Daolagan, na h-Arthropodan agus Maorach
’Se na daolagan/baoiteagan an fheadhainn as neo-adhartaiche de’n bhuidhinn seo, agus ’sann bhuapasan a dh’fhàs, mean air mhean, na h-Arthropodan (na meanbh-fhrìdean agus na creutairean tha càirdeach dhaibh) agus am Maorach (eadar maorach cladaich is creutairean a tha càirdeach dhaibh). Tha grunn sheòrsachan dhaolag ann, agus ’se an daolag rèidh an seòrsa as sìmplidhe. Anns a’ bhuidhinn seo cuideachd tha na planaraich saor-bhitheach: fàs-bheairtean beaga dubha a chithear air duilleagan luibhean tha fàs ann an lòin, agus mar an ceudna na cnuimhean dìosganach, leithid pluc ann an caoraich, agus a’ chnuimh-ribeineach. Tha na seòrsachan dìosganach gu tric glé thruaillte:
chan eil rian-cnàmhaidh fhéin aig na cnuimhean-ribeineach, agus bidh iad a’ toirt am beathachadh dìreach bho chaolan an ainmhidh air a bheil iad a’ tighinn beò.
Tha aig na planaraich rud ris am faod sinn ceann a ràdh, aig an dara ceann de ’m bodhaig chòmhnard, agus, ao-coltach ris na Coelenteratan, tha trì fillidhean de cheallan annta: eactodairm air an taobh a-muigh, eandodairm air an taobh a-stigh, agus eatorra sin measodairm nach eil ro dhùmhail. Tha na trì fillidhean sin anns na h-ainmhidhean adhartach gu léir, agus gach filleadh dhiubh sin a’ toirt am bith buill-bodhaig eadar-dhealaichte anns a’ bhodhaig. ’Se riantan neo-adhartach a th’aig na daolagan rèidhe a thaobh nearbhaichean agus a thaobh cac, agus chan eil rian cuairteachaidh aca idir. Coltach ris na Coelenteratan, chan eil annta ach an aon dorus a-steach do’n rian-cnàmhaidh.
Tha gu leòr fosailean ann, de’n mhór-chuid de sheòrsachan ainmhidh, anns na creagan tha suas ri 600 millean bliadhna a dh’aois. As bith dé an t-aobhar, chan eil ach glé bheag anns na creagan a tha nas sine na sin. Bha seòrsachan neo-adhartach ann de’n mhór-chuid de dh’ainmhidhean 600 millean bliadhna air ais, ach chan eil lorg againn dé na seòrsachan a bha a’ tighinn eadar buidheann nan Coelenterat agus buidheann nan daolagan rèidhe. Co-dhiù, a-measg ainmhidhean nas adhartaiche a tha fhathast beò, ’se na daolagan rèidhe saor-bhitheach as fhaisge, a thaobh deilbh bodhaig, air na Coelenteratan.
’Se buidheann eile de na daolagan an fheadhainn aig a bheil bodhaig chruinn. Tha iad seo nas adhartaiche na na daolagan rèidhe a thaobh dà fhosgladh a bhi aig an rian-cnàmhaidh aca — beul agus toll-tòine — ach ann am móran dhòighean eile tha iad nas neo-adhartaiche. Bhiodh e coltach gun tainig na daolagan cruinne seo tràth bho’n mheanglan mean-fhàis sin bho na dh’fhàs na daolagan sgarte, agus an déidh sin na h-Arthropodan agus am Maorach. A-measg nan daolagan cruinne tha an eelworm a bhios a’ dol an sàs ann am freumhaichean iomadh seòrsa bàrr is glasraich, agus cuideachd iomadach dìosganach a tha a’ tighinn beò air daoine ’s air ainmhidhean.
Tha na daolagan sgarte (Annelidean) air an fheadhainn as adhartaiche a th’ann, agus tha sinn glé eòlach orra, eadar an daolag chumanta an sumaire, agus a’ bhaoiteag (Nereis). Lorgar baoiteagan air na cladaichean, agus tha feadhainn dhiubh suas ri 30 ciadameatair am fad. Thathas a’ deanamh feum dhiubh mar mhaghar. Tha aig na fàs-bheairtean sin cha mhór gach seòrsa ball-bodhaig a gheibh sinn anns na h-ainmhidhean nas adhartaiche, eadhon gu ruig seòrsa de dh’eanchainn. Ach ’se an rud as motha tha tarraing ar n-aire gu bheil na bodhaigean aca sgarte no roinnte, agus taobh a-muigh roinn a’ chinn cha mhór nach eil gach roinn co-ionnan, a-muigh agus a-stigh.
