighinn beò ’nam buidheannan agus ag àrach cupanan aoilchloich mu’m bodhaigean. Tha na sgeirean corail air an dèanamh de chreatlaich nam fàs-bheairtean sin (de na
DEALBH 2. (a) Muir-tèachd; (b) Cìoch-na-mnatha-sìthe.
cupanan aoilchloich), agus cha lorgar corail bheòtha ach air mullach ’s air taobhan nan sgeir. Tha meud mhór ann an cuid de na sgeirean sin: tha an Sgeir Mhór (Great Barrier Reef) ri oirthir an ear Astràilia thairis air 1,930 cìlo-meatair am fad agus a’ gabhail a-steach mu 207,200 cìlomeatair ceàrnach.
Is dòcha nach eil móran coltais aig cìoch-na-mnatha-sìthe agus aig muir-tèachd ri sinnsirean na móir-chuid de ainmhidhean ioma-cheallach. Ach ma sgrùdas sinn na h-uighean torrach aig móran de na h-ainmhidhean adhartach nuair a tha iad ùr-thorrach, tha e soilleir gu bheil an t-ugh a’ dol troimh ìre a tha glé choltach a thaobh cruth ri iomadh Coelenterat. Goirid an deidh do’n ugh torrach tòiseachadh a’ fàs, tha ceirtle fhalamh de cheallan a’ tighinn am bith. ’Se am blastula a theirear ris agus a thaobh structair tha e glé choltach ris an Alga ghorm, Volvox. Tha pàirt de bhalla a’ bhlastula a’ deanamh ath-fhilleadh agus mar sin a’ deanamh structair dà-fhillte ris an canar gastrula. Tha seo air a dheanamh an àirde de chòmhdach air an taobh a-muigh de cheallan eactodairmeach, agus tha filleadh air an taobh a-stigh de eandodairm: tha am filleadh sin a’ lìnigeadh an tuill a chaidh a dheanamh nuair a rinn balla a’ bhlastula ath-fhilleadh. Tha gastrula de’n t-seòrsa seo glé choltach ’na chruth ri Coelenterat sìmplidh leithid a Hydra (Dealbh 3).
DEALBH 3. (a) Ugh; (b) Ceirtle fhalamh de cheallan air a bheil an t-ainm blastula. Tha seo a’ tighinn bho roinn miotósach an uighe tha air a thorrachadh; (c) Gastral. Tha dà shreath de cheallan ann, an eactodairm a-muigh (1) agus an eandodairm a-stigh (2), agus tha e a’ fàs bho’n bhlastula; (d) Hydra, ainmhidh sìmplidh ioma-cheallach. Faic an coltas a th’aige ris a’ ghastral. (3) = greimichean. (4) = toll-bodhaige.
Tha cìrean-na-maighdinn-mhara ’nam beathaichean beaga, ann an cruth gallchnò, ach tre-dhearcach, agus gheibhear iad gu tric a’ snàmh faisg air a’ chladach. Tha iad glé choltach ’nan structair ris na Coelenteratan, ach nach eil ceallan teumaidh aca. Is iongantach mura dàinig na fàs-bheairtean sin bho na h-aon ainmhidhean gastralach bho’n tainig na Coelenteratan, agus is dòcha nach eil ach glé bheag de dhiofar eatorra agus an t-ainmhidh àrsaidh ioma-cheallach bho’n d’fhàs ainmhidhean nas casta.
Faodaidh sinn dà roinn mhór a dheanamh air na seòrsachan as adhartaiche de na h-ainmhidhean. Anns an dara roinn tha na daolagan (no na baoiteagan), na h-Arthropodan agus maorach (iasg sligeach anns a’ chumantas). Anns an roinn eile tha na h-Echinodairmean agus na Cordatan. Bhiodh e coltach gun tainig an dà bhuidhinn bho na Coelenteratan gastralach a bh’ann air tùs. Ach tha e duilich seo a dhearbhadh, oir bhiodh bodhaigean boga aig na ciad ainmhidhean sin, agus ’sann ainneamh a dh’fhàg a leithid làrach fosail.
title | Ainmhidhean iomacheallach neo-adhartach |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | 8. Mean-fhàs ainmhidhean |