Na Mamailean
Bha na mamailean air tùs mu’n aon mheudachd ri radan, agus bhiodh iad ag ithe rudan mar mheanbh-fhrìdean agus uighean. ’Sann bho fhrith-sheòrsa tràth de’n mhór-bhuidheann mamaileach a thàinig na
mamailean sin a tha a’ breith uighean fhathast: chan eil ann ach dà sheòrsa dhiubh — am platypus gob-tunnaige agus an seangan-itheadair druimneach — agus chan fhaighear ach an Astràilia iad. Ach dh’atharraich a’ mhór-chuid de mhamailean bho bhi a’ breith uighean gu bhi a’ breith àl.
Gabhaidh na mamailean tha beò aig an là-an-diugh an roinn an dà bhuidhinn, agus tha an fheadhainn as neo-adhartaiche a’ breith àl a tha glé bheag agus a tha an-abaich. Anns a’ bhuidhinn seo tha an cangaru, an opossum agus am mathan koala. Tha an t-àl òg an-abaich a’ dol a-steach do phoca air brù am màthar, far a bheil iad gam biathadh le bainne gus a fàs iad nas motha. Cha chùm mamailean de’n t-seòrsa seo ceann a’ mhaide ri mamailean nas adhartaiche, agus chan eil iad beò ach an àiteachan a bha no a tha air an dìon leis a’ mhuir bho’n chòrr de’n t-saoghal.
Tha an dara buidheann de mhamailean an là-an-diugh a’ breith àl a tha coimhlionta. ’Se an fheadhainn as fhaisge air a’ phrìomh sheòrsa na creutairean beaga a bhios ag ithe mheanbh-fhrìdean: dallag an fhraoich, a’ chràineag agus an fhamh. Gabhaidh a’ mhór-chuid de na mamailean eile an roinn ann an dà bhuidhinn mhóir — an fheadhainn a bhios ag ithe feòla agus na creutairean ladharach a bhios ag ithe luibhean. Faodaidh sinn an cù a ghabhail mar aon sheòrsa de na mamailean tha ag ithe feòla, agus an cat mar sheòrsa eile. Ann am buidheann nan cat tha seòrsachan neo-adhartach leithid am mongus agus an hièana, agus seòrsachan adhartach mar a tha an leómhann, an tìgear, an liopard, agus an cat-fiadhaich. ’Se na seòrsachan as sìmplidhe ann am buidheann nan con creutairean mar an neas, an neas-bheag, an dóbhran (no a’ bhiast-dhubh) agus am broc, agus ’se na seòrsachan as adhartaiche am madadh-allaidh, an sionnach agus an cù. Tha na mathain mar fhrith-sheòrsa de bhuidheann nan con, agus tha sin fìor cuideachd a thaobh nan ròn is nan each-mara.
Tha e mar àbhaist aig mamailean ladhrach a bhi a’ ruith air barran nan òrdagan ladhrach aca. Tha mu 70 millean bliadhna bho dh’éirich iad an toiseach, agus le mean-fhàs tha na h-òrdagan air fàs nas lugha ann an àireamh, gus nach eil aig each an diugh ach an aon òrdag air gach cois. Tha àireamh chòrr de dh’òrdagan aig mamailean ladhrach mar tha an t-each ’s an asal, agus àireamh chothrom aig, mar eisimpleir, a’ mhuc, an sioraf, am fiadh, a’ bhó, a’ chaora, an gobhar agus an càmhal. Tha grunn bhuidheannan eile de mhamailean ann, agus pàirt dhiubh an ìre mhath beag a thaobh àireamh sheòrsachan, mar a’ bhuidheann sin anns a bheil an geàrr agus an coinean, no buidheann nam muca-mara agus nam péileag, agus tha buidheannan eile ann a tha air a bhi glé bhuadhach, leithid buidheann nan creimeach, mar a tha an fheòrag, an luch agus an radan.
title | Na Mamailean |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | Na h-Echinodairmean agus na Còrdaichtean |