[118]

Na h-Echinodairmean agus na Còrdaichtean

Chunnaic sinn gun tainig aon mheanglan de mhean-fhàs nan ainmhidhean gu ìre anns na daolagan, anns amhaorach agus anns na h-Arthropodan. Thainig an dara meanglan gu ìre anns an duine, agus bhiodh e coltach gun dhéirich e bho fhàs-bheairtean a bha ceangailte ri creagan no ri feamainn, agus a bha afaighinn biadh le bhi ga shìoladh bhon t-sàl mun cuairt orra. Mar fhrìth-sheòrsa tràth den ghineal seo tha na Bryozoanaich, ainmhidhean beaga bìodach a tha ag àiteachadh mar chòinneach air creagans air feamainn. Chithear gu tric iad air geugan acheilp a tha air a thilgeil air an oitir.

Na h-itheadairean sìolaidh beaga sin a bhann bho chian, agus bhon tàinig na Bryozoanaich, thàinig bhuapa cuideachd na h-Echinodairmean, buidheann de dhainmhidhean mara a tha agabhail a-steach achrosgag agus an conan-mara. ’Se an seòrsa as neo-adhartaiche den bhuidhinn seo na lilidhean-mara a tha beò an ceangal ri aigeal achuain le gas fada. Tha bodhaig dhlùth aig na h-ainmhidhean sin, agus os a cionn bagaid de ghreimichean aig mullach na gaise, agus an structair gu h-iomlan còmhdaichte ann an lannan cruaidhe. Gabhaidh e dearbhadh gun tàinig na h-Echinodairmean gu léir bho na lilidhean-mara. Tha feadhainn dhiubh tha tighinn saor bhon ghas, agus ma chuirear air a bheul-fodha e gheibh sinn creutair coltach ri crosgaig le cóig greimichean no gàirdeanan air an talamh. Ma theid na gàirdeanan sin an lùib a chéile fon chrosgaig gheibh sinn fàs-bheairt a tha glé choltach ri conan-mara. Tha na beachdan sin air an daingneachadh le fianuis anatomach.

Bun-stéidh nan Còrdaichtean

Se frith-sheòrsa tràth a tha anns na h-Echinodairmean den aon stoc bhon tàinig na Còrdaichtean( ’se sin iasg, losgainn, nathraichean, eòin agus mamalan), agus is aithne dhuinn dulan san t-slabhraidh tha ceangal an bhuidhinn, leithid nan daolag-dearcain agus nan steallairean-mara (Tunicata) a tha càirdeach dhaibh. Tha comharraidh-


[119]

ean an coitcheann aig na Còrdaichtean gu léir, ged nach eil iad sin an còmhnaidh soilleir ach aig toiseach fàis sabhrù anns na seòrsachan as adhartaichte, leithid mac-an-duine. Tha sgoiltidhean géille, agus còrd nearbhaichean, agus cnàmh-droma a tha so-lùbtha ged a tha e neo-adhartach, aca uile. Tha sgoiltidhean géille aig na daolagan-dearcain inbheach, agus fianuis air còrd nearbhaichean agus air cnàmh-droma, adearbhadh an càirdeis do na Còrdaichtean nas adhartaiche. Tha cuid de na daolagan-dearcain nach eil afàs dìreach bhon ugh gus a ruig iad cruth an inbhich, ach a tha adol troimh ìre larbhach cilichte, a tha glé choltach ri dòigh fàis is tighinn gu ìre nan Echinodairmean.

Tha na steallairean-mara càirdeach do na daolagan-dearcain. Tha iad beò an ceangal ri creagan air aigeal achuain, agus tha iad afàs leotha fhéin no ann an buidheannan, gach fear dhiubh còmhdaichte ann a seacaid leatharach. ’Nan inbhich chan eil suathalas aig na h-ainmhidhean sin ris na Còrdaichtean. Ach tha pàirt dhiubh nach eil adol dìreach bhon ugh gu cruth an inbhich, ach a tha adol troimh ìre ghluasadach larbhach dhairbeagach, agus tha seo atoirt barrachd comas sgaoilidh dhaibh. Tha sgoiltidhean-géille aig an larbha, le còrd nearbhaicheanna dhruim, cnàmh-droma, no notochord, agus eadhon eanchainn bheag. Nan tigeadh ìre an larbha gu bhi smachdail, agus a rithistna phrìomh ìre nuair a thigeadh steallaire-mara gu bhina inbheach, cha bhiodh móran diofar eadar e agus còrdaichte neo-adhartach. Tha e cheart cho dòcha gur h-ann mar seo a dhfhàs an Amphioxus. ’Se creutair beag le coltas éisg a thann an Amphioxus; tha còrd nearbhaicheanna dhruim, tha sgoiltidhean-géille aige, agus cnàmh-droma, agus a thaobh crutha tha e fhéin agus larbha an steallaire-mhara coltach ri chéile. Ni e snàmh, ach tha e acur seachad na mór-chuid de a bheatha ann am faiche air aigeal na mara, far a bheil e acur a ghéillean am feum gu biadh a shìoladh á sàl. Tha e coltach gun tàinig géillean am bith mar innealan gu greimeachadh air bloighean bìdh ann a sàl, oir is urrainn do ainmhidhean beaga le bodhaigean maotha, coltach ris an Amphioxus, anail a tharraing troimh an craiceannan. Is dòcha gur h-ann an déidh làimhe a dhfhàs na géillean gu bhinan uidheam airson anail a tharraing.