Chan eil na daolagan sin coltach ri Arthropodan, agus bhiodh e duilich dearbhadh gu bheil an dà bhuidhinn an càirdeas mura b’e gu bheil seòrsa ann a tha a’ tighinn anns a’ mheadhon. Tha an ceangal air a
dheanamh soilleir eadar an Arthropod agus an Annelid le creutair beag coltach ri cruimh-chàil, air a bheil Peripatus; bidh e tighinn beò fo chabair fiodha ann an roinnean taise sna tropaicean. Tha e roinnte mar dhaolaig, agus ged nach eil aige na casan uilte no cnàmharlach nan Arthropodan air uachdar, tha an taobh a-stigh coltach ris an dà bhuidhinn. Thathas an dùil gun tainig na h-Arthropodan bho dhaolagan fairge, agus gu robh creutairean coltach ris a’ Pheripatus eatorra (Dealbh 4). Bha agus tha na h-Arthropodan ’nan ainmhidhean anabarrach buadhach. Tha barrachd ann de na meanbh-fhrìdean na th’ann de na h-ainmhidhean eile air fad, agus tha barrachd sheòrsachan ann. (Faodaidh gu bheil suas ri dà mhillean seòrsa eadar-dhealaichte de mheanbh-fhrìde beò an diugh). Tha na h-Arthropodan ’nam buidheann glé dhiofaraichte, agus tha fàs-bheairtean leithid a’ ghiomaich, a’ charrain, an damhain-allaidh, agus fiollan-nan-ceud-cas ri ’n àireamh còmhla riutha, a thuilleadh air na meanbh-fhrìdean.
’Se na comharraidhean as faicsinnich a th’aig a’ bhuidhinn seo cnàmharlach cruaidh air an taobh a-muigh, roinneadh air a’ bhodhaig, móran de chasan agus de rudan mar sin an ceangal riutha, agus ceann a tha adhartach. Ann an iomadach seòrsa, tha a’ bhodhaig a’ gabhail a-steach ceann, cliabh, agus balg, ged nach ann mar sin buileach a tha cùisean an còmhnaidh: mar eisimpleir, tha an ceann ’s an cliabh ’nan aon structair anns a’ ghiomach. Saoilidh duine an toiseach gu bheil balg fada a’ ghiomaich a dhìth air a’ chrùbaig, ach ’sann a tha e am falach fo’n bhodhaig. Buinidh an cathan do’n aon roinn de na h-Arthropodan ris na crùbagan agus na giomaich, ach tha iad a’ fuireach ceangailte ris a’ chreig eadhon nuair tha iad ’nan inbhich. Nuair a tha an cathan maoth tha e a’ snàmh gu saor, ach an ceann ùine tha e ga cheangal fhéin, leis a’ cheann, ris a’ chreig, agus a’ deanamh lannan cruaidhe geala timcheall air fhéin.
Bidh crùbagan agus na creutairean tha càirdeach dhaibh a’ gabhail tàmh ann an uisge, ach tha a’ mhór-chuid eile de na h-Arthropodan beò air talamh-tioram; ’se na h-ainmhidhean as sine tha beò air talamh-tioram na sgairpean. Bha duilgheadasan ann do na h-ainmhidhean, mar a bh’ann do na lusan, nuair a rinn iad imrich bho’n uisge gu ruig talamh-tioram. Bha aig na ciad ainmhidhean air tìr ri deanamh cinnteach nach dèabhadh iad; b’éiginn dhaibh rian a lorg air an àile a shùghadh a-steach, agus dh’fheumadh iad dòighean gluasaid fhoghlum. Ach bha na sgairpean an déidh a’ mhór-chuid de na duilgheadasan sin a réiteachadh: chùm na cnàmharlaich chruaidhe am bodhaigean bho sheacadh, agus bha casan aca gu coiseachd air aigeal na mara. Tha móran de Arthropodan anns a’ mhuir, càirdeach ris na sgairpean, a’ tarraing anail tre ghéillean. Nuair a thainig na creutairean sin air tìr bha na géillean aca air an dìon a cheana le bhi air taobh a-stigh nan roinnean toisich anns a’ bhodhaig. Tha iad air an cumail tais mar seo, agus a’ leigeil leis an ainmhidh ocsaidean a tharraing bho’n àile. Anns an aon
DEALBH 4. Diagram a’ sealltainn a’ chàirdeis (a thaobh mean-fhàs) eadar cuid de ainmhidhean. (a) Flaigeallaiche; (b) Spong; (c) daolag-rèidh (Planaria); (d) daolag-chruinn; e. daolag sgarte; f. Peripatus, a tha mar cheangal eadar na h-Arthropodan agus na daolagan sgarte; (g) prìomh-sheòrsa meanbh-fhrìde; (h) giomach (tha g agus h ’nan eisimpleirean de Arthropodan); (i) Neopilina, ceangal eadar am maorach agus na daolagan sgarte; (j) seilcheag; (k) octopus (tha j agus k ’nam maorach). Tha na saighdean a’ sealltainn an taobh a tha mean-fhàs a’ dol.
bhuidhinn de Arthropodan ris na sgairpean, tha an damhan-allaidh, an fhìneag, an cartan agus am breabadair. Tha ceithir paidhrichean chas aca sin uile, gu coiseachd, taca ris na meanbh-fhrìdean aig a bheil trì paidhrichean.
