Na Prìomhaidean agus Mean-fhàs Mhic-an-duine
Ach ’se a’ bhuidheann as motha ùidh do mhac-an-duine an tè sin do ’m buin e fhéin: ’se sin na prìomhaidean. Bhiodh e coltach gun tàinig iadsan bho chreutairean beaga neo-adhartach a bha beò ann an craobhan, anns na tropaicean, is iad ag ithe mheanbh-fhrìdean. Tha eanchainnean adhartach aig na prìomhaidean, casan is làmhan tha math gu greimeachadh, agus sùilean tha sealltainn rompa bho chlàr an aodainn. Faodar mean-fhàs nam prìomhaidean a leantainn bho fhionnagan-craoibhe nan Innsean-a- Sear, troimh lèamuran Mhadagascar gu moncaidhean de gach seòrsa. Tha e ’na àbhaist aig moncaidhean a bhi a’ coiseachd dìreach, agus ’sann bho na seòrsachan sin a thàinig na h-apaichean móra agus mac-an-duine.
Thàinig mac-an-duine, tre mhean-fhàs, bho chreutairean coltach ri apaichean a thòisich a’ fuireach air an talamh an àite bhi gu h-àrd anns na craobhan. Is dòcha gun d’rinn iad seo ri linn na coille a bhi fàs tearc anns na tropaicean, mar sin a’ toirt air sinnsirean chlann-daoine a bhi beò ann an coille a bha a’ sìor chrìonadh, air neo imrich a dheanamh chun an talaimh-feòir a bha daonnan a’ sgaoileadh. Is dòcha gun d’rinneadh an imrich seo bho chraobhan gu talamh o chionn grunn mhilleanan bliadhna, oir tha dlùth chàirdean mhic-an-duine, an goirilla agus an simpansidhe, a’ fuireach mar as trice air clàr na talmhainn.
Cha do dh’fhàgadh móran fianuis, a thaobh fosailean, le na ciad sheòrsachan trasdach eadar apaichean agus mac-an-duine. Bha seo a chionn ’s gu robh iad gann an àireamh, agus chan eil fosailean glé bhuan anns na tropaicean, ach tha fios againn gu robh an leithid ann còrr is millean bliadhna air ais (e.g. Australopithecus). Thàinig mean-fhàs air mac-an-duine mar as aithne dhuinn e anns a’ mhillean no millean gu leth bliadhna mu dheireadh, an dara cuid an Afraca no an Aisia. Bha na prìomh dhaoine (Neanderthal) na bu ghairbhe na daoine an là-an-diugh. Chaidh an Roinn-Eòrpa àiteachadh an toiseach leis an duine Neanderthal, agus an déidh sin le ciad shinnsirean an duine mar a tha e an diugh (b’e sin an duine Cro-Magnon), a dh’fhàs, is dòcha, bho sheòrsachan nach robh cho àraidhichte de’n duine Neanderthal ann an Afraca no an Aisia. Tha còrr is 20,000 bliadhna bho thàinig an duine Cro-Magnon a-steach do’n Roinn-Eòrpa, agus aig an àm sin tha sinn a’ ruighinn ceann ar rannsachaidh ann am mean-fhàs nan ainmhidhean agus a’ tòiseachadh air àrsaidheachd ’s air eachdraidh.
Chan eil stad a’ dol air mean-fhàs. Ged a dh’fhaodas mac-an-duine a bhi aig mullach na craoibhe an dràsda a thaobh mean-fhàs, cha duirt sin gu lean e mar sin a chaoidh. Tha smachd air a bhi aig mac-an-duine air an talamh fad grunn mhìltean bliadhna is dòcha. Bha smachd aig na péisdean air an talamh co-dhiù 155 millean bliadhna — agus chaidh iad bàs an uair sin. Theid mac-an-duine seachad mar a chaidh na péisdean mura teid aige air a choimhearsnachd a ghleidheadh, air srian a chumail
air àireamh a shluaigh, agus air stad a chur air cogaidhean, a tha ag éirigh á sannt. Mura cuirear rian air na duilgheadasan sin is dòcha gun teid mac-an-duine á bith, agus is dòcha gach seòrsa beatha eile, anns na linntean tha ri teachd.
title | Na Prìomhaidean agus Mean-fhàs Mhic-an-duine |
internal date | 1976.0 |
display date | 19.. |
publication date | 1976 |
level | |
parent text | Na h-Echinodairmean agus na Còrdaichtean |