Tha giallan aig amhór-chuid de Chòrdaichtean an latha an diugh, ach mas ann bho sheann itheadairean-sìolaidh coltach ri Amphioxus a thàinig iad, feumaidh gu robh na Còrdaichtean tràth gun ghiallan. Agusse seo dìreach a lorgas sinn. ’Se na Còrdaichtean as neo-adhartaiche tha beò, taobh a-muigh Amphioxus, na creathaill. Tha iad gun ghiallan, ach tha beul cruinn aca a tha ag obair mar shùghaiche, agus aleigeil leotha greimeachadh air iasg. Aon uairs gu bheil e air greimeachadh air iasg tha an creathall alocradh achraicinn le a theanga mholach agus an uair sin asùghadh na fala ás. Chan eil a bheag de shuathalas aig beul na creathaill inbhich ri na seann itheadairean-sìolaidh mar Amphioxus. Ach chì sinn an ceangal aon uair eile ma sheallas sinn ris achreathaill


[120]

mhaoith. Cuiridh achreathall òg seachad achiad ghrunnan bhliadhnachan de a beatha anns an làthaich aig ìochdar locha, agus aig an àm seo cha bhi i tighinn beò air iasg ach ag ithe tre shìoladh, atoirt bloigheagan bìdh ás an uisge fhads a tha e dol troimh a beul agus a-mach tre a géillean. Faodaidh sinn sealltainn air creathaill inbheach mar chruthan àraidhichte, air an atharrachadh a chùm a bhi beò air iasg; chan eil achreathall òg fhathast air atharrachadh airson beatha den t-seòrsa seo, agus tha seann dòigh nan Còrdaichtean aice air biadh fhaighinn (Dealbh 5).

DEALBH 5. Mean-fhàs nan creathall, nan crosgag, Hydra agus fàs-bheairtean tha càirdeach dhaibh. (a) Flaigeallaiche; (b) Hydra; (c) crosgag; (d) daolag-dearcain (Balanoglossus); (e) steallaire-mara (aig ìre); (f) steallaire-mara (larbhach); (g) Amphioxus; (h) creathall; (i) gu ruig iasg. Tha na saighdean asealltainn an taobh a tha mean-fhàs adol.


[121]

Tha giallan aig achuid as motha de Chòrdaichtean, agus tha e soilleir gun dhfhàs na giallan tràth ann am mean-fhàs nan Còrdaichtean. Tha mean-fhàs nan giallan gu dlùth an ceangal ri mean-fhàs nan géillean. Chan eil géilleannan structairean do-lùbtha, agus mura bitheadh gu bheil iad air an cumail suas le bàraichean, bàraichean géille mar a theirear riutha, bhiodh iad air am pronnadh le cudthrom achlaiginn. Tha na bàraichean géille acumail o chéile na sreathan ghéillean air thaobh achinn, aleigeil leis an uisge sruthadh gu saor thar nan géillean agus a-mach a rithist. Tha roinn ìochdrach is roinn uachdrach anns gach bàr géille. Dhatharraich an bhàr géille a bfhaide stigh gus an tàinig iad gu bhinan structair ìochdrach is uachdrach don t-seann ghiall (Dealbh 6).

DEALBH 6. Mean-fhàs na géille. (a) Iasg gun ghiallan (á bith a nis). (b) Cearban, asealltainn sgoiltidhean géille (1), bàraichean géille (2) agus giallan (3). Thainig na giallan tre mhean-fhàs bhon chiad phaidhir de bhàraichean-géille.

titleBun-stéidh nan Còrdaichtean
internal date1976.0
display date19..
publication date1976
level
parent textNa h-Echinodairmean agus na Còrdaichtean
<< please select a word
<< please select a page