B’e an dara buidheann de Arthropodan a dh’àitich an tìr na fiolanan ceudchasach a bha ag ithe feòla, agus na fiolanan mìle-chasach a bha càirdeach dhaibh ach a bha beò air lusan. Tha na creutairean sin neo-adhartach ’nan cruth ged a tha iad air an atharrachadh gus tighinn beò air talamh-tioram. Chan eil géillean no sgamhanan aca, ach coltach ris na meanbh-fhrìdean tha iad a’ tarraing an anail troimh phìobagan air a bheil an t-ainm trachea( .i. sgonnan). Tha na pìobagan no na sgonnain sin a’ ruighinn cha mhór gach cealla ’nan corp, agus tha iad fosgailte ris an àile aig iomadh àite air feadh am bodhaigean. Bhiodh e coltach gun do dh’fhàs na meanbh-fhrìdean a-mach á cruthan ceud-chasach a bh’ann rompa.
Tha e mar chomharradh air a’ mheanbh-fhrìde gu bheil trì paidhrichean chas aice gu coiseachd agus dà phaidhir sgiath, ged a dh’fhaodas na sgiathan a bhi seacte no a dhìth buileach. Tha aig na meanbh-fhrìdean as neo-adhartaiche, leithid an tairbh-nathraich, sgiathan a tha a’ fuireach sgaoilte nuair nach eil iad gan cur am feum. Tha na meanbh-fhrìdean sin a’ breith nan uighean ann an uisge, agus ’sann an uisge tha an larbha a’ tighinn beò, ’s mar sin tha iad ann an tomhas an eisimeil uisge. Anns na meanbh-fhrìdean as adhartaiche tha am paidhir toisich de na sgiathan air an atharrachadh gu cruth leatharach gus dìon a chumail air na sgiathan deiridh. Tha iad a’ breith nan uighean air tìr, agus tha an sìol coltach ris an inbheach ach gu bheil e nas lugha agus gu bheil sgiathan a dhìth air. Mar sin chan eil na seòrsachan sin, agus am fionnan-feòir agus am fiolan-donn ’nam measg, an eisimeil uisge.
Air àireamh nam meanbh-fhrìdean as adhartaiche tha an dealan-dé, an leòmann, an deargad, an còrr-mhial agus am fairche. Chan eil na meanbh-fhridean gam breith ás an ugh ann an coltas inbheach bheaga, ach tha iad a’ dol troimh ìreachan larbhach, mar a tha a’ chruimh-chàil mus teid i ’na dealan-dé agus a’ chruimh-chuileag mus teid i ’na cuileig. Tha eadhon feadhainn de’n bhuidhinn seo a tha a’ gabhail cùram de’n àl òg aca, mar a tha móran de na seilleanan ’s na speachan, agus na seanganan gu léir. Tha seòrsa eile de mheanbh-fhrìdean a tha a’ sùghadh ’s a’ bìdeadh, leithid nan cuileagan-glasa ’s nam mial, agus tha iad sin ’nam plàighean do luibhean agus do dh’ainmhidhean.
Chan e a-mhàin na h-Arthropodan a thainig bho na daolagan sgarte, ach am maorach cuideachd. Tha na daolagan Annelid roinnte no sgarte, mar nach eil am maorach. Ach fhuaireadh lorg air maorach a tha a’ gabhail tàmh ann an uisge domhainn a-mach bho oirthir a siar Ameireaga-a- deas. ’Se as ainm dha Neopilina, agus tha e sgarte gu ìre. Tha an fhàs-bheairt seo coltach ri bàirneach, oir tha slige oirre coltach an cruth ri cón, ach ’na broinn tha i roinnte mar a tha na daolagan
Annelid. Agus chan e seo an aon cheangal eadar na daolagan sin agus am maorach, oir tha iad cha mhór co-ionnan aig ìre an larbha chilichte.
Tha am maorach ’nam buidhinn eadar-mheasgte de ainmhidhean, agus chan eil iad glé bhuadhach. ’Se an comharradh as faicsinniche a th’orra gu bheil slige aca. Faodaidh seo a bhi ’na aon structair, mar ann a seilcheagan, agus ann a faochagan, no ’nan càraid shligean mar ann a feusganan, an slige-chreachainnean ’s an clabachan-dubha. Tha cuid de mhaorach a tha air call an slige, mar a tha lugas a’ ghàrraidh, lugas na mara a gheibhear air cladaichean creagach, agus an t-octopus. Tha na sguidean eadar-dha-lionn anns an dòigh seo, oir tha bloigh slige acasan, am falach.
title | Daolagan, na h-Arthropodan agus Maorach |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | 8. Mean-fhàs ainmhidhean |