[C] [C] [1] [2] [3] [4] [5] [6]
[7]

1

Toiseach Gnothaich

Feumaidh tu.”

O? Feumaidh an toiseach!”

Chatrìona!”

Ged a bhiodh i air innse dhomh gu robh i atighinn dhachaigh a phòsadh Gòrdan Guano agus gun e rùn gaolach a cridhe a bhith ga lathadh anns an tràigh-fhaochag còmhla ris, cha burrainn dhi bhith air barrachd iongnaidh a chur orm. Iongnadh, fuirich, chan e na iongnadh. Bha mo phiuthar Iseabail riamh dhen bheachd gun tug a bhith cairteal na h-uarach nas sine dhi an cothrom na h-òrdain a thoirt seachad. ( ‘Dhan bhig’, is gun mìlemeatair eadarainn.)

Chan e iongnadh a bha seo ach uabhas. Glan às a ciall, cha robh an còrr mu dheidhinn. Cha ghabhadh e dèanamh.


[8]

Chatrìona, bheil thu ga mo chluinntinn?”

Tha, agus thuirt mi riut, cha ghabh e dèanamh. Mothaichidh cuideigin. ma thadhlas Auntie Marion? Aithnichidh ise thaice.”

Auntie Marionnuair a bha sinne beag, agus a bha pàrantan eile amaoidheadh, O, aigtha fios, fuamhair no bòcan no poileasman air na blaigeardan aca fhèin, ’s i Auntie Marion a bha sinne afaighinn: “Cha leig sibh leas smaoineachadh gum faic sibh Steòrnabhagh aig an deireadh-sheachdain, am paidhir agaibh, ’s ann a thèid sibh a-null a chuideachadh Auntie Marion!” Mullach mòr na leisge, chuireadh i sinne a sgioblachadh phreasachan, no a dhustadh anns gach oisean agus air gach sgeilp, is i fhèin air an t-sòfa acur grèim no dhà ann am pìos fuaigheil grinn, bogsa seòclaid gu deas agus leabhar gaoil gu tuath. Barrachd gaoil ann an ceann prìne.

Mas fhìor gu bheil i tighinn faisg ort! Làn-fhios agad gu bheil e còrdadh rithe fada nas fheàrr a bhith agearain ri na cranàidsichean eile: ‘Na h-igheanan tha siud aig Ailig, suarach aca an cuideachd fhèin! ’S fhurasta fhaicinn gun deach iad ri taobh am màthar.’ Coma leam i co-dhiù, Chatrìona, chan eil an còrr air a shon, FEUMAIDH TU.” Bha i dha-rìribh. Dhaithnich mi sin air teannachadh na h-èigne na guth. Ach cha robh mi faicinn ciamar a ghabhadh e dèanamh, ged a tha sinn cho coltach is nach aithnich duine ach na pàrantan bho chèile sinn.

Tha còig bliadhna o ghluais Iseabail gu Lunnainn, a dhèanamh a slighe air adhart ann an saoghal foillseachaidh. A h-uile facal molaidh a chanadh ise, ’s ann a bha e acur gaoir nam fheòil-sa. “Ach, a Chatrìona! Tha e cho beòdaoine annasach ùra mun


[9]

cuairt ort an-còmhnaidhfuaimbeathachan eil fhios air an tachair thucur-seachadan ... ” is mar sin air adhart. O, chaidh mi sìos ga faicinn uair no dhàam measg, na mo bharail-sa, gleadhraich is ùpraid, sluaisreadh nam mìltean air an t-sràid mar gum biodh gèilon iar aig mullach reothairt, coltas an uilc is an droch nàdair air achuid as motha aca: chan fhuilinginn-sa siudson barrachd air dhà no trì lathaichean.

S fheàrr leamsa bhith ag obair bhon taigh. ’S e àirde achuain a tha sa mhullach reothairt agamsa, chan e beathach ioma-chasach le na ceudan shùilean fuara coimheach aruith sìos is suas, a-machs a-steach à busaichean is trèanaichean. Cha chluinn mi gleadhraich mura bi fhaoileag adol far a chèile mu chudaig, no Salome Sheòrais is Leannan-na-Seachdain-sa astrì mun bheagan bhadan aodaich a tha ga còmhdach, sin nan stadadh iad an càr air cùl aChnocain air oidhche chiùin. Nan tachradh gum biodh an uinneag agamsa fosgailte. Co-dhiù, chan fhaic am baile mòr mise tuilleadh. Mhionnaich mi e. Agus a-nis seo thusa, Iseabail, leis aphlana a bamaidiche is a bu ghòraiche is ...

Chatrìona, chan eil thu ag èisteachd ri aon fhacal a tha mi ag ràdh riut!”

Ach bha, bha mi air a h-uile facal a ghabhail a-staigh. Cha robh ach mìos on a chuir mi meal-a- naidheachd oirre airson na h-obrach ùir: ceum air adhart sa chompanaidh leabhraichean, gu roinn far am biodh i adèiligeadh le ùghdaran, agus is dòchamiann a cridheafaighinn èisteachd dha a beachd fhèin air na leabhraichean a chuireadh iad an clò. Thuige seo bha i acur seachad a lathaichean ann an cùil chumhang, aceartachadh litreachadh dhaoineile agus aguidhe fo h-anail bho mhoch gu


[10]

dubh mu cho aineolachs a bha feadhainn a bha smaoineachadh gun dèanadh iad sgrìobhadh. Ach mu dheireadh bha na dorsan afosgladh, bha an gluasad suas an staidhre gu glòir an treas làir gu bhith oirnnagus bha Iseabail againne le broth oillteil bho a bathais gu cnàimh an uga, a bheireadh air daoine clisgeadh roimhpe mar gum biodh aphlàigh bu mhiosa a sgrios Eòrpa nam Meadhan-Aoisean air nochdadh nam measg.

