Na h-Iasgan
Thàinig a’ chiad iasg le giall — am placodairm (iasg le craiceann lannach) — am bith mu 400 millean bliadhna air ais. Bha iad còmhdaichte le lannan cnàmhach gu dìon a chumail orra, agus bha sgòdanan an ceangal riutha am paidhrichean. Bhiodh e coltach gun do dh’éirich na sgòdanan sin bho fhillidhean craicinn a bha air an cur am feum an toiseach gus an t-iasg a stiùireadh ann an uisge. Dh’fhàs cuid de na sgòdanan sin ann an cruth itean éisg, agus ’sann bho t-seòrsa seo de phlacodairm a dh’éirich an t-iasg air a bheil sinn eòlach; aig feadhainn
eile bha sgòdanan fada feòlach a ghabhadh gluasad far a robh am ball an ceangal ris a’ bhòdhaig, agus ’sann bho sheòrsachan mar sin a dh’éirich na Còrdaichtean tìre.
Tha paidhrichean itean aig a’ mhór-chuid de iasgan, gach aon diubh air an cumail an àirde le gathan adharcach. Gabhaidh dà bhuidhinn a dhèanamh air iasg de’n t-seòrsa seo: an t-iasg brisgeanach agus an t-iasg cnàmhach. Tha a’ chiad sheòrsa air tuiteam bhuaithe mar gum b’eadh an taca ris an dara seòrsa. Ann an creatlach an éisg bhrisgeanaich, a tha a’ gabhail a-steach na cearbain, na sgaitean agus na rocan, chan eil cnàmh idir, dad ach brisgean. Tha na fosailean a’ toirt fianuis gu bheil an cnàmh a’ dol ás uidh air n-uidh rè mean-fhàs nan cruthan sin. Thàinig iasg coltach ri cearbain am bith mu 350 millean bliadhna air ais, agus thàinig bhuapasan chan e mhàin cearbain an latha an diugh ach cuideachd na rocan leacach. Bidh sgait agus rocan ag ithe maorach, crùbagan ’s a leithid sin, agus tha e air a ràdh gun ith na cearbain( ’s tha a’ bhiorach de’n aon seòrsa) ainmhidhean eile agus daoine ’nam measg. Tha cuid de chearbain a bhios ag ithe iasg mar àbhaist, ach tha feadhainn eile leithid a’ chearbain mhóir agus a’ chearbain bhig (Cetorhinus maximus) nach ith dad ach plancton. ’Se aon de na comharraidhean as faicsinnich air na cearbain a bhios ri ithe an éisg gu bheil sreathan fhiaclan biorach aca. Tha lannan coltach ri fiaclan air am bodhaigean cuideachd, agus ’sann bho lannan de’n t-seòrsa seo, air iomallan nan seann ghiallan, a thàinig fiaclan bho thùs. Tha na fiaclan sin air fàs ’nan lannan leacach anns na rocan, agus tha iad air an cur gu feum gus maorach a phronnadh.
’Sann cnàmhach, gath-iteach a tha a’ mhór-chuid de na h-iasgan air a bheil daoine eòlach — an sgadan, am bradan, an easgann, an leóbag, an trosg ’s mar sin air adhart. Tha mu 30,000 seòrsa eadar-dhealaichte ann de iasg a tha cnàmhach gath-iteach beò an diugh, agus coltach ris na cearbain ’s an leithid bhiodh e coltach gun tàinig iad bho phlacodairmean neo-adhartach a bha beò ann am fìor-uisge.
’Sann bho na placodairmean aig a robh paidhrichean de sgòdanan feòlach a dh’fhàs an t-iasg feòil-iteach, agus aig a’ cheann thall mac-an-duine e fhéin. Chan eil ach corra fhear maireann an diugh de’n t-seòrsa éisg seo: na h-iasgan-sgamhain tha beò anns na tropaicean agus an t-iasg Latimeria (seòrsa de Choelacanth) tha beo, ach glé thearc, anns a’ Mhuir Innseanaich. Tha an t-iasg-sgamhain a’ tighinn beò ann am fìor-uisg a tha buailteach tiormachadh no dol ’na mharbh-uisg, agus a chionn ’s gun urrainn dhaibh anail a tharraing troimh sgamhan, faodaidh iad a bhi beò far am bàsaicheadh iasg gun sgamhan. Tha creatlach cnàmhach anns na buill aig a’ Choelacanth a tha coltach a thaobh pàtarain ris na buill againne. Faodaidh sinn smaoineachadh air iasg de’n t-seòrsa sin a’ “coiseachd” gu slaodach bho lòn gu lòn, nuair a bha droch thuradh ann, a’ tarraing àile troimh an sgamhanan mar a bha iad a’ gluasad. Thatar an dùil gu robh amannan turaidh cumanta air an talamh o chionn 350 no
400 millean bliadhna, agus b’ann aig an àm sin a dh’fhàs na muir-thìrich.
title | Na h-Iasgan |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | Na h-Echinodairmean agus na Còrdaichtean |