[123]

Na Péistean

Be na ciad Chòrdaichtean a bha beò gun a bhi an eisimeil uisge na Péistean, agus air an àireamh-san tha an laghairt, an turtar agus an nathair. Tha mu 300 millean bliadhna bho thàinig na péistean am follais an toiseach, agus thàinig iad gu bhi buadhach nuair a thug iad am bith ugh nach tiormaicheadh ann an turadh. Bha trì rudan ann a thug air adhart mean-fhàs an ugh tìre — (1) tha uighean math rin ithe, agus nuair a bha móran diubh air am breith ann an uisge bha iad adeanamh féisd do dhainmhidhean eile; (2) aig amannan turaidh bha uighean a chaidh am breith ann an lòn adol a dhìth; agus (3) tha làrbhaichean an losgainns a leithid atighinn beò ann an uisge, agus bheir iad deagh ùine mus bi iadnan inbhich atha atarraing anail anns an àile; tha na làrbhaichean sin glé bhuailteach géilleadh ri turadh. Ach tha slige aig ugh na péisde a ghleidheas an t-uisge ann, agus tha biadh anns abhuidheagan don mhaoth-chreutair tha fàs anns an ugh. Nuair a thugadh ugh den t-seòrsa seo am bith cha robh na Còrdaichtean an eisimeil uisge tuilleadh.

Cha robh e an comas nan ciad phéisdean coiseachd gu luath, oir bha na casan aca goirid agus bha am bodhaig car mór, agus mar sinse lusan bu bhiadh dhaibh, oir cha ruith lusan air falbh. ’Sann an deidh làimhe a dhàraich na péisdean comas feòil ithe, aon uairs gun tàinig piseach air an uidheam gluasaid. Bha na Péisdean anabarrach buadhach mar bhuidhinn, agussann acasan bha smachd air an talamh bho mu thimcheall 225 gu 70 millean bliadhna air ais. na h-ùine sin, cha be mhàin gun tàinig am bith ainmhidhean móra leithid móran de na dìneosoran, ach thugadh am bith cuideachd na seòrsachan bhon tàinig eòin agus mamail (Dealbh 7).

Thill cuid de na péisdean sin (feadhainn nach eil am bith an diugh) don mhuir, agus ged a bfheudar don mhór-chuid aca dol air tìr gus an uighean a bhreith (e.g. na Plesiosoran), bha feadhainn eile ann a rinn a


[124]

DEALBH 7. Mean-fhàs nan Còrdaichtean. Tha na saighdean asealltainn an taobh a tha mean-fhàs adol. (a) Creathall; (b) placodairm; (c) cearban; (d) breac; (e) Losgann; (f) comhachag; (g) crogall; (h) Tyrannosaurus (dìneosor); (i) plesiosaur (i.e. dìneosor tha fuireach ann an uisge); (j) feòrag; (k) Coelacanth.

chùis ás aonais sin agus a rug àl beò. Bann den t-seòrsa sin a bha na h-iasg-phéisdean (ichthyosaurs), a bha beò ann an uisge. Is dòcha gu bheil Plesiosoran beò fhathast an doimhneachd Loch Nis agus Loch Mhòrair! A-measg phéisdean eile a thàinig am bith bha na fuamhairean de dhìneosoran, mar an fheadhainn a bha ag ithe feòla (e.g. Tyrannosaurus) agus an fheadhainn a bha ag ithe lusan (e.g. Brachiosaurus). Chan eil beò den bhuidhinn phéisdean seo ach na crogaill agus na h-ailigeutairean. Dhfhalbh amhór-chuid de na péisdean móra sin bhàrr uachdar na talmhainn o chionn mu 70 millean bliadhna; bhiodh e


[125]

coltach gur h-e atharrachadh clìomaid no atharrachadh luibhean a baobhar, ged nach eil cinnt againn. Thàinig na laghairtean am bith o chionn mu 190 millean bliadhna, agus bann bhuapa thainig na nathraichean. Gheibhear lorg air cnàmhan-buill ann an grunnan beag de nathraichean eadhon aig an -an-diugh.

titleNa Péistean
internal date1976.0
display date19..
publication date1976
level
parent textNa h-Echinodairmean agus na Còrdaichtean
<< please select a word
<< please select a page