Nach suarach a-nis a piuthar a rinn lasgan mòr salach ris an naidheachd. Chan ann ris abhroth: ged nach robh e goirt no càil, bha mi tuigsinn glè mhath nach e adhbhar magaidh a bhann, gum biodh e doirbh nochdadh am measg dhaoine le aghaidh a bheireadh dhe na puddings phinc aig Auntie Marion gud chuimhnetòrr bhuilgeanan, dath fuadain, buileach an aghaidh do chàilagus nach robh i deònach idir, idir gun e seo achiad shealladh a bhiodh acasan a bha gluasad tro Phàrras an treas làir dhith. ’S e bu choireach gun do leig mi an gàire mach nach robh ann ach a coire fhèin. Fearas-mhòr is leòmachas. Dhfhalbh thus’, Iseabail, às dèidh seachdain a ghabhail dheth mus tòisicheadh i air an obair ùr, gu, mar a chanas iad, clionaig bòidhcheid. Tuath àilleachd. Maise gnùis is grinnead bodhaig rin ceannachma bha thu leagte ri stailigeadh uisge fuar is an uair sin daoine acur sruth fallais dhìot, suathadh le cungaidhean coimheach agus an uair sin bogadh gud amhaich ann am pollagus dhfhalbh an nach tàinig, mas fhìor, riamh dhachaigh nas sailche na an às apholl-mhònadh agus phàigh i airson seo! Gu mòr agus gu daor. Ach am biodh gleans aiste atòiseachadh air an obair ùr.

Agus madainn an-diugh, toradh nan cungaidhean coimheach. Clisgeadh ron sgàthan, sgiamh, deòir, spreadhadh feirge isO-Thì--neist-a- -mi.’ ’S e sgàthan an eagail a chuir freagairt


[11]

an ceann Iseabail, agus chuali fadàs, fann air osagan na cuimhne, na guthan a bha riamh ag ràdh, ‘Cho coltach ri sgadan! Mar sgàthan a chèile! Chan aithnich thu thagad dhiubh!’ agus leum i air afòn mar chat a chunnaic gloic de dhruid adèanamh norrag chadail mu choinneamh. A liuthad uair a chaidh ise nam àite-sa gu clas san oilthigh, nuair a bha mo mhionach goirt, no an leisge gam chumail san leabaidh! ( thuras.) Cha do thachair i fhathast air cha mhòr duine san oifis ùrcha robh fhios aca gu robh piuthar aice, co-dhiù! Cha bhiodh dad adol achiad seachdain ach Orientation (orientation! Tuainealaich nam cheann mu thràth!) – cha bhiodh agam ach a h-uile càil a ghabhail a-staigh agus innse dhìse rithist! Cha bhiodh ann ach lathaicheanseachdaincola-deug aig achar a bfhaide! Chatrìona, feumaidh tu, seo mo theansa, mo bheatha, an obair a bha mi riamh ag iarraidhChatrìona!

Tha fhios am. Ach chan fhaigh sinn às leis gu sìorraidh.”

Gheibh idir! Tha thu eòlach air an obair ... ”

Mmmh.”

Tha fhios agad far a bheil an oifis, is seall na rinn sinn de bhruidheann mu chàch ... ”

(Na rinn ise de bhruidheann.)

Co-dhiù, cha bhi duinann dhe na bhag obair còmhrium shìos an staidhre ... ” (cho tàireils a thuirt ishìos an staidhre’) “ ... ach Jeremy, is cha mhothaich esan gu bràth.”

Uill, bha sin fìor. Chuireadh e iongnadh orm nam biodh e cinnteach fiùs n t-ainm a bhoirre. ‘Belann an Lunnainn. Cha robh math dhutIseabailfhuaimneachadh aon uair is gu robh thu deas air gàrradh-crìche Hadrian. Ach airson Jeremy ... An Duine Mòr. An Ceannard. An Rìgh ... agus ’s e an fhìrinn a


[12]

bhaice. Sìos is suas fad an latha, trang, trang, cabhag, cabhag, crathadh a logaidh mar searrach (no, na bheachd fhèin, Byron), atilgeil frasan deghaoil’ ’sa luaidh’ ’smeudailthar a ghualainn gu fireann is boireann, ach mar bu trice gu fireann, bho àm gu àm thucasan a bha dha-rìribh adèanamh na h-obrachsin a dhinns i dhomh co-dhiù. Cha bhiodh fhios aig Jeremy bhaige. Dhfhairich mi mi fhèin alagachadh. Agus – ’s e spòrs a bhiodh ann, agus aig an aon àm, nach bithinn adìon mo pheathar, gus nach biodh achiad shealladh a gheibheadh na co-obraichean dhith na uabhas Oidhche Shamhna?

Dh’aontaich mi.

Iomlaid. Facal beag neochiontach, nach dèanadh dragh do dhuine beò.

title1. Toiseach Gnothaich
internal date2008.0
display date2008
publication date2008
level
reference template

NicDhòmhnaill Cleas Sgathain %p

parent textCleas Sgàthain
<< please select a word
<< please